< Previous | Contents
GAIDHLIG Ag Ath-Bheothachadh Gaidhlig Neamhnuid Naiseanta
MOLAIDHEAN
Gun lean Riaghaltas na h-Alba a maoineachadh na Gàidhlig agus
ga leasachadh tro:
-
Riochdairean Gàidhlig aig àrd-ìre taobh a-staigh an
Riaghaltais Roinn bheag de luchd-labhairt Gàidhlig a bhiodh
a dèiligeadh ri cùisean na Gàidhlig - gus Ministearan
a chomhairleachadh mu phoileasaidh. Tha e cudromach gum bi na dreuchdan
sin air an suidheachadh gun dàil, gus am bi làmh aig an fheadhainn
anns an dreuchd ann a bhith a stèidheachadh nan structaran
ùra agus ann am planadh nam prìomh-amasan gnìomha.
-
Buidheann Comhairleachaidh a stèidheachadh anns an eadar-ama de
cheathrar bhall a riochdachadh nan ceithir roinnean obrach a tha air
an sònrachadh ann am Moladh 2 gu h-ìosal.
-
Buidheann Leasachaidh Gàidhlig a chur air chois a bhios cunntachail
don Riaghaltas agus don Phàrlamaid airson:
-
Roi-innleachd co-fhillte a dhealbh, agus planaichean soilleir ullachadh
s an cur an cèill le amasan sònraichte agus so-ruigsinneach.
-
Ceithir roinnean obrach a stiùireadh: (1) foghlam agus ionnsachadh;
(2) na h-ealain, cultar agus dualchas; (3) leasachadh eaconomach agus
sòisealta; agus (4) planadh agus leasachadh cànain, air
taobh a-staigh nan trì coimhearsnachdan a tha air an sònrachadh
anns an Structar Leasachaidh.
-
Modh-obrachaidh Inbhe Thèarainte don chànan a thoirt
air adhart.
2. Gum bi am Buidheann Leasachaidh Gàidhlig:
- Fo stiùireadh Cheannaird, le cuideachadh bho Stiùirichean
anns gach aon de na ceithir roinnean obrach, agus le Bòrd air a dhèanamh
suas den Cheannard agus còignear bhall neo-dhreuchdail a riochdachadh
na coimhearsnachd Ghàidhlig agus air an taghadh gu cùramach
tro dhòigh fastaidh foirmeil. Tha e air a mholadh gum bi na stiùirichean
neo-dhreuchdail a faighinn tuarastal freagarrach co-ionann ri buidhnean
poballach eile.
- A-mhàin na chladhan airson sruth-airgid bhon Riaghaltas, air a sholar
a rèir rùintean soilleir le ùine coileanaidh air a shuidheachadh.
- A dèanamh rianachd air maoin de £10 millean sa bhliadhna sa
chiad dol a-mach, an suim as lugha a dhfheumar airson suidheachadh a
chur air dòigh a neartaicheas s a leasaicheas a Ghàidhlig
(gun a bhith a gabhail a-steach craoladh Gàidhlig).
- A sgrùdadh cleachdadh agus buaidh an airgid airson am bi na
buidhnean a strì a rèir nan riaghailtean air a bheil cunntas
anns an Structar Leasachaidh.
- A gabhail thairis modh stiùiridh agus obair nam buidhnean a
tha air am maoineachadh le airgead poballach aig an àm seo. Bhiodh
an àireamh de bhuidhnean a tha ann an-dràsta air an lùghdachadh
agus bhiodh cuid dhiubh no a h-uile h-aon dhiubh a bhios air fhàgail
a dol fo sgèith a Bhuidhinn Leasachaidh.
- A stèidheachadh a mhòr-chuid de stiùireadh
obair na Gàidhlig far a bheil a Ghàidhlig beò,
agus air a co-roinn mar a chithear iomchaidh airson frithealadh do na "coimhearsnachdan
beothail" agus suidheachadh na Gàidhlig gu nàiseanta.
- A bhith a co-obrachadh le na buidhnean craolaidh Gàidhlig,
Ughdarrasan Ionadail, Companaidhean Iomairt agus prìomh bhuidhnean
eile an sàs sa Ghàidhlig.
A bharrachd air sin tha sinn a moladh:
- Gu lean buidhnean le ballrachd no buidhnean saor-thoileach stèidhichte
no ùra a faighinn taic airgid poballach airson pròiseactan
tron Bhuidheann Leasachaidh Gàidhlig.
