Lèirmheas air Plana Nàiseanta nan Eilean: Anailis air a' Cho-chomhairle

Gaelic version of a report setting out the main findings of the public consultation carried out to inform a review of the National Islands Plan 2019.


3 Mothachadh air agus beachdan air buaidh a’ phlana làithrich (C1-C3)

3.1 Bha trì ceistean anns a’ cho-chomhairle a dh’iarr air luchd-freagairt innse agus beachdachadh air an ìre is gun robh iad mothachail air an eagran làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean, an tug e buaidh air am beatha, agus nàdar na buaidh sin.

Ceist 1: Dè cho eòlach ’s a tha thu, nad bheachd, air an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean? [Chan eil eòlas sam bith agam air / Chuala mi mu dheidhinn ach chan eil fhios sam bith agam air an t-susbaint / Tha beagan eòlais agam air / Tha tòrr eòlais agam air]

Ceist 2: An tug an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean buaidh air do bheatha ann an dòigh sam bith? [Thug / Cha tug / Chan eil fhios agam]

Faodaidh tu do fhreagairt a leudachadh sa bhogsa gu h-ìosal.

Ceist 3: An robh a’ bhuaidh aig an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean air do bheatha math, dona no nach robh buaidh sam bith aige? [Deagh bhuaidh / droch bhuaidh / cha tug e buaidh air mo bheatha idir]

Faodaidh tu do fhreagairt a leudachadh sa bhogsa gu h-ìosal.

Mothachadh air an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean

3.2 Dh’iarr Ceist 1 air luchd-freagairt innse dè cho eòlach ’s a bha iad air an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean. B’ e ceist dhùinte a bha seo gun àite airson beachdan.

3.3 Tha Clàr 3.1 a’ sealltainn, uile gu lèir, gun robh beagan eòlais aig mun dàrna leth den luchd-freagairt (52%) mun tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean agus gun robh mòran eòlais aig a’ chòigeamh cuid (21%) mu dheidhinn. Ach, thuirt timcheall air cairteal nach robh iad uamhasach mothachail air a’ phlana làithreach idir. Thuirt 15% nach robh eòlas sam bith aca mu dheidhinn, agus thuirt 12% gun cuala iad mu dheidhinn ach nach robh fios aca mun t-susbaint idir.

3.4 Thuirt a h-uile buidheann ach aon a fhreagair gun robh iad eòlach air a’ phlana làithreach gu ìre mhòr no bheag. An coimeas ri sin, bha mothachadh am measg dhaoine fa leth nas caochlaidiche: ged a thuirt dà thrian de dhaoine fa leth gun robh beagan (55%) no mòran (11%) eòlais aca air a’ phlana làithreach, thuirt an treas cuid gun robh iad air cluinntinn mu dheidhinn ach nach robh iad eòlach air an t-susbaint idir (14%) no nach robh eòlas sam bith aca air idir (19%).

3.5 Am measg bhuidhnean, b’ e ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach eile a bu dualtaiche a bhith mothachail air a’ phlana làithreach, le cha mhòr a h-uile buidheann den t-seòrsa seo (12 a-mach à 13) ag ràdh gun robh mòran eòlais aca air.

Clàr 3.1: C1 – Dè cho eòlach ’s a tha thu, nad bheachd, air an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean?

Seòrsa neach-freagairt

Chan eil idir

Chuala mi mu dheidhinn ach chan eil fios sam bith agam air an t-susbaint

Tha beagan eòlais agam air

Tha mòran eòlais agam air

Iomlan

n

%

n

%

n

%

n

%

n

%

Ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach

0

0%

0

0%

1

8%

12

92%

13

100%

Buidhnean, comainn agus urrasan coimhearsnachd

0

0%

1

13%

4

50%

3

38%

8

100%

Buidhnean san treas roinn, carthannasan, agus buidhnean ballrachd

0

0%

0

0%

4

80%

1

20%

5

100%

Seòrsaichean buidhne eile

0

0%

0

0%

3

60%

2

40%

5

100%

Buidhnean iomlan

0

0%

1

3%

12

39%

18

58%

31

100%

Daoine iomlan

24

19%

18

14%

69

55%

14

11%

125

100%

Iomlan, a h-uile neach-freagairt

24

15%

19

12%

81

52%

32

21%

156

100%

Dh’fhaodte nach dèan na figearan uile 100% mar thoradh air cruinneachadh.

