Scottish ExecutiveBack

Cliù na h-Alba

headergraphic

'We believe that arts and culture have a central role in shaping a sense of community and civic pride in the new Scotland.'

Tha seo na phrìomh phàirt de Cho-chomann na h-Alba, an aithisg a tha na bun-stèidh do phrògram Luchd Stiùiridh na h-Alba airson na ceithir bliadhnaichean a tha romhainn.

 

Roi-ràdh

RhonaBrankinBho Raibeart Louis Stevenson gu Janice Galloway; Raibeart Burns gu Somhairle MacGill-Eain; Ailean Ramsay gu Ealasaid Blackadder; Niall Gow gu Ally Bain; Màiri Garden gu Shirley Manson; Raibeart Adam gu Teàrlach Rennie Mac an Tòisich; Bill Dùbhghlas gu Lynne Ramsay; tha luchd ealain na h-Alba air buaidh bhunasach a thoirt air mar a tha daoine a' smaoineachadh air Alba agus na h-Albannaich.

Tha cultur na h-Alba an seilbh muinntir na h-Alba uile. Tha e an seilbh duine sam bith a tha ri cruthachadh ealain, ri dealbhadh neo ri cluich; sgrìobhadairean agus luchd tarraing deilbh na h-Alba, ailtirean agus luchd-ceàird, cluicheadairean agus sgrìobhadairean ciùil, actairean agus dannsairean, agus a-nis, stiùirichean fhiolmaichean agus riochdairean telebhisein. Tha e cuideachd an seilbh a h-uile duine againn a bhios a' toirt tlachd bho fiolmaichean agus dealbhan-cluiche; ag èisdeachd ri neo a' danns ri ceòl de gach seòrsa; a bhios a' dol gu taigh-tasgaidh neo taigh-taisbeanaidh neo leabharlann; a bhios a' tadhal air taighean eachdraidheil na h-Alba neo a' gabhail suim air ailtireachd. Tha measgachadh saoibhir de chulturan ann an Albainn an-diugh a dh'atharraicheas a-rèir càite bheil thu agus a-rèir aois agus togail nan daoine ris am bruidhinn thu.

Mar a ghabhas sinn ceum ùr ann am beatha na dùthcha, tha Luchd Stiùiridh na h-Alba an dùil roi-innleachd nàiseanta a dhealbhadh airson cultur na h-Alba a bhrosnachadh agus a leasachadh 's a' mhilenium ùr.

Airson sin a dhèanamh feumaidh sinn na beachdan agaibhse a chluinntinn air ciamar a bheir roi-innleachd nàiseanta na h-amasan aige gu buil. Tha sinn cuideachd ag iarraidh bhur beachdan air ciamar as urrainn dhuinn cothroman a mheudachadh dhan a h-uile duine an Albainn gus maitheas fhaighinn bhon chultur - ge bith an ann bho a bhith a' cruthachadh ealain, a' dealbhadh 's a' cluich, neo bho a bhith a' gabhail suim air agus a' toirt tlachd às gach saoibhreas a th'ann.

Mar sin, tha mi an dòchas gu freagair uiread agaibh 's a ghabhas am pàipear sireadh bheachdan seo. Bidh sinn cuideachd a' cur choinneamhan poblach air dòigh ann an grunnan cheàrnaidhean den dùthaich far am faigh daoine cothrom na beachdan aca a chur an cèill agus a dheasbad le chèile. Tha cultur na h-Alba an seilbh gach duine againn; nach obair sinn còmhla gus a stiùireadh agus a bheathachadh.

Signature

Rhona Brankin MSP,
Deputy Minister for Culture and Sport

 

'It is from Scotland that we receive rules of taste in
all the arts'

Voltaire

 

'Well, everybody likes tae
huv a good time, a bit ay enjiyment, ken?'