- Gun tèid prìomhachas a thoirt do thòiseachadh air sgeama
fastaidh agus trèanaidh nàiseanta do thidsearan Gàidhlig
gus togail air soirbheachadh Foghlam Meadhan-Gàidhlig, agus do chumail
suas na h-iomairt chun na h-ìre gum bi co-chothromachadh eadar ullachadh
agus iarrtas.
- Gun lean Sgeama nan Tabhartasan Sònraichte a tha cudromach airson
Foghlaim Gàidhlig, ach gun tèid ath-mheasadh airson èifeachd.
Bu chòir crìochan a shuidheachadh airson ùine maoineachaidh,
bhon àm a thèid cur a-steach airson tabhartais gu àm
dearbhaidh air coileanadh nam poileasaidhean agus planaichean roi-shuidhichte,
le meudachadh agus cosgaisean co-cheangailte. Bu chòir do dhùghdarrasan
a gheibh Tabhartasan Sònraichte a bhith a toirt cunntais bliadhnail
air mar a tha iad a planadh, a tabhann, a leasachadh agus
a measadh Foghlaim Meadhan-Gàidhlig.
- Gun tèid dèiligeadh ris an fheum air airgead airson foghlam
Gàidhlig san treas-ìre.
"Your report "Death of Gaelic forecast by
end of century" must be extremely disheartening for many Gaelic speakers who
have been working so hard over the years to keep their language alive.
"My mother tongue is Punjabi, but I remember
when a schoolboy at Portree in Skye in the Sixties the joy my friends experienced
when I mastered a few sentences of Gaelic. They, too, were always eager to hear
me speak a little Punjabi or Urdu.
"This is not mere nostalgia for the wonderful
years I spent in Skye. My point is that a diversity of languages enriches a
community. It enriches the lives of people who are exposed to different languages.
"More importantly, the social and emotional
development of children is strengthened by the fact that they can use more than
one language as a point of reference. In my own case, my early childhood was
spent in Baluchistan, a part of Pakistan where most children grow up speaking
two or three languages. My contact with the language and people of Skye certainly
enriched my life.
"Gaelic is part of the heritage of Scotland.
It is a precious gift and it must not be allowed to fade into extinction. Here
is a chance for the Scottish parliament to demonstrate its support for the Gaelic
community in a real and meaningful way."
Habib Hashmi, Dùn Eideann (Litir gu An Albannach,
3 Og-mhìos 2000)
PAIPEAR-TAIC 4
Coimeas Chànan: A Chuimrigh, Eirinn agus Catalonia
1. Cuimris
A rèir Cunntas-sluaigh 1991 bha Cuimris aig 508,000 de shluagh na Cuimrigh
bho aois trì suas. Bha seo a nochdadh gu robh an cànan a
cumail air bhunailt agus gu robh an crìonadh a thàinig innte aig
toiseach na linne air a chasg. Thàinig a mhisneachd bu mhotha bho
na gluasadan am measg an òigridh. Eadar 1981 agus 1991 chaidh an àireamh
chloinne le Cuimris suas 6.9% agus chaidh an àireamh aois 10-14 suas
8.4%. B e leasachadh foghlam meadhan-Cuimris agus foghlam dà-chànanach
a bha mar mheadhan air an leudachadh sin. Aig an àm seo tha 525 bun-sgoil
agus àrd-sgoil a tabhann foghlam meadhan-Cuimris do chòrr
air 82,000 de chloinn.
Chaidh Bòrd na Cuimris a stèidheachadh fo Achd na Cuimris 1993.
S e a phrìomh obair a bhith "a brosnachadh agus a
cur air adhart labhairt na Cuimris". Tha an obair eile aige agus a phrìomh
ùghdarrasan air an comharrachadh anns an Achd. Tha cumhachd aig a
Bhòrd a bhith a toirt seachad thabhartasan airson a chànan
adhartachadh anns na roinnean poballach agus prìbheideach. Tha aithisg
chudromach aca mun phoileasaidh co-cheangailte ri cur a-steach airson tabhartas.
Feumaidh amasan cinnteach a bhith air an comharrachadh airson luach na h-obrach
a mheasadh agus tha an t-airgead a thèid a thoirt seachad air a bhonntachadh
air pròiseactan a-mhàin.
S e plana adhartais a Bhùird: "Taic a thoirt do Chuimris
a dhionnsaigh seasmhachd agus tèarainteachd mar mheadhan conaltraidh
sa Chuimrigh."
2. A Ghaeilge
Tha àireamhan 1996 a sealltainn gu robh 1.43 millean duine ann
am Poblachd na h-Eireann le tomhas beag no mòr de dhfhileantachd
sa Ghaeilge. Tha an àireamh seo a riochdachadh 43.5% den t-sluagh.