Buaidh a’ phlana làithreach air beatha dhaoine (C2)

3.6 Dh’fhaighnich Ceist 2 do luchd-freagairt an robh buaidh sam bith aig Plana Nàiseanta nan Eilean air am beatha ann an dòigh sam bith.

3.7 Tha Clàr 3.2 a’ sealltainn gun robh beachdan measgaichte aig daoine san fhreagairt dhan cheist seo le 28% a’ freagairt ‘thug’, 31% a’ freagairt ‘cha tug’ agus 42% a’ freagairt ‘chan eil fhios agam’.

3.8 Am measg nam buidhnean a fhreagair a’ cheist seo, fhreagair mu thrian (35%) ‘thug’, fhreagair an treas cuid (35%) ‘cha tug’ agus fhreagair an treas cuid (30%) ‘chan eil fhios agam’. Am measg dhaoine fa leth, thuirt a’ chuibhreann a bu mhotha den luchd-fhreagairt (42%) ‘chan eil fios agam’, agus thuirt 26% ‘thug’ agus thuirt 30% ‘cha tug’.

3.9 Am measg luchd-freagairt bhuidhnean, bha ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach eile na bu bhuailtiche a ràdh gun tug am plana làithreach buaidh orra, le dà thrian sa bhuidhinn seo (4 a-mach à 6) a’ freagairt ‘thug’ dhan cheist seo. Ach, bha buidhnean, comainn agus urrasan coimhearsnachd na bu dualtaiche na buidhnean eile a ràdh nach tug am plana buaidh sam bith orra, le còrr is an dàrna leth (5 a-mach à 9) a’ freagairt ‘cha tug’.

Clàr 3.2: C2 - An tug an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean buaidh air do bheatha ann an dòigh sam bith?

Seòrsa neach-freagairt

Thug

Cha tug

Chan eil fhios agam

Iomlan

n

%

n

%

n

%

n

%

Ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach

4

67%

0

0%

2

33%

6

100%

Buidhnean, comainn agus urrasan coimhearsnachd

2

22%

5

56%

2

22%

9

100%

Buidhnean san treas roinn, carthannasan, agus buidhnean ballrachd

1

25%

1

25%

2

50%

4

100%

Seòrsaichean buidhne eile

1

25%

2

50%

1

25%

4

100%

Buidhnean iomlan

8

35%

8

35%

7

30%

23

100%

Daoine iomlan

33

26%

38

30%

55

44%

126

100%

Iomlan, a h-uile neach-freagairt

41

28%

46

31%

62

42%

149

100%

Dh’fhaodte nach dèan na figearan uile 100% mar thoradh air cruinneachadh.

3.10 Thoir an aire gun robh ìre fhreagairt glè ìosal aig a’ cheist dhùinte seo bho bhuidhnean – gu sònraichte, bho (i) ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach (fhreagair 6 a-mach à 16 a’ cheist) agus (ii) bho bhuidhnean treas roinn, carthannasan agus buidhnean ballrachd (fhreagair 4 a-mach à 9 a’ cheist). Is dòcha gun robh an luchd-freagairt seo a’ tuigsinn bho bhriathrachas na ceiste seo nach robh i buntainneach dhaibh no ag amas orra. A bharrachd air sin, bha beachdan bho bhuidhnean a fhreagair a’ cheist a’ sealltainn gur dòcha gun deach a freagairt ann an dòighean eadar-dhealaichte – le cuid den luchd-fhreagairt a’ beachdachadh air a’ bhuaidh a bhathar a’ faicinn air na coimhearsnachdan eileanach aca, agus cuid eile a’ bruidhinn air a’ bhuaidh air a’ bhuidhinn aca. Leis na diofar mhìneachaidhean a dh’fhaodadh a bhith aig a’ cheist seo, bu chòir dèiligeadh gu faiceallach ris na figearan airson buidhnean ann an Clàr 3.2.

