****
Scottish Executive*Publications  

Making it work together
* * *
* Home | Topics | About | News | Publications | Consultations | Search | Links | Contacts | Help *
*
 

< Previous | Contents

Interchange 62

Coileanadh sgoilearan a tha a' faighinn foghlaim meadhan-Gàidhlig aig ìre bunsgoil an Albainn

Richard Johnstone (Oilthigh Shruighlea); Wynne Harlen (Comhairle Alba airson Rannsachadh ann am Foghlam); Mòrag NicNèill, Bob Stradling (Ionad Rannsachaidh Lèirsinn); Graham Thorpe (Comhairle Alba airson Rannsachadh ann an Fhoghlam)

Roi-ràdh

Tha an Iris seo a' sealltainn co-dhùnaidhean a' chiad sgrùdaidh sònraichte gus coimeas a dhèanamh eadar coileanadh acadaimigeach sgoilearan sa bhunsgoil ann am foghlam meadhan-Gàidhlig agus an co-aoisean ann am foghlam meadhan-Beurla. Rinneadh an rannsachadh, a bha ùghdarraichte le Roinn Foghlaim is Gnìomhachais Oifis na h-Albann, le sgioba à Oilthigh Shruighlea, a' Chomhairle Alba airson Rannsachadh ann am Foghlam (SCRE) agus Ionad Rannsachaidh Lèirsinn (Sabhal Mòr Ostaig, POGE). Thionail am pròiseact dàta mu choileanadh sgoilearan thairis air trì bliadhna sgoile - 1995-96, 1996-97 agus 1997-98. Chaidh beachdan a shireadh ann an 1997 bho phàrantan chloinne a' frithealadh chlasaichean meadhan-Gàidhlig agus ann an 1998-99 bho cheannardan sgoiltean le clasaichean meadhan-Gàidhlig.

Eachdraidh

'S e aon de phrìomh-amasan foghlaim meadhan-Gàidhlig gum bi cothrom aig cloinn air an comasan ann an cùisean pearsanta is foghlaim a leudachadh tro chànan is dualchas na Gàidhlig gun a bhith a' fulang call sam bith an coimeas ri cloinn ann am foghlam meadhan-Beurla. Chan eil foghlam meadhan-Gàidhlig air ullachadh mar ghnàth-chùrsa no mar chòir. Ach, mheudaich an t-iarrtas gu mòr ann am meadhan nan 1980an nuair a thòisich barrachd dhaoine a' tuigsinn gu robh feum aig cànan is dualchas na Gàidhlig air dìon is ath-bheothachadh, agus lean sin gu iomairtean ùra. Bha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, còmhla ri craoladh Gàidhlig, ealain Ghàidhlig agus leasachadh coimhearsnachd is eaconomaidh air am faicinn mar phàirt cudromach den oidhirp gus stad agus 's dòcha atharrachadh mar a bha an àireamh luchd-labhairt a' dol sìos, a rèir cunntasan-sluaigh nàiseanta sìos tron fhicheadamh linn. Ann an 1921 bha an àireamh luchd-labhairt Gàidhlig bho aois trì suas aig 158,779 - ann an 1991 bha sin sìos gu 65,978, a' mhòr-chuid dhiubh nan seann daoine.

Tha foghlam meadhan-Gàidhlig air a lìbhrigeadh tro chaochladh mhodh, ach tha iad uile stèidhichte air a' phrionnsabal gum bi a' Ghàidhlig air a cleachdadh mar phrìomh mheadhan teagaisg is ionnsachaidh bho Prìomh 1 sa Bhunsgoil suas (agus gum bi i nas bitheanta ann am foghlam aig ìre ro-sgoil). Tha a' Bheurla air a toirt a-steach mean air mhean mar a tha sgoilearan a' dol tron bhunsgoil ach chan ann air an aon dòigh a tha na modhan eadar-dhealaichte a' coileanadh an amais seo. Ann an cuid de shuidheachaidhean, tha Beurla air a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig; ann an cuid eile tha Beurla air a theagasg tro mheadhan na Beurla. Ann an cuid de sgoiltean tha ìre bogaidh aca airson a' chiad dà bhliadhna no trì, agus an dèidh sin tha ìre dhà-chànanach le prìomhachas aig a' Ghàidhlig. Ann an cuid eile, tha an cudrom ag atharrachadh gu bhith a' cleachdadh barrachd Beurla mar mheadhan teagaisg anns an dà bhliadhna mu dheireadh sa bhunsgoil.

Nuair a chaidh ùghdarras a thoirt airson an rannsachaidh seo ann an 1995 bha 51 bunsgoiltean an Albainn anns an robh àireamh de na sgoilearan a' faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Ann an 1999 bha clasaichean/aonadan meadhan-Gàidhlig ann am 56 bunsgoiltean agus bha bunsgoil meadhan-Gàidhlig air fosgladh ann an Glaschu. Bha an sgioba rannsachaidh a' dèiligeadh ri na 31 bunsgoiltean aig an robh, no aig am biodh, clasaichean ann am P7 aig àm an rannsachaidh.

