| 6
Obair Làitheil nam Poileas |
| Eucoir |
| 6.1 Ann an
1997/98 thuit an àireamh eucoirean air a bheil cunntas
13% bhon bhliadhna roimhe, an lùghdachadh percent bu
mhotha anns na feachdan Albannach air fad. Chùm an
fheachd cuideachd a' fuasgladh eucoirean aig an ìre
ionmholta àbhaisteach; sann a dh'fhuasgail iad 67% de na
h-eucoirean a chaidh a chlàradh. Sheall na figearan
eucoir aig àm an Ath-sgrùdaidh, ge tà, gur mathaid
nach eil an àireamh a' tuiteam cho luath 's a bha e anns
na bliadhnaichean a chaidh. Tha coltas ann gu bheil seo
a' tachairt ann am badan eile de dh'Albainn cuideachd
agus tha feachdan-phoileas a' cumail sùil gheur air. |
| Làimhseachadh Eucoir |
| 6.2 Tha an
fheachd a' sealltainn ri mar a tha iad a' làimhseachadh
eucoir agus tha sgioba pròiseict ag obair gus leasachadh
làimhseachadh eucoir a cho-ordanachadh air feadh na
feachd. Tha Aonad Làimhseachadh Eucoir làn thìde aig
Raon Rianachd Inbhir Nis mar tha agus, aig àm a' Chiad
sgrùdaidh, thuirt LSRP gu robh iad "duilich nach
deach amas a stèidheachadh airson obair an aonaid no
measadh air dèanadas an aonaid a dhèanamh". |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 6.3 Cha
deach lèirmheas a dhèanamh air Aonad Inbhir Nis agus
cha robh an Luchd-sgrùdaidh Rìoghail idir cinnteach gu
robh an t-Aonad a' cuideacheadh le bhith a'
làimhseacheadh eucoir san sgìre ionadail a-rèir
dòigh-obrach na feachd gu lèir. Bha e duilich nach
robh fianais air adhartas susbainteach ann a bhith a'
leantainn beachdan a' Chiad sgrùdaidh. Chaidh aonad
làimhseachadh eucoir a chur air bhonn ann an Lochabar
mar sgeama dearbhaidh, agus nì an sgioba pròiseict
measadh air an dà aonad seo mar phàirt cudromach den
obair aca. Bha grunnan raon rianachd eile a' dèanamh
adhartais agus bha iad fada air an t-slighe gus
làimhseachadh eucoir a leasachadh sna sgìrean aca. Tha
seo, gun teagamh, a' leantainn prionnsabalan sgaoileadh
ùghdarrais airson eagrachadh ghoireasan. Tha an fheachd
airson gun tèid eisimpleirean de dheagh dhòighean
obrach a thig bho na h-aonadan sgìreil a shìneadh
a-mach air feadh na feachd. |
| 6.4 Bha
luchd-obrach anns na Raointean Rianachd bu lugha gu mòr
airson prionnsabalan deagh làimhseachadh eucoir a
ghabhail orra fhèin ach shaoil iad nach robh goireasan
gu leòr aca gus aonadan sònraichte a chur air bhonn.
Ged nach eil teagamh gu bheil duilgheadasan ann, cha bu
chòir dhaibh bacadh a chur air na manaidsearan ionadail
a thaobh dòighean obrach nas fheàrr a leasachadh leis
na goireasan a th'aca an-dràsda. A thaobh
làimhseachadh eucoir, tha LSRP a' cur air shùilean don
fheachd gu bheil deagh obair làimhseachadh eucoir an
urra ri fiosrachadh mu eucoir, rannsachadh pàtranan
eucoir, sgaoileadh naidheachd agus dèanamh
cuairtean-obrach a-rèir thargaidean sònraichte. Chan e
dìreach obair rianachd a-mhàin a th' ann. Bidh ùidh
aig LSRP ann an ciamar a thig làimhseachadh eucoir air
adhart agus tha iad ga mheas ionmholta mar a tha an
fheachd a' sìor fheuchainn ri seirbheis nas fheàrr a
thabhann do dhaoine a tha fulang eucoir, ged nach eil
mòran eucoir a' tachairt agus ged a tha am poileas a'
fuasgladh àireamh fìor mhath dhith mar tha. |
| Drugaichean |
| 6.5 Tha
oifigearan ann am Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath a'
fàs gu math mothachail nach eil an t-astar a tha A'
Ghàidhealtachd bho bhailtean mòra meadhan na h-Alba na
dhìon tuilleadh bho mhalairt dhrugaichean agus eucoir
co-cheangailte ri drugaichean. Tha Sguad Dhrugaichean na
Feachd air grunnan iomairtean soirbheachail a ruith tron
bhliadhna, agus tha e air 'obair a mheudachadh le taic
bho Sguad Eucoir na h-Alba. |
| 6.6 Thuirt
