****
Scottish Executive*Publications  

Making it work together
* * *
* Home | Topics | About | News | Publications | Consultations | Search | Links | Contacts | Help *
*
 

< Previous | Contents | Next >

GAIDHLIG Ag Ath-Bheothachadh Gaidhlig Neamhnuid Naiseanta

ROI-RADH

Cùmhnantan

Chaidh am Buidheann-gnìomha a shuidheachadh le Riaghaltas na h-Alba anns an Dùbhlachd 1999 gus "sgrùdadh a dhèanamh air na suidheachaidhean agus na structaran airson taic phoballach do bhuidhnean Gàidhlig ann an Alba agus comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba air na suidheachaidhean a tha ri thighinn, a’ toirt a-steach poileasaidh taiceil Riaghaltas na h-Alba airson na Gàidhlig mar a chaidh a chur sìos ann am Prògram an Riaghaltais, agus iomradh a thoirt seachad ro 30 Giblein." An dèidh làimh, le eadar-fhillteachd na h-obrach agus an tomhas fiosrachaidh air am feumte beachdachadh, chaidh ceann-latha na h-aithisg a shìneadh a-mach.

B’ e buill an sgioba Seonaidh A. Mac a’ Phearsain (Cathraiche), Magaidh Choinigean, Dòmhnall I. MacAonghais, Dòmhnall MacAoidh, agus Anna NicSuain.

Facal-toisich agus taing a’ Chathraiche

Dh’iarrainn taing a thoirt don Iar Mhinistear airson Iomairt air Ghaidhealtachd ‘s anns na h-Eileanan agus Gàidhlig, Alasdair Moireasdan BPA, airson a’ chothrom a thoirt dhuinn com-pàirteachadh anns an obair dhoirbh seo agus airson ùine a bharrachd a thoirt dhuinn airson crìoch a chur air ar meòrachadh. ’S fheàrr dàil na dearmad.

Dh’iarrainn mo cho-luchd-obrach anns a’ Bhuidheann-gnìomha a mholadh airson an dìcheall agus an dìlseachd. Tha am modh agus an sgilean co-aontachaidh air a bhith sònraichte. Bha e na shochair dhomh a bhith a’ faighinn buannachd an lèirsinn agus am mìneachaidh. Tha geur-mhothachadh againn nach eil a h-uile duine gu bhith riaraichte le na co-dhùnaidhean a ràinig sinn mar bhuidhinn, ach rinn sinn iad gu riaghailteach agus gu cùramach. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil na molaidhean a thug sinn seachad cothromach agus so-ruigsinneach, agus gu bheil iad a’ comharrachadh na slighe air adhart airson leasachadh na Gàidhlig.

Tha sinn taingeil airson nam buidhnean agus nan daoine a bha deònach beachdan foirmeil, fiosrachadh, barail agus molaidhean cothromach a thoirt dhuinn. Thug sinn aire don fhiosrachadh sin agus do na chaidh de bheachdan luachmhor a sgrìobhadh anns na bliadhnachan mu dheireadh mu chumail suas cànan agus cultar na Gàidhlig. Ged nach eil co-aonta am measg nam buidhnean Gàidhlig mun t-slighe air adhart, ’s e am beachd san fharsaingeachd gu feum cùisean atharrachadh. Tha sinn air leth taingeil don fheadhainn a shònraich cuid de chùisean a bu chòir an atharrachadh.

Tha sinn a’ cur meas air caoimhneas agus comhairle Mhìcheil O Gruagain agus Peadar O Fladharta, Ceannardan fa leth air Bord na Gaeilge agus Comhdhail Naisiunta na Gaeilge ann an Eirinn.

Cha b’ urrainn do bhuill na Buidhne a bhith air uimhir den tìde agus an neart a chur don obair às aonais deagh-ghean agus taic ar cèileachan-pòsta, ar fastaichean agus ar co-luchd-obrach. Tha sinn a’ cur meas air an taic agus am fad-fhulangas.

Cuideachd tha mi airson taing a thoirt do Francis Brewis agus Uilleam Fox, luchd-fastaidh aig Riaghaltas na h-Alba a thug dhuinn cuideachadh agus treòrachadh.

