| 5
Stiùireadh Luchd-obrach |
| 5.1 Tha an
t-Aonad Seirbheis Stiùireadh Luchd-obrach a' coimhead ri
solarachadh luchd-obrach, fasdadh, trèanadh, leasachadh
cothroman luchd-obrach, sochair luchd-obrach, slàinte
agus sàbhailteachd. Tha ùghdarras airson nan cùisean
seo uile aig Ceannard Stiùireadh Luchd-obrach, a bhios
a' freagradh don Àrd Chonstabal. |
| Roi-innleachd |
| 5.2 Nochd e
ann an aithisg a' Chiad sgrùdaidh nach deach
roi-innleachd airson stiùireadh Luchd-obrach ullachadh.
Chaidh roi-innleachd fhoillseachadh anns a' Chèitean
1998 a mhìnich prionnsabalan anns an fharsaingeachd air
Leasachadh agus Goireasan Luchd-obrach agus a thaobh mar
a tha an luchd-obrach a' dèiligeadh ri chèile. Ach, tha
grunnan chùisean a chaidh a thogail crochte ri obair
nach deach a dhèanamh fhathast, agus tha LSRP
iomagaineach mun tìde a tha an fheachd a' toirt a'
fuasgladh ceistean cudromach àraidh. Nam measg tha
poileasaidhean air taghadh agus suidheachadh
luchd-obrach, rannsachadh air feuman trèanaidh, measadh
agus leasachadh obair luchd-taice. Tha grunnan
poileasaidhean air Stiùireadh Luchd-obrach a' nochdadh
a-nis, a' tighinn tro na Buidhnean Chleachdairean, ach
tha LSRP a' brosnachadh na feachd gus coimhead ris na
ceistean a tha fhathast rim fuasgladh agus co-dhùnadh
dè na ceistean a dh'fheumar sealltainn riutha an
toiseach. |
| 5.3 Aig àm
a' Chiad sgrùdaidh, nochd dà cheist a bha feumach air
fuasgladh agus air sgàth seo mholadh: |
| Moladh a'
Chiad Sgrùdaidh 6 |
"gum
bu chòir poileasaidhean Solarachadh Luchd-obrach a
dhèanamh gun dàil
- gus poileasaidhean
a dheasachadh agus a chur an gnìomh a bheir
piseach air gluasad obrach, àrdachadh inbhe
obrach agus an dòigh sa bheil daoine gam fasdadh
ann an obraichean sònraichte, agus
- gus sgrùdadh a
dhèanamh air co-ionnanachd airson oifigearan
boireann".
|
| Gluasad Obrach |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 5.4 Tha mu
570 poileas air am fasdadh tro na h-ochd raointean
rianachd agus mu 80 aig Prìomh-oifis na Feachd. Cha bhi
daoine ann an aon dreuchd ach greis mus tèid iad gu
dreuchd eile, agus tha mòran gluasaid air feadh
crìochan na feachd ga adhbhrachadh nuair a tha
oifigearan a' dol gu dreuchdan sònraichte, a' faighinn
àrdachadh inbhe agus leasachadh cothroman obrach. Bha
poileasaidh gu math rag ga chleachdadh nuair a chaidh an
t-Àrd Chonstabal na dhreuchd, a bha a' ciallachadh gu
feumadh a' mhòr-chuid de oifigearan gluasad a h-uile
còig bliadhna, no mar sin. Nochd aithisg a' Chiad
sgrùdaidh gu robh dùil aig an Àrd Chonstabal
dèiligeadh ris a' mhì-thoileachas a bh'ann a-rèir seo,
ach thuirt an aithisg mun t-siostam suidheachaidh ùr "gu
robh mì-chinnt mun dòigh san obraicheadh e a' cur
iomagain air daoine". |
| 5.5 Chaidh
Poileasaidh air Fasdadh agus Suidheachadh fhoillseachadh
on àm sin, agus tha e na phàirt den Leabhar
Comhairleacheadh ùr a tha an fheachd a' deasachadh, a
ghabhas àite nan seann Ghnàth-riaghailtean. Chaidh
am poileasaidh a sgrìobhadh ann an dòigh gu math
farsaing, ge tà, agus cha do lorg LSRP fianais gu robh e
air faochadh sam bith a thoirt air mì-chinnt san
fheachd. Gu dearbh, tha cùisean gluasad obrach fhathast
nan adhbhar iomagain airson, cha mhòr, a h-uile
h-oifigear. |
| 5.6 Tha am
pàipear a' mìneachadh prionnsabalan farsaing na feachd
a thaobh luchd-obrach a shuidheachadh agus tha e ag ràdh
"gun tèid breithneachadh iomchaidh a dhèanamh
air sochair oifigearan agus an cuid teaghlaichean".