Tha suidheachadh cànain is dualchais chloinne a' tighinn do na clasaichean meadhan-Gàidhlig sin glè eadar-dhealaichte - tha cuid aca le tomhas fileantachd agus cleachdte ris a' chànan agus an dualchas san dachaigh agus a' choimhearsnachd; tha cuid eile nach eil cho fileanta agus cuid gun dad ach faclan is abairtean. Sna tùs ìrean sa bhunsgoil tha seo gu tric air leantainn gu barrachd ionnsachadh cànain na ionnsachadh a' chlàr-teagaisg. Mar thoradh air sin b' e am barail cumanta gu robh roinnean sònraichte den chlàr-teagaisg anns an robh astar ionnsachaidh chloinne a bha air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig air dheireadh air an co-aoisean ann am foghlam meadhan-Beurla anns na tùs ìrean agus na h-ìrean meadhan sa bhunsgoil. Ach, a rèir rannsachadh eadar-nàiseanta mu bhogadh ann an dara cànan tha iad mar as trice aig ìre co-ionann mus fhàg iad a' bhunsgoil.

Modhan-obrach

Cuimsean airson builean ionnsachaidh

Bha am pròiseact ag amas air measadh:

  • ìrean-coileanaidh sgoilearan a rèir nan cuimsean nàiseanta a tha air an comharrachadh ann am prògram 5-14
  • ìre coileanadh nan sgoilear air an teagasg ann an clasaichean meadhan-Gàidhlig an coimeas ri ìrean-coileanaidh nàiseanta.

Measadh 5-14

Gus coinneachadh ris a' chiad amas, thionail sinn fiosrachadh mu bheachdan a dh'fheumas tidsearan a thoirt air coileanadh gach sgoilear, a' cleachdadh chomharran coileanaidh 5-14. Tha clàr-teagaisg 5-14 a' cur cudrom air còig prìomh roinnean:

  • cànan
  • matamataig
  • eòlas àrainneachd
  • na h-ealain
  • foghlam spioradail is moralta.

Tha Stiùireadh 5-14 airson gach roinn den clàr-teagaisg a' mìneachadh builean, iallan is cuimsean coileanaidh. Tha builean coileanaidh a' gabhail a-steach nam prìomh roinnean eòlais, sgil is tuigse. An uair sin tha na roinnean sin air an ath-roinn gu iallan, bho na prìomh chuspairean ionnsachaidh. Tha na h- iallan sin air an cleachdadh mar chuimsean airson còig ìrean adhartais, air an ainmeachadh A gu E. (Bhon rinneadh an rannsachadh, chaidh Ire F a chur riutha mar chuimse a bharrachd do sgoilearan nas adhartaiche.) 'S e Beurla, Gàidhlig, Laideann agus Nua-chànanan na h-Eòrpa na cànanan a tha air an toirt a-steach do Stiùireadh 5-14.

Tha an Stiùireadh Gàidhlig a' cur dealachaidh eadar fileantaich (mar as trice sgoilearan meadhan-Gàidhlig) agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bu chòir cuimsean coileanaidh luchd-ionnsachaidh an cleachdadh air mhodh sùbailte. Buinidh na cuimsean a leanas do fhileantaich/sgoilearan meadhan-Gàidhlig.

Dealbh 1: Cuimsean airson Irean

Ire A

Bu chòir don mhòr-chuid de sgoilearan a choileanadh anns a' chiad trì bliadhna sa bhunsgoil

Ire B

Bu chòir do chuid de sgoilearan a choileanadh ann am P3 no nas tràithe, agus a' mhòr-chuid ann am P4

Ire C

Bu chòir don mhòr-chuid de sgoilearan a choileanadh bho P4 gu P6

Ire D

Bu chòir do chuid de sgoilearan a choileanadh ann am P5 no P6 no nas tràithe, agus a' mhòr-chuid ann am P7

Ire E

Bu chòir do chuid de sgoilearan a choileanadh ann am P7 no A1, agus a' mhòr-chuid ann an A2

Tha measadh 5-14 airson cuideachadh le planadh foghlaim ann an clasaichean is sgoiltean, agus airson fiosrachaidh a thoirt do phàrantan mu adhartas na cloinne. Gun chruinneachadh den dàta sin aig ìre nàiseanta, cha ghabh an coileanadh cuibheasach nàiseanta a mheasadh.

Measadh AAP

Gus coinneachadh ris an dara amas againn dh'fheumadh sinn dàta a chaidh ullachadh leis a' Phrògram Measadh Adhartais (AAP). Tha am prògram leantainneach seo thairis air trì bliadhna a' sgrùdadh coileanadh sgoilearan ann am Beurla, matamataig is saidheans. Tha seo a' tachairt le measadh air sampla a' riochdachadh sgoilearan ann am P4, P7 agus A2. Ach gun an t-sampla a' riochdachadh ach mu 2 sa cheud sgoilear bho gach raon aoisean ainmichte, cha bhiodh mòran dòchais gun gabhadh iad a-steach àireamh mòr gu leòr de sgoilearan meadhan-Gàidhlig. Còmhla ri sin, cha robh deuchainnean AAP rim faotainn ach ann am Beurla, a' ciallachadh gu robh feum air deuchainnean a bharrachd agus air na deuchainnean matamataig is saidheans eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Cha robh deuchainnean pròbhail idir ann am matamataig no saidheans.

Am buntainneas eadar an dà sheòrsa measadh air sgoilearan

Leis an AAP air a stèidheachadh mus do thòisich prògram 5-14, cha robh na toraidhean air tùs a rèir chuimsean 5-14, ach mar chomharran cuibheasach airson gach cuspair fa leth san deuchainn. Nuair a thòisich 5-14 chaidh co-dhùnadh gum biodh comharran nan deuchainn AAP ceangailte a-steach ri ìrean 5-14, atharrachadh a chaidh a thoirt a-steach ceum air cheum agus a bha fhathast a' dol aig àm a' phroiseict seo.