 

Cliù na h-Alba

Tha an t-àm ann airson roi-innleachd culturach nàiseanta agus tha feum air. Mhìnich Cairt nan Ealan ann an Alba, a chaidh fhoillseachadh ann an 1993, àite nan ealan anns na briathran seo, "Ann a bhith a' cur an cèill dearbh-aithne ge bith an ann a thaobh aon duine, neo airson coimhearsnachd neo nàisean, tha na h-ealain aig cnag na cùise. Bidh sinn a' sireadh sàsachaidh agus toileachais tron chultur againn, agus bidh e gar dèanamh coilionta mar dhaoine fa leth agus mar nàisean."

Gabhaidh roi-innleachd den leithid suim air saoibhreas cultur na h-Alba agus na h-eadar-dhealaidhean a th'ann agus siridh e na dòighean as fheàrr airson feum a dhèanamh dheth - a bheir piseach air beatha an nàisein gu lèir agus gach duine fa leth. Ach cha ghabh roi-innleachd culturach a dhealbhadh ann an aon latha idir. Bidh deasbad ann, fiù trod. Tha sinne cur fàilte air sin. Ach tha sinn ag iarraidh gum bi structur air a' chùis. Bidh e cudromach stèidheachadh càite bheil sinn ag iarraidh a dhol, agus an uairsin ciamar a gheibh sinn ann, a' cuimhneachadh gu faodadh barrachd air aon slighe ar toirt don cheann-uidhe cheart.

Se toiseach tòiseachaidh a th'anns a' phàipear ghoirid seo. Tha e a' cur an cèill prìomh chuspairean agus meudachd an roi-innleachd. Tha e a' foighneachd cheistean farsaing; chan e liosta coilionta, ach ceistean a bheir dhuinn àite tòiseachaidh airson roi-innleachd a dhealbhadh.

Chan ann le Luchd Stiùiridh neo Pàrlamaid na h-Alba a bhios an roi-innleachd seo, ach le sluagh na h-Alba. Air an adhbhar sin, tha sinn ag iarraidh oirbhse, muinntir na h-Alba, bhur beachdan agus molaidhean airson roi-innleachd culturach nàiseanta a thoirt dhuinn. Nì sibh seo ann an diofar dhòighean agus le eòlas agus fiosrachadh eadar-dhealaichte. Ach, ge bith a bheil sibh ag obair gu proifeiseanta anns na h-ealain neo dìreach airson do thoileachas fhèin, ann am buidheann mhòir neo còmhlan sgìre, companaidh mhòr ioma-dùthchail neo gnothach beag, gheibh sibh èisdeachd.

Nuair a tha bhur freagairtean againn, a dh'iarradh sinn ro dheireadh an Damhair, dealbhaidh sinn molaidhean nas mionaidiche, fhad's a tha deasbad agus còmhradh fhathast a'dol air adhart. Tha sinn an dùil pàipear roi-innleachd a thoirt a-mach ron t-samhradh 2000. Se clach-mhìle a bhios an seo ach chan e ceann-uidhe na slighe. Feumaidh an roi-innleachd ath-sgrìobhadh agus atharrachadh gu cunbhalach gus a bhith feumail. Seo an aon dòigh 's as urrainn dhuinn fìor phròis a ghabhail ann an Albainn agus gàirdeachas a dhèanamh ri a cultur ann am bliadhna a' mhilenium agus nas fhaide.

 

'That's leisure tae me man,
likesay. Ah like tae see punters
enjoy themselves, ken?'