Seonaidh A. Mac a’ Phearsain, Cathraiche

GEARR-CHUNNTAS NA H-AITHISG

Bha e mar dhleasdanas air a’ Bhuidheann-gnìomha a bhith a’ dèanamh sgrùdadh air suidhichidhean agus structaran a tha a’ toirt taic do na buidhnean Gàidhlig ann an Alba, agus a’ comhairleachadh Mhinistearan na h-Alba mun ullachadh ri teachd, a’ gabhail a-steach taic Riaghaltas na h-Alba don Ghàidhlig mar a chaidh a chur sìos ann am Prògram an Riaghaltais.

Thàinig am Buidheann-gnìomha chun a’ cho-dhùnaidh gu bheil a’ Ghàidhlig ann an suidheachadh cugallach, eadhan èiginneach, agus às aonais taic èifeachdach bhon Riaghaltas cha mhair i beò seach meadhan na 21mh linn. Gus an leasachadh as fheàrr a dhèanamh air a’ chànan, feumaidh maoineachadh poballach sna làithean ri teachd a bhith a rèir feuma, airson pròiseactan sònraichte, agus stèidhichte sa choimhearsnachd.

‘S e ar n-amas airson na Gàidhlig, gum bi i na clach-stèidh anns an Alba ùr a tha romhainn, na meur chudromach agus làidir ann an coimhearsnachd mhisneachail, air stèidh eaconomach agus sòisealta a bhios daingeann agus gum bi uaill aice na dearbh-aithne chànanach agus chultarach fhèin.

Tha na prìomh mholaidhean mar a leanas:

Gun lean Riaghaltas na h-Alba a’ maoineachadh na Gàidhlig agus ga leasachadh tro:

  • Riochdairean Gàidhlig aig àrd-ìre taobh a-staigh an Riaghaltais — roinn bheag de luchd-labhairt Gàidhlig a bhiodh a’ dèiligeadh ri cùisean na Gàidhlig - gus Ministearan a chomhairleachadh mu phoileasaidh. Tha e cudromach gum bi na dreuchdan sin air an suidheachadh gun dàil, gus am bi làmh aig an fheadhainn anns an dreuchd ann a bhith a’ stèidheachadh nan structaran ùra agus ann am planadh nam prìomh-amasan gnìomha.

  • Buidheann Comhairleachaidh a stèidheachadh anns an eadar-ama de cheathrar bhall a’ riochdachadh nan ceithir roinnean obrach a tha air an sònrachadh ann am Moladh 2 gu h-ìosal.

  • Buidheann Leasachaidh Gàidhlig a chur air chois a bhios cunntachail don Riaghaltas agus don Phàrlamaid airson:

    • Roi-innleachd co-fhillte a dhealbh, agus planaichean soilleir ullachadh ‘s an cur an cèill le amasan sònraichte agus so-ruigsinneach.

    • Ceithir roinnean obrach a stiùireadh: (1) foghlam agus ionnsachadh; (2) na h-ealain, cultar agus dualchas; (3) leasachadh eaconomach agus sòisealta; agus (4) planadh agus leasachadh cànain, air taobh a-staigh nan trì coimhearsnachdan a tha air an sònrachadh anns an Structar Leasachaidh.

    • Modh-obrachaidh Inbhe Thèarainte don chànan a thoirt air adhart.

2. Gum bi am Buidheann Leasachaidh Gàidhlig:

  • Fo stiùireadh Cheannaird, le cuideachadh bho Stiùirichean anns gach aon de na ceithir roinnean obrach, agus le Bòrd air a dhèanamh suas den Cheannard agus còignear bhall neo-dhreuchdail a’ riochdachadh na coimhearsnachd Ghàidhlig agus air an taghadh gu cùramach tro dhòigh fastaidh foirmeil. Tha e air a mholadh gum bi na stiùirichean neo-dhreuchdail a’ faighinn tuarastal freagarrach co-ionann ri buidhnean poballach eile.
  • A-mhàin na chladhan airson sruth-airgid bhon Riaghaltas, air a sholar a rèir rùintean soilleir le ùine coileanaidh air a shuidheachadh.
  • A’ dèanamh rianachd air maoin de £10 millean sa bhliadhna sa chiad dol a-mach, an suim as lugha a dh’fheumar airson suidheachadh a chur air dòigh a neartaicheas ‘s a leasaicheas a’ Ghàidhlig (gun a bhith a’ gabhail a-steach craoladh Gàidhlig).
  • A’ sgrùdadh cleachdadh agus buaidh an airgid airson am bi na buidhnean a’ strì a rèir nan riaghailtean air a bheil cunntas anns an Structar Leasachaidh.
  • A’ gabhail thairis modh stiùiridh, agus obair nam buidhnean a tha air am maoineachadh le airgead poballach aig an àm seo. Bhiodh an àireamh de bhuidhnean a tha ann an-dràsta air an lùghdachadh agus bhiodh cuid dhiubh no a h-uile h-aon dhiubh a bhios air fhàgail a’ dol fo sgèith a’ Bhuidheann Leasachaidh.
  • A’ stèidheachadh a’ mhòr-chuid de stiùireadh obair na Gàidhlig far a bheil a’ Ghàidhlig beò, agus air a co-roinn mar a chithear iomchaidh airson frithealadh do na "coimhearsnachdan beothail" agus suidheachadh na Gàidhlig gu nàiseanta.

