Luchd Labhairt Gàidhlig an Alba clar-innse.gif (1295 bytes)

Chlàr Cunntas Sluaigh 1991 69,510 neach aois 3 no còrr a bha air chomas Gàidhlig a bhruidhinn, a leughadh, no a sgrìobhadh. Is e seo 1.4% de shluagh Alba.

Bha a’ mhòr-chuid de luchd labhairt na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar, air Ghàidhealtachd agus an Roinn Srathchluaidh mar a chleachd ainmeachadh. Bha an còrr sgapte air feadh sgìrean eile na h-Alba, an àireamh bu mhotha san aon àite dhiubh an Dùn Eideann.

Inbhe a’ Chànain clar-innse.gif (1295 bytes)
Chaneil inbhe "Stàiteil" no "oifigeil" aig mion-chànanan nàiseanta sam bith an Alba. Ach tha an rùn an Riaghaltais taic a thoirt dhan Ghàidhlig a thaobh cànain, cultair agus riochd.

Tha an Riaghaltas an ceartuair a’ beachdachadh an cuir iad làmh ri no an gabh iad ris a’ Chumhnant Eòrpach airson Chànan Roinneil no Mionchànan.

Anns an Dùbhlachd 1997, chuir Comunn na Gàidhlig, a’ bhuidheann leasachaidh Gàidhlig, aithisg gu Oifis na h-Albann a’ moladh cheuman a dh’ionnsaigh tèarainteachd inbhe dhan Ghàidhlig. Chuir Mgr. Brian MacUilleim BP, Ministear na Stàite an Oifis na h-Albann le uallach sònraichte airson na Gàidhlig, fàilte air an aithisg ag ràdh gun toireadh an Riaghaltas aire chùramach dha na molaidhean ìnnte.
Laimhseachadh Laghail clar-innse.gif (1295 bytes)
Tha cùisean laghail an Alba air an giollachd ann am Beurla. Ann an cùisean eucoir bheirte seirbhis eadartheangachaidh do thagraichean gun chomas Beurla bhruidhinn no thuigsinn.
Riaghailtean Laghail clar-innse.gif (1295 bytes)
A rèir Achd Dhùthchas Bhreatainn 1981, tha eòlas air Gàidhlig Albannach, Beurla no Cuimris a’ freagairt aon de na cumhnantan airson còir mar neach-dùthcha am Breatann.

A-rèir Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980, tha e mar dhleasdanas air ughdarrasan foghlaim seirbhis foghlaim iomchaidh is choilionta a thoirt san sgoil agus aig àrd-ìre, an dà chuid a’ gabhail a-steach teagasg na Gàidhlig sna sgìrean sam bheil Gàidhlig ga bruidhinn.

A-rèir Riaghailtean nan Tabhartas airson Foghlaim Gàidhlig (Alba) 1986, fo Earrann 73 de dh’Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980, tha Oifis na h-Albann agus ughdarrasan ionadail air sgeama thabhartasan sònraichte airson foghlaim Gàidhlig a chleachdadh bho 1986.

Tha Achdan Craolaidh 1990 agus 1996 a’ cur dleasdanais mu choinneimh Rùnaire na Stàite an Alba ionmhas a phàigheadh do Mhaoin airson Craoladh Gàidhlig.

Fo Achd Luchd Aitich Bheaga (Alba) 1911 feumaidh aon bhall de Chùirt an Fhearainn an Alba bhith comasach air Gàidhlig a bhruidhinn agus tha Achd nan Croitearan (Alba) 1993 a’ cur an aon chumhnant air Ughdarras nan Croitearan. Tha Achd 1911 a’ ciallachadh gu faodar Gàidhlig a chleachdadh an làthair Cuirt an Fhearainn ged nach eil gnothaichean air a bhith sgrìobhte an Gàidhlig fhathast.

Tha Achd an Riaghaltais Ionadail (Ainmean Gàidhlig) (Alba) 1997 a’ ceadachadh ainm Gàidhlig air ughdarras ionadail. Dh’atharraich Comhairle nan Eilean Siar (Comhairle nan Eilean mar a bha) a h-ainm fon Achd bho 1 Faoilleach 1998.