A-rèir a' phoileasaidh, faodaidh oifigearan fuireach ann
an dreuchd nas fhaide na an tìde as lugha a tha
ceadaichte, ach chan eil e ag ràdh dè cho fada 's a tha
an tìde as lugha, no ciamar agus cuin a thèid
co-dhùnadh mu dè cho freagarrach 's a tha e oifigear
fhàgail nas fhaide ann an dreuchd sam bith. Nuair a
dh'iarr LSRP air an fheachd a' chùis a shoilleireachadh,
chaidh an stiùireadh gu pàipear air gnàth-riaghailt mu
"Gluasad Obrach", a tha ag ràdh gum bi
oifigear ann an dreuchd bho trì gu còig bliadhna. Tha
an ùine a-rèir dè seòrsa àite a th'ann agus a bheil
an t-oifigear pòsda no nach eil. Leis an t-suidheachadh
seo mar a tha e, chan eil e na iongnadh gu bheil na
h-oifigearan mì-chinnteach mu riaghailtean na feachd a
thaobh gluasad obrach. Bha mì-chinnt a' fàgail cuid
de phoileis, gu |
| h-àraid an
fheadhainn a bha air a bhith ann an dreuchd airson còig
bliadhna, a' faireachdainn gu robh iad fo bhagairt, ach
cha robh iad deònach a' cheist a thogail mus
adhbhraicheadh seo gluasad obrach nach robh iad ag
iarraidh. |
5.7 Se
"sùbailteachd" prìomh amas a' phoileasaidh
ùir agus deagh mhiann airson dèiligeadh ris a h-uile
duine fa-leth. Tha sanasan gan cur a-mach airson gach
dreuchd agus sann aig Panal Solarachadh Luchd-obrach,
leis an Iar Àrd Chonstabal sa' chathair, a tha am facal
mu dheireadh mu shuidheachadh luchd-obrach. Ach, tha an
dòigh-obrach ùr, fhosgailte seo air duilgheadasan eile
a thogail nach robh cho follaiseach ann an siostam nas
raige, mar eisimpleir:
- tha an gealladh gun
tèid coimhead ri sochair theaghlaichean ag
adhbhrachadh a' bheachd gum bi oifigearan gun
mòran dleasdanas teaghlaich, agus gu h-àraid
oifigearan singilte, fo bharrachd uallach a
thaobh gluasad obrach. Dh'fhaodadh gu bheil seo
a' dol an aghaidh poileasaidh foillsichte na
feachd air co-ionnanachd, a tha ag ràdh gun
tèid dèiligeadh ris a h-uile h-oifigear san aon
dòigh co dhiù a bheil iad pòsda no nach eil.
- Tha dragh air cuid de
Cheannardan Raointean nach eil gluasad
"saor-thoileach" a' toirt dhaibh am
measgachadh ceart de sgilean a-measg oifigearan.
- 'S tric a thuirt
oifigearan a bha air cur a-steach airson gluasad
obrach gu "saor-thoileach" gun do rinn
iad sin a chionn 's gun deach iarraidh orra, agus
gu robh eagal orra nan diùltadh iad gun
deidheadh an cur gu àite far nach robh iad ag
iarraidh a dhol. Tha staitistearachd na feachd a'
sealltainn gu bheil a' chuid mhor de ghluasadan
"saor-thoileach", ach, as dèidh
bruidhinn ri cuid de na h-oifigearan a ghluais gu
"saor-thoileach", chanadh LSRP gum
feumar a bhith faicilleach leis na h-àireamhan
seo.
- Bha fianais gu robh
dreuchdan gan lìonadh gu slaodach ann an
àiteachan iomallach, agus gu robh seo a' fàgail
nan ceàrnaidhean sin, far a bheil cruaidh fheum
air neo-eisimeileachd, as aonais phoileas gu
leòr.
|
| 5.8 Tha
LSRP a' creidsinn gu bheil deagh mhiann anns an fheachd a
bhith cothromach ris a h-uile duine, ach gu bheil feum
aca beachdachadh air mar a tha cùisean a' coimhead ann
an sùilean an luchd-obrach. Ma tha oifigearan a'
smaoineachadh nach eil cùisean air an làimhseachadh gu
cothromach agus ma tha iad an còmhnaidh iomagaineach mun
àm ri teachd, dh'fhaodadh iad a bhith an-fhoiseil agus
dh'fhaodadh droch bhuaidh a bhith aig seo air an cuid
obrach o latha gu latha. Tha LSRP a' brosnachadh na
feachd gu bhith sealltainn ris a' cheist seo a-rithist
gun dàil, agus na riaghailtean a bhuineas ri gluasad
agus suidheachadh a shoilleireachadh gus an tuig a h-uile
duine iarrtasan agus dleasdanas na feachd, cho math ri
dleasdanas agus còirichean nan oifigearan. Nuair a
thèid am poileasaidh ath-sgrìobhadh, bu chòir a chur
cruinn ann an aon phàipear a chì an luchd-obrach uile,
agus bu chòir dha a bhith a' leantainn poileasaidh
co-ionnanachd na feachd. |
| Ath-sgrùdadh |
| Moladh 4 |
| Tha LSRP a' moladh gu soilleirich an fheachd
na riaghailtean aca a thaobh gluasaid agus suidheachaidh
agus gun cuir iad cruinn ann an aon phàipear iad gus an
tuig a h-uile duine iarrtasan agus dleasdanas na feachd,
cho math ri dleasdanas agus còirichean nan oifigearan.