3.11 Uile gu lèir, thug 148 neach-freagairt (22 buidheann agus 126 neach fa leth) beachdan seachad air Ceist 2.

3.12 Gu tric, thug luchd-freagairt a fhreagair “thug” dhan cheist seo beachdan seachad air mar a thug am plana buaidh orra. Bha beachdan den t-seòrsa seo sa chumantas stèidhichte air a bhith a’ coimhead air na deagh no droch bhuaidhean aig a’ phlana air beatha eileanach, seach air beatha an neach-freagairt fhèin. A bharrachd air seo, bha tòrr de na h-aon beachdan air an cur an cèill an seo ’s a bha sna beachdan a chaidh a chur a-steach airson Ceist 3, a dh’fhaighnich an robh buaidh a’ phlana làithreach air a bhith math no dona. Mar sin, thathar a’ bruidhinn air a’ mhòr-chuid de na seòrsaichean bheachdan seo còmhla ris an fheadhainn a chaidh a dhèanamh ann an Ceist 3. Tha an deasbad an seo a’ cuimseachadh air puingean nas fharsainge a rinn an fheadhainn a fhreagair ‘thug’, còmhla ris na beachdan a thug luchd-freagairt a fhreagair ‘cha tug’ no ‘chan eil fhios agam’ aig Ceist 2.

Beachdan aig an fheadhainn a bha den bheachd gun tug am plana buaidh air am beatha

3.13 Rinn luchd-freagairt a bha den bheachd gun tug Plana Nàiseanta nan Eilean buaidh air am beatha diofar phuingean, agus bha beachdan bhuidhnean glè thric eadar-dhealaichte ris na beachdan aig daoine fa leth. Gu sònraichte, san fharsaingeachd, bhruidhinn buidhnean a fhreagair ‘thug’ aig Ceist 2 air deagh bhuaidh, ach bha daoine fa leth a fhreagair ‘thug’ gu tric a’ coimhead air droch bhuaidhean.[1] Mar a chaidh a chur an cèill gu h-àrd, bithear a’ bruidhinn air droch bhuaidhean agus deagh bhuaidhean còmhla, còmhla ri beachdan eile den aon seòrsa ann an Ceist 3.

3.14 San fharsaingeachd, thug cuid de bhuidhnean agus dhaoine fa-near gun robh am plana air cothrom a thoirt dhaibh pàirt a ghabhail ann a bhith ga lìbhrigeadh – an dàrna cuid (i) aig ìre nàiseanta, tro Bhuidheann Lìbhrigeadh Nàiseanta nan Eilean, Buidheann Ro-innleachdail nan Eilean no buidhnean eile co-cheangailte ri buileachadh Plana Nàiseanta nan Eilean, no (ii) aig ìre ionadail le bhith a’ cur a-steach airson agus a’ faighinn maoineachadh tro Phrògram nan Eilean, a tha a’ toirt taic do lìbhrigeadh a’ phlana airson gnìomhan agus iomairtean leasachaidh ionadail. Thuirt cuid de na buidhnean a fhreagair gun robh iad air buannachd fhaighinn bho bhith ag obair nas dlùithe le Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba gus am plana a chur an gnìomh san sgìre aca agus gun robh iad a’ cur luach air sin. Thuirt cuid den luchd-freagairt fa leth gun robh iad air a dhol an sàs ann a bhith a’ cruthachadh plana eileanach ionadail airson na coimhearsnachd aca fhèin a’ cleachdadh Plana Nàiseanta nan Eilean mar fhrèam. Thuirt an dà chuid buidhnean agus daoine fa leth gun robh iad den bheachd gun robh Plana Nàiseanta nan Eilean air cur ris a’ mhothachadh aca mu na cùisean sònraichte a tha a’ toirt buaidh air coimhearsnachdan eileanach ann an Alba, agus gun robh e cuideachd air fòcas nas motha a chur air a bhith a’ dèiligeadh ris na cùisean sin.