aithisg a' Chiad sgrùdaidh gu robh an fheachd dol a
dh'fhasdadh Oifigear-liaison Dhrugaichean anns gach Raon
Rianachd, agus chaidh iarraidh gun dèidheadh lèirmheas
a dhèanamh air an dreuchd ùr seo an ceann 12 mìosan. |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 6.7 Chaidh
na h-oifigearan nan dreuchdan anns an Damhair 1997, agus
bha an lèirmheas fhathast san amharc aig àm sgrùdadh
LSRP. Bha Ceannardan nan Raointean den bheachd gu robh
obair nan oifigearan seo fìor fheumail agus bhruidhinn
LSRP ri grunnan aca. Bha LSRP den bheachd, ge tà, gum bu
chòir gnè dreuchd nan oifigearan seo a shoilleireachadh
gus am biodh iad nas dlùithe ri obair tional
fiosrachaidh agus làimhseachadh eucoir. Mhothaich
LSRP anns a' bhliadhna suas gu àm an sgrùdaidh, gu robh
eucoir |
| co-cheangailte
ri drugaichean air èirigh gu mòr ann an ceithir de na
Raointean Rianachd, nach robh e air a dhol suas no sìos
ann an dà Raon Rianachd, agus gu robh e air tuiteam gu
mòr ann an dà. Tha an fheachd den bheachd gur e mar a
tha iad a' stiùireadh obair phoileas a-rèir eucoir as
coireach dha seo agus nach e pàtran eucoir a th'ann. |
6.8 Thuirt
aithisg a' Chiad sgrùdaidh gu feumadh dòighean
clàraidh a leasachadh airson cùisean a' buntainn ri
drugaichean gus am faigheadh an fheachd air coimeasan a
dhèanamh, mar eisimpleir:
- "an
t-eadar-dhealachadh eadar casaidean a' buntainn
ri seilbh dhrugaichean agus malairt dhrugaichean
- an diofar eadar a
bhith a' rùrach dhaoine no charbadan agus
rùrach thogalaichean
- an uiread
fiosrachaidh mu eucoir a tha a' buntainn ri
drugaichean (a' gabhail a-steach fiosrachadh bho
bhrathadairean) agus,
- a bheil an àireamh
de luchd-cleachdaidh dhrugaichean clàraichte air
èirigh no nach eil".
- Toradh an
Ath-sgrùdaidh
|
| 6.9 Cha
deach mòran adhartais a dhèanamh le seo, agus cha robh
e na chleachdadh a bhith a' briseadh sìos àireamhan a'
buntainn ri seilbh agus malairt dhrugaichean san dòigh a
chaidh a mholadh. Air sgàth na h-easbhuidhe seo, tha aig
oifigearan an sàs ann an obair làitheil nam poileas ri
feuchainn ri ceistean dhrugaichean fhuasgladh gun dealbh
iomlan aca air pàtranan eucoir ionadail no pàtranan air
feadh na feachd. Tha LSRP a' clàrachadh nach deach am
moladh seo a leantainn agus tha iad ag ràdh a-rithist gu
bheil rannsachadh nas doimhne air àireamhan a' buntainn
ri drugaichean deatamach ma tha an fheachd dol a
làimhseachadh nan cùisean seo ann an dòigh
phroifeiseanta. |
| Ath-sgrùdadh |
| Moladh 7 |
| Tha LSRP a' moladh gun dèan an fheachd
rannsachadh nas doimhne air àireamhan agus fiosrachadh
a' buntainn ri drugaichean mar a chaidh a mholadh le LSRP
cheana, gus am bi oifigearan an sàs ann an obair
làitheil nam poileas nas fiosraiche sa' chùis. |
| Arbhartachadh Maoin |
| 6.10 Nochd
aithisg a' Chiad sgrùdaidh gu robh an fheachd gan
ullachadh fhèin gus sealltainn ri arbhartachadh maoin,
gus nach faigh eucoirich tairbhe bhon cuid eucoirean. Tha
oifigearan a-nis air trèanadh fhaighinn san obair seo,
agus chaidh ceithir rannsachaidhean mòra a dhèanamh air
maoin eucoireach, agus thig iad fa chomhair na cùirte
san aithghearrachd. |
| Fòirneart san Dachaidh |
| 6.11
Rinneadh luaidh ann an aithisg a' Chiad sgrùdaidh air
cho adhartach 's a bha an fheachd a thaobh fòirneart san
dachaidh a làimhseachadh, agus gun deach sgioba
pròiseict a stèidheachadh gus dòighean-obrach ionadail
a leasachadh. Tha stiùireadh iomlan a-nis a' mìneachadh
gu soilleir poileasaidh na feachd agus dleasdanas an
luchd-obrach. Tha Oifigear-liaison Fòirneart san
Dachaidh aig gach Raon Rianachd a bhios a' dèanamh
cinnteach gu bheil fòirneart san dachaidh ga
làimhseachadh ceart as dèidh dha bhith air a chlàradh.