Irvine Welsh [trainspotting]

 

'Fad na bliadhna rè gach ràithe
Gach la's gach ciaradh dhomh
Is e Alba nan Gall 's nan Gàidheal
Is gàire, is blàths is beatha dhomh'

Deòrsa Mac Iain Deòrsa [George Campbell Hay] [Ceithir Gaothan na h-Albain]1

 

PrìomhChuspairean

Bidh roi-innleachd culturach mothachail:

Gu bheil cultur fa-leth agus prìseil aig Alba

Gun tug dùthchannan na Roinn Eòrpa agus nas fhaide air falbh neart do chultur na h-Alba; agus gu robh buaidh àraid aig Aimeireaga a-Tuath agus o chionn ghoirid, na h-Innseachan, air ar cultur san linn seo fhèin

Gu bheil cultur na h-Alba a' sìor atharrachadh agus fosgailte ri buaidhean ùra

Gu bheil cultur na h-Alba an seilbh muinntir na h-Alba. Chan e cultur dìreach cuid de chomainn, clasaichean sòisealta agus creideamhan a th'ann, neo cultur sluaghan agus luchd-labhairt chànan sònraichte

Gum bi pàirt cudromach aig ealain na h-Alba ann an leasachadh eacanomacach agus sòisealta an nàisein

Cuidichidh cultur na h-Alba ann a bhith a' leudachadh lèirsinn agus a' brosnachadh muinntir nan sgoiltean agus nan colaisdean gus beachdan ùra agus ealain a chruthachadh

Bheir cultur na h-Alba cothrom dhan a h-uile duine pàirt a ghabhail anns a' choimhearsnachd aca

Faodaidh cultur na h-Alba a bhith na sgoil-altruim airson beachdan, dòighean cluiche agus cleasachd ùra a bhios nam bun-stèidh do dhòighean ealain agus gnìomhachasan ealain ùra

Le bhith a' brosnachadh a cultuir fhèin faodaidh Alba fèin spèis a bhrosnachadh, cliù a chosnadh agus sìobhaltachd a thoirt air adhart

 

'All year long each season through
Each day and each fall of dusk for me
It is Scotland, Highland and Lowland
That is laughter and warmth and life for me'

Translation from the Gaelic

 

'I think Scottish writing has
contributed to the moves that set
up a Scottish parliament, but it did
that by being non-aligned and
anarchic and critical and all the
things it is and I hope will remain'

© A.L. Kennedy [Poets' Parliament]

 

Cuspairean

Gabhaidh roi-innleachd culturach suim air raon farsaing de chuspairean: na h-ealain ghnìomhach mar ceòl, danns, dealbhan-cluiche; na h-ealain chruthachail mar tarraing dhealbhan, snaidheadh, sgrìobhadh, ailtireachd, dealbhadh, obair làimhe, TBh, fiolm, togail dhealbhan, bhidio; agus tionnsgalan ùr-nodha mar ioma-meadhan agus an raon ùr, brosnachail agus cudromach a thaobh eaconamaidh co-cheangailte ri gnìomhachasan cruthachail na h-Alba.

San aon dòigh, gabhaidh roi-innleachd suim air dualchas culturach a tha a' toirt a-steach an iomadh taigh tasgaidh, taigh taisbeanaidh agus leabharlann a th'againn, agus dualchas togalaichean na h-Alba.

Gheibh a h-uile pàirt den nàisean guth san roi-innleachd. Bidh na cùisean a tha ùr-nodha gam meas agus gheibh seann traidiseanan na h-Alba an t-àite a tha freagarrach dhaibh. Bidh àite cudromach aig Gàidhlig agus a' Bheurla Ghallda, ach thèid suim a ghabhail air cànanan eile agus na culturan aca cuideachd.

Seallaidh roi-innleachd ris an àm ri teachd. Gun teagamh, sann an seilbh clann agus òigridh na h-Alba a tha beartas eacanomacach agus culturach an nàisein gan cur agus ged nach eil sinn airson dìochuimhneachadh mu phàirt sam bith den t-sluagh, bidh aire shònraichte ga ghabhail dhan na ginealaich a tha ag èirigh gus sealbh a ghabhail air ar cultur anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

 