Tha an dà sheòrsa measaidh a' dol còmhla. Bhon chruinneachadh de dh'ìrean 5-14 nan sgoilear thàinig fiosrachadh mu choileanadh sgoilearan fa leth a rèir nan cuimsean is rùintean nàiseanta a tha san stiùireadh. Cuideachd bha e a' toirt cothroim air coimeas a dhèanamh eadar coileanadh sgoilearan meadhan-Gàidhlig agus sgoilearan eile ann am foghlam meadhan-Beurla anns na h-aon sgoiltean. Rinneadh coimeas a bharrachd bho fhiosrachadh iomlan mu choileanadh sgoilearan ann am Beurla a thàinig bho shampla de bhunsgoiltean gun chlasaichean meadhan-Gàidhlig. Thug toraidhean AAP cothrom air comharran cuibheasach bhuidhnean de sgoilearan ann an deuchainnean sònraichte a choimeas ris a' chuibheasachd nàiseanta.

Uine cruinneachaidh dàta

Chaidh an dàta measaidh a chruinneachadh anns a' Chèitean agus an Ogmhìos gach bliadhna (1995-98) mar a leanas:

  • chaidh ìrean-coileanaidh 5-14 ann an Gàidhlig (P3, P5 agus P7) agus Beurla (P5 agus P7) an cruinneachadh anns na trì bliadhnachan sgoile, agus chaidh ìrean-coileanaidh ann am matamataig an cruinneachadh airson P5 ann an 1996-97 agus airson P7 ann an 1997-98. Thug dàta measaidh airson fo-shampla beag de sgoilearan anns na trì bliadhnachan sgoile cothrom airson mìneachadh iomlan a dhèanamh air an adhartas fhad 's a bha am pròiseact a' ruith.
  • chaidh dàta AAP airson saidheans (P4 agus P7) a chruinneachadh ann an 1995-96, matamataig (P4 agus P7) ann an 1996-97 agus Beurla (P7 a-mhàin) ann an 1997-98.

Na prìomh cho-dhùnaidhean

Bha sinn airson dèiligeadh ri trì ceistean eadar-cheangailte:

  • an robh sgoilearan aig ìre bunsgoil ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' coileanadh a rèir comharran coileanaidh 5-14?
  • an robh an ìre adhartais aca coimeas ri an co-aoisean meadhan-Beurla anns na h-aon sgoiltean, na h-aon ùghdarrasan agus aig ìre nàiseanta
  • an robh cùisean sòìsealta no foghlaim sam bith ann a bha a' toirt buaidh shònraichte air adhartas is coileanadh sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig?

Coileanadh 5-14 sgoilearan meadhan-Gàidhlig ann am P3, P5 agus P7

Coileanadh ann an Gàidhlig

Ged a bha tomhas de dh'eadar-dhealachadh anns na cunntasan thairis air na trì bliadhna sgoile, chaidh gluasadan sna ceithir comasan ann an cànan na Gàidhlig (èisteachd, labhairt, leughadh is sgrìobhadh) an aon taobh, mar a leanas:

  • choilean a' mhòr-chuid de sgoilearan ann am P3 ìre A no nas àirde anns na ceithir comasan cànain, a rèir chuimsean 5-14
  • bha a' mhòr-chuid de sgoilearan P5 aig ìre B no C, beagan nas ìsle na bhiodh air a shùileachadh. Ach chaidh iarraidh air tidsearan, nuair a bhiodh iad ag ullachadh dàta mu choileanadh, adhartas gach sgoilear a mheasadh bho àm nan deuchainnean foirmeil (a bha cuid de sgoilearan air an suidhe grunn mhìosan air ais.) Nuair a chaidh aire a thoirt don seo, bha a' mhòr-chuid de na sgoilearan meadhan-Gàidhlig aig Ire C.
  • aig P7 bha mu thriùir às gach còignear no dithis às gach triùir de na sgoilearan air ìrean D no E a choileanadh airson èisteachd, labhairt is leughadh sa Ghàidhlig. Chan eil seo ach beagan nas ìsle na bhiodh air a shùileachadh a rèir nan cuimsean nàiseanta. Ach bha coileanadh ann an sgrìobhadh sa Ghàidhlig mòran nas ìsle na bhiodh air a shùileachadh agus tha e soilleir gum feum an roinn seo de theagasg is ionnsachadh leasachadh a bharrachd. Feumar a radh gu robh suidheachadh co-ionann, ged nach robh e cho mothachail, ann an coileanadh sgoilearan meadhan-Beurla.

Coileanadh ann am matamataig

Thàinig na leanas am bàrr bhon rannsachadh againn:

  • Bha a' mhòr-chuid de sgoilearan P5 aig ìre B no C, le còrr air an dara leth a' coileanadh ìre C no nas àirde ann an 'Làimhseachadh fiosrachaidh' agus 'Aireamhachd, airgead is tomhas'. Bha àireamh nas lugha (mu dhithis às gach còignear) a' coileanadh Ire C no nas fheàrr ann am 'Fuasgladh chruaidh cheistean is feòrachadh' agus 'Cumadh, suidheachadh is gluasad'. Tha seo beagan nas ìsle na shùileachadh airson sgoilearan P5. Ach bu chòir aire a thoirt do dhà phuing. An toiseach, nuair a thugadh a-steach measadh thidsearan air adhartas nan sgoilear bho àm nan deuchainnean foirmeil, bha a' mhòr-chuid de sgoilearan aig ìre C - ged a bha an t-eadar-dhealachadh thar nan ceithir comasan fhathast follaiseach. Anns an dara àite, bha coileanadh ann am matamataig bhon dà shampla meadhan-Beurla de sgoilearan P5 (bhon aon sgoil ri na sgoilearan meadhan-Gàidhlig, agus bhon t-sampla iomlan de sgoilearan ann an sgoiltean eile) cuideachd nas ìsle na shùileachadh (ged a bha na toraidhean aca co-ionann airson nan ceithir comasan)
  • bha còrr is trì chairteal de sgoilearan meadhan-Gàidhlig P7 a' coileanadh co-dhiù ìre D, a tha a rèir nan cuimsean nàiseanta agus cha robh an t-eadar-dhealachadh anns a' choileanadh thar nan ceithir comasan follaiseach.