Tha cuid de inspectaran ionadail agus àrd inspectaran a'
co-ordanachadh na h-obrach seo. Bha deagh eòlas aig
na h-oifigearan ris na bhruidhinn LSRP, chan ann mhàin
mu dhòighean obrach a thaobh fòirneart san dachaidh,
ach mu na ceistean toinnte co-cheangailte ris. Bha
grunnan iomairt air bhonn anns na Raointean Rianachd gus
obair nam poileas agus obair bhuidhnean eile sa' chùis
seo a thaisbeanadh. |
| Làraichean Eucoir |
| 6.12 Mar as
trice bidh muinntir a' Bhureau Aithneachaidh a' dol gu
làrach eucoir sam bith a tha aig astar siubhail reusanta
bho Inbhir Nis. Tha oifigearan CID air an trèanadh gus
an obair seo a dhèanamh ann an àiteachan eile. Air
taobh a-muigh nam bailtean mòra chan eil oifigearan CID
pailt, agus ann an cuid de Raointean Rianachd bidh
constabalan èididh a tha an sàs ann an obair làitheil
nam poileas a' faighinn trèanaidh ann an rannsachadh
sìmplidh aig làrach eucoir. Tha seo a' toirt seirbheis
luath, èifeachdach do dhaoine a dh'fhuiling eucoir. Ann
an ceàrnaidhean eile, ge tà, cha robh seo ga dhèanamh
ged a bha uidheam uaireannan ann air a shon. Glè thric
b'e dìth trèanaidh a b'adhbhar dha seo. Anns an
sgrùdadh, chaidh a thoirt fa chomhair LSRP gun do rinn
oifigearan CID aon turas 200 mìle san iomlan gu làrach
eucoir, a-rèir choltais a chionn 's nach robh uidheam no
trèanadh freagarrach aig na h-oifigearan ionadail. Tha
LSRP den bheachd gu feum an fheachd lèirmheas a thoirt
air modhan-obrach a thaobh rannsachadh làrach eucoir,
gus an tèid goireasan a chleachdadh san dòigh as
fheàrr. |
| Ceanglaichean ris a' Choimhearsnachd |
| 6.13 Aig àm
aithisg a' Chiad sgrùdaidh, nochd iomagain mun dìth
adhartais ann a bhith a' leasachadh modh-obrach
chunbhalach a thaobh sàbhailteachd na coimhearsnachd
agus chaidh a ràdh gu feumadh ùghdarrasan ionadail seo
ghabhail os làimh. |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 6.14 Tha na
Roinnean Casg Eucoir agus Co-phàirteachadh
Coimhearsnachd aig a' Phrìomh-oifis air tighinn còmhla
fon ainm Sàbhailteachd Coimhearsnachd, a' taisbeanadh gu
bheil dòigh smaoineachaidh nas farsaing aig an fheachd
sa' chùis seo. Tha Oifigearan Sàbhailteachd
Coimhearsnachd ionadail a-nis air an deagh stèidheachadh
sna Raointean Rianachd. Tha inspectar air a bhith ag
obair an co-bhonn le Comhairle na Gàidhealtachd bhon
Òg-mhìos 1998 gan cuideachadh a' leasachadh
sàbhailteachd na coimhearsnachd. Chaidh òraidean a
libhrigeadh do chomataidhean sgìre agus sgiobaidhean
riaghlaidh an ùghdarrais ionadail agus, san Damhair
1998, chuir Comhairle na Gàidhealtachd an Roi-innleachd
aca air Sàbhailteachd na Coimhearsnachd air bhog.
Rinneadh adhartas math cuideachd ann an ceanglaichean a
thoirt gu bith eadar an Roinn Planaidh agus
Oifigear-liaison Ailtireachd na Feachd a thaobh a bhith
a' dealbhadh dhòighean gus eucoir a bhacadh. |
| 6.15
Choinnich Iar Neach-sgrùdaidh na Feachd-phoileas le
riochdairean bho na comhairlean eile ann an crìochan na
feachd far a bheil sàbhailteachd na coimhearsnachd ga
leasachadh le iomadh buidheann ag obair còmhla. Tha LSRP
a' brosnachadh gach buidhne dèanamh cinnteach gun tèid
an co-obrachadh seo a chumail suas. Tha seo air a
dhèanamh ann an cuid de fheachdan-phoileas, le bhith a'
sònrachadh pàirt de thabhartas an riaghaltais air a
shon, agus dh'fhaodadh feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath
beachdachadh air seo. (Faic Caibideil 3) |
| 6.16
Rinneadh luaidh ann an Caibideil 2 air "Trì
Sreathan Eagrachaidh ann an Sireadh Bheachdan na
Coimhearsnachd", a chuir air bhonn dè na h-ìrean
aig am bu chòir ceanglaichean a bhith eadar am poileas
agus buidhnean ionadail. Bha fìor dheagh bheachd aig a
h-uile h-oifigear ùghdarras ionadail agus comhairliche
ionadail ris na bhruidhinn LSRP anns an sgrùdadh, mu cho
cuideachail 's a bha na poileis agus buidhnean-riaghlaidh
raointean, agus mu an giùlan nan obair làitheil. Shaoil
LSRP ge tà, gu robh a' mhòr-chuid den cheangal eadar am
poileas agus na h-ùghdarrasan tro na comhairlichean air
Co-chomataidh nam Poileas an àite tro riochdairean an
ùghdarrais air fad. Dh'fhaodadh gu bheil Aithisg
Bhliadhnail an Àrd Chonstabail a' toirt taic dhan a'