Fo Earrann 12 (4) de dh’Innleachd Reachdail Riaghailtean Shoidhneachan Rathaid agus Iùil Choitcheann1981, a stèidhicheadh fo Achd Riaghailtean Còmhdhail Rathaid 1984, faodaidh Rùnaire na Stàite cead a thoirt airson soidhneachan rathaid dà-chànanach.
Ughdarrasan Rianachd clar-innse.gif (1295 bytes)
Sa phrìomh roinn dhan dual Gàidhlig a bhruidhinn tha làn phoileasaidh dà-chànanach aig an ughdarras ionadail, Comhairle nan Eilean Siar.

Tha e comasach do dhaoine bho dhùthchannan le mion-chànain an cànan fhein a chleachdadh ri ughdarrasan ionadail is seirbhisean poblach. Chan e còir fo lagh nàiseanta tha seo ach cothrom stèidhichte air modhan saor-thoileach.

Faodaidh Ministearan an Riaghaltais, le òrdugh, ughdarras a thoirt airson foirmean oifigeil an Gàidhlig, ged nach eil seo bitheanta an ceartuair. Faodaidh ughdarrasan ionadail cuideachd foirmean an Gàidhlig a chur a-mach mas e sin an toil.

Tha cothrom aig Oifis na h-Albann air seirbhisean eadartheangachaidh Gàidhlig agus freagraidh iad an Gàidhlig litrichean a gheibh iad an Gàidhlig. Sgaoilidh Oifis na h-Albann an cruth dà-chànanach fiosan naidheachd a bhuineas gu sònraichte ri Gàidhlig. O chionn grunn bhliadhnachan tha Oifis na h-Albann air a bhith toirt am follais pàipearan nàiseanta cudromach ann an Gàidhlig: iùl a’ chuiricealaim airson 5-14, aithisgean sgoile, Aithisg an Luchd Sgrùdaidh air foghlam Gàidhlig 1994, iùl cuiricealaim 1997 airson foghlaim fo aois sgoile - Bun-Structair Clàr -Teagaisg do Chloinn nam Bliadhna Ro-Sgoil, agus gèarr-iomradh air Paipear Geal 1997 air Pàrlamaid na h-Alba.
IOMAIRTEAN AN RIAGHALTAIS AIRSON NA GAIDHLIG
Ministear na Gàidhlig clar-innse.gif (1295 bytes)
Shuidhich Rùnaire na Stàite an Alba Mgr. Brian MacUilleim mar Mhinistear le uallach sònraichte airson na Gàidhlig air 20 Cèitean 1997.

Tha stèidheachadh Ministeir airson Gàidhlig a’ nochdadh rùn an Riaghaltais taic a thoirt dhan Ghàidhlig a thaobh cainnt, cultair agus riochd. Tha cothrom aig a’ Mhinistear comhla ri cho-obraichean an Oifis na h-Albann geur-shùil a chumail air cànan agus co-òrdachadh èifeachdach air poileasaidh a dhaingneachadh. Tha am Ministear ag obair le buidhnean Gàidhlig ag adhartachadh na Gàidhlig is a’ toirt taic ga leasachadh.
Iomairt Chaluim Chille clar-innse.gif (1295 bytes)
Air 9 Og-mhios 1997 dh’fhoillsich Mgr. MacUilleim Iomairt Chaluim Chille a bhios a’ dlùthachadh nan ceanglan cultarach is cànanach eadar coimhearsnachdan Gàidhlig an Alba agus Eireann. An toiseach nithear rannsachadh air na cothroman feumail a thigeadh à ceangal is comh-luadar eadar luchd labhairt na Gàidhlig. Thathar an dòchas gum bi seo na stèidh airson prògram leantainneach a dhaingnicheas na ceanglan a tha ann mu thràth agus a chuireas ri co-thuigsinn agus co-obrachadh. Tha an Riaghaltas air leth dealasach a thaobh dàimh nas dlùithe bhrosnachadh eadar buidhnean air a bheil uallach Gàidhlig a theagasg, ri lìnn cho bunaiteach ‘s a tha foghlam do thèarainteachd a’ chànain san àm ri teachd.

Bha Mgr. MacUilleim air cuairt 2 latha an Eireann bho 20 Dàmhair 1997 a’ cur taic ris an Iomairt. Air a’ chuairt sin choinnich e ri Eamon O Cuiv TD, Ministear na Stàite an Eireann aig Roinn Ealan, Dualchais, Gaeltachd agus na h-Eileanan le uallach sònraichte airson Gaeilge, agus chum e comhraidhean le buidhnean foghlaim, craolaidh is cultair ann am Baile Atha Cliath, Gaillimh agus Bealfeairste.

