Sgìrean Mara Fìorghlèidhte (HPMAan): Anailis freagairtean co-chomhairle Geàrr-chunntas

Gaelic language translation of the analysis report executive summary on the responses to the consultation on Scottish Highly Protected Marine Areas (HPMAs) which ran from 12 December 2022 to 17 April 2023.


Sgìrean Mara Fìorghlèidhte (HPMAan): Anailis freagairtean co-chomhairle : Geàrr-chunntas

Geàrr-iomradh

1. Bha gealltanas ann an Aonta Taigh Bhòid gun chomharraicheadh Ministearan na h-Alba co-dhiù 10% de chuantan na h-Alba mar Sgìrean Mara Fìor-ghlèidhte (HPMAan) ro 2026. Chaidh co-chomhairle phoblach a chumail eadar an Dùbhlachd 2022 agus an Giblean 2023 gus beachdan a shireadh air amasan agus adhbhar HPMAan, mar a bhiodh am moladh air a bhuileachadh, agus a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aige.

2. Bha còig dreachd sgrìobhainnean sa cho-chomhairle:

3. Bha 19 ceistean anns a' cho-chomhairle – b' e ceistean dùinte (cuir cromag sa bhogsa) a bh' anns a' mhòr-chuid dhiubh le àite airson beachdan às an dèidh.

Mun luchd-freagairt is mu na freagairtean

4. Bha an anailis stèidhichte air 4,502 freagairtean. Bha seo a' gabhail a-steach 2,458 freagairtean susbainteach (is e sin ri ràdh, freagairtean pearsanaichte) agus 2,044 freagairt iomairt stanndardach (far an do chur an neach-freagairt an ainm aca ri teacsa a sgrìobh eagraiche iomairt) .

5. Fhuaradh freagairtean susbainteach bho 289 buidhnean agus 2,169 daoine fa leth. Bha na buidhnean a fhreagair a' gabhail a-steach buidhnean iasgaich (53); buidhnean coimhearsnachd (52); buidhnean àrainneachd (33); buidhnean ann an roinnean chur-seachadan, turasachd agus cultair (32); buidhnean tuathanachas-uisge (30); buidhnean san roinn phoblaich a' gabhail a-steach riaghladairean agus ùghdarrasan ionadail (21); buidhnean gnìomhachais/prìobhaideach (20); solaraichean lùtha (12); buidhnean reic is giollachd èisg (11); buidhnean loingeis, puirt agus calaidhean (9); agus buidhnean poilitigeach (7). Thàinig freagairtean cuideachd bho beagan sheòrsaichean bhuidhnean eile (9) nach robh ann an gin de na roinnean eile.[1]

6. Gu tric thuirt luchd-freagairt fa-leth gun robh iad an sàs ann an roinnean iasgaich no tuathanas-uisge – mar shealbhadairean, cunnradairean no luchd-obrach – no mar bhuill teaghlaich, nàbaidhean no caraidean dhaoine a bha an sàs san roinn seo. Gu tric thug luchd-freagairt fa leth iomradh air far an robh iad a' fuireach – le mòran ag ràdh gu bheil iad a' fuireach ann an coimhearsnachdan cladaich no eileanach agus a' cur a-steach freagairt mar 'bhall iomagaineach den choimhearsnachd'.

7. Thàinig na freagairtean iomairt stanndardach a fhuaireadh sa cho-chomhairle bho dhà iomairt eadar-dhealaichte. Bha 2,019 freagairtean ann bhon iomairt Scottish Environment LINK, agus 26 freagairtean bho iomairt a chaidh a chur air dòigh ann an Sealtainn.

Mun anailis agus mu na toraidhean

8. Dhearbh an ìre mhòr de fhreagairtean dhan cho-chomhairle seo gu bheil ìre àrd de dh'ùidh aig daoine anns a' chuspair seo, agus gu bheil daoine deònach conaltradh le Riaghaltas na h-Alba. Bu chòir a thoirt fa-near, ge-tà, gun deach càineadh farsaing a dhèanamh air a' phròiseas co-chomhairleachaidh agus air na sgrìobhainnean na chois, na ceistean co-chomhairleachaidh – a bha toinnte agus doirbh a thuigsinn do luchd-freagairt – agus an dòigh san deach beachdan a shireadh air na molaidhean. Chaidh na beachdan sin a chur an cèill sa mhòr-chuid le luchd-freagairt a bha an aghaidh nam molaidhean, ach cuideachd le cuid den fheadhainn a bha a' cumail taic dhaibh.