Cha ghabh na h-atharrachaidhean sin am mìneachadh, gu h-àraidh sna h-ìrean meadhan den bhunsgoil, gun tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh air an dòigh anns a bheil matamataig air a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Dh'fhaodadh gu bheil 'Fuasgladh chruaidh cheistean is feòrachadh' agus, gu ìre nas lugha, 'Cumadh, suidheachadh is gluasad' an urra ri cànan gu ìre nas motha na tha an dà bhuil-ionnsachaidh eile - ach aig an àm seo chan eil an sin ach beachd.

Coileanadh ann am Beurla

Anns na trì bliadhna sgoile a tha air an gabhail a-steach sa phròiseact bha coileanadh sgoilearan meadhan-Gàidhlig ann am P4 agus P5 a rèir nan cuimsean coileanaidh nàiseanta airson nan ceithir comasan ann an cànan na Beurla. Cho-dhùin sinn:

  • gu robh a' mhòr-chuid de sgoilearan P5 aig ìre B no C airson èisteachd, labhairt, leughadh is sgrìobhadh sa Bheurla
  • gu robh mu thrì chairteal de sgoilearan P7 air co-dhiù ìre D a choileanadh airson èisteachd, labhairt is leughadh sa Bheurla. Bha suidheachadh co-ionann ann airson sgrìobhadh sa Bheurla ann an 1997-98 ach bha e sìos beagan ann an 1995-96 agus 1996-97 (le triùir às gach còignear a' coileanadh ìrean D no E).

Deasbad mu cho-dhùnaidhean 5-14

Sheall an rannsachadh againn gu bheil sgoilearan meadhan-Gàidhlig san t-sampla againn a' coinneachadh ri na cuimsean coileanaidh nàiseanta ann am P3 (Gàidhlig a-mhàin), P5 agus P7 (Gàidhlig, Beurla is matamataig). Tha seo a' gabhail a-steach sgoilearan le Gàidhlig mar dhara cànan. Ach cho-dhùin sinn:

  • gu bheil feum air barrachd beachdachaidh mu dhòighean air taic a thoirt do sgoilearan le sgrìobhadh cruthachail sa Ghàidhlig
  • gu bheil cuid de sgoilearan meadhan-Gàidhlig, a tha a' coileanadh nan cuimsean nàiseanta airson Gàidhlig ann am P7, a' coileanadh nas fheàrr airson Beurla
  • gu bheil feum air barrachd beachdachaidh mu theagasg cuid de phuingean matamataig tro mheadhan na Gàidhlig, gu h-àraid sna h-ìrean meadhan de dh'fhoghlam bunsgoil

Coimeas eadar coileanadh sgoilearan ann am foghlam bunsgoil tro mheadhan na Gàidhlig agus ìrean coileanaidh nàiseanta bho rannsachadh AAP

Bha co-dhùnaidhean AAP glè fheumail gus beachd a thoirt dhuinn air dè cho math 's a bha sgoilearan meadhan-Gàidhlig a' coileanadh an coimeas rin co-aoisean ann am foghlam meadhan-Beurla anns na h-aon sgoiltean agus ri sgoilearan den aon aois air feadh Albainn. Fhuair na co-dhùnaidhean sin taic bho choimeas eadar measadh 5-14 a thug tidsearan seachad mar shampla de sgoilearan meadhan-Gàidhlig agus sgoilearan meadhan-Beurla a' frithealadh na h-aon sgoiltean agus an sampla iomlan de sgoilearan meadhan-Beurla à bunsgoiltean eile an Albainn.

Coileanadh ann an saidheans

Chaidh deuchainnean saidheans AAP an dèanamh air sgoilearan P4 agus P7 ann an 1995-96

  • bha comharran coileanaidh cuibheasach sgoilearan P4 a rèir a' chuibheasachd nàiseanta ach bha iad mòran na b' ìsle na comharran cuibheasach sgoilearan meadhan-Beurla sna h-aon sgoiltean
  • ann am P7 bha sgoilearan meadhan-Gàidhlig fada air dheireadh air an co-aoisean ann am foghlam meadhan-Beurla sna h-aon sgoiltean, ged a bha iad a' coileanadh faisg air a' chuibheasachd nàiseanta.

Cha ghabhadh coimeas a dhèanamh eadar co-dhùnaidhean AAP agus 5-14 oir cha robh deuchainnean Nàiseanta airson Eòlas Arainneachd 5-14 (a' gabhail a-steach saidheans bunsgoil) rim faotainn.

Coileanadh ann am matamataig

Bha co-dhùnaidhean AAP rim faotainn airson P4 agus P7 (1996-97).