chleachdadh seo le bhith ag ràdh gu bheil Ceannardan nan
Raointean "gam brosnachadh a bhruidhinn ri buill
ionadail na Co-chomataidh gus dèanamh cinnteach gu bheil
am poileas a' freagradh riutha." Tha pàipear
na feachd air Co-luadair ann an Trì Sreathan ag ràdh gu
bheil sireadh bheachdan aig ìre nan raointean a'
gabhail a-steach an "Ùghdarrais Ionadail". Ged
a tha LSRP a' tuigse an eadar-dhealachadh eadar a bhith
a' freagradh ri cuideigin agus a' sireadh am beachdan,
bha fianais ann nach robh ceannardan ionadail cinnteach
an robh an fheachd airson gu sireadh iad beachdan an
ùghdarrais ionadail ann an dòigh structurail. Bha a'
cheist seo air leth geur ann an raointean nan eileanan,
aig a bheil na h-aon chrìochan ris na h-ùghdarrasan
ionadail aca, agus a tha iomallach bho phrìomh-oifis na
feachd le cuid de mhodhan-obrach eadar-dhealaichte. Mar
thoradh air seo, bha ceanglaichean neo-fhoirmeil gan
cumail leis an ùghdarras ionadail, gun clàr-gnothaich
suidhichte aig na coinneamhan no cunntas ga chumail air
na chaidh a ràdh aca. Ged a tha LSRP mothachail air cho
feumail 's a tha an seòrsa ceangail seo tha iad den
bheachd gu bheil feum air dòigh-obrach nas
proifeiseanta, ann an seirbheis phoileas an latha
an-diugh aig a bheil ùghdarras airson muilleanan not de
airgead a' phobaill. Mholadh sinne, mar tha, gun dèanadh
an fheachd soilleir gu bheil iad a' brosnachadh
cheanglaichean eadar na ceannardan ionadail agus na
h-ùghdarrasan ionadail, agus gum biodh conaltradh san
àm ri teachd ga chumail ann an dòigh nas fhoirmeil le
clàr-gnothaich agus geàrr-chunntas. Tha seo gu h-àraid
cudromach ann an raointean nan eileanan. |
| Ath-sgrùdadh |
| Moladh 8 |
| Tha LSRP a' moladh gun dèan an fheachd
soilleir gu bheil iad a' brosnachadh cheanglaichean eadar
na ceannardan ionadail agus na h-ùghdarrasan ionadail,
agus gum bi conaltradh san àm ri teachd ga chumail ann
an dòigh nas fhoirmeil le clàr-gnothaich agus
geàrr-chunntas. |
| 6.17 Chaidh
aon cheist a thogail le Ùghdarrasan nan Eileanan mun
ath-eagrachadh a tha san amharc air cruth na
feachd-phoileas an Albainn. Bha e follaiseach gu robh
iomagain orra nach biodh e na bhuannachd do na
coimhearsnachdan aca. Bha iad den bheachd gu robh
ath-eagrachadh ann an seirbheisean eile air adhbhrachadh
gluasad ionmhais agus ghoireasan chun a' mheadhain leis
na sgìrean ionadail gam fàgail falamh. Bha eagal orra
nan deidheadh feachdan a chur an ceann a chèile gur e na
ceàrnaidhean iomallach a dh'fhuilingeadh easbhuidh. Tha
LSRP a' faireachdainn gu bheil e mar fhiachaibh orra am
fìor dhragh seo a chur fa chomhair Rùnaire na Stàite.
Tha LSRP a' toirt taic do phoileasaidh an Àrd
Chonstabail ann a bhith a' sgaoileadh ùghdarrais airson
eagrachadh ghoireasan bhon Phrìomh-oifis gu na Raointean
Rianachd. Tha iad gu mòr airson gum bi ùghdarras ga
chumail aig ìre ionadail agus gum bi am poileas a'
freagradh do mhuinntir nan coimhearsnachdan. Ge bith dè
an cruth a bhios air feachd-phoileas na h-Alba san àm ri
teachd, tha LSRP den bheachd gum bu chòir dha a bhith
air a stèidheachadh gu daingeann air na raointean
rianachd ionadail, le fìor ùghdarras ga sgaoileadh
thuca gus am bi am poileas eòlach ann an sùilean nan
coimhearsnachdan ionadail agus a' freagradh dhaibh. Tha
na molaidhean anns an aithisg a dheasaich sinn o chionn
ghoirid air ionmhasachd nam poileas Albannach,
"Credit to the Force" a' toirt taic don bheachd
seo. |
| Trafaic |
| 6.18 Sheall
aithisg a' Chiad sgrùdaidh gu geur air Roinn an Trafaig
agus cùisean a' buntainn rithe, agus dh'adhbharaich seo
trì molaidhean co-cheangailte. |
| 6.19 Moladh
a' Chiad Sgrùdaidh 9 |
| "Ma
tha an fheachd dol a chumail pàirt den ùghdarras airson
sàbhailteachd rothaidean, tha e ga mholadh gu faigh
daoine bhon phoball na dreuchdan a tha poileis a'
lìonadh an-dràsda, mar a tha a' tachairt ann am
feachdan-phoileas eile." |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 6.20 Aig àm
an Ath-sgrùdaidh, bha Luchd-stiùiridh na Feachd air
aontachadh an dreuchd a tha sàirdseant san Roinn Trafaig
a' lìonadh an-dràsda a thoirt do neach bhon phoball.
A-rèir choltais bha dàil anns a' chùis a chionn 's gu
robh feum air lèirmheas a dhèanamh air gnè na dreuchd.