’S e bun na cùise don Ghàidhlig gum bu chòir gum biodh iarrtas, ann an Alba ùr, airson nì a tha na bhuannachd don dùthaich a chumail beò. Tha feum air ath-bheothachadh, gus am bi a’ Ghàidhlig na pàirt chudromach de choimhearsnachd fèin-mhisneachail le seasmhachd eaconomach agus sòisealta agus moiteil às a dualchas cànanach agus cultarach.

MODH-OBRACHAIDH

Thòisich am Buidheann-gnìomha le beachdan sgrìobhte iarraidh air buidhnean Gàidhlig, ùghdarrasan ionadail agus buidhnean eile aig a bheil gnothach ris a’ chuspair. An dèidh sin chuir iad litrichean gu pàipearan-naidheachd ag iarraidh bheachdan bhon mhòr-shluagh. An dèidh dhaibh na beachdan sgrìobhte a leughadh, còmhla ris an fhiosrachadh a bha nan cois, choinnich am Buidheann-gnìomha ri gach buidheann gus beachdachadh air an t-suidheachadh gu mionaideach. Cuideachd choinnich sinn ri taghadh de dhaoine a bha air beachdan inntinneach a chur a-steach no aig an robh eòlas agus comas ann an pàirt air choireigin de leasachadh na Gàidhlig. Thug sinn ochd latha ri na coinneamhan pearsanta sin. Chuir 40 buidhnean a-steach am beachdan agus thàinig 65 litrichean no post-dealain bho dhaoine fa leth. (Tha liosta de na buidhnean a tha a’ faighinn airgead poballach ann am Pàipear-taice 3). Choinnich buill na Buidhne airson ceithir latha a bharrachd agus bha iad a’ conaltradh gu tric tro cho-labhairt fòn agus post-dealain.

Le Buidheann-gnìomha eadar-dhealaichte a’ rannsachadh comasachd seanal telebhisein sònraichte Gàidhlig, agus le craoladh glèidhte fo ùghdarras Phàrlamaid Westminster, dh’fhàg sinn craoladh a-mach às ar mion-sgrùdadh ach choinnich sinn ris a’ Bhuidhinn-gnìomha Craolaidh gus fiosrachadh a cho-roinn. Le craoladh Gàidhlig air leth cudromach do leasachadh a’ chànain, tha sinn a’ cur ar taice ris an iarrtas airson seanal telebhisean sònraichte airson na Gàidhlig.

Thuirt cuid de bhuidhnean agus daoine air leth gum bu chòir don Bhuidheann-gnìomha cothrom fhaighinn airson molaidhean a bharrachd a chur air adhart. Ged a lùigeadh sinn sin a dhèanamh tha sinn a’ faicinn am bun-phoileasaidh, an t-ullachadh agus an structar a tha sinn a’ moladh mar chiad cheum de dh’obair chudromach agus chan eil sinn airson roi-bheachdachadh air èifeachd na h-obrach le molaidhean neo-iomchaidh aig an ìre seo. Cha b’ e leabhar mòr làn ‘faodaidh’ agus ‘chan fhaod’ a bha sinn a’ feuchainn ri sgrìobhadh. Tha pailteas den t-seòrsa sin ri fhaotainn agus chan eil adhbhar dhuinn a bhith ag ath-sgrìobhadh bheachdan a bha air an cur an cèill na b’ fheàrr le feadhainn eile. Cha b’ e mìneachadh foghlaimte air deasbad na Gàidhlig a chaidh iarraidh oirnn, ach beachdan air mar a gheibhte fuasgladh. Ach thug sinn aire don rannsachadh luachmhor agus domhain a rinn an t-Ollamh Coinneach MacFhionghain agus feadhainn eile.