Ann an cunntas-sluaigh 1991 bha an àireamh sa cheud de luchd-labhairt
Gaeilge aig 32.5. Tha an t-àrdachadh mòr eadar 1991 agus 1996
gu ìre mar thoradh air gun deach a cheist sa Chunntas atharrachadh
gu bhith nas soilleire agus a gabhail a-steach dòighean cleachdaidh.
Am measg chùisean eile a dhfhaodadh a bhith air buaidh a thoirt
air tha atharrachadh cudromach ann am foghlam agus nas lugha de chlaonbhàigh
bhon t-sluagh. Ged a tha an àireamh le Gaeilge an ìre mhath àrd
chan eil ach mu chairteal dhiubh ga cleachdadh gu làitheil. Tha a
mhòr-chuid a tha ga cleachdadh gu cunbhalach a fuireach ann an
sgìrean na Gaeltacht no ann am buidhnean cathaireil.
Chaidh dà bhuidheann pàirt-maoinichte leis an stàite a
chur air chois le Achdan Oireachtas airson a chànan adhartachadh:
Udaras na Gaeltachta (1981), gu sònraichte airson sgìrean na Gaeltacht,
agus Bord na Gaeilge (1978). Tha Comhdhail Naisiunta na Gaeilge, Comhdhail nam
Buidheann Saor-thoileach, cuideachd maoinichte leis an stàite agus tha
a mhòr-chuid de bhuidhnean Gaeilge nam buill dheth.
Ann an Cunntas-sluaigh 1991 thuirt 142,000 de shluagh Eirinn a Tuath gu robh
iad comasach air Gaeilge a leughadh, a labhairt no a sgrìobhadh. B
e poileasaidh an Riaghaltais a bhith a cur luach sònraichte air
Gaeilge, a misneachadh ùidh agus spèis innte, agus a
comharrachadh a pàirt ann an dualchas cultarail na coimhearsnachd air
fad. Bha an sluagh meang-bhlàth no a cur suas leis a phoileasaidh
seo, ach tha Cùmhnant Dihaoine na Ceusta ann an 1998 a nochdadh
mòran a bharrachd cudrom, le rùn an Riaghaltais airson "seasmhachd
ann an adhartachadh a chànain".
3. Catalan
S e mion-chànan a th ann an Catalan agus tha i air a labhairt
ann an ceithir stàitean Eòrpach. Ach buinidh a mhòr-chuid
de na 7 millean luchd-labhairt anns an Spàinn do Chatalonia, Valencia
agus na h-Eileanan Balearic. Ged a bha i uaireigin air a faicinn mar dhual-chainnt
neo-chudromach, s e th ann an Catalan ach cànan Romansach
coileanta.
Anns na làithean a dhfhalbh, bha duilgheadasan anabarrach a
coinneachadh ri Catalan. Nuair a bha an dùthaich fo cheannsal Franco
(1939-75) chan fhaodadh a cleachdadh gu poballach. Bha i air a toirmeasg anns
na sgoiltean, ann an riaghladh agus anns na meadhanan. Ach thòisich strì
an-aghaidh ionannachd cànain am measg luchd-labhairt Catalan.
Nuair a bha siostam-riaghlaidh Franco seachad, thàinig atharrachadh
mòr. Dhaontaich Reachd na Spàinn ann an 1978 inbhe cho-oifigeil
a thoirt do na cànain a bharrachd air Spàinnis anns na roinnean
fa leth. Shuidhich Reachd Fèin-riaghlaidh Chatalan ann an 1979 gu robh
inbhe oifigeil aig an dà chànan ann an Catalonia ach gur e Catalan
cànan gnèitheach na roinne. Rinn an Achd Gnàthachaidh Cànain
(1983) ullachadh airson Catalan a chleachdadh anns a h-uile suidheachadh oifigeil
agus bha i a moladh gun deigheadh a toirt a-steach mean air mhean do ghnìomhachas.
Nas fhaide air adhart, bha Achd Chatalan (1997) ag iarraidh, am measg nithean
eile, gum bi a h-uile stèisean rèidio agus TV ann an Catalonia
a craoladh co-dhiù dara leth nam prògraman ann an Catalan.
Tha an t-siostam foghlaim cuideachd air atharrachadh gu mòr, le teagasg
tro mheadhan Chatalan aig a h-uile ìre agus prògraman bogaidh
anns a bheil clann nach eil a bruidhinn Catalan a tòiseachadh
ga cluinntinn aig aois glè òg.
Tha an riaghaltas Catalan a toirt taic airgid don chànan fo phlanadh
coileanta, roi-innleachdail agus sònraichte an àite beachd-smuain
coitcheann.
< Previous | Contents |