Beachdan aig an fheadhainn a bha den bheachd nach am plana buaidh air am beatha

3.15 San fharsaingeachd, thuirt luchd-freagairt a bha den bheachd nach robh buaidh aig Plana Nàiseanta nan Eilean air am beatha den bheachd sin air sgàth ’s gun robh iad den bheachd ‘nach robh leasachaidhean sam bith’ air a bhith san sgìre aca. Thug mòran fhreagairtean iomradh air dìth adhartais – no fiù ’s crìonadh – ann an seirbheisean còmhdhail, cothrom air taigheadas air prìs reusanta, bochdainn connaidh, inbhean foghlaim, agus/no ceangailteachd dhidseatach. Chaidh draghan a thogail cuideachd mu chrìonadh-sluaigh leantainneach (agus/no tòrr mòr dhaoine aig aois leigeil dheth dreuchd a’ tighinn a-steach) cuideachd.

Beachdan aig an fheadhainn nach robh cinnteach an tug am plana buaidh air am beatha

3.16 Thog luchd-freagairt – agus gu sònraichte buidhnean – a thuirt nach robh fios aca an tug am plana buaidh air am beatha grunn phuingean:

  • Bha beachd farsaing ann gun robh am plana air na prìomh dhùbhlain do choimhearsnachdan eileanach a chomharrachadh, ach cha robh iad a cheart cho cinnteach an robh am plana air builean nas fheàrr adhbharachadh.
  • A thaobh leasachaidhean ionadail sam bith a rinneadh rè ùine a’ phlana, bha e duilich do chuid den luchd-freagairt a bhith a’ dèanamh eadar-dhealachadh eadar na rudan a thàinig mar thoradh air Plana Nàiseanta nan Eilean agus na rudan a thàinig bho rudan a rinn buidhnean eile.
  • Thuirt cuid eile nach robh buaidh a’ phlana soilleir air sgàth factaran eile a’ gabhail a-steach galar lèir-sgaoilte Covid agus Brexit.
  • Chaidh aithneachadh gun d’ fhuair cuid de choimhearsnachdan/buidhnean eileanach maoineachadh airson pròiseactan tron phlana agus mar sin gur dòcha gum biodh barrachd mothachaidh air buaidh a’ phlana am measg dhaoine a tha an sàs sna coimhearsnachdan no buidhnean sin. Ach, bhathar den bheachd nach robh a’ mhòr-chuid de mhuinntir nan eilean mothachail air pròiseactan mar seo, no nach robh fhios aca gun robh iad mar thoradh air maoineachadh fo Phlana Nàiseanta nan Eilean.

3.17 Thuirt luchd-freagairt fa leth aig nach robh fios an robh buaidh aig a’ phlana air am beatha san fharsaingeachd nach robh iad mothachail air a’ phlana – rud a bha a’ ciallachadh nach robh fios aca dè a’ bhuaidh a bh’ aige. Ach, chomharraich cuid a fhreagair ‘chan eil fhios agam’ aig Ceist 2 (coltach ris an fheadhainn a fhreagair ‘cha tug’) gun robhar a’ faicinn dìth leasachaidh (no crìonadh) ann am prìomh roinnean de bheatha eileanach – gu sònraichte a thaobh còmhdhail, bochdainn connaidh, fàs àireamh-sluaigh, ceangal didseatach, bun-structar rathaid, is msaa.