Air 16 Dùbhlachd 1997 nochd Mgr. MacUilleim gun robh Co-òrdanaiche Albannach airson Iomairt Chaluim Chille ga chur an dreuchd - Mgr. Domhnall MacIllfhinnein, stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ Cholaisde Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach (Fon: 01471 844345). Dh’fhoillsich Mgr. MacUilleim gu robh màileid £100,000 an 1998-99 air a chomharrachadh airson na h-Iomairt.

Air 13 Faoilleach 1998 choinnich Mgr. Tony Worthington BP, am Ministear aig Oifis Eirinn a Tuath le uallach airson Foghlaim agus Dàimh Coimhearsnachd, agus Mgr. O Cuiv. Chuir iad le chèile an làn aonta ris an Iomairt agus dh’fhoillsich Mgr. Worthington gu robh Eireann a Tuath ag ullachadh airson pàirt a ghabhail ìnnte.
Ceuman Eadarail a neartachadh Inbhe Foghlaim Gàidhlig clar-innse.gif (1295 bytes)
Air 19 Ogmhios 1997 dh’fhoillsich Mgr. MacUilleim 3 ceuman eadarail gus inbhe foghlaim Gàidhlig a neartachadh agus dèanamh cinnteach gun toireadh ughdarrasan foghlaim aire do rùintean an Riaghaltais nuair a bhiodh iad a’ coimhead romhpa. Rinn Oifis na h-Albann comhluadar ri ùghdarrasan ionadail mu na ceuman sin san Lùnasdal 1997 agus nochd Mgr. MacUilleim na freagairtean a thainig às air 26 Màrt 1998.

1. Tha an Riaghaltas a’ meas foghlam àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig
mar adhartas nàdarra am foghlam agus tha iad deònach a leudachadh, aig a’ cheart àm a’ dèanamh cinnteach à coiliontachd agus leantainneachd.

Aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail an Inbhir Nis air 17 Dàmhair 1997 leig Mgr. MacUilleim ris fiosrachadh a thainig à rannsachadh a rinn Lèirsinn air còmhnadh luchd teagaisg Gàidhlig air a bheil leudachadh foghlam bun-sgoile agus àrd-sgoile an crochadh. Nochd 143 luchd teagaisg ùidh ann an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, 68 dhiubh le mòr ùidh. Dhiubh sin, tha 26 an dràsda ag obair an àrd-sgoiltean an coimeas ri 25 luchd teagaisg àrd-sgoile an ceartuair an sàs an seòrsa air chor-eigin de sheirbhis tro mheadhan na Gàidhlig.

An lorg an fhiosrachaidh bho Lèirsinn, thuirt Mgr. MacUilleim gu rachadh e air adhart an 1998 le tuilleadh chothroman trèanaidh do luchd-teagaisg a cheadaicheadh dhaibh an cuspair fhein a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Tha Luchd Sgrùdaidh nan Sgoiltean agus oifigich an ceartuair a’ còmhradh ri ughdarrasan ionadail mu dhòighean air leudachadh air luchd-teagaisg àrd-sgoile a bhiodh comasach air cuspairean sònraichte theagasg tro mheadhan na Gàidhlig aig S1/S2. Ann an 1998-99 tha £200,000 air a chur air thaobh airson cùrsa trèanaidh do luchd teagaisg àrd-sgoile.

2. Tha an Riaghaltas airson gum bi comhnadh fo aois sgoile tro mheadhan na Gàidhlig na phrìomh phàirt de choilionadh rùintean a’ chlàir-gnothaich aca airson làn sheirbhis fo-aois sgoile. Tha Oifis na h-Albann air comhairle shireadh bho ughdarrasan ionadail air mar a nì iad cinnteach gum faighear seirbhis fo-aois sgoile tro mheadhan na Gàidhlig, far am bi sin freagarrach, gus cur ri seirbhis bun-sgoile a tha ann mu thràth no a tha air a ghealltainn. Ann an 1998-99 tha £300,000 air a chur air leth ann an sgeama ùr de thabhartasan sònraichte airson foghlaim Gàidhlig fo-aois sgoile.