A’ GHAIDHLIG AGUS RIAGHALTAS NA H-ALBA

Tha cùmhnant Riaghaltas na h-Alba, Com-pàirteachas airson Alba, a’ gealltainn gun cuir an Riaghaltas taic ri cànan agus cultar na Gàidhlig. Tha an cùmhnant ag aithris gun obraich an Riaghaltas airson inbhe thèarainte fhaighinn don Ghàidhlig agus gun cur iad airgead an sàs ann an Sabhal Mòr Ostaig, a’ Cholaiste Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt seachad taic dhìreach airson na Gàidhlig ann an trì prìomh roinnean: craoladh, foghlam agus buidhnean cultarach. Tha an taic iomlan ann an 2000-2001 a’ tighinn gu £13.2 millean. A-mach às a’ mhaoineachadh seo tha £8.5 millean a’ dol gu craoladh, £2.6 millean gu foghlam fo sgeama nan tabhartasan sònraichte, £605,000 gu prògraman foghlaim eile, £693,000 gu Sabhal Mòr Ostaig, agus £608,000 gu buidhnean cultarach.

A bharrachd air taic dhìreach bho Riaghaltas na h-Alba, tha mu £500,000 air a thoirt seachad gach bliadhna le Comhairle Ealain na h-Alba do phròiseactan le buntaineas dìreach agus neo-dhìreach ris a’ Ghàidhlig.

Thar an fhichead bliadhna a dh’fhalbh tha tomhas taic riaghaltais airson na Gàidhlig air meudachadh. A bharrachd air taic airgid chaidh nithean misneachail eile air adhart o chionn ghoirid leithid dreuchd Ministear airson Gàidhlig aig an Riaghaltas ann am Westminster agus tha Riaghaltas na h-Alba a’ cumail na dreuchd seo a’ dol, an riaghaltas a’ tòiseachadh agus a’ cumail taic ri Iomairt Chaluim Chille, a’ chiad deasbad Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba, soidhnichean Gàidhlig agus goireasan eadar-theangachaidh ann an togalach na Pàrlamaid, fastadh Oifigear Pàrlamaideach Gàidhlig, toiseach a’ phròiseict airson faclair a thèid a chleachdadh leis a’ phàrlamaid, Comataidh Pàrlamaid Eadar-Phàrtaidheil airson Gàidhlig air a stèidheachadh, agus foghlam Gàidhlig air a shònrachadh mar Raon Prìomh-amais Nàiseanta. Fhuair sinn tuilleadh misneachd airson leasachadh nuair a chuir Riaghaltas Bhreatainn an ainm ri Clàr Comhairle na h-Eòrpa airson Cànain Dùthchail no Mion-Chànain, a’ toirt cothrom a’ Ghàidhlig a chleachdadh airson suidheachaidhean sònraichte ann an cùisean sìobhalta anns na roinnean de dh’Alba far a bheil luchd na Gàidhlig a’ dèanamh suas earrann mhòr den t-sluagh. Le àite aig a’ Ghàidhlig a-nis air taobh a-staigh chrìochan laghail nam Prìomh-amasan Nàiseanta tha sinn ceum mòr air adhart, agus feumar strì thar nam bliadhnachan ri teachd gus dèanamh cinnteach gum fosgail seo slighe gu adhartas èifeachdach ann an lìbhrigeadh Foghlam Meadhan-Gàidhlig.

Ach, mar a tha sinn a’ foillseachadh ann an earrann eile den aithisg, tha a’ Ghàidhlig ann an staid chugallach, eadhon staid èiginneach. Gun taic èifeachdach bhon Riaghaltas cha mhair i beò gu ìre feumail sam bith seach meadhan na 21mh linn. Tha e do-smaoineachaidh gun trèigeadh Alba i. Feumaidh i leantainn mar aon de phrìomh-amasan nàiseanta Riaghaltas na h-Alba.