Tha sinn a' tuigsinn gu bheil sanas obrach a-nis air
nochdadh airson na dreuchd seo. |
| 6.21 Moladh
a' Chiad Sgrùdaidh 10 |
| "gun
tèid luchd-obrach bhon phoball fhasdadh a nì an obair
rianachd a tha poileis le dleasdanas airson camara-astair
a' dèanamh an-dràsda". |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 6.22 Aig àm
an Ath-sgrùdaidh bha a' Bhuidheann Chleachdairean air
Stiùireadh Luchd-obrach fhathast a' beachdachadh air a'
cheist seo agus cha robh coltas gu robh iad faisg air
fuasgladh. Tha e coltach gu bheil an fheachd ag
aontachadh ris a' phrionnsabal ach gu bheil dragh orra mu
chosgaisean, agus gu bheil amharas orra gun tèid am
peanasachadh fo riaghailtean maoineachais Oifis na h-Alba
ma dh'fhasdas iad tuilleadh luchd-obrach bhon phoball. A
dh'aindeoin seo, tha LSRP a' brosnachadh na feachd am
moladh seo adhartachadh. |
| 6.23 Rinn
aithisg a' Chiad sgrùdaidh luaidh air an dìth innealan
deuchainn analach eleactronaiceach a bh' ann agus bha
iomagain air an luchd-sgrùdaidh gun cuireadh seo bacadh
air oidheirpean na feachd air smachd a chumail air daoine
a' draibheadh le deoch. Mholadh: |
| Moladh a'
Chiad Sgrùdaidh 11 |
| "gun
tèid innealan deuchainn analach eleactronaiceach (le
barantas on Riaghaltas) a sgaoileadh air feadh na feachd
cho luath 's a tha iad rim faighinn" |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 6.24 Tha an
fheachd an dùil gum bi na h-innealan ùra anns na h-ochd
raointean rianachd san earrach 1999. Bu chòir dha seo
cuideachadh mòr a thoirt do oifigearan anns an iomairt
an aghaidh draibheadh le deoch agus na tubaistean rathaid
a tha e ag adhbharachadh. |
| 6.25 Ged a
bha an àireamh tubaistean rathaid airson 1997/98 air a
dhol sìos 1.5% bhon bhliadhna roimhe sin, gu 4073,
dh'èirich an àireamh dhaoine a chaidh am marbhadh bho
36 gu 46. Bha oifigearan san Roinn Trafaig làn fhiosrach
air na duilgheadasan a bha ag èirigh uair is uair agus
ag adhbhrachadh thubaistean, agus rinn iad ionnsaigh air
cur às dhiubh. Thuirt aithisg a' Chiad sgrùdaidh "gu
feum an Roinn Trafaig barrachd beum a chur air amasan a
chruthachadh gach bliadhna a tha so-dhèanta, a ghabhas
tomhas agus a tha a-rèir amasan na feachd, ma tha iad
dol a thoirt seachad an t-seirbheis as fheàrr". |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 6.26 Tha an
fheachd a-nis air Roi-innleachd Sàbhailteachd Rathaidean
a dheasachadh ach cha robh dearbhadh gun tàinig amasan
no planaichean gnìomha airson Roinn an Trafaig a-mach
as, agus a-rithist bha dragh air LSRP nach robh buaidh
aig an t-siostam planaidh air na bha a' tachairt air na
sràidean. Ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd bidh
iomadh buidheann, le riochdachadh bhon fheachd nam measg,
a' tighinn cruinn ann am Buidheann Stiùiridh
Sàbhailteachd na Coimhearsnachd a choimhead ri caochladh
chuspairean mar sàbhailteachd rathaidean. Bhiodh LSRP
toilichte, ge tà, modh-obrach nas structurail fhaicinn a
dh'innseadh dè chuireadh iad an gnìomh airson nan
amasan aca a choilionadh air na sràidean, agus clàr-ama
ullachadh gus seo a thoirt gu buil. Bha neo-làthaireachd
san Roinn Trafaic air sgàth tinneis agus oifigearan gan
cur a dh'obair greiseag ann an roinnean eile, na dhroch
bhacadh air adhartas na cuid iomairtean agus dh'fhaodadh
an fheachd fiachainn ri fuasgladh a lorg air a' cheist
seo. |
| Gunnaichean nam Poileas |
| 6.27 Thog
aithisg a' Chiad sgrùdaidh dà cheist a' buntainn ri
poileis a bhith a' cleachdadh ghunnaichean. Anns a' chiad
àite cha robh dòigh ann airson dèanamh cinnteach gu
robh sgaoileadh cothromach, thar uairean obrach agus
sgìrean, de oifigearan le cead gunna a ghiùlan, agus
anns an dàrna àite bha feum aig sgioba nan gunnaichean
air carbad phoileas a bha suaicheanta. |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 6.28 A-rèir
na chunnaic an Luchd-sgrùdaidh Rìoghail bha ceannardan
nan raointean làn fhiosrach gu feumadh iad cothromachadh
de dhaoine le sgilean eadar-dhealaichte anns na
sgiobannan aca, agus bha iad a' meas oifigearan aig an
