tso-banner.gif (2487 bytes) Previous page Contents page Next page
  
Luchd-sgrùdaidh Rìoghail nam Poileas Albannach
 
 
Geàrr-chùnntas air Molaidhean
Moladh 1 (paragrafan 1.16 agus 1.17)
Tha e ga mholadh gun dèan an fheachd geur-sgrùdadh air na Buidhnean Chleachdairean agus mion-rannsachadh air cosgaisean, a ghabhas a-steach:
  • siubhal
  • lòn
  • àite-fuirich
  • tìde nan oifigearan
  • cosgais dreuchdan a lìonadh fhad 's a tha na h-oifigearan air falbh
Moladh 2 (paragraf 3.4)
Tha e ga mholadh nuair a tha na h-Aontaidhean Ìrean Seirbheis stèidhichte, gum bu chòir dhaibh dèanamh cinnteach gu bheil iad a' faighinn an luach as fheàrr a thaobh airgid bhuapa le coimeas ri slatan-tomhais, measadh roghainnean no deuchainn margaidh.
Moladh 3 (paragrafan 4.3 agus 4.4)
Tha e ga mholadh gum bu chòir an cruth riaghlaidh ann an Roinn an Teicneòlas Fiosrachaidh a lèirmheas, agus bu chòir don fheachd cumail orra a' beachdachadh air inbhe a' Mhanaidsear Choimpiutairean a thogail gu ìre an àrd luchd-taice eile.
Moladh 4 (paragrafan 5.5 gu 5.8)
Tha e ga mholadh gu soilleirich an fheachd na riaghailtean aca a thaobh gluasaid agus suidheachaidh agus gun cuir iad cruinn ann an aon phàipear iad gus an tuig a h-uile duine iarrtasan agus dleasdanas na feachd, cho math ri dleasdanas agus còirichean nan oifigearan. Bu chòir dhan phoileasaidh ùr a bhith a' leantainn poileasaidh co-ionnanachd na feachd.
Moladh 5 (paragrafan 5.13 agus 5.14)
Tha e ga mholadh gun cruthaich an fheachd dòigh-taghaidh nas structurail airson dreuchdan sònraichte agus ardachadh inbhe sealach, a tha a' leantainn gu mionaideach poileasaidh na feachd air co-ionnanachd.
Moladh 6 (paragrafan 5.26 gu 5.28)
Tha e ga mholadh gun dèan an fheachd:
  • rannsachadh air feuman trèanaidh
  • meidheadh cosgais is buannachd air roghainnean trèanaidh, air sgàth cho daor 's a tha e daoine a thrèanadh aig aonad na Priomh-oifis.
Moladh 7 (paragraf 6.9)
Tha LSRP a' moladh gun dèan an fheachd rannsachadh nas doimhne air àireamhan agus fiosrachadh a' buntainn ri drugaichean mar a chaidh a mholadh leis an Ard Neach-sgrùdaidh Rìoghail cheana, gus am bi oifigearan an sàs ann an obair làitheil nam poileas nas fiosraiche.
Moladh 8 (paragraf 6.16)
Tha e ga mholadh gun dèan an fheachd soilleir gu bheil iad a' brosnachadh cheanglaichean eadar na ceannardan ionadail agus na h-ùghdarrasan ionadail, agus gum bi conaltradh san àm ri teachd ga chumail ann an dòigh fhoirmeil le clàr-gnothaich agus geàrr-chunntas.
Moladh 9 (paragrafan 8.2 agus 8.4)
Tha e ga mholadh gum bu chòir an fheachd lèirmheas a dhèanamh air mar a tha iad a' làimhseachadh molaidhean an Luchd-sgrùdaidh agus a' foillseachadh freagairt, agus gum bu chòir do Cho-chomataidh nam Poileas sealltainn ri mar a tha iad fhèin a' marasglachadh freagairtean na feachd.
 
  Previous page Contents page Next page