| Geàrr-chùnntas
air Beachdan agus Deagh Dhòighean-obrach |
| 1.
Bonn-stèidh obair luchd-taice CID na Prìomh-oifis ri
shoilleireachadh (paragraf 1.7) |
| 2.
Bonn-stèidh obair nan Comhairlichean ri shoilleireachadh
(paragraf
1.11) |
| 3. Deagh
dhòigh-obrach -
naidheachd ri sgaoileadh gu sgiobannan air feadh na
feachd (paragraf
1.15) |
| 4. Crìochan
sgaoileadh ùghdarrais ri dhèanamh soilleir (paragraf 1.18) |
| 5. Amasan ri
bhith comasach air tomhas (paragraf 2.4) |
| 6. Cothrom
deagh dhòighean-obrach a chomharrachadh nuair a thathas
a' foillseachadh phlanaichean ionadail. (paragraf 2.7) |
| 7. Buntanas
ri bhith aig planadh ri obair làitheil nam poileas (paragraf 2.8) |
| 8. Deagh
dhòigh-obrach -
lèirmheas dèanadais a h-uile dà mhìos (paragraf 2.9) |
| 9. Cothrom
barrachd èisteachd a thoirt do bheachdan a'
mhòr-shluaigh (paragrafan 2.14 & 2.15) |
| 10. Deagh
dhòigh-obrach - clàr
ri chumail air cùisean a nochdas aig coinneamhan
coimhearsnachd ionadail (paragraf 2.16) |
| 11. Deagh
dhòigh-obrach -
beachdachadh air tairgse imrich a chur air dòigh (paragraf 3.16) |
| 12. Cothrom
buill-mosglaidh a thoirt do chuid den luchd-taice (paragraf 3.19) |
| 13.
Roi-innleachd siostaman fiosrachaidh/teicneòlas
fiosrachaidh ri dheasachadh agus ri fhoillseachadh (paragraf 4.10) |
| 14.
Lèirmheas air tèarainnteachd teicneòlais ri thoirt gu
crìch (paragraf
4.13) |
| 15.
Lèirmheas ri thoirt air a' phlana airson dàta fhaighinn
air ais as dèidh tubaist coimpiutair (paragraf 4.15) |
| 16. Deagh
dhòigh-obrach -
Manaidsear nan Seirbheisean Coimpiutair ri òraidean a
thoirt seachad do mhuinntir nan Raointean Rianachd agus
Luchd-stiùiridh na Feachd (paragraf 4.19) |
| 17. Deagh
dhòigh-obrach -
innealan facs rin cur ann an stèiseanan iomallach (paragraf 4.20) |
| 18. Deagh
dhòigh-obrach -
pròiseact airson na bliadhna 2000 air a làn
cho-ordanachadh (paragraf 4.21) |
| 19. Dàil
ann a bhith a' cumail fiosrachaidh ri oifigearan a'
sireadh àrdachadh inbhe (paragraf 5.12) |
| 20. Deagh
dhòigh-obrach - taic
ri thoirt do thrèanadh oifigearan ann an co-ionnanachd (paragraf 5.18) |
| 21. Siostam
measaidh agus slighe àrdachadh inbhe ri stèidheachadh
do luchd-taice (paragraf 5.20) |
| 22.
Bonn-stèidh obair nan constabalan sònraichte ri
mhìneachadh agus trèanadh freagarrach |
| ri
shònrachadh 's ri thoirt dhaibh (paragraf 5.24) |
| 23. Deagh
dhòigh-obrach -
fòghlam air astar ri thoirt a-steach (paragraf 5.26) |
| 24. Gnè a'
cheangail eadar a' Mhanaidsear Trèanaidh agus an Roinn
Teicneòlas Fiosrachaidh ri shoilleireachadh (paragraf 5.27) |
| 25. Beachd
ri ghabhail air an trèanadh a tha a dhìth air
luchd-obrach Teicneòlas Fiosrachaidh (paragraf 5.30) |
| 26. Feum air
deimhinneachd gu bheil ceistean uidheim agus trèanaidh
gam fuasgladh a-rèir |
| riaghailtean
Slàinte agus Sàbhailteachd (paragraf 5.33) |
| 27. Deagh
dhòigh-obrach -
làimhseachadh eucoir ri leasachadh (paragraf 6.4) |
| 28.
Dleasdanas oifigearan-liaison dhrugaichean ionadail ri
shoilleireachadh (paragraf 6.7) |
| 29. Deagh
dhòigh-obrach -
freagairt mhionaideach ri aithisg sgrùdaidh chuspaireil
LSRP air fòirneart san dachaidh (paragraf 6.11) |
| 30. Cothrom
lèirmheas a thoirt air dòighean-obrach ann an
rannsachadh làraichean eucoir (paragraf 6.12) |
| 31. Deagh
dhòigh-obrach -
oifigear ri fhasdadh airson obair an co-bhonn le
Comhairle na |
| Gàidhealtachd
(paragraf
6. 14) |
| 32. Adhartas
ri dhèanamh ann a bhith a' fasdadh luchd-taice don Aonad
Camara (paragraf
6.21) |
| 33.
Neo-làthaireachd anns an Roinn Trafaig a' cur bacadh air
obair (paragraf
6.26) |
| 34. Sùil ri
chumail bho os àird air mar a tha oifigearan le cead
gunna a ghiùlan air an sgaoileadh air feadh na feachd (paragraf 6.28) |
| 35. Deagh
dhòigh-obrach - an
dòigh 's a bheil oifigearan le cead gunna a ghiùlan gan
gairm |
| a-mach ri
deagh chur fo dheuchainn (paragraf 6.28) |
| 36.
Lèirmheas ri dhèanamh air mar a thathas a'
làimhseachadh teisteanasan gunna (paragraf 6.33) |
| 37. Deagh
dhòigh-obrach -
trèanadh anns na meadhanan airson oifigearan ionadail,
agus |
| oifigearan
rin cur a dh'obair greiseag ann an Seirbheisean nam
Meadhanan (paragraf 6.40) |
| 38. Cothrom
lèirmheas a dhèanamh air mar a tha carbadan "4 x
4" gan sgaoileadh air feadh na feachd (paragraf 6.42) |
| 39. Cothrom
lèirmheas a dhèanamh air fònaichean gluasaid a thoirt
do oifigearan ann an ceàrnaidhean iomallach (paragraf 6.43) |
| 40. Cothrom
Manaidsearan nan Raointean Rianachd a bhith a' siubhal
nan crìochan aca nas trice (paragraf 6.44) |
| 41. Siostam
ri stèidheachadh gus pàtranan ann a bhith a' gearan mun
phoileas a rannsachadh (paragraf 7.3) |
| 42.
Trèanadh ann an còirichean agus cùram phrìosanach ri
sgaoileadh gu oifigearan air feadh na feachd (paragraf 7.6) |
| 43. Cothrom
sùil a chumail air buaidh an stiùiridh ùir a' buntainn
ri grèim agus cùram phrìosanach. (paragraf 7.8) |
| |