" Tha Gàidhlig na neamhnaid luachmhor ann an cridhe ‘s ann an anam na h-Alba. Chan eil i air a cuingealachadh le crìochan teann no air a cròdhadh ann an cùiltean cumhang. Tha Gàidhlig nàiseanta, Eòrpach agus eadar-nàiseanta. Tha i bunaiteach do dh’Alba; chan eil i idir air an oir no air chul-fraoin. Feumar a dèanamh gnàthach agus a còraichean a dhèanamh teàrainte."
Alasdair Morrison, BPA, Ministear na Gàidhlig (Deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba).

COR NA GAIDHLIG AIG AN AM SEO

Cha deach mòr-sgrùdadh a dhèanamh air a' Ghàidhlig bho 1982, nuair a stiùir an aithisg "Cor na Gàidhlig" an t-slighe gu stèidheachadh Chomunn na Gàidhlig gus iomairtean ùra a ghabhail os làimh a bheothaicheadh an cànan. Ged a bha pàirt den obair glè shoirbheachail, air cùl ìomhaigh a tha a' coimhead fallain gu leòr chan eil a' Ghàidhlig ach beò air èiginn.

Ged a tha i air aon de na stòrais as prìseile an Alba, dh'fhaodadh gun canadh cuid gur e a' Ghàidhlig an leòinteach bu mhiosa den linn ùr. Chan eil ga cumail suas ach snàithlean a tha a' fàs nas taine gach latha. Ged a tha beagan piseach ri fhaicinn aig amannan, chan eil a' chùis ach truagh.

A rèir nan àireamh oifigeil 's ann a' dol air ais a tha i. Aig cunntas-sluaigh 1991 bha 65,978 luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba (1.35% den àireamh-sluaigh nàiseanta), sìos bho 79,307 ann an 1981(1.6%) agus 210,677 ann an 1901(5.2%). Bidh sinn tric a' cluinntinn gu bheil an àireamh sa cheud de luchd-labhairt Gàidhlig cho ìosal 's nach fhiach oidhirp a dhèanamh a cumail beò, gun luaidh air a h-ath-bheothachadh. 'S ann ainneamh a chluinneas sinn duine a' faighneachd carson a tha an àireamh cho beag, agus dè bu chòir a dhèanamh airson stad a chur air a' chrìonadh. Thuirt am bàrd cliùiteach Somhairle Mac Gill-eain nach maireann: "Ma bhàsaicheas a' Ghàidhlig caillidh Alba nì anns a bheil luach do-labhairt, 's cha mhòr nach bi na Gaidheil air a h-uile dad a chall." 'S e dearbhadh a th’ ann air leanailteachd na Gàidhlig, no 's dòcha mìorbhail, gun mhair i beò gu ruige seo. Air taobh a-staigh beachd-smuainealas mu cho-shamhlachadh cànain agus fo ghrèim mòr-chànan agus cumhachdan làidir bhon taobh a-muigh, cha deach inbhe oifigeil no misneachd a thoirt don Ghàidhlig. Air a' char bu mhiosa bha i air a cumail sìos, uaireannan le laghan cuibhreachail mar Achdan Foghlaim, agus aig aon àm bha i air a toirmeasg. Aig a' char a b' fheàrr bha na h-ùghdarrasan a' cur suas leatha. Sìos tro eachdraidh na Gàidhlig chan fhacas ach trèigsinn: trèigsinn na stàite; droch-rùn; àicheadh le deòin; agus, 's dòcha an trèigsinn bu mhiosa, dearmad ann an ainm caoimhneis. Tha an cànan air fulang creachadh agus crìonadh tro dhìth inbhe, imrich, tro shluagh a' falbh agus tro choimhearsnachdan a' fàs lag. Ach tha comharraidhean misneachail againn nach eil i a-nis air a fàgail air an iomall. Tha àite cudtromach aig a' Ghàidhig ann an Alba a tha airson àite a thoirt do na h-uile.