3.18 Bho àm gu àm, thuirt luchd-freagairt aig nach robh fios an robh buaidh aig a’ phlana air am beatha nach robh cuid de na bha sa phlana buntainneach dhan choimhearsnachd eileanach aca fhèin. Dh’iarr an luchd-fhreagairt seo (i) conaltradh nas fheàrr mun phlana, agus (ii) barrachd fòcais air feumalachdan sònraichte na coimhearsnachd eileanaich aca.

Nàdar na buaidh air beatha dhaoine (C3)

3.19 Dh’fhaighnich Ceist 3 do luchd-freagairt dè an seòrsa buaidh a bha aig a’ phlana làithreach air am beatha – gu sònraichte, an e deagh bhuaidh no droch bhuaidh a bh’ ann - no an robh am plana gun bhuaidh idir.

3.20 Tha Clàr 3.3 a’ sealltainn gun tuirt timcheall air aonan às gach sianar luchd-freagairt (16%) gun robh deagh bhuaidh aig a’ phlana làithreach air am beatha agus thuirt mu chairteal (27%) gun robh droch bhuaidh aige. Ach, thuirt còrr is an dàrna leth (56%) nach robh am plana air buaidh a thoirt air am beatha idir.

Clàr 3.3: C3 - An robh a’ bhuaidh aig an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean air do bheatha math, dona no nach robh buaidh sam bith ann idir?

Seòrsa neach-freagairt

Deagh bhuaidh

Droch bhuaidh

Cha tug e buaidh air mo bheatha idir

Iomlan

n

%

n

%

n

%

n

%

Ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach

6

67%

0

0%

3

33%

9

100%

Buidhnean, comainn agus urrasan coimhearsnachd

4

50%

1

13%

3

38%

8

100%

Buidhnean san treas roinn, carthannasan, agus buidhnean ballrachd

1

50%

0

0%

1

50%

2

100%

Seòrsaichean buidhne eile

1

20%

0

0%

4

80%

5

100%

Buidhnean iomlan

12

50%

1

4%

11

46%

24

100%

Daoine iomlan

12

10%

39

32%

71

58%

122

100%

Iomlan, a h-uile neach-freagairt

24

16%

40

27%

82

56%

146

100%

Dh’fhaodte nach dèan na figearan uile 100% mar thoradh air cruinneachadh.

3.21 Bha buidhnean (50%) na bu dualtaiche na daoine fa leth (10%) a bhith ag a ràdh gun robh deagh bhuaidh aig a’ phlana. Eu-coltach ri seo, bha daoine fa leth na bu dualtaiche na buidhnean fa leth a bhith ag a ràdh gun tug am plana droch bhuaidh orra (32% an taca ri 4%). Bha daoine fa leth (58%) cuideachd na bu dualtaiche na buidhnean (46%) a bhith ag ràdh nach robh am plana air buaidh a thoirt air am beatha ann an dòigh sam bith.

3.22 Am measg nam buidhnean a fhreagair a’ cheist seo, bha luchd-freagairt gu ìre mhòr air an sgaradh eadar an fheadhainn a thuirt gun robh buaidh a’ phlana air a bhith math (12 a-mach à 24), agus an fheadhainn a thuirt nach robh buaidh sam bith aige (11 a-mach à 24). Thuirt dìreach aon bhuidheann a fhreagair (anns an roinn buidhnean, comainn agus urrasan coimhearsnachd) gun robh droch bhuadh aig a’ phlana.

3.23 Thoir an aire, coltach ri Ceist 2, gun robh ìre fhreagairt na ceist dùinte seo bho bhuidhnean glè ìosal – gu sònraichte, bho (i) ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach (fhreagair 9 a-mach à 16 a’ cheist) agus (ii) buidhnean treas roinne, carthannais, agus buidhnean ballrachd (fhreagair 2 a-mach à 9 a’ cheist). Is dòcha nach robh na buidhnean sin a’ coimhead air a’ cheist mar rud a bha buntainneach dhaibh no ag amas orra. Mar sin, feumar a bhith faiceallach leis na figearan a chithear ann an Clàr 3.3 airson buidhnean.