A' Toirt gu Buil agus A' Libhrigeadh

Se eaconamaidh measgaichte a th'ann an cultur na h-Alba; riaghaltas nàiseanta agus ionadail, buidhnean poblach, na Buidhnean Nàiseanta (na Taighean Tasgaidh Nàiseanta, Taighean Taisbeanaidh Nàiseanta agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba), buidhnean ealain, a' gabhail a-steach na Companaidhean Nàiseanta airson Ealain Ghnìomhach (Orcastra Ceòl Chamber na h-Alba, Orcastra Nàiseanta Rìoghail na h-Alba, Ballet na h-Alba agus Opera na h-Alba), gnothaichean prìobhaideach, buidhnean saor-thoileach agus daoine ag obair gu saor-thoileach. Tha e riatanach na buidhnean agus daoine seo a thoirt còmhla ma tha Alba dol a neartachadh agus a leasachadh a cultur airson muinntir na h-Alba agus an t-saoghail air fad.

Tha mòran de na rudan a bhios gnìomhachas nan ealan a' dèanamh gan cur thall thairis neo gan reic ri daoine bho dhùthchannan cèin. Bidh fèisean, mar Fèis (neo Fèisean) Dhun Eideann a' tàladh mòran luchd tadhail do Alba. Bidh luchd turais a' tadhal air taighean tasgaidh agus taighean taisbeanaidh, cho math ri ionadan dualchais.

Bidh ar leabharlannan a' toirt fiosrachaidh do dhaoine air feadh an t-saoghail. Se gnothaichean fallainn a th'ann am mòran de na gnìomhachasan culturach, a' tàladh dhaoine le beachdan ùra, cruthachail, agus a' togail cheanglaichean le daoine ann an raointean eile a tha a' buntainn ris an obair aca.

 

'He canna Scotland see wha yet
Canna see the Infinite,
And Scotland in true scale to it'

Hugh MacDiarmid [A Drunk Man Looks at the Thistle] 2

 

Alba agus Thall Thairis

Tha freumhan cultur na h-Alba anns an Roinn Eòrpa, ach tha buaidh aig culturan an t-saoghail air fad air cultur Alba an latha an-diugh, a' gabhail a-steach ceòl, fasan, dealbhadh, litreachas, agus fiolm. Bidh e cudromach ceangal a chumail le cultur eadar-nàiseanta - ceòl, litreachas, danns, fiolmaichean, tbh agus bhidio a thig às an Roinn Eòrpa, Aimeireaga agus eile, agus an uiread malairt cultuir a dhèanamh le dùthchannan eile 's a ghabhas. Aig an aon àm feumaidh sinn cultur na h-Alba a chumail an àirde agus a neartachadh, chan ann airson adhbharan cumhang ionadail, ach airson rud a tha gu tur Albannach a chur an cèill fa chomhair an t-saoghail air fad. Se eisimpleirean air neart cultur dualchasach na h-Alba a th'ann an ceòl traidiseanta agus litreachas na h-Alba. Feumaidh sinn cuideachd a bhith mothachail air a' mhòr ghluasad a th'air tachairt ann an sgaoileadh fiosrachaidh tro teicneòlas ùr a tha a' sìor fhàs. Anns an aon dòigh, tha againn ri cuimhneachadh cho luath 's a shiùbhlas fiosrachadh thar crìochan eadar-nàiseanta agus mar a dhubhas e eadar-dhealaidhean às - eadar-dhealaidhean a bha daoine a' saoilsinn maireannach o chionn ghoirid. Feumaidh sinn greimeachadh air na cothroman a tha seo a' toirt dhuinn airson ùidh agus spèis ann an cultur na h-Alba a bhrosnachadh a-measg sluaghan bho dhùthchannan eile.