Ged a tha luchd-strì dìleas agus dìcheallach a' dèanamh mòran airson leasachadh na Gàidhlig, agus ged a bha cuid dhiubh glè shoirbheachail anns na bliadhnachan a chaidh seachad, tha tomhas agus gnè an adhartais air a bhacadh aig dìth stòrais, dìth lèirsinn agus dìth planadh airson a' chànain. Chuir a h-uile buidheann nar cuimhne gu robh aca ri tuilleadh 's a chòir ùine agus obair aca ri chaitheamh a' togail airgid airson cumail a' dol. Tha an suidheachadh air a dhèanamh nas miosa aig dìth poileasaidh leasachaidh iomlan agus tha sin ag adhbhrachadh agus a' cur ris a' bheachd nach eil fhios aig na Gaidheil dè tha iad a' dèanamh, gu bheil maoineachadh dùbailte aca, agus nach eil airgead poballach air a roinn no air a chaitheamh gu glic. Ged a tha a' mhòr-chuid den "deasbad Gàidhlig" cothromach, fosgailte agus fallain, bho àm gu àm 's e an teas as làidire na an solas agus uaireannan tha an còmhradh a' fàs nas cudtromaiche na an cànan fhèin.

"When I think of my tongue being no longer alive in the mouths of men, a chill goes over me that is deeper than my own death, since it is the gathered death of all my kind."
David Malouf, ùghdar Astràilianach (1985)

Tha deagh chunntas mu chion planaidh airson atharrachadh cànain ann am pàipear breithneachail le Wilson McLeòid à Sabhal Mòr Ostaig agus tha sinn a' toirt taing dha airson cead am pìos a leanas dheth a chleachdadh:

"Over the course of the last fifteen years, Gaelic in Scotland has benefited from an unprecedented programme of public investment, transmitted through a wide range of initiatives across a number of fields, notably education, the media, and the arts. The perceived success of these initiatives has prompted many to speak of a Gaelic ‘renaissance’ in Scotland (Rogerson & Gloyer, 1995). The visibility and public profile of the language have been substantially increased through this process, and the political and cultural ramifications of these developments have unquestionably been significant. At the same time, however, relatively little consideration has been given to matters of language development in a more formal sense, to language planning, or to language policy. There has been a serious lack of strategy to this ‘renaissance’, and fundamental questions have been sidestepped. Initiatives have tended to be uncoordinated and haphazard, driven without the guidance of theory or the control of planning. Resources have been allocated unevenly, with some fields receiving disproportionate funding and others being severely neglected.

"Most disturbingly of all, there is no meaningful evidence to suggest that this ‘renaissance’ has worked any change in patterns of Gaelic language use, whether at community or family level, yet little attention has been paid to the key problem of ongoing demographic decline. Instead of grappling with the fundamental challenge of halting or reversing language shift, there has been a disturbing tendency to rely upon and perhaps even to believe the rhetoric of the glossy brochure and the press release.

"Set against the achievements of lesser-used language communities in other European countries — Wales, Catalunya, Euskadi for example — the level of initiative and provision for Gaelic in Scotland remains startlingly low."

Tha sinn taingeil airson na chaidh fheuchainn agus na chaidh a choileanadh agus dhaibhsan a bha air ceann nan iomairtean, ach feumar a-nis gluasad gu iomairtean ùra beothail. Cha tig adhartas às aonais roi-innleachd, poileasaidh, planadh agus amasan.

Tha trì roghainnean bunaiteach mu choinneamh na Gàidhlig. 'S e a' chiad roghainn gun dad a dhèanamh agus leigeil dhi bàsachadh gu h-obann. 'S e an dara roghainn cùram lasachaidh a thoirt dhi 's gu mair i beò beagan nas fhaide. 'S e an treas tè leigheas mhòr. Ma tha a' Ghàidhlig gu bhith air a cumail beò, chan eil roghainn againn ach an treas tè. Chan i seo an roghainn as fhasa. Iarraidh i stiùireadh foghainteach, briathran onorach, riaghladh tuigseach agus urramach, lèirsinn cruthachail agus bunait làidir. Tha pàirt Riaghaltas na h-Alba ann an cruthachadh agus coileanadh nan nithean sin air leth cudromach.