3.24 Uile gu lèir, thug 116 neach-freagairt (25 buidheann agus 91 neach fa leth) beachdan seachad air Ceist 3. Tha an deasbad gu h-ìosal cuideachd a’ gabhail a-steach beachdan a chaidh a dhèanamh aig Ceist 2 a thug iomradh air deagh bhuaidh no droch bhuaidh aig Plana Nàiseanta nan Eilean.

Buaidhean matha

3.25 Rinn gach cuid buidhnean agus daoine fa leth a bha den bheachd gun robh deagh bhuaidh aig a’ phlana grunn phuingean, a’ gabhail a-steach gun robh am plana air nas leanas a dhèanamh:

  • Chuir e fòcas air ‘a bheil feum mòr’ air na dùbhlain nach beag a tha mu choinneamh eileanan na h-Alba - dh’fhaodte nach biodh na dùbhlain sin gan aithneachadh agus nach biodh aghaidh ga chur orra às aonais a’ phlana.
  • Chruthaich e frèam air am faodar iomradh a thoirt (gu nàiseanta agus gu h-ionadail) nuair a thathar a’ cruthachadh poileasaidh agus a’ planadh leasachaidhean bun-structair ann an coimhearsnachdan eileanach
  • Chuidich e gus cruthachadh phlanaichean ionadail eileanach fhiosrachadh (agus gus seo a bhrosnachadh) ann an cuid de sgìrean, agus mar thoradh air seo, chaidh buidhnean stiùiridh ionadail a chruthachadh gus prìomhachasan choimhearsnachdan eileanach a thoirt air adhart.
  • Sholaraich e dàta a chaidh a chleachdadh gus comharran coileanaidh a chruthachadh airson planaichean ionadail eileanach
  • Thug e maoineachadh do choimhearsnachdan eileanach airson farsaingeachd de dh’iomairtean gus aghaidh a chur air prìomhachasan ionadail, a’ gabhail a-steach leasachadh bun-structair agus pròiseactan pìleat (mar eisimpleir, sgeama pìleat Cothromachadh-carboin, agus pìleat de dh’Iomairt Sgilean)
  • Sholaraich e maoineachadh èiginn às dèidh galar lèir-sgaoilte Covid (tro Mhaoin Èiginn Cosgaisean nan Eilean)
  • Thug e maoineachadh seachad gus taic a thoirt do dh’oifigearan sa choimhearsnachd gus gnìomhan a thoirt air adhart.

3.26 Ach rinn cuid de luchd-freagairt puingean sònraichte mun t-suidheachadh aca fhèin. Mar eisimpleir:

  • Thuirt cuid de na h-ùghdarrasan ionadail a fhreagair cho cudromach ’s a tha am plana ann a bhith a’ toirt cothrom dhaibh dàimhean a thogail le prìomh chom-pàirtichean, luchd-ùidh agus buidhnean acair eileanach – agus a bhith ag obair còmhla a dh’ionnsaigh builean nas fheàrr ann an coimhearsnachdan eileanach.
  • Bha aon neach-freagairt san treas roinn den bheachd gun robh am plana air dòigh-obrach nas in-ghabhalaiche a chruthachadh gus còmhdhail a leasachadh sna h-eileanan – a bha, nam beachd-san, air a bhith buannachdail do dhaoine air a bheil ciorram.
  • Chuir cuid de dhaoine fòcas air atharrachaidhean buannachdail gu math sònraichte a bha air tachairt mar thoradh air a’ phlana nam beachd. Bha iad sin a’ gabhail a-steach leasachaidhean ann an ceangailteachd bann-leathann/didseatach sna sgìrean aca, maoineachadh/taic airson pròiseactan taigheadais ionadail no leasachaidhean sònraichte eile (m.e. ath-leasachadh air colaiste ionadail), agus solarachadh siubhal bus an-asgaidh do dhaoine òga.