  • bha comharran coileanaidh cuibheasach nan sgoilear meadhan-Gàidhlig bho gach bliadhna mòran nas àirde na a' chuibheasachd nàiseanta
  • bha iad cuideachd a' coileanadh nas fheàrr na sgoilearan meadhan-Beurla sna h-aon sgoiltean
  • bha am beàrn eadar sgoilearan meadhan-Gàidhlig is meadhan-Beurla na bu mhotha aig P7 na aig P4.

An coimeas ri sin, sheall measadh 5-14 nan tidsear aig P5 (1995-96) agus P7 (1997-98) gu robh sgoilearan meadhan-Gàidhlig aig P5 air thoiseach air sgoilearan meadhan-Beurla sna h-aon sgoiltean anns na ceithir roinnean de chomas matamataig; agus gu robh iad beagan sìos air an t-sampla iomlan de sgoilearan meadhan-Beurla ann am 'fuasgladh chruaidh cheistean is feòrachadh' agus 'cumadh, suidheachadh is gluasad' ach aig ìre co-ionann ann an 'làimhseachadh fiosrachaidh' agus 'àireamhachd, airgead is tomhas'. Aig P7 cha robh eadar-dhealachadh ro mhòr ann an sgoilearan meadhan-Gàidhlig agus sgoilearan meadhan-Beurla sna h-aon sgoiltean no san t-sampla iomlan bho na ceithir roinnean.

Coileanadh ann am Beurla

Bha co-dhùnaidhean AAP air an cuingealachadh gu sgoilearan P7. Sheall iad:

  • gu robh sgoilearan meadhan-Gàidhlig fada air thoiseach air an co-aoisean meadhan-Beurla sna h-aon sgoiltean ann an leughadh is sgrìobhadh, gu h-àraid sgrìobhadh.
  • gu robh iad aig ìre co-ionann ris a' chuibheasachd nàiseanta ann an leughadh agus os cionn a' chuibheasachd nàiseanta ann an sgrìobhadh.

An coimeas ri sin, bha measadh 5-14 nan tidsear airson Beurla aig P5 agus P7 a' sealltainn: aig P5 gu robh sgoilearan meadhan-Gàidhlig is sgoilearan meadhan-Beurla aig ìre co-ionann anns na ceithir comasan de chànan na Beurla sna h-aon sgoiltean; gu robh sgoilearan meadhan-Gàidhlig aig ìre beagan nas ìsle na sgoilearan meadhan-Beurla san t-sampla iomlan. Aig P7, bha sgoilearan meadhan-Gàidhlig daonnan air thoiseach air sgoilearan meadhan-Beurla sna h-aon sgoiltean anns na ceithir comasan, agus co-ionann ris an t-sampla iomlan.

Deasbad mu cho-dhùnaidhean AAP

Tha co-dhùnaidhean AAP còmhla ri dàta 5-14 a' sealltainn gu robh sgoilearan meadhan-Gàidhlig sa bhliadhna mu dheireadh sa bhunsgoil pìos air dheireadh air sgoilearan meadhan-Beurla ann an saidheans ach air thoiseach orra ann am matamataig agus Beurla. Cha deach an rannsachadh a chur an sàs gus mìneachadh carson a bha na co-dhùnaidhean mar a bha iad. Dh'fhaodadh gun robh uireasbhaidh nan sgoilear Gàidhlig ann an saidheans mar thoradh air gur e saidheans a' chiad chuspair a chaidh a sgrùdadh ann an rannsachadh AAP (1995-96), no gur ann aig deireadh teirm na sgoile a rinneadh deuchainnean saidheans AAP. A thaobh deagh choileanadh sgoilearan meadhan-Gàidhlig ann am Beurla, sheall rannsachadh eadar-nàiseanta gu bheil fileantachd ann an dà chànan a' leantainn gu comas bunasach ann an cànan a chuidicheas luchd-ionnsachaidh le cànan sam bith a bhios iad ag ionnsachadh no a' cleachdadh.

Buaidh na dachaigh, na sgoile agus na coimhearsnachd air adhartas foghlam meadhan-Gàidhlig

Dh'fhaodadh buaidh mhòr a bhith aig pàrantan sgoilearan meadhan-Gàidhlig air ullachadh foghlam meadhan-Gàidhlig sna sgoiltean sin. Thug sin oirnn beachdan phàrantan a shireadh mu chùisean co-cheangailte ri ullachadh foghlam meadhan-Gàidhlig. Chaidh ceisteachan a chur thuca tron phost ann an 1997, a thug dhuinn fiosrachadh mu 577 clann à 238 teaghlaichean agus 32 bunsgoiltean.

Dè na beachdan a bha aig pàrantan mu fhoghlam meadhan-Gàidhlig sa bhungoil?

Bha a' mhòr-chuid de na pàrantan a thug seachad beachdan glè riaraichte leis an fhoghlam a bha a' chlann aca a' faighinn. Tharraing iad aire gu comas nan tidsear agus an ìre ùidh a nochd iad. Bha iad cuideachd mothachail air cuid de na duilgheadasan a tha a' coinneachadh ri foghlam meadhan-Gàidhlig - mar eisimpleir, feumar barrachd taic is trèanadh in-sheirbheis a thoirt do thidsearan a tha ann am foghlam meadhan-Gàidhlig, agus tha fìor fheum air barrachd stòrais teagaisg a chruthachadh airson cuid de roinnean a' chlàr-teagaisg (gu h-àraid matamataig agus saidheans). Bha fìor uallach air mòran dhiubh mun chunnart anns a bheil foghlam meadhan-Gàidhlig sna bunsgoiltean le dìth thidsearan le teisteanas iomchaidh. Bha uallach air cuid dhiubh gum biodh na clasaichean beaga agus an coimheas fàbharach tidsear:sgoilear, a bha na phàirt de fhoghlam meadhan-Gàidhlig, air a mhilleadh, agus bha uallach orra cuideachd mu leanailteachd foghlam meadhan-Gàidhlig - ann an sgoiltean, eadar sgoiltean agus a-steach don àrdsgoil.