"Ultimately, the issue of Gaelic is not just a Scottish issue. It is an issue of human dignity, of belonging, and of justice."
Comunn na Gaidhlig (Inbhe Theàrainte dhan Ghàidhlig, An Dùbhlachd, 1997)

Mar as trice tha dà thaobh air planadh cànain: planadh inbhe agus planadh corporra. Tha planadh inbhe a' dìon no ag atharrachadh cleachdadh cànain agus còraichean agus iarrtasan a luchd-labhairt. Mar eisimpleir, dh'fhaodadh gu bheil luchd-labhairt mion-chànain air am bacadh bho bhith a' cleachdadh a' chànain sin ann am foghlam an cuid chloinne no ann an cùirtean lagha. Tha sin ag innse nach eil inbhe aige. Air an làimh eile dh'fhaodadh foillseachadh a thighinn bho riaghaltas gum bi àite oifigeil aig barrachd air aon chànan, mar sin a' toirt inbhe don chànan a tha air àite às ùr fhaighinn.

Tha planadh corporra a' gabhail àite am broinn planadh poileasaidh. Tha e ag òrdachadh planadh leasachaidh cànain, uaireannan a' suidheachadh riaghailtean, no ag atharrachadh litreachadh, briathrachas agus cleachdadh às ùr (ann an craoladh agus riaghladh, mar eisimpleir). Le cànain gun phlanadh inbhe tha planadh corporra daonnan doirbh agus uaireannan troimh-chèile no do-dhèanta. Tha dìth planadh corporra mar as trice a' ciallachadh gum bi mòran bhuidhnean a' leantainn amasan eadar-dhealaichte.

Tha caochladh mhodailean eagrachaidh ann a dh'fhaodadh a bhith air an cleachdadh ann an leasachadh Gàidhlig. Tha am modail a thathar a' cleachdadh aig an àm seo neo-choileanta agus gun structar soilleir. Ged a tha a h-uile buidheann gu dìcheallach a' strì ri an amasan fhèin a choileanadh, 's e glè bheag a tha ri fhaicinn de dhòigh-obrachaidh aonaichte no coileanta. Tha na tachartasan eadar-dhealaichte ionmholta agus riatanach ach tha iad air am faicinn mar phròiseactan fa leth nach buin do phoileasaidh iomlan no do roi-innleachd tur farsaing. Tha toiseach mìle-bliadhna ùr freagarrach airson an riaghailt sin atharrachadh. Feumaidh Riaghaltas na h-Alba an t-atharrachadh sin a bhrosnachadh. Feumaidh an fheadhainn a bhios an sàs anns an atharrachadh a bhith nan armailt èifeachdach a bheir an obair gu buil le measgachadh de rian-iomairt agus rian-airm. Chan fhaod a' Ghàidhlig a bhith nas fhaide an crochadh air gun dèanar na nithean cearta, ach air na daoine cearta a bhith a' dèanamh nan nithean cearta. Ma tha a' Ghàidhlig gu bhith air a cumail beò feumaidh i ìre taic fhaighinn co-ionann ris na tha muinntir na Cuimrigh agus Eirinn a' faighinn an-dràsta. Anns a' chumantas gheibh an argumaid seo am freagairt "Ach tha deichnear luchd-labhairt Cuimris mu choinneimh gach neach le Gàidhlig." Gu h-iongantach 's ann a tha am beachd sin a' daingneachadh na h-argumaid. 'S e aon de na h-adhbhair a tha Cuimris cho fallain gu robh am poileasaidh poballach làidir agus an taic airgid poballach aice a tha air a bhith air àicheadh air a' Ghàidhlig roi seo.

"There is widespread recognition (in the business community) of the contribution of the Gaelic arts and cultural industry is making to employment, tourism enhancement and positive attitudinal change."
Aithisg Sproull & Chalmers, Màrt 1998

Ma tha a’ Ghàidhlig gu bhith buan tha e air leth cudtromach gun tèid leudachadh mòr a dhèanamh air Foghlam Meadhan-Gàidhlig, a tha e-fhèin an crochadh air gun tèid dòigh fhaighinn timcheall air a’ ghainnead leantaileach a tha ann de thidsearan Meadhan-Gàidhlig. Gheibh sinn sealladh nas fheàrr air meud an duilgheadais a tha mu choinneimh a’ chànain nuair a thuigeas sinn gu feum an 2,000 sgoilear a tha an-dràsta ann am foghlam Meadhan-Gàidhlig eadar bun-sgoil agus àrd-sgoil a chur suas a chòig uiread airson an àireamh luchd-labhairt Gàidhlig a chumail aig an ìre seo, gun luaidh air am meudachadh. Chan eil feumalachd foghlaim air a chuideachadh aig dìth Luchd-sgrùdaidh, dìth trèanadh agus ullachadh in-sheirbheis, agus dìth mothachaidh no adhartachaidh air luach foghlam dà-chànanach. Tha feum air siostam maoineachaidh aonaichte, a’ gabhail a-steach tabhartasan sònraichte, airson foghlam aig ìre bun-sgoil, ìre àrd-sgoil agus treas-ìre.