3. San Lùnasdal 1997 ghabh Oifis na h-Albann comhairle bho ughdarrasan ionadail mun ìre bhiodh e dèantach is ciallach riaghailt reachdail a thoirt a-steach gu feumadh iad foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thabhann a-rèir iarrtais reusanta bho phàrantan. Thuirt Mgr. MacUilleim air 26 Màrt gun dèanadh e tuilleadh beachdachaidh air a’ chuspair is gun gluaiseadh e cùisean air adhart ann an còmhraidhean le COSLA (Caidreachas Ughdarrasan Ionadail na h-Alba).
TAIC OIFIS NA H-ALBANN DHAN GHAIDHLIG clar-innse.gif (1295 bytes)
Thòisich taic dhìreach Oifis na h-Albann dhan Ghàidhlig ann an 1979-80 le tabhartas dhan Chomunn Ghàidhealach, buidheann rianachaidh a’ Mhòid Nàisdeanta Rìoghail. Ann an 1984 stèidhicheadh Comunn na Gàidhlig, buidheann leasachaidh na Gàidhlig, a tha a’ faighinn taic ionmhais bho Oifis na h-Albann on uair sin. Thòisicheadh sgeama thabhartasan sònraichte airson foghlaim Gàidhlig ann an 1986. Thòisich maoin airson craoladh Gàidhlig ann an 1992. A thuilleadh air taic dhìreach bho Oifis na h-Albann tha an cànan a’ faighinn cuideachaidh bho Chomhairle nan Ealain agus Lìon-bheart nan Iomairtean: mar eisimpleir, ann an 1997-98 thàinig iomlan na taice seo gu £1mhillean.

Tha taic dhìreach Oifis na h-Albann airson Gàidhlig a’ dol gu 3 prìomh raointean: foghlam, buidhnean cultarach agus craoladh. An 1997-98 thug Oifis na h-Albann taic airgid do Ghàidhlig de £11.5 millean a thuilleadh air £0.4 millean de thabhartas foghlaim àrd-ìre do Shabhal Mòr Ostaig, a’ cholaisde Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach. Thug Mgr. MacUilleim cuideachd do Shabhal Mòr Ostaig tabhartas calpa luach £0.9 millean ann an 1997-98 a dh’ionnsaigh cosgais àitean fuirich do dh’oileanaich a thogail. Ann an 1998-99 theid taic Oifis na h-Albann dhan Ghàidhlig suas £0.5 millean gu £12 millean (as aonais Sabhal Mòr Ostaig). Faic Leas-phaipear A airson suimean taic Oifis na h-Albann dhan Ghàidhlig bho 1979-80.
Foghlam clar-innse.gif (1295 bytes)
Tha Gàidhlig a’ faighinn àite aig gach ìre de dh’fhoghlam: fo-aois sgoile, bun-sgoile, àrd-sgoile, àrd-ìre, agus mar phàirt de thrèanadh luchd teagaisg. Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air dheagh stèidh aig ìre fo-aois sgoile, bun-sgoile agus àrd-ìre, agus tha seirbhis aig ìre àrd-sgoile a’ fàs. Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, mar a tha foghlam sam bith eile an Alba, air a shuidheachadh a-rèir iarrtais airson na seirbhis agus air a chothromachadh a-rèir freagarrachd foghlaim is ionmhais gach aonad foghlaim. Chan ann a-mhàin sna sgìrean dhan dual Gàidhlig a bhruidhinn a tha a’ Ghàidhlig agus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ach tha iad cuideachd stèidhichte sna prìomh sgìrean baile. Gabhaidh cultar, eachdraidh, cràbhadh is creideamh mhion-dhùthchannan uile an teagasg anns a’ chuiricealam choitcheann a tha air a shuidheachadh gu h-ionadail le ughdarrasan foghlaim agus ceannardan nan aonadan foghlaim.

Thòisich sgeama thabhartasan sònraichte airson foghlaim Gàidhlig ann an 1986. Bhon uairsin tha ionmhas bliadhnail air a dhol suas bho £250,000 gu £2.134 millean an 1997-98 agus £2.234 millean an 1998-99. An 1998-99 chuireadh £300,000 eile air leth airson foghlaim Gàidhlig fo-aois sgoile, £200,000 airson cùrsa-trèanaidh a dh’ionnsaigh barrachd luchd-teagaisg àrd-sgoile a bhruidhneas Gàidhlig, agus £80,000 airson cosgais luchd obrach an Ionad Nàiseanta Ghoireasan airson goireasan teagaisg Gàidhlig, a thuilleadh air £25,000 airson cùrsaichean àrd-sgoile a leasachadh.