Thuirt mu leth nan athraichean agus mu dhithis às gach triùir mhàthraichean gu robh co-dhiù beagan comais aca sa Ghàidhlig. Ach thuirt a' mhòr-chuid dhiubh gur e a' Bheurla bu mhotha a bha iad a' bruidhinn san dachaigh. Cha duirt ach aon duine às gach còignear gu robh iad a' cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh a cheart cho tric ri Beurla. Thuirt dithis às gach triùir a fhreagair gu robh a' chlann aca a' bruidhinn na Gàidhlig a cheart cho tric ris a' Bheurla san dachaigh. Bha mòran de na pàrantan a' brosnachadh chàirdean is luchd-dàimh gu bhith a' bruidhinn sa Ghàidhlig gus am biodh a' chlann a' cluinntinn barrachd den chànan. Cha robh ach glè bheag de phàrantan a' leughadh mòran Gàidhlig, ach thuirt dithis às gach triùir gu robh stuthan leughaidh Gàidhlig san dachaigh agus bhiodh a' mhòr-chuid de na fhreagair agus an clann a' coimhead phrògraman telebhisein Gàidhlig.

Dè na beachdan a thug prìomh luchd-teagaisg ann an sgoiltean mu fhoghlam meadhan-Gàidhlig?

Chaidh ceisteachain a chur gu ceannardan nan 34 bunsgoiltean a bha a' tabhann foghlaim meadhan-Gàidhlig is meadhan-Beurla bho P1 gu P7, agus a bha air com-pàirteachadh ann an rannsachadh AAP agus measadh 5-14 nan tidsear. Chaidh fichead 's a seachd ceisteachan an lìonadh a-steach. Bha seachd dhiubh sin bho sgoiltean ann an coimhearsnachdan anns an robh mu thrì chairteal den t-sluagh le Gàidhlig, agus thàinig freagairtean bho àireamh co-ionann de sgoiltean le glè bheag de luchd-labhairt Gàidhlig sa choimhearsnachd ionadail. Tha geàrr-chunntas gu h-ìosal air prìomh cho-dhùnaidhean an sgrùdaidh.

Taic bho phàrantan

B' e pàrantan meadhan-Gàidhlig a bu dòcha tidsearan ainmeachadh airson a bhith an sàs ann an togail airgid, a' cur air adhart thachartasan sòisealta agus a' cuideachadh le feuman co-cheangailte ri stòrais. Thuirt cuid de cheannardan gu robh barrachd ùidh aig na pàrantan sin ann an cùisean foghlaim agus gu robh iad na bu deònaiche a bhith a' strì aig ìre foghlaim is poiliticeach às leth cànan is cultair na Gàidhlig. Dhaingnich a' mhòr-chuid de cheannardan nach robh an t-eadar-dhealachadh ann am pàrantan meadhan-Gàidhlig bho phàrantan eile ach glè bheag, agus cha b' ann fìor chudromach a thaobh eadar-obrachadh dachaigh-sgoil.

Suidheachadh sòisealta phàrantan meadhan-Gàidhlig

Thug cuid de cheannardan aire chun an eadar-dhealachaidh ann an suidheachadh sòisio-eaconomach agus cultarail an dà bhuidheann phàrant. Ged nach deach dàta fhaighinn mu dhreuchdan phàrantan, tha na tha airidh air biadh sgoile an-asgaidh a' dearbhadh a' bheachd coitcheann seo. Thug sia deug a-mach à 24 sgoiltean seachad fiosrachadh, agus bha barrachd sgoilearan meadhan-Beurla a' cur airson an t-sochair seo. Uile gu lèir, bha 19 às gach ceud sgoilear meadhan-Beurla a' faighinn biadh sgoile an-asgaidh an coimeas ri 6 às gach ceud de sgoilearan meadhan-Gàidhlig.

Tidsearan is meud chlasaichean

Cha robh ach 14 às gach ceud de na tidsearan meadhan-Gàidhlig a' teagasg bhuidhnean aon-bhliadhna, an coimeas ri 60 às gach ceud de na tidsearan meadhan-Beurla. Air an làimh eile, bha an coi-mheas tidsear:sgoilear na b' fheàrr anns a' mhòr-chuid de chasaichean meadhan-Gàidhlig.

Stòrais is taic ann an sgoiltean

Anns an fharsaingeachd, bha ceannardan den bheachd gu robh uidheam gu leòr aig gach roinn. Bha iad den bheachd nach robh Gàidhlig mar chuspair cho pailt ann an stòrais 's a bha Beurla ach a dh'aindeoin sin bha a' mhòr-chuid den bheachd gu robh stòrais gu leòr aca. Bha iad a' faireachdainn gu robh stòrais matamataig pailt gu leòr anns gach roinn ach bha mòran den bheachd gu robh nas lugha stòrais clàr-teagaisg aig an roinn meadhan-Gàidhlig an coimeas ris a' mheadhan-Beurla airson Eòlas Arainneachd, na h-Ealain agus Foghlam Pearsanta is Sòisealta.