"Pupils receiving Gaelic-medium primary education, whether or not Gaelic was the language of their home, were not being disadvantaged in comparison with children educated through English. In many ways, though not in all instances, they out-performed English-medium pupils and in addition gained the advantage of having become proficient in two languages."
Richard Johnstone, Stiùiriche, Scottish Centre for Information on Language Teaching and Research (1999)

Tha atharrachadh cànain mall agus iom-fhillte. Tha e a’ gabhail a-steach fèin-aithne agus fèin-fhoghainteachd. Chan eil an strì airson cànain a-mhàin, ach airson leasachadh cultarail, sòisealta agus eaconomach a neartachadh. Feumar a thugisinn nach e eallach trom a tha ann an dà-chananas ach foillseachadh air iomadachd cultair. Feumar obrachadh air leth agus còmhla ri chèile airson cànan a chumail beò. Ach tha mòran deagh-ghean ga nochdadh don Ghàidhlig agus spèis às ùr ga thoirt do chànan, cultar agus dualchas mar dhòigh air spiorad dhaoine agus choimhearsnachdan a bheothachadh. Feumaidh dìon agus adhartachadh na Gàidhlig a bhith na phrìomh-amas anns na coimhearsnachdan anns a bheil i fhathast air bilean an t-sluaigh. Cuideachd feumar taic a thoirt dhi anns na "coimhearsnachdan beothail" air taobh a-muigh nan coimhearsnachdan sin. Agus feumar obrachadh gus dèanamh cinnteach gu ruig barrachd den luchd-ionnsachaidh ìre fileantachd.

Tha ar n-amasan, co-dhùnaidhean agus molaidhean air an cur an cèill a rèir roi-innleachd anns a bheil dà iall. Tha a’ chiad iall goirid agus chuireadh e casg air mar a tha àireamhan luchd-labhairt Gàidhlig a’ dol sìos agus chumadh e an àireamh gun atharrachadh thar na deich bliadhna ri teachd. Tha an dara iall fad-ùine agus, leis a’ bhrosnachadh ceart, tòisichidh àireamhan luchd-labhairt a’ dol suas. Ach cha tèid sin a choileanadh gu bràth tro dheagh-ghean a-mhàin no tro shàr obair dhaoine fa leth agus bhuidhnean. Mar a tha an cànanaiche cliùiteach David Crystal ag radh: "It’s too late to do anything to help many languages, where the speakers are too few or too old, and where the community is too busy trying to survive to care about their language. But many languages are not in such a serious position. Often, where languages are seriously endangered, there are things that can be done to give new life to them. It is called revitalisation.

"Once a community realises that its language is in danger, it can get its act together, and introduce measures which can genuinely revitalise. The community itself must want to save its language. The culture of which it is a part must need to have a respect for minority languages. There needs to be funding, to support courses, materials and teachers. And there need to be linguists, to begin with the basic task of putting the language down on paper."

Chan eil teagamh nach bi na h-argumaidean mu mheanbh-chinneas agus mean-fhàs air an dara làimh agus airson obair mhòr ùr-ghnàthach air an làimh eile a’ cumail a’ dol. Chan eil fhios nach eil àite aig an dà argumaid ann am fuasgladh na ceiste. ’S e bun na cùise don Ghàidhlig gum bu chòir gum biodh iarrtas, ann an Alba ùr, nì a tha na bhuannachd don dùthaich a chumail beò. Tha an t-àm ann airson ath-bheothachadh. Tha an t-àm ann airson plana ùr.

"Chacun recite toutefois que la supreme révélation du gènie national, la clef magique qui donne accès aux plus hautes richesses de la culture, c’est la langue."
Lionel Groulx, eachraiche Canàideanach

< Previous | Contents | Next >

* * *
* Home | Topics | About | News | Publications | Consultations | Search | Links | Contacts | Help *
Crown Copyright | Privacy policy | Content Disclaimer | General enquiries