robh cead gunna a ghiùlan glè chudromach. Bha na
ceannardan iomagaineach, ge tà, gu faodadh an
suidheachadh atharrachadh gu math luath le mar a bha
luchd-obrach a' gluasad gu dreuchdan ùra, agus tha LSRP
den bheachd gu bheil feum air sùil a chumail bho os
àird air mar a tha oifigearan le cead gunna a ghiùlan
air an sgapadh air feadh na feachd. Tha sgioba san
rùm stiùiridh a' sìor fhaighinn fios air cò na
h-oifigearan le cead gunna a ghiùlan a tha ag obair aig
aon uair agus bha iad eòlach air dè dh'fheumadh a
dhèanamh nan nochdadh tachartas far an robh gunna ri
chleachdadh. Bha LSRP toilichte faicinn gu robh
dòighean math ann airson oifigearan le cead gunna a
ghiùlan a ghairm agus gu robh na dòighean seo air an
cur fo dheuchainn grunnan uair sa' bhliadhna. Tha
carbad suaicheanta air a dheagh uidheamachadh a-nis aig
sgioba nan gunnaichean agus tha raon-losgaidh ùr faisg
air Deimhidh air a bhith feumail ann an cumail an àird
sgilean proifeiseanta nan oifigearan. |
| Planadh airson Àm Èiginn |
| 6.29 Moladh
a' Chiad Sgrùdaidh 12 |
| "gun
ullaich an fheachd roi-innleachd airson dèiligeadh ris
na meadhanan aig àm tubaiste mòire". |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 6.30 Aig àm
an Ath-sgrùdaidh bhathas air adhartas math a dhèanamh
san obair seo agus bha làn trèanadh air tòiseachadh.
Bha Roinn Seirbheisean nam Meadhanan agus na Roinnean
Planaidh airson àm Èiginn a' libhrigeadh sreath
òraidean do luchd-obrach nan Raointean Rianachd. Chaidh
co-labhairt air làimhseachadh nam meadhanan aig àm
tubaiste mòire a chumail san Iuchar airson a h-uile
h-oifigear follaiseachd agus oifigear planaidh airson àm
èiginn sa' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. |
| Teisteanasan Gunna |
| 6.31 Ged a
bha aithisg a' Chiad sgrùdaidh mothachail air an uallach
obrach a bh'air an fheachd a thaobh teisteanasan gunna,
rinneadh luaidh air iomagain LSRP mun "uiread
teisteanasan ghunnaichean nach deach an ùrachadh ann an
deagh thìde" agus mholadh: |
| Moladh a'
Chiad Sgrùdaidh 13 |
| "gun
tèid modhan-obrach a stèidheachadh gus am bi
teisteanasan agus barantasan ghunnaichean gan ùrachadh
ann an tìde". |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 6.32 Chunnaic
LSRP gun deach moladh a' Chiad sgrùdaidh a leantainn
agus gu bheil an fheachd suas gu tìde ann a bhith ag
ùrachadh teisteanasan ghunnaichean agus
ghunnaichean-froise. Tha atharradh san lagh o chionn
ghoirid air dà bhliadhna a thoirt do fheachdan nuair
nach fheum iad a bhith a' làimhseachadh iarrtasan airson
teisteanasan ùrachadh gu cunbhalach, agus bidh
Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath a' cleachdadh na tìde
seo airson sealltainn ri mar a tha iad ag ùrachadh
theisteanasan. Thig an tìde shàmhach seo gu crìch, ge
tà, aig toiseach na bliadhna 2000 nuair a thòisicheas
ùrachadh theisteanasan a-rithist. Tha e cudromach gum bi
modhan-obrach stèidhichte aig an àm sin a nì cinnteach
nach tig dàil anns an obair mar a thachair aig àm a'
Chiad sgrùdaidh. |
| 6.33 Shaoil
LSRP gu faodadh na modhan-obrach a bha an fheachd a'
beachdachadh stèidheachadh cur an inntinn dhaoine nach
fheumadh iad càil a dhèanamh mu theisteanas ùrachadh
airson suas gu cealla-deug as dèidh dha tighinn gu
crìch. Tha LSRP den bheachd gu bheil seo a' ceadachadh
sealbh gunna mì-laghail. Tha LSRP a' smaoineachadh gu
feum an fheachd sealltainn ri seo a-rithist agus ri na
ceistean lagha a dh'èireas às, gus mì-chinnt sam bith
a dhubhadh às. Bu chòir don phoileasaidh ùr a bhith
air a mhìneachadh gu soilleir gus nach bi oifigearan an
sàs ann an obair làitheil nam poileas teagmhach mun
dleasdanas. Tha lèirmheas ga thoirt air a'
ghnàth-riaghailt a th' ann an-dràsda, agus tha LSRP a'
brosnachadh na feachd seo a thoirt gu buil gun dàil. |
| Cùisean-lagha Sìobhalta |
| 6.34 Rinn
aithisg a' Chiad sgrùdaidh luaidh air an àireamh mhòr
de chùisean-lagha sìobhalta a bha gan toirt a-mach an
aghaidh na feachd agus nach robh "fiosrachadh man
deidhinn agus mar a bha iad a' tighinn air adhart ga
thoirt seachad ann an dòigh mhath, agus gu robh feum air