Tha an clàr gu h-ìseal a’ nochdadh àireamh ionadan foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig agus sgoilearan thairis air a’ bheagan bhliadhnachan tha seachad.

    1993-94 1994-95 1995-96 1996-97 1997-98
Sgoil-àraich Aonadan 3 3 3 3 10
  Sgoilearan 54 74 66 59 134
Bun-goil Aonadan 45 47 50 52 55
  Sgoilearan 1080 1258 1456 1587 1736
Ard-sgoil Aonadan   9 10 9 12
  Sgoilearan   129 132 180 231
Bho Oilthigh Srathchluaidh
Tha buidhnean fo-aois sgoile an dàimh ri Comhairle nan Sgoiltean Araich air dìreadh bho 40 an 1987 gu mu 140 le 2400 cloinne an dràsda.

Tha 38 àrd-sgoiltean a’ cur sgoilearan air adhart gu Ire Choitcheann, Ard Ire, agus Teisteanas Cuspairean na Siathamh Bliadhna (CSYS) an Gàidhlig airson fhileantach agus luchd ionnsachaidh. Seo mar a tha na h-àireamhan airson na bliadhna seo is an uiridh:
    1997 1998
Gàidhlig (fileantaich) Ire Choitcheann 100 86
  Ard Ire 45 53
  Teisteanas Cuspairean na Siathamh Bliadhna 18 13
Gàidhlig (luchd-ionnsachaidh) Ire Choitcheann 522 391
  Ard Ire 168 142
  Teisteanas Cuspairean na Siathamh Bliadhna 218 222
Tha mu 130-140 oileanach air cùrsaichean bogaidh Gàidhlig aig grunn de cholaisdean Foghlaim Ard Ire air feadh Alba, a bharrachd air oileanaich sna Roinnean Gàidhlig an Oilthighean agus air cùrsaichean trèanaidh luchd-teagaisg aig Ionadan Foghlaim Luchd Teagaisg.
CD-Rom airson luchd ionnsachaidh Gàidhlig clar-innse.gif (1295 bytes)
Air 13 Màrt thug Mgr. MacUilleim am follais a’ chiad CD-Rom do luchd ionnsachaidh Gàidhlig. Tha ionmhas dhan CD-Rom air a roinn a-measg Roinn Foghlaim is Gnìomhachais Oifis na h-Albann, Comataidh Craolaidh Gàidhlig, An Coimisean Eòrpach DGXXII, Cànan Earranta agus a’ Chomhairle Albannach airson Foghlaim is Teicneòlais. Tha e stèidhichte air a’ chiad sreath den phrògram telebhisein Bruidhinn ar Cànan a chaidh a mhaoineachadh le CCG. Sgaoilear an CD-ROM an asgaidh gun h-uile àrd-sgoil an Alba, agus gheibhear e ri cheannach tro Chànan Earranta a tha stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig.
Sabhal Mòr Ostaig clar-innse.gif (1295 bytes)
Tha Sabhal Mòr Ostaig, a’ cholaisde Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach, a tha bunaiteach do leasachadh is taic a’ chànain ‘s a’ chultair a nis ceangailte ri pròiseact Oilthigh na Gàidhealtachd. Tha maoin na Colaisde bho Oifis na h-Albann a nis fo Achd Foghlaim Ard - Ire (Alba) 1992 agus fhuair a’ Cholaisde £400,000 an 1997-98 a thuilleadh air £100,000 tro thabhartas sònraichte airson Gàidhlig. Bho 1998-99 bidh taic ionmhais na Colaisde a’ dol tro Roinn Foghlaim Ard Ire Oifis na h-Albann. Thug Mgr. MacUilleim tabhartas calpa do Shabhal Mòr Ostaig luach £0.9 millean an 1997-98 mar thaic àitean comhnaidh a thogail do dh’oileanaich. Choisinn SMO inbhe Creideas nar Cosnaichean sa Mhàrt 1998.
Buidhnean Cultarach Gàidhlig clar-innse.gif (1295 bytes)
Fo Earrann 23 de dh’Achd Dualchais Nàiseanta (Alba) 1985, tha Oifis na h-Albann toirt taic ionmhais do ghrunn bhuidhnean Gàidhlig a tha an sàs an adhartachadh a’ chànain is a’ chultair gu ire £388,795 an 1997-98. Theid £150,000 a dh’àrdachadh
ris an ionmhas do bhuidhnean cultarach Gàidhlig ga thoirt gu £538,795 an 1998-99.