Co-fhillteachd

Bha sinn a' ceasnachadh an robh prìomh luchd-teagaisg ann an sgoiltean amharasach no cinnteach gu robh aonadan meadhan-Gàidhlig ri taobh chlasaichean meadhan-Beurla ag adhbhrachadh sgaraidh. Dh'aidich iad gu robh tomhas de dh'eadar-dhealachadh anns an dà bhuidheann do-sheachanta - bha tidsearan meadhan-Gàidhlig a' brosnachadh sgoilearan gu bhith a' bruidhinn na Gàidhlig aig àm-cluich mar phàirt den bhogadh sa chànan. Dh'fhaodadh gum biodh cuid a' faireachdainn gu robh iad dùinte a-mach bho bhuidhnean òigridh Gàidhlig, buidhnean Sradagan agus tachartasan sa choimhearsnachd. A dh'aindeoin sin, b' e am beachd coitcheann gu robh sgoiltean glè aonaichte, agus gu robh tidsearan, pàrantan, bùird sgoile agus na sgoilearan fhèin a' dèanamh deagh oidhirp air spiorad aonaichte a bhrosnachadh.

A bheil meud na sgoile no meud a' chlas a' dèanamh eadar-dhealachadh?

Tha beachd ann gu bheil ceangal cinnteach eadar coileanadh agus meud clasa - dh'fhaodadh gu bheil coi-mheas tidsear:sgoilear nas ìsle a' dèanamh cinnteach gum bi barrachd cothrom air teagasg air leth agus aon-neach. Tha am beachd seo cumanta am measg phàrantan meadhan-Gàidhlig. Chan eil an ceangal eadar coileanadh agus meud clasa cho cinnteach. Bho aon shealladh, tha luchd-teagaisg uaireannan a' leantainn nas fhaide ann an sgoiltean beaga agus tha barrachd com-pàirt aig pàrantan annta agus uaireannan tha na clasaichean nas lugha. Bho shealladh eile, dh'fhaodadh nach bi cuid de sgoiltean beaga pailt ann an stòrais - gu tric bidh tidsearan a' teagasg chlasaichean iom-fhillte, agus dh'fhaodadh nach bi e furasta don luchd-teagaisg làn-ùine a bhith a' teagasg na tha sa chlàr-teagaisg.

Dh'fhoillsich an rannsachadh AAP dealbh measgaichte. Anns an fharsaingeachd, bha toraidhean sgoiltean beaga a ghabh pàirt ann an rannsachadh AAP na b' àirde na a' chuibheasachd aig P4 agus P7 airson saidheans agus aig P7 airson Beurla. Ach bha toraidhean nan sgoiltean beaga airson matamataig aig P7 na b' ìsle na a' chuibheasachd nàiseanta. Cha robh fiosrachadh gu leòr ann an rannsachadh AAP gus coileanadh sgoilearan meadhan-Gàidhlig is meadhan-Beurla ann an sgoiltean is clasaichean beaga a choimeas ris a' chuibheasachd nàiseanta. Ach chaidh an coimeas seo a dhèanamh air measadh 5-14 nan tidsear. A thaobh coileanadh ann an Gàidhlig, bha barrachd de sgoilearan P3 sna bunsgoiltean bu mhotha agus sna sgoiltean le clasaichean meadhan-Gàidhlig na bu mhotha a' coileanadh ìre B no nas àirde anns na ceithir builean ionnsachaidh. Ach cha robh coltas gun rinn meud sgoile agus meud clasa eadar-dhealachadh do choileanadh sgoilearan P5 agus P7.

Bha coileanadh sgoilearan meadhan-Gàidhlig ann an èisteachd is labhairt sa Bheurla na b' àirde airson sgoilearan P5 agus P7 anns na clasaichean meadhan-Gàidhlig bu lugha agus na bunsgoiltean bu lugha ('s e sin le 100 sgoilear no nas lugha air an rolla). Ach cha robh seo fìor thar nan trì bliadhna a mhair am pròiseact.

Cha robh buaidh chudromach no riaghailteach aig meud sgoile no meud clasa air coileanadh sgoilearan meadhan-Gàidhlig ann am matamataig.

A bheil eadar-dhealachadh soilleir ann an dàta fiosrachaidh a rèir gnè?

Dh'fhoillsich rannsachadh AAP gu robh na balaich ann an sgoiltean le clasaichean meadhan-Gàidhlig mar bu trice a' coileanadh na b' fheàrr na chlann-nighean ann an saidheans, anns gach cuid clasaichean meadhan-Gàidhlig is meadhan-Beurla. Bha balaich meadhan-Gàidhlig na b' fheàrr na clann-nighean meadhan-Gàidhlig ann am matamataig agus bha clann-nighean meadhan-Gàidhlig na b' fheàrr na balaich ann am Beurla. Cha robh na pàtrain-gnè seo daonnan co-ionann ri pàtrain chomharran deuchainn nan sgoilear meadhan-Beurla. Mar eisimpleir, cha robh balaich meadhan-Beurla cho math ri clann-nighean meadhan-Beurla ann am matamataig no clann-nighean meadhan-Gàidhlig cho math ri clann-nighean meadhan-Beurla san aon chuspair.

Ann am measadh 5-14 nan tidsear cha robh an t-eadar-dhealachadh a rèir gnè cho riaghailteach 's a bha e ann an rannsachadh AAP. Bha eadar-dhealachadh mòr ann an cùisean thar nan trì bliadhna sgoile. Mar eisimpleir, ann an 1997-98 bha clann-nighean meadhan-Gàidhlig aig P7 a' coileanadh na b' fheàrr na balaich ann an leughadh is sgrìobhadh na Gàidhlig, ach ann an 1996-97 cha robh dealachadh mòr sam bith eatorra. Cha robh dealachadh idir anns a' choileanadh ann am Beurla aig P7 agus bha eadar-dhealachadh a rèir gnè aig P5 ag atharrachadh bho bhliadhna gu bliadhna.