3.27 Ach, am measg an fheadhainn a chomharraich deagh bhuaidhean, bha beachd ann a nochd uair is uair cuideachd gun robh ‘tòrr a bharrachd ri dhèanamh fhathast’ mus biodh e comasach a ràdh gun robh Plana Nàiseanta nan Eilean a’ dèiligeadh gu h-iomlan ris na dùbhlain mhòra a tha fhathast mu choinneamh choimhearsnachdan eileanach. Chaidh a’ phuing a thogail nach adhbharaich ro-innleachd atharrachadh air a sgàth fhèin. Bha beachd ann gum feum na ceanglaichean eadar ro-innleachd agus gnìomh a bhith nas soilleire san àm ri teachd.

Droch bhuaidhean

3.28 Mar a sheall Clàr 3.3, b’ e daoine fa leth a bu mhotha a bha den bheachd gun robh droch bhuaidh aig Plana Nàiseanta nan Eilean, agus cha robh ach aon bhuidheann den bheachd seo. Rinn a’ bhuidheann seo de luchd-freagairt an dà phuing fharsaing a leanas uair is uair:

  • Cha robh piseach sam bith air càileachd beatha (mòr-chuid) nan eileanaich rè ùine a’ phlana. Chomharraich luchd-freagairt gun robh dìth adhartais (no crìonadh) air a bhith ann a thaobh crìonadh-sluaigh, bochdainn connaidh, ceangal didseatach, taigheadas, cothrom air cothroman eaconamach, coileanadh foghlaim, seirbheisean slàinte is cùram sòisealta, dìon na h-àrainneachd, agus seirbheisean aiseig. Thuirt cuid gun robh coimhearsnachdan eileanach a’ faireachdainn gun robh nas lugha de chumhachd aca na bha aca roimhe.
  • Bha foillseachadh a’ phlana air dùilean àrdachadh ach cha robh am plana air an coileanadh. Bha beachd ann gun robh cuid de dh’ùghdarrasan ionadail air dearmad a dhèanamh air a’ phlana gu ìre mhòr. Bha cuid den luchd-fhreagairt den bheachd nach robh e air rud susbainteach sam bith a chur ris a’ choimhearsnachd eileanach aca. Bha cuid eile a bha den bheachd gun robh droch bhuaidh aig a’ phlana comasach air atharrachaidhean sònraichte anns na sgìrean aca a chomharrachadh a dh’aindeoin seo a bha iad a’ smaoineachadh a chaidh a mhaoineachadh leis a’ phlana, ach cha robh iad a’ smaoineachadh gun robh na h-atharrachaidhean sin cudromach, susbainteach no farsaing gu leòr gus a ràdh gun robh buaidh adhartach aig a’ phlana san fharsaingeachd.

3.29 A bharrachd air seo, thuirt cuid den luchd-freagairt gun robh iad air an sàrachadh nach robh coimhearsnachdan eileanach air mòran buannachd fhaighinn – a thaobh cosgaisean connaidh – bho leudachadh air tuathan-gaoithe sna h-eileanan. Bha cuid eile den bheachd gun robh cus cuideam air turasachd agus gun robh sin a’ dèanamh cron air muinntir an àite.

3.30 Ach, thuirt aon neach-freagairt sa bhuidhinn seo, ged a bha an suidheachadh ann an aon bhuidheann de dh’eileanan air taobh an iar na h-Alba air a dhol am miosad thar nam beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, gur dòcha nach e Plana Nàiseanta nan Eilean a bu choireach.