Chuireadh Comunn na Gàidhlig, buidheann leasachaidh na Gàidhlig, air chois an 1984 gus cànan is cultar fhoillseachadh is a leasachadh. Is e a’ phrìomh bhuidheann comhairleachaidh is coilionaidh airson na Gàidhlig. Leasaichear taic ionmhais bho Oifis na h-Albann le £30,000 bho £223,765 an 1997-98 gu £253,765 an 1998-99
airson cosgais oifigeach phàrant Gàidhlig a chomhdach. Choisinn CNAG inbhe Creideas nar Cosnaichean an 1997.

Tha An Comunn Gàidhealach a tha cur air dòigh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail còrr is 100 bliadhna dh’aois agus tha a bhallrachd sgaoilte air feadh an t-saoghail. Theid an taic ionmhais bho Oifis na h-Albann suas £25,000 bho £60,000 an 1997-98 gu £85,000 an 1998-99. Choisinn ACG inbhe Creideas nar Cosnaichean an 1997.

Gheibh Comhairle nan Sgoiltean Araich àrdachadh tabhartais de £50,000 bho £66,200 an 1997-98 gu £116,200 an 1998-99.

Gheibh Pròiseact nan Ealan àrdachadh tabhartais de £20,000 bho £18,730 an 1997 - 98 gu £38,730 an 1998 - 99.

Tha taic Oifis na h-Albann do Chomann an Luchd-Ionnsachaidh aig ìre £20,100 an 1997-98 agus 1998-99.

A thuilleadh air na tha ainmichte gu h-àrd, thug Mgr. MacUilleim grunn thabhartasan beaga do bhuidhnean Gàidhlig aig deireadh 1997-98: £10,000 do Phròiseact nan Ealan airson teipichean sgeulachdan chloinne fhoillseachadh, £10,000 do Cholaisde Earraghàidheal airson rannsachadh a dhèanamh a thaobh ionad foghlaim Gàidhlig do dh’Ile, £15,000 do Chomhairle nan Leabhraichean airson leabhraichean sgoile cheannach agus airson obair brosnachaidh na Comhairle, agus £10,000 don Iomairt
cànain Eòrpaich airson faclair Gàidhlig - Beurla de bhriathrachas na roinne poblaich a thoirt gu buil.

Air 5 Màrt dh’fhoillsich Mgr. MacUilleim gun cuirte air chois an 1998-99 maoin luach £10,000, le sgeama dhuaisean na chois, gus taic a thoirt do cheòl Gàidhlig aig tachartasan beaga.
Craoladh Gàidhlig clar-innse.gif (1295 bytes)
Stèidhich Achd Craolaidh 1990 Maoin Telebhisein Gàidhlig air a làimhseachadh le comataidh de dh’Ughdarras Telebhisein Neo-eisimeileach airson taic do dh’obair telebhisein an Gàidhlig. Leudaich Achd Craolaidh 1996 cothrom Maoin Telebhisein Gàidhlig gu reidio a chòmhdach bho 1 Giblean 1997 air adhart,nuair a dh’atharraich
a’ Chomataidh a h-ainm gu Comataidh Craolaidh Gàidhlig. Lughdaichear an t-ionmhas airson craolaìdh Gàidhlig bho £9.05 millean an 1997-98 gu £8.5 millean an 1998-99 airson prìomh rùintean an Riaghaltais am foghlam a mhaoineachadh.

Tha cothrom aig a h-uile companaidh telebhisein air a’ mhaoin : BBC Alba,Telebhisean na h-Alba, Telebhisean Ghrampian, Saineal 4, agus craoladairean neo-eisimeileach. Tha am Maoin a’ toirt taice do mu 150 uair de phrògraman sa bhliadhna. Tha seo a bharrachd air mu 100 uair de phrògraman Gàidhlig airson a bheil BBC Alba, Telebhisean na h-Alba agus Telebhisean Ghrampian iad fhein a’
pàigheadh.

Air 31 Dùbhlachd 1997 dh’inns Mgr. MacUilleim gun do dh’òrdaich e gèarr-rannsachadh air cothroman do chraoladh Gàidhlig le teicneòlas figearail, a’ toirt aire shònraichte do chomas seirbhis cho-òrdaichte airson telebhisein Gàidhlig a bhith air saineal air leth dhi fhein.