9. Tha na dùbhlain a bha aig daoine fa leth, gu sònraichte, ann a bhith a' freagairt nan ceistean, a' ciallachadh gum bu chòir a bhith faiceallach ann a bhith a' sgrùdadh nan toraidhean, gu h-àraidh a thaobh nan ceistean dùinte (ceistean cromag sa bhogsa). Air an adhbhar seo, tha mion-sgrùdadh air beachdan an luchd-freagairt (a chaidh a thoirt seachad mar fhreagairt do na ceistean fosgailte) gu sònraichte cudromach gus beachdan dhaoine a thuigsinn.

Cothromachadh bheachdan air HPMAan

10. Chuir a h-uile duine a chuir a-steach freagairt iomairt agus a' mhòr-chuid (còrr is 95%) den fheadhainn a chuir a-steach freagairt shusbainteach beachd soilleir an cèill an dara cuid airson, no an aghaidh, a bhith a' toirt a-steach HPMAan mar a chaidh a mholadh le Riaghaltas na h-Alba. Bha dà phrìomh bhuidhinn ann:

  • Chuir 55% den luchd-freagairt taic ri bhith a' toirt a-steach HPMAan (thoir an aire gun do chuir a' mhòr-chuid den luchd-fhreagairt sa bhuidhinn seo freagairtean iomairt Scottish Environment LINK a-steach)
  • Bha 43% den luchd-freagairt an aghaidh a bhith a' toirt a-steach HPMAan (thoir an aire gun do chuir cha mhòr a h-uile neach-freagairt sa bhuidhinn seo freagairt phearsantaichte a-steach dhan cho-chomhairle).

11. Bha beachdan neo-phàirteach aig an 2% a bha air fhàgail den luchd-freagairt – is e sin ri ràdh nach do chuir iad an cèill taic shoilleir airson, is nach do chuir iad an aghaidh, a bhith a' toirt a-steach HPMAan.

Frèama poileasaidh - amasan agus adhbhar (C1)

12. Rinn an fheadhainn a thug taic do HPMAan sin oir bha iad den bheachd gu bheil feum air gnìomh èiginneach gus àrainneachd na mara a dhìon, agus bha iad den bheachd gum biodh HPMAan èifeachdach ann a bhith a' leasachadh bith-iomadachd na mara. Ach, chuir a' bhuidheann seo grunn caveatan an cèill - gu tric co-cheangailte ris a' chomas aig seo droch bhuaidh a thoirt air coimhearsnachdan ionadail.

13. Thug an fheadhainn a bha an aghaidh HPMAan grunn adhbharan seachad airson am beachdan, a' gabhail a-steach (am measg eile): (i) dìth bunait saidheansail airson a bhith a' stèidheachadh HPMAan, (ii) nàdar aon-deònach agus neo-chothromach a' phoileasaidh a thathar a' moladh, agus gu sònraichte an targaid 10%, agus (iii) an comas gus droch bhuaidhean sòisio-eaconamach a thoirt air coimhearsnachdan eileanach agus cladaich.

14. Am measg bhuidhnean, bha na h-ìrean taic as treasa airson amasan agus adhbhar nan HPMAan aig buidhnean àrainneachd agus buidhnean ann an roinnean chur-seachadan, turasachd agus cultair. B' iad na buidhnean iasgaich, buidhnean reic is giollachd èisg; buidhnean coimhearsnachd; agus buidhnean tuathanas-uisge a bu mhotha a bha an aghaidh nam molaidhean.

Frèama poileasaidh - a' stiùireadh ghnìomhan (C1-C7)

15. Bha sia ceistean a' sireadh bheachdan air na molaidhean a bha air am mìneachadh anns an dreachd frèam poileasaidh airson raon de ghnìomhan eadar-dhealaichte ann an HPMAan a riaghladh, agus air molaidhean airson cumhachdan ùra a thaobh HPMAan. Thoir an aire gun tuirt luchd-freagairt uair is uair gun robh na ceistean sin doirbh a thuigsinn.

16. Dh'iarr a' cho-chomhairle air luchd-freagairt am beachdan a thoirt seachad air cho èifeachdach 's a bhiodh dòighean-obrach a chaidh a mholadh gus 16 gnìomhachdan sònraichte a stiùireadh taobh a-staigh HPMAan. Bha na h-ìrean taic na b' àirde co-cheangailte ris an dòigh-obrach a chaidh a mholadh airson a bhith a' stiùireadh 'loingeas agus aiseagan' agus a b' ìsle a thaobh a bhith a' stiùireadh 'iasgach de sheòrsa sam bith mar chur-seachad'. Bha na h-ìrean a b' àirde de dh'easaonta mun dòigh-obrach a bhathar a' moladh a thaobh a bhith a' stiùireadh 'iasgach coimeirsealta' de sheòrsa sam bith, agus bha na ìrean a b' ìsle a thaobh a bhith a' stiùireadh 'glacadh, cleachdadh agus stòradh carboin'.