Gun bhuaidh idir

3.31 Sheall Clàr 3.3 gun robh mun dàrna leth de na buidhnean agus còrr is an dàrna leth de na daoine fa leth den bheachd nach robh buaidh sam bith aig Plana Nàiseanta nan Eilean. Tha beachdan an luchd-fhreagairt seo air an taisbeanadh gu h-ìosal. Bu chòir a thoirt fa-near gur e buidhnean ballrachd nàiseanta a bh’ ann an cuid de na buidhnean a bha den bheachd gun robh am plana ‘gun bhuaidh’. Anns a’ mhòr-chuid de dh’eisimpleirean, dh’aithris an luchd-fhreagairt seo gur e glè bheag de mhothachadh a bha aig na buill aca a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan eileanach air a’ phlana.

3.32 Thuirt ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach eile gu tric gun robh iomadh dòigh anns an robh na coimhearsnachdan eileanach aca air buannachd fhaighinn bho Phlana Nàiseanta nan Eilean, ach thuirt iad nach robh e coltach gum biodh luchd-còmhnaidh ionadail mothachail air adhbhar a’ phlana agus nach robh e coltach gum biodh iad a’ faicinn gun robh atharrachaidhean adhartach sònraichte mar thoradh air a’ phlana. Thuirt cuid sa bhuidhinn seo cuideachd gur dòcha gum biodh cuid de na h-atharrachaidhean ionadail a fhuair taic tron phlana air an coileanadh co-dhiù, plana ann no às.

3.33 Bha buidhnean, comainn agus urrasan coimhearsnachd, buidhnean san roinn ‘seòrsaichean buidhne eile’ den aon bheachd nach robhar a’ faicinn mòran adhartais cudromach ann a bhith dèiligeadh ris na ‘nithean as motha’ a tha a’ toirt buaidh air eileanaich agus air eaconamaidhean eileanach. Thuirt aon bhuidheann a fhreagair gu bheil e doirbh soirbheachais a’ phlana a thomhas, leis gum bi tòrr de na h-amasan aige feumach air tasgadh fad iomadh bliadhna gus dèiligeadh riutha.

3.34 Chaidh grunn phuingean a thogail uair is uair le daoine fa leth:

  • Thuirt cuid nach robh iad mothachail air a’ phlana agus mar sin nach robh fios aca dè a’ bhuaidh a bh’ aige.
  • Thuirt cuid eile nach robh atharrachadh sam bith air tachairt a thaobh nan dùbhlan a tha mu choinneamh choimhearsnachdan eileanach. Thog an luchd-freagairt seo na h-aon chuspairean ’s a thog an fheadhainn a bha den bheachd gun tug am plana droch bhuaidh.
  • Thuirt cuid gun robh deagh coltas air a’ phlana ach, nam beachd-san, gun robh buidhnean poblach a bu chòir a bhith an sàs ann a bhith ga lìbhrigeadh air dearmad a dhèanamh air gu ìre mhòr agus mar sin, nach robh e air na h-amasan aige a choileanadh.

3.35 Bha cuid den luchd-fhreagairt sa bhuidhinn seo mothachail air maoineachadh a chaidh a sholarachadh fon phlana airson pròiseactan ionadail, ach cha robh iad a’ smaoineachadh gun tug am plana buaidh air am beatha fhèin. Thug luchd-freagairt eile taic do bhun-bheachd Measadh Buaidh Choimhearsnachdan Eileanach (ICIA), ach bha iad den bheachd nach robh na measaidhean sin air an dèanamh gu riaghailteach le ùghdarrasan ionadail – no nach deach an dèanamh gu ceart – agus mar sin, gun robh co-dhùnaidhean poileasaidh a tha a’ toirt buaidh air coimhearsnachdan eileanach fhathast gan dèanamh bhon ‘mhullach a-nuas’ às aonais taic bho luchd-còmhnaidh ionadail. Thathar a’ beachdachadh air a’ chuspair seo barrachd ann an Caibideil 5.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top