****
Scottish Executive*Publications  

Making it work together
* * *
* Home | Topics | About | News | Publications | Consultations | Search | Links | Contacts | Help *
*
 

< Previous | Contents | Next >

GAIDHLIG Ag Ath-Bheothachadh Gaidhlig Neamhnuid Naiseanta

AMAS

Leis a’ Ghàidhlig na clach-stèidh ann an togail na h-Alba ùire, bidh i na pàirt cudtromach agus èifeachdach de choimhearsnachd làidir fhèin-mhisneachail le seasmhachd eaconomach agus sòisealta a bhios moiteil às a fèin-aithne chànanach agus chultarail. Tro thìde thèid barrachd spèis a thoirt do luach gnèitheach na Gàidhlig agus do bhuannachdan dà-chananais. Bidh àite sònraichte aig cultar na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan misneachail agus soirbheachail. As dèidh casg a chur air mar a tha a’ Ghàidhlig a’ dol sìos, thèid gluasad gu ceum inntinneach anns am bi ath-bheothachadh agus ath-neartachadh.

STRUCTAR LEASACHAIDH

Bu chòir do mhaoineachadh poballach airson na Gàidhlig anns na làithean ri teachd a bhith (1) a rèir feuma, (2) airson pròiseactan sònraichte, (3) le cudrom air obair, (4) stèidhichte sa choimhearsnachd agus (5) air a thighinn bho cho-phàirteachas. Bu chòir maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba a bhith air a stiùireadh le aon bhuidheann, agus bu chòir prìomhachas a thoirt do phròiseactan, seach buidhnean. Bhiodh iomadh buannachd an cois seo leithid a bhith a’ cur às do dh’obair dhùbailte, còmhla ri cunntachalachd nas fheàrr, tomhas nas fhasa, brosnachadh làidir agus obair don choimhearsnachd agus don roinn shaor-thoileach.

Tha a’ choimhearsnachd Ghàidhlig gu h-iomlan air a dèanamh suas de thrì roinnean. An toiseach, tha "a’ phrìomh-roinn" far a bheil an cànan fhathast beò ach lag. Anns an dara àite, tha an roinn mhòr de dh’Alba far am b’ àbhaist don Ghàidhlig a bhith fallain ach a tha air a dhol sìos nas luaithe o chionn ghoirid. Anns an treas àite, tha an còrr de dh’Alba agus luchd na Gàidhlig air feadh an t-saoghail. Tha an treas roinn a’ gabhail a-steach bhailtean agus mòr-bhailtean anns a bheil coimhearsnachdan làidir Gàidhlig. A bharrachd air fileantaich tha deagh àireamh de luchd-ionnsachaidh anns gach roinn. Tha e soilleir nach bi an structar leasachaidh a’ freagairt gach coimhearsnachd gu ìre co-ionann, ach feumaidh dòighean-obrachaidh, poileasaidhean agus pròiseactan a bhith ann a tha gu h-àraid freagarrach airson nan eileamaidean sòisio-cruinn-eòlach sin.

chart

< Previous | Contents | Next >

* * *
* Home | Topics | About | News | Publications | Consultations | Search | Links | Contacts | Help *
Crown Copyright | Privacy policy | Content Disclaimer | General enquiries