17. Cha robh mòran taic ann gus cumhachdan a bharrachd a bhith air an toirt seachad a thaobh HPMAan. Bha an ìre a bu lugha de thaic aig luchd-freagairt a thaobh cumhachdan gus gnìomhan a thoirmeasg bho àm comharrachaidh an HMPA – chuir 1 anns gach 5 luchd-freagairt taic ri seo. Bha an taic a b' àirde airson cumhachdan a bhith a' cur às do chuingealachaidhean re ùine nan robh force majeure ann - thug 2 anns gach 5 luchd-freagairt taic ri seo. Anns a h-uile suidheachadh, bha buidhnean na bu bhuailtiche taic a thoirt do bhuileachadh chumhachdan a bharrachd na daoine fa-leth. B' iad na buidhnean àrainneachd a bu dualtaiche taic a thoirt ri bhith a' toirt seachad cumhachdan a bharrachd, agus b' e buidhnean no comainn iasgaich, agus buidhnean gnìomhachais/prìobhaideach a bu dualtaiche a dhol an aghaidh seo.

A' taghadh làraichean (C8-C11)

18. Thuirt an dreachd stiùireadh gus làraichean a thaghadh gum biodh comharrachadh làraichean HPMA stèidhichte air 'foincseanan agus goireasan a tha cudromach do chuan na h-Alba'. Chaidh seachd foincseanan agus goireasan a mholadh: (i) carbon gorm, (ii) àrainnean èisg ro-chudromach, (iii) neartachadh lìonra Sgìrean Mara Dìonta na h-Alba, (iv) dìon bho stoirmean agus àrdachadh ìre na mara, (v) rannsachadh agus foghlam, (iv) tlachd, agus (vii) seirbheisean eag-shiostam cudromach eile. Bha a' cho-chomhairle a' sireadh bheachdan air na cuspairean seo.

19. Bha luchd-freagairt a bha airson a bhith a' toirt a-steach HPMAan nas dualtaiche a bhith a' comharrachadh 'carbon gorm', 'àrainnean èisg ro-chudromach' agus 'seirbheisean eag-shiostam eile' mar phrìomh amasan airson glèidhteachas mara. Bha beachdan bho luchd-freagairt a bha an aghaidh a bhith a' toirt a-steach HPMAan gu tric a' cuimseachadh air cùisean co-cheangailte ris na mìneachaidhean a chaidh a chleachdadh agus ri gainnead fianais air foincseanan agus goireasan fa leth. Bha cuid a' ceasnachadh no mì-chinnteach mu iomchaidheachd nam foincseanan agus nan goireasan fa leth airson glèidhteachas mara no airson a bhith a' taghadh làraichean .

20. Thuirt an stiùireadh gum biodh am pròiseas gus làraichean a thaghadh stèidhichte air ceithir prionnsapalan coitcheann: (i) cleachdadh bunait fianais làidir, (ii) sgèile an HPMA agus cleachdadh aonadan eag-shiostam gnìomhach, (iii) a' dèanamh cinnteach gu bheil luach a bharrachd ann, agus (iv) a' lìbhrigeadh ath-bheothachadh eag-shiostam. Bha an taic a b' àirde am measg luchd-freagairt airson a bhith 'a' cleachdadh bunait fianais làidir'.

21. Chaidh pròiseas còig ìrean a mholadh gus làraichean a thaghadh a' gabhail a-steach a bhith: (i) a' comharrachadh làraichean a dh'fhaodadh a bhith nan HPMA stèidhichte air foincseanan agus goireasan a tha cudromach do chuan na h-Alba, (ii) a' beachdachadh air mar a chuireas làraichean ri amasan coitcheann nan HPMAan, (iii) a' comharrachadh sgèile iomchaidh na làraich a thathar a' moladh, (iv) ag ath-sgrùdadh cleachdadh làthaireach na làraich agus a' mìneachadh rèiteachaidhean riaghlaidh airson gnìomhan a tha ann mar-thà, agus (v) a' measadh nam buannachdan nas fharsainge a dh'fhaodadh a bhith an lùib a bhith a' comharrachadh na làraich mar HPMA. Thuirt aonan a-mach às gach sianar luchd-freagairt gun robh iad a' toirt taic dhan phròiseas còig ìrean, ged a bha beachdan eadar-dhealaichte eadar diofar sheòrsaichean luchd-freagairt agus seòrsaichean bhuidhnean. Bha an taic a bu mhotha aig buidhnean àrainneachd, agus bha buidhnean co-cheangailte ri iasgach cha mhòr gu h-aona-ghuthach na aghaidh.