seo a chur ceart". |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 6.35 Aig àm
an Ath-sgrùdaidh, bha còmhraidhean a' dol le
luchd-àrachais na feachd gus siostam rianachd nas
fheàrr a dheasachadh airson sùil a chumail air mar a
tha cùisean-lagha sìobhalta a' tighinn air adhart. Ged
a tha LSRP mothachail gu bheil seo ga làimhseachadh
thathas an dòchas gun tèid a' chùis fhuasgladh nas
luaithe a-nis. |
| Stuth a Chaidh a Chall 's a Lorg agus
Taisbeanaidhean na Cùirte |
| 6.36 Ged a
bha an fheachd a' leantainn modhan-obrach stèidhichte
airson dèiligeadh ri stuth a chaidh a lorg agus
taisbeanaidhean na cùirte, nochd aithisg a' Chiad
sgrùdaidh easbhuidh a thaobh àiteachan-tasgaidh
freagarrach agus duilgheadasan ann a bhith a' faighinn
a-mach cò leis a bha an stuth a chaidh a lorg, a chionn
's nach robh siostam-clàraidh coitcheann aca. Mholadh: |
| Moladh a'
Chiad Sgrùdaidh 14 |
| "gum
bu chòir lèirmheas a thoirt air siostaman airson
dèiligeadh ri stuth a chaidh a chall 's a lorg, agus
taisbeanaidhean na cùirte". |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 6.37 Aig àm
an Ath-sgrùdaidh, bha aon de na Buidhnean Chleachdairean
a' coimhead ris a' chùis agus bha mòran deasbuid air
tachairt eadar an Aonad Seirbheis Rianachd agus na
Raointean Rianachd. Tha àite-tasgaidh air a shònrachadh
anns a' Phrìomh-oifis ùir airson taisbeanaidhean na
cùirte a chumail gu sàbhailte agus thathas an dòchas
gu lùghdaich seo na duilgheadasan le dìth
àite-tasgaidh a th'aig a' Bhureau Aithneachaidh. |
| 6.38 Tha an
fheachd mothachail air na h-easbhuidhean san
dòigh-rianachd aca a thaobh stuth a chaidh a chall 's a
lorg, agus tha fèill mhòr air stòr-dàta coitcheann
airson na feachd. Tha iad cuideachd mothachail, ge tà,
gu feum beachdachadh air seo a-rèir ghoireasan agus
ionmhais, ach tha na Raointean Rianachd air a bhith a'
toirt lèirmheas air modhan-obrach ionadail gus dèanamh
cinnteach gu bheil stèiseanan a bhios a' faighinn brath
air stuth a chaidh a chall 's a lorg a' sgaoileadh
fiosrachaidh dha chèile. Nuair a bha LSRP a' tadhal air
Inbhir Theòrsa chaidh innse dhaibh mu thurasach
Astràilianach a fhuair a chamara air ais as dèidh dha a
chall "am badeigin" eadar Ullapul agus Inbhir
Theòrsa. |
| Ceanglaichean ris na Meadhanan |
| 6.39 Bha
aithisg a' Chiad sgrùdaidh mothachail air an obair
chudromach a bha manaidsear nam meadhanan a' dèanamh,
ach cuideachd gur e oifigearan sna Raointean Rianachd a
bha a' dèiligeadh ris na meadhanan o latha gu latha,
agus nach robh trèanadh sam bith ri fhaighinn airson seo
san fheachd. Mholadh: |
| Moladh a'
Chiad Sgrùdaidh 15 |
| "
gum bu chòir pàipear poileasaidh a dheasachadh a tha a'
mìneachadh obair agus dleasdanas an luchd-obrach a tha
a' dèiligeadh ris na meadhanan". |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 6.40 Chuir
manaidsear nam meadhanan cùrsa trèanaidh ann an sgilean
mheadhanan air dòigh aig Colaisde nam Poileas Albannach,
airson oifigearan à Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath
a-mhàin. B'e Ceannardan nan Raointean a thagh an
fheadhainn a ghabh pàirt agus tha iad a-nis ag obair
leis na meadhanan nan sgìrean fhèin. Bha an iomairt seo
cho soirbheachail 's gu bheil cùrsa eile san amharc. Tha
òraid air "gnothaichean mheadhanan" a-nis na
pàirt den trèanadh airson chonstabalan nan ùine
dearbhaidh, agus airson sàirdseantan agus inspectaran a
tha ùr nan dreuchd. Tha prògram leantainneach a' cur
oifigearan a tha an sàs ann an obair làitheil nam
poileas a dh'obair greiseag aig Seirbhisean nam
Meadhanan. Tha seo gan dèanamh nas mothachail air
cùisean a' buntainn ris na meadhanan agus a' toirt
cothroman leasachaidh dhaibh. Ach, ged a bha
poileasaidh mheadhanan gu bhith deiseil, bha LSRP duilich
nach deach a sgaoileadh don fheachd ro àm an
Ath-sgrùdaidh. |
| Gnothaichean Eile |
| 6.41 Tron
sgrùdadh chaidh grunnan chuspairean a thogail le
oifigearan agus luchd-taice a tha LSRP a' smaoineachadh a
dh'fhaodadh beachdachadh orra. Bha a' mhòr-chuid a'