Cha robh na co-dhùnaidhean airson matamataig a rèir a' phàtrain bho rannsachadh AAP. Cho-dhùin sinn gu robh clann-nighean meadhan-Gàidhlig a' coileanadh na b' fheàrr na balaich aig P5 ach cha robh mòran eadar-dhealachaidh a rèir gnè aig P7.

Dè tha na co-dhùnaidhean a' dearbhadh?

Tha an dàta a thàinig bho phàrantan, sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail a' sealltainn gu robh dà sheòrsa suidheachadh ann (faic Dealbh 2).

Dealbh 2: Suidheachadh foghlam meadhan-Gàidhlig is foghlam meadhan-Beurla

Foghlam meadhan-Gàidhlig aig ìre bunsgoil

Meadhan-Beurla sna h-aon sgoiltean

A' mhòr-chuid den teagasg tron Ghàidhlig, ach tro choachladh modh air feadh Albainn

Teagasg tron Bheurla, ach 's dòcha le beagan Gàidhlig air a theagasg

Meud chlasaichean mar as trice beag

Meud chlasaichean mar as trice nas motha

Aoisean measgte mar as trice sna clasaichean

Aoisean co-ionann no faisg air mar as trice sna clasaichean

Dìth stòrais mar as trice

Pailteas stòrais mar as trice

Pàrantan buailteach a bhith an sàs ann an obair na sgoile

Obair phàrantan san sgoil coltach ri sgoiltean san fharsaingeachd

Aireamh nas lugha mar as trice a' faighinn biadh sgoile an-asgaidh

Barrachd sgoilearan mar as trice a'faighinn biadh sgoile an-asgaidh

Chan e na cùisean gu h-àird na h-aon nithean a dh'fhaodadh a bhith a' toirt buaidh air coileanadh sgoilearan ach gun liosta iomlan tha feum air faiceall mu cho-dhùnadh dè bu choireach gu robh sgoilearan meadhan-Gàidhlig a' dèanamh cho math. Dh'fhaodadh gur e eadar-obrachadh nan cùisean anns gach colbh a choisinn e. Ach uile gu lèir, tha na co-dhùnaidhean againn a' co-fhreagairt gach rannsachadh eadar-nàiseanta oir tha e a' sealltainn gu bheil e na bhuannachd do dh'fhoghlam chloinne ma bheir am pàrantan agus am bunsgoiltean dhaibh cothrom air dara cànan mar dhòigh gu cuspair cudromach ionnsachadh san sgoil.

Ceistean

Bha an rannsachadh againn dealbhte gus freagairt fhaighinn do cheistean sònraichte ach lean iad gu ceistean eile a dh'fhaodadh a bhith cudromach. Mar eisimpleir, bu chòir tuilleadh rannsachaidh airson:

  • dealbh nas fìor fhaighinn air cùrsa agus astar ann an leasachadh cànan chloinne. Chan eil deuchainnean nàiseanta 5-14 agus rannsachadh AAP dealbhte gus sealltainn mar a tha briathrachas, riaghailtean-sgrìobhaidh, conaltradh is cleachdaidhean cànain eile air an leasachadh thar ùine
  • dealbh fhaighinn air mar a thèid do luchd-ionnsachaidh meadhan-Gàidhlig thar nam bliadhnachan. Gu h-àraid, dè thachras don chomas aca sa chànan mur bi an clàr-teagaisg aig ìre àrdsgoil tro mheadhan na Gàidhlig. Dè bhuaidh a tha aig leasachadh dà-chànanach air an comas ann an ionnsachadh nua-chànan gallda?
  • sgrùdadh a dhèanamh air iom-fhillteachd labhairt is smaoineachadh dà-chànanach. Dè an cànan anns a bheil sgoilearan meadhan-Gàidhlig a' smaoineachadh fhad 's a tha iad a' dol tro fhoghlam meadhan-Gàidhlig? Dè an seòrsa buaidh a tha aig dà-chànanas air leasachadh an tuigse? Dè a' bhuaidh a bheir e air an ceanglaichean pearsanta agus cultarail?

Co-dhùnadh

Cho-dhùin sinn bhon rannsachadh seo nach robh sgoilearan ann am foghlam meadhan-Gàidhlig sa bhunsgoil, eadhan far nach b' e a' Ghàidhlig cànan na dachaigh, a' call a-mach an coimeas ri cloinn air an teagasg tro mheadhan na Beurla. Ann am mòran de na cuspairean bha iad a' coileanadh na b' fheàrr na sgoilearan meadhan-Beurla agus còmhla ri sin ràinig iad fileantachd ann an dà chànan. Mar sin, bu chòir do cho-dhùnaidhean an rannsachaidh againn, ged a chaidh roinnean a lorg a dh'fheumas leasachadh a bharrachd, dòchas a thoirt dhuinn a thaobh coileanadh sgoilearan meadhan-Gàidhlig - do phàrantan, sgoilearan, tidsearan, luchd-riaghlaidh sgoiltean, ùghdarrasan ionadail, buidhnean oifigeil nàiseanta agus cuideachd muinntir na h-Albann.

 

< Previous | Contents

* * *
* Home | Topics | About | News | Publications | Consultations | Search | Links | Contacts | Help *
Crown Copyright | Privacy policy | Content Disclaimer | General enquiries