Se cànan air leth Albannach a th'anns a' Ghàidhlig. Tha i a-nis ga bruidhinn le mu 70,000 duine, ach airson a' mhòr-chuid den mhìle bliadhna a chaidh bhathas ga tuigse anns a' chuid as motha den dùthaich. Mar sin, se pàirt cudromach de dhualchas saoibhir na h-Alba a th'innte, le a ceòl, bàrdachd agus òrain lìonmhor. Anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh tha an Riaghaltas air goireasan agus ionmhas a chur air dòigh airson fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig, gu h-àraid anns na bun sgoiltean, agus airson craoladh Gàidhlig. Mar dùthchannan eile, thathas ga mheas riatanach taic phoblach a thoirt do mhion chultur gus am faigh na daoine a tha ag obair leis a' chànan agus ga bhruidhinn air a thoirt don ath ghinealach. Feumaidh sinn smaoineachadh air dòighean a bharrachd airson cultur na Gàidhlig a bhrosnachadh.

Tha a' Bheurla Ghallda ga bruidhinn le mòran a bharrachd daoine, ged nach eil àireamhan mionaideach againn. Bha i ga meas suarach mar chànan airson iomadh bliadhna, ach tha aire ga thogail a-nis gu bheil i na pàirt de shaoibhreas cultur na h-Alba agus gu bheil i cudromach airson leigeil le clann am beachdan agus faireachdainnean a chur an cèill gu h-iomlan. Tha aonta ann san fharsaingeachd gum bu chòir clann ann an sgoiltean na h-Alba cothrom fhaighinn air litreachas na h-Alba a leughadh agus deuchainnean a ghabhail ann, ach chan eil uiread aonta mun phàirt sam bu chòir a' Bheurla Ghallda a ghabhail an seo.

 

Goireasan

Tha an Riaghaltas nàiseanta agus ionadail a' libhrigeadh mòran ghoireasan agus ionmhais airson ealain agus cultuir. Cuideachd, bidh gnothaichean agus daoine fa leth a' toirt taic do na h-ealain tro ghoistidheachd agus, gun teagamh, aig oifis nan tiocaidean. Thathas a' meas gu bheil fiach £5.3 billean ann an "eaconamaidh nan ealan" do dh'Albainn agus gu bheil 91,000 dreuchd na luib. Tha an uiread ghoireasan agus càit an tèid an caitheamh nam pàirt bunasach de roi-innleachd sam bith, ged a dh'fhaodadh duine a radh gu bheil seo a' buntainn ri ciamar a thèid roi-innleachd a libhrigeadh seach ciamar a thèid amasan a chruthachadh. Tha e coltach gum bi ceistean air ionmhas agus eagrachadh nas follaisiche fhad's a thig an sireadh bheachdan air adhart.

 

'We'll speak wi a voice that is common but smert
Gaelic and Scots and English
- the lot!'

 

Ceistean

Seo cuid de na ceistean a dh'fhaodadh nochdadh. Chan eil sinn gan togail airson bacadh a chur air freagairtean neo beachdan a chuingealachadh ann an dòigh sam bith. Ach, se th'annta ceistean a tha a' buntainn ri cnag na cùise agus bhiodh beachdan orra air leth feumail.

Dè tha cultur a' ciallachadh dhutsa?

Dè na h-amasan bu chòir a bhith aig roi-innleachd culturach?

Ciamar a ruigeas sinn na h-amasan seo? A bheil na dòighean agus structuran ceart againn?

Dè na ceanglaichean bu chòir a bhith ann eadar na Buidhnean Nàiseanta agus na Companaidhean Nàiseanta airson nan Ealan Gnìomhach agus na tha riaghaltasan ionadail a' libhrigeadh?

Dè an dòigh as fheàrr a gheibh cultur na h-Alba buannachd bho teicneòlas ùr?

Ciamar as urrainn ceanglaichean nas fheàrr a thogail eadar na h-ealain, na gnìomhachasan culturach agus gnìomhachasan marsantach nan ealan, airson piseach a thoirt air gach taobh?

Ciamar as urrainn do ealain na h-Alba a bhith air an taisbeanadh nas fheàrr don t-saoghal air fad?