22. A thaobh a h-uile ceist mun stiùireadh airson a bhith a' taghadh làraichean, bha grunn chuspairean a nochd uair is uair - an dà chuid am measg an fheadhainn a bha airson agus an aghaidh HPMAan - co-cheangailte ri cho cudromach 's a tha fianais làidir, draghan mu na clàran-ama airson a bhith a' comharrachadh HPMAan, cho cudromach 's a tha conaltradh le coimhearsnachd agus luchd-ùidh, agus am feum gus aire a thoirt air fhactaran sòisio-eaconamach a bharrachd air cùisean àrainneachdail.

Buaidhean (C12-C18)

23. Bha an ìre de thaic dhan bheachd gu bheil na diofar measaidhean buaidh a rinneadh a thaobh a bhith a' toirt a-steach HPMAan ceart agus cothromach eadar 9% (airson Measadh Buaidh Gnothachais is Riaghlaidh leth-phàirteach) gu 16% (airson aithisg sgrìonaidh leth-pàirteach airson Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach).

24. Bha cuid den luchd-freagairt riaraichte leis na measaidhean buaidh a chaidh a thaisbeanadh ach dh'aithnich iad gun robh barrachd obrach ri dhèanamh. Ach, bha mòr-chuid mhòr den luchd-fhreagairt – a' gabhail a-steach daoine fa leth, agus buidhnean de gach seòrsa – a' càineadh nam measaidhean buaidh sin.

25. B' e na prìomh chàinidhean a rinneadh mu na measaidhean buaidh fa leth gun robh iad air cùisean cudromach fhàgail às no nach robh iad a' coimhead orra gu leòr; gun robh iad neo-shoilleir no gun robh dìth mion-fhiosrachaidh ann; nach robh iad a' tuigsinn cho mòr 's a bha na droch bhuaidhean a dh'fhaodadh a bhith aig HPMAan; nach deach an cruthachadh ann an co-chomhairle ri coimhearsnachdan cladaich is eileanach; agus nach robh iad buntainneach, leis nach deach làraichean fa leth a thaghadh fhathast.

26. Chomharraich luchd-freagairt raon farsaing de bhuaidhean a dh'fhaodadh a bhith aig na HPMAan, a' gabhail a-steach cùisean co-cheangailte ri cosnadh, beairteas, crìonadh-sluaigh, bun-structar, slàinte-inntinn agus sunnd, dualchas cultarach agus dàimh choimhearsnachdan ris na cuantan, agus co-leanailteachd coimhearsnachd. Bhathar tric ag ràdh gum biodh na buaidhean sin 'sgriosail'.

Beachdan eile agus dòighean obrach eile (C19)

27. Gu tric mhol luchd-freagairt dòighean-obrach a bharrachd, a bhiodh co-phàirteach ri agus/no an àite HPMAan a thaobh glèidhteachas mara na h-Alba. Chaidh molaidhean a chur air adhart an dà chuid leis an fheadhainn a bha an aghaidh agus leis an fheadhainn a bha airson HPMAan.

28. Dh'iarr an dà bhuidhinn uair is uair dòigh-obrach ro-innleachdail, stèidhichte air fianais, gus cuantan na h-Alba a ghlèidheadh agus a dhìon. Thuirt iad gum biodh seo air a lìbhrigeadh na b' fheàrr tro phlana/frèam stiùireadh mara spàsail co-òrdanaichte, coileanta agus ciallach.

29. Chuir an dà bhuidhinn cuideam air cho cudromach 's a tha na leanas: (i) co-obrachadh agus obair com-pàirteachais le coimhearsnachdan ionadail agus luchd-ùidh ann a bhith a' cruthachadh dòighean-obrach 'on bhonn suas' a thaobh riaghladh mara agus àrainneachd, (ii) a' togail air eòlas agus luachan dhaoine ionadail a tha a' fuireach agus ag obair leis a' mhuir, agus a' toirt spèis do sheasmhachd ionadail, cleachdaidhean iasgaich, agus (iii) barrachd beachdachaidh air buaidhean sòisio-eaconamach a bharrachd air buaidhean àrainneachdail.

Contact

Email: HPMA@gov.scot

Back to top