| 8
Freagairt ri Molaidhean Aithisg a' Chiad Sgrùdaidh |
| 8.1 Rinn
aithisg a' Chiad sgrùdaidh 15 molaidhean agus rinneadh
luaidh air grunnan cheistean a shaoil Àrd
Neach-sgrùdaidh nam Poileas a dh'fheumadh fhuasgladh. |
| 8.2 Tron
Ath-sgrùdadh, cha d'fhuair LSRP gu robh dòigh
choitcheann, fhoirmeil sam bith ann airson freagairt a
thoirt don Chiad aithisg no iomradh a thoirt air mar a
bha an fheachd a' tighinn air adhart ann a bhith
leantainn nam molaidhean. Tha sinn mothachail, ge tà,
gun deach cuid den leantalachd san fheachd a chall nuair
a leig grunnan den àrd luchd-obrach dhiubh an dreuchd.
Bha eadar-dhealachadh mòr eadar manaidsearan san
fheachd, cha b'ann a-mhàin ann an dè cho fiosrachail 's
a bha iad mu na molaidhean, ach ann an dè cho mothachail
's a bha iad mu adhartas sam bith a rinneadh gan
leantainn. Ged a tha e coltach gu robh aithisg a' Chiad
sgrùdaidh an còmhnaidh na cheann deasbaid aig fòram a'
phoileasaidh, lorg sinne ged a fhuair cuid de mholaidhean
làimhseachadh freagarrach cha deach sealltainn ri cuid
de mholaidhean eile ann an dòigh shusbainteach sam bith.
Bha adhartas math ga dhèanamh le cuid aig ìre ionadail
ach shaoil sinne gum faodadh an fheachd piseach a thoirt
air co-ordanachadh agus siostam làidir a chur air bhonn
airson sùil a chumail air mar a bhathas a' tighinn air
adhart le bhith a' leantainn nam molaidhean. Tha LSRP
den bheachd gum bu chòir luchd-stiùiridh na feachd
coimhead ri molaidhean agus beachdan an Luchd-Sgrùdaidh
ann an dòigh chunbhalach, agus siostam freagarrach a
stèidheachadh airson sùil a chumail air mar a tha an
fheachd a' làimhseachadh nan ceistean a nochdas. |
| 8.3 Tha
Comann Àrd Phoileis na h-Alba air aontachadh, bho àm a'
Chiad sgrùdaidh, gum bu chòir do fheachdan freagairt ri
molaidhean LSRP fhoillseachadh ann an Aithisgean
Bliadhnail nan Àrd Chonstabalan. Tha cuid den bheachd,
tha e coltach, nach deach seo a dhèanamh soilleir gu
leòr do na h-Àrd Chonstabalan uile. Ge bith carson, cha
do lean Aithisg Bhliadhnail Feachd-phoileas a'
Chinn-a-Tuath 1997/98 an t-aonta gu h-iomlan oir cha
tugadh ach geàrr-chùnntas air prìomh phuingean na
h-aithisge innte, gun luaidh air freagairt na feachd
fhèin ri molaidhean an Luchd-sgrùdaidh. |
| 8.4 Ged a
tha sinn a' tuigsinn gun d'fhuair Co-chomataidh nam
Poileas leth-bhreac de aithisg a' Chiad sgrùdaidh gu
foirmeil air 11 Dùbhlachd 1997, agus gun d'fhuair iad
aithisg mhionaideach air na molaidhean bhon Àrd
Chonstabal, tha e coltach nach eil iad air lèirmheas a
dhèanamh air adhartas bhon àm sin. Tha LSRP den
bheachd gum bu chòir Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath
lèirmheas a dhèanamh air mar a tha iad a'
làimhseachadh molaidhean an Luchd-sgrùdaidh agus a'
foillseachadh freagairt, agus gum bu chòir Co-chomataidh
nam Poileas sealltainn ri mar a tha iad fhèin a'
marasglachadh freagairtean na feachd. |
| Ath-sgrùdadh |
| Moladh 9 |
| Tha LSRP den bheachd gum bu chòir |
| don fheachd lèirmheas a dhèanamh air mar a
tha iad a' làimhseachadh molaidhean an Luchd-sgrùdaidh
agus a' foillseachadh freagairt, agus gum bu chòir
Co-chomataidh nam Poileas sealltainn ri mar a tha iad
fhèin a' marasglachadh freagairtean na feachd. |
| |