buntainn ri duilgheasadan obair làitheil nam poileas ann
an ceàrnaidhean iomallach. |
| 6.42 Carbadan |
| Bha
iomagain air oifigearan ann an ceàrnaidhean iomallach
nach robh na carbadan aca freagarrach airson a bhith a'
dèanamh cuairtean-obrach san droch thìde a bhios aca,
agus air frith-rathaidean gu taighean tuathanais agus far
nach eil rathaidean ann. Dh'innis iad mu amannan nach
b'urrainn dhaibh daoine a dh'fhaodadh a bhith a'
draibheadh le deoch a leantainn, agus aon turas bha aca
ri iasad carbad "4 x 4" iarraidh bho neach bhon
mhòr-shluagh gus an deidheadh iad a lorg boireannaich
agus leanaibh a bha air seachran. Ged a tha sinn
mothachail nach eil cuid de na cunntasan seo air an
dearbhadh, agus nach tèid aig feachd sam bith a h-uile
h-oifigear a shàsachadh a thaobh uidheim, mholadh
LSRP, air sgàth cho duilich 's a tha mòran den talamh
ann an crìochan na feachd, gum bu chòir dhaibh
beachdachadh a-rithist air ciamar a tha carbadan "4
x 4" gan sgaoileadh. |
| 6.43 Fònaichean
Gluasaid |
| Air sgàth
gu bheil na companaidhean fònaichean gluasaid a'
libhrigeadh seirbheis nas farsainge a-nis sa'
Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, dh'fhaodadh an
fheachd smaoineachadh air na sochairean a bheireadh
fònaichean den t-seòrsa do oifigearan a tha ag obair
nan aonar ann an ceàrnaidhean iomallach, nan obair
làitheil agus a thaobh slàinte agus sàbhailteachd. Tha
seo gu h-àraid cudromach ann an ceàrnaidhean far nach
bi teachdaireachd rèidio ach lag, far am biodh
fònaichean gluasaid feumail nuair nach b'urrainn an
rèidio a chleachdadh. |
| 6.44 Manaidsearan
a' tadhal air an Luchd-obrach |
| Tha an
Luchd-sgrùdaidh Rìoghail a' tuigsinn nan duilgheadasan
siubhail a th' aig muinntir Feachd-phoileas a'
Chinn-a-Tuath (gu h-àraid as dèidh dhuinn na crìochan
a shiubhal le càr, bàta agus itealan aig àm an
sgrùdaidh). Ge tà, thuirt luchd-obrach ann an cuid de
na stèiseanan beaga air na thadhail sinn gu robh ùine
mhòr bho chunnaic iad oifigear os cionn inbhe
Inspectair. Tha LSRP mothachail air an uallach a th'air
manaidsearan na seirbheis san latha an-diugh, gu h-àraid
nuair a tha barrachd ùghdarrais ga sgaoileadh thuca, ach
tha iad den bheachd gu feum manaidsearan nan raointean
a bhith a' siubhal nan crìochan aca nas trice, airson
gun toir seo misneachd do na h-oifigearan a tha an sàs
ann an obair làitheil nam poileas. |
| Co-dhùnadh |
| 6.45
Rinneadh tadhal air na h-ochd raointean rianachd gu lèir
anns an ro-sgrùdadh agus anns an sgrùdadh agus tha LSRP
taingeil airson cho fosgailte, cuideachail 's a chaidh
ceistean a fhreagairt, agus airson nan deasbadan onarach,
fiosrach a dh'èirich asta. Bha LSRP measail air an
dòigh san robh na h-oifigearan agus an sgioba-taice ag
obair gu socair air an ceann fhèin agus a' gabhail orra
dleasdanais a thaobh na feachd agus nan coimhearsnachdan.
Ann a bhith a' dèanamh an sgrùdaidh seo fhuaras
sealladh beag air an obair shònraichte a th'aig poileis
sna sgìrean seo. Chan e dìreach gu bheil
eadar-dhealachadh mòr san dreach tìre o cheann gu ceann
ach tha diofar seòrsaichean dòighean beatha, culturan
agus cànanan rin lorg cuideachd. Cha b'e amas an
Ath-sgrùdaidh sealltainn ris a h-uile taobh de obair
Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath, ach coimhead ris na
ceistean a chaidh a thogail ann an aithisg a' Chiad
sgrùdaidh. Thug LSRP an àire tron sgrùdadh seo, ge
tà, an uiread de thionnsgnaidhean ionadail 's a ghabh
daoine orra fhèin cho math ris an obair phoileas a tha
a' tachairt gu stòlta o latha gu latha. Ged a tha sinn,
ann am pàirtean eile den aithisg seo, a' toirt an aire
do atharrachaidhean ann an riaghladh fo cheannard ùr,
bhiodh e cèarr beachd a ghabhail air obair làitheil
Feachd-Phoileas a' Chinn-a-Tuath gun moladh a thoirt dha
na fir sna boireannaich a tha a' frithealadh na seirbheis
sin, glè thric ann an suidheachaidhean fìor iomallach
agus aonranach. Tha an cuid dìchill o latha gu latha na
bhonn-stèidh don obair shoirbheachail a tha
Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath a' toirt gu buil. |
| |