tso-banner.gif (2487 bytes) Previous page Contents page Next page
  
Luchd-sgrùdaidh Rìoghail nam Poileas Albannach
 
 
7 Gearanan agus Giùlan
Staitistearachd
7.1 Ann an 1997/98 rinn daoine bhon mhòr-shluagh 60 gearan an aghaidh nam poileas, an àirde 14 bhon bhliadhna roimhe, agus barrachd air dà uiread na h-àireimh bhon bhliadhna roimhe sin. Ged a tha an àireamh gu math ìosal, bidh an fheachd airson sùil gheur a chumail air gluasadan àireimh sam bith. Bheir seo dhaibh fios air pàtranan a nochdas agus, nas cudromaiche, cothrom leasanan ionnsachadh, ma bhios a leithid ann, agus duilgheadasan fhuasgladh.
7.2 Thuirt aithisg a' Chiad sgrùdaidh gu bheil "gearanan an aghaidh Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath gan rannsachadh leis an Roinn Ghearanan agus Ceannsachaidh ann an dòigh phroifeiseanta agus smachdail", ach rinneadh luaidh air dà chùis air am bu chòir coimhead.
A' Cumail Sùil air Gearanan
7.3 An toiseach, chaidh a mhothachadh nach robh dòigh aca aithneachadh cò na h-oifigearan a bha a' faighinn barrachd ghearanan na càch, ach bhathas an dùil gum biodh cothrom ann siostam faire a chur air dòigh as dèidh dhaibh siostam coimpiutaireachd na roinne a leasachadh.
Toradh an Ath-sgrùdaidh
7.4 Cha deach siostam den t-seòrsa a dheasachadh ro àm an Ath-sgrùdaidh, ach bha planaichean deiseil gus a' chùis a thoirt air adhart. Chaidh innse do LSRP gu robh siostam làimhe ga chleachdadh san eadar-ama. Tha LSRP a' tuigsinn bhon fhianais a th'aca gur e siostam neo-fhoirmeil a tha an-seo, nach urrainn gabhail a-steach gearanan a thèid an rèiteachadh gu h-ionadail. Ged a tha sinn mothachail gu bheil an àireamh ghearanan cho beag 's gun urrainn dèiligeadh riutha le siostam làimhe, tha sinn a' brosnachadh na feachd gus làn fheum a dhèanamh de theicneòlas airson rannsachadh ghearanan, gun dàil.
Cùram Phrìosanach
7.5 Tha an dàrna cùis a thogadh a' buntainn ri aon ghearan shònraichte a dh'adhbhraich iomagain mu chùram phrìosanach. Thug seo air LSRP cantainn gu robh "iomagain orra mu chùram phrìosanach" agus gu sealladh an ath-sgrùdadh ri mar a chaidh na ceistean seo a làimhseachadh.
Toradh an Ath-sgrùdaidh
7.6 Rinneadh tadhal air ceallan air feadh na feachd agus bha a' mhòr-chuid aca glan agus ann an deagh òrdugh. Bha CCTV ga chleachdadh ann an iomadh stèisean aig na cuntairean casaid agus anns na trannsaichean cheallan. Thathas an dùil gun toir an oifis phoileas ùr ann an Inbhir Nis piseach air goireasan san sgìre sin le cruth nas ùr-nodha agus dòighean-faire nas fheàrr. Ged a bha LSRP toilichte leis na h-adhartasan seo, mhothaich iad nach deach adhartas susbainteach sam bith a dhèanamh bho àm a' chiad sgrùdaidh ann an trèanadh mu chòirichean agus cùram phrìosanach. Thuirt an fheachd aig àm an ath-sgrùdaidh gun tòisicheadh trèanadh as dèidh dhaibh imrich a dhèanamh don Oifis Raoin ùir ann an Inbhir Nis, ged nach robh stuth trèanaidh aca air a dheasachadh fhathast. Ge tà, tha iomadh taobh air obair oifigearan Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath agus dh'fhaodadh iarraidh air duine sam bith aca ùghdarras a ghabhail airson cùram agus grèim prìosanaich aig àm sam bith. Air an adhbhar sin, tha e cudromach gun tèid stuth trèanaidh a dheasachadh gun dàil agus gun tèid trèanadh ann an còirichean agus cùram phrìosanach a thoirt do oifigearan air feadh na feachd.
7.7 Air sgàth cho sgapte 's a tha crìochan na feachd, tha "ceallan sònraichte" ann an grunnan oifisean air feadh Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath, far am bi prìosanaich ro bhreitheanas no fo bhinn gan cumail greiseag, ma tha an sgìre ro fhada bho phrìosan. Goirid ron Ath-sgrùdadh rinn Luchd-sgrùdaidh Rìoghail nam Prìosanan sgrùdadh air na ceallan sin mar a bhios iad a' dèanamh gach trì bliadhna.
7.8 Aig àm an Sgrùdaidh, fhuair superintendent mar dhleasdanas deagh dhòigh-obrach ullachadh airson grèim agus cùram phrìosanach, agus bidh ùidh aig LSRP ann an ciamar a nì an fheachd adhartas le seo. Se pàirt cudromach de obair nam poileas a tha an-seo agus tha e fìor dheatamach gun toir poileasaidh agus stiùireadh buaidh mhath air a' chùis ann an obair làitheil nam poileas. Bhiodh e feumail nam biodh dòigh aig an fheachd air siostam fèin-sgrùdaidh a bhith aca, no an obair a lèirmheas a thaobh ìre.
 
  Previous page Contents page Next page