Ciamar as urrainn do chultur na h-Alba siostam an fhòghlaim againn a dhèanamh nas saoibhire?

Ciamar as urrainn dhuinn na h-ealain a sgaoileadh do bharrachd dhaoine?

Dè am beum bu chòir dhuinn a chur air cultur dualchasach na h-Alba co-cheangailte ri Gàidhlig neo a' Bheurla Ghallda?

 

'We'll ken whaur we cam frae an whaur we ur gan
We'll aw hae a say each wumman an man '

Liz Niven [A Drunk Wumman Sittin oan a Thistle]

 

Freagairtean

Faodaidh sibh freagairtean don phàipear sireadh bheachdan seo a chur tron phost gu:

Roinn nan Ealan agus Dualchas Culturach
Roinn Fòghlaim an Luchd Stiùiridh
Area 1A
Victoria Quay
Dun Eideann
EH6 6QQ

Faodaidh freagairtean cuideachd an cur le facs gu 0131 244 0353 neo le post-dealain gu nationalculturalstrategy@scotland.gov.uk Cuideachd, gheibhear am pàipear sireadh bheachdan air ionad lìon an Luchd Stiùiridh www.scotland.gov.uk/nationalculturalstrategy neo www.scotland.gov.uk/nationalculturalstrategy/gaelic agus faodaidh sibh freagairtean a chur don ionad lìon.

Se 30 Damhair 1999 an ceann latha airson freagairtean a bhith a-staigh.

A-rèir còd chleachdaidhean air riaghaltas fosgailte, thèid freagairtean sam bith an taisbeanadh don mhòr shluagh ma thig iarrtas air a shon, mura can neach-freagairt gu bheil iad ag iarraidh na freagairtean aca a bhith dìomhair.

 

Buidheann Comhairleachadh

Tha Buidheann Comhairleachadh air a chur air bhonn gus sùil a chumail air mar a tha an roi-innleachd culturach nàiseanta a' tighinn air adhart, agus chaidh na beachdan aca a shireadh nuair a bhathas a' cur a' phàipear sireadh bheachdan seo ri chèile. Bidh a' bhuidheann seo a' toirt seachad an eòlais agus a' cuideachadh ann a bhith a' stiùireadh cùrs fhad's a tha an roi-innleachd seo ga thoirt gu buil. Se buill na buidhne aig an ìre seo:

Iain Archer
Ceannard Sgrìn na h-Alba

Marc Jones
Stiùiriche, Taighean Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba

Mànus Linklater
Fear Cathrach, Comhairle nan Ealan Albannach

Brìghde Nic Conaill
Stiùiriche, Seirbheisean Culturach agus Chur Seachadan - Comhairle Baile Ghlaschu

Donnie Rothach
Stiùiriche Leasachaidh, Sabhal Mòr Ostaig

Tha am pàipear seo ri fhaighinn ann am Beurla agus Gàidhlig agus gheibhear leth-bhreacan a bharrachd anns gach cànan bho Roinn nan Ealan agus Dualchas Culturach le bhith a' fònaigeadh 0131 244 0344. Bu chòir dhuibh ceistean sam bith a th'agaibh mun phàipear sireadh bheachdan fhoighneachd air an àireamh fòn seo cuideachd. Bu chòir dha na ceistean a bhith pongail; chan urrainn dhuinn freagairtean don phàipear sireadh bheachdan a ghabhail air a' fòn neo deasbad a dhèanamh le duine sam bith.

 

1 bho Nua-Bhàrdachd Ghàidhlig le Dòmhnall MacAmhlaigh (fear-deasachaidh), air fhoillseachadh ann an 1995 mar Canongate Classic le Canongate Books, 14 Sràid Àrd, Dun Eideann EH1

2 bho Selected Poems of Hugh MacDiarmid (Carcaret Press, 1992)

The information contained on this WWW site is Crown Copyright but may be reproduced without formal permission or charge for personal or in-house use. © 1999