Bu chòir dhan phoileasaidh ùr a bhith a' leantainn
poileasaidh co-ionnanachd na feachd. |
| Àrdachadh Inbhe |
| 5.9 Nochd e
gu robh dragh air mòran oifigearan anns a' Chiad
sgrùdadh "nach robh e coltach gu robh
poileasaidhean follaiseach ann a thaobh àrdachadh inbhe
no oifigearan a stiùireadh gu dreuchdan sònraichte. Bha
teagamh ann mu dè cho fosgailte agus cothromach 's a bha
na dòighean taghaidh". |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 5.10 Tha an
fheachd an dùil Aonadan-measaidh a bhith air bhonn ro 1
Giblean 1999, agus tha iad air eòlaiche fhasdadh gus seo
a thoirt air adhart le bhith a' tomhas dè tha dèanamh
oifigear "iomchaidh" airson gach inbhe den
phoileas. Chaidh modh-obrach a stèidheachadh san
eadar-ama aig deireadh 1997, airson ardachadh inbhe gu
sàirdseant agus inspectar, agus chaidh iarraidh air a
h-uile h-oifigear a bha aig inbhe fhreagarrach innse
carson a bhiodh iad airidh air àrdachadh. Chaidh na
tagraidhean aca gu Manaidsearan nan Aonadan Seirbheis
agus fhuair iad agallamh le dà Chomhairliche feachd mus
deach gèarr-liosta ullachadh de dhaoine a gheibheadh
agallamh leis an Àrd Chonstabal agus an Iar Àrd
Chonstabal. |
| 5.11 Nochd
mòran an ùidh sa' ghnothaich agus chuir 200 oifigear
a-steach airson àrdachadh. Thàinig liosta de 19
constabal agus 11 sàirdseant a-mach à sin, a b'urrainn
cur a-steach airson nan dreuchdan àrdachaidh a chaidh
fhoillseachadh. Rinneadh eacarsaich coltach ri seo airson
oifigearan a lorg a bhiodh freagarrach an àrdachadh gu
inbhe Àrd Inspectar agus Superintendent. |
| 5.12 Ged
a tha LSRP mothachail air an dòigh chothromach san deach
an obair seo a dhèanamh, bha e mì-fhortanach cho fada
's a thug e mìneachadh a thoirt do na h-oifigearan nach
robh soirbheachail, carson nach deach leotha. Dh' fhàg
seo cuid aca diombach agus bha aig Ceannardan nan
Raointean agus nan roinnean dèiligeadh ris a' bhriseadh
dùil a dh'èirich às. Fhuair feachdan eile gur e
slighe dhoirbh a th'ann gluasad gu seòl taghaidh nas
cothromaiche, a dh'fheumas a làimhseachadh gu cùramach
gus nach dèan an dòigh ùr, fhosgailte cron air
misneachd luchd-obrach dhìchillich. |
| Taghadh Oifigearan airson Dreuchdan
Sònraichte |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
5.13 Ged
a tha LSRP ga mheas ionmholta gu bheil dòigh taghaidh
fhoirmeil nas cothromaiche aig an fheachd airson
àrdachadh inbhe, bha dragh orra mu ciamar a gheibheadh
oifigearan an cleachdadh eadar-dhealaichte a
dh'ullaicheadh iad airson nan dreuchdan a bha iad a'
sireadh. Mar as fhasa a tha e a' chiad cheum a
ghabhail air slighe an àrdachaidh sann as fhaide a tha
oifigear buailteach a dhol. Tha seo air leth cudromach a
chionn 's gu bheil an fheachd a' tuigsinn gu feum iad a
bhith cothromach ri oifigearan boireann a' sireadh
àrdachaidh. Air an adhbhar sin bha sinn duilich:
- Nach robh siostam
coitcheann ann airson Luchd-cuideachaidh a chur
dhan CID agus gur e manaidsearan ionadail a bha
ag ràdh cò bhiodh freagarrach airson na
h-obrach. Cha robh Luchd-cuideachaidh sam bith
ann an trì de na h-ochd raointean aig àm an
sgrùdaidh agus ged a tha fios gu bheil uallach
obrach a' cur bacaidh air an t-siostam tha
oifigearan anns na h-àiteachan seo a' call
cothroman leasachaidh.
- Bha oifigearan gan
taghadh airson an aonad trafaig as dèidh dhaibh
cùrsaichean "ullachaidh" a
chrìochnachadh, ach b'e Ceannardan nan Raointean
a bha ag ràdh cò gheibheadh air na
cùrsaichean.
- Cha robh an t-aon
slat-tomhais ga chleachdadh anns a h-uile
suidheachadh airson oifigearan a chur greiseag an
riochd inbhe nas àirde; cha robh stiùireadh
coitcheann ann a thaobh theisteanasan no
dearbhadh air cò bhiodh iomchaidh airson
àrdachaidh.
- Nuair a chaidh
foighneachd do mhanaidsearan ciamar a thagh iad
oifigear airson dreuchd shònraichte, mar bu
trice chanadh iad gun do "thagh iad an duine
as fheàrr airson na h-obrach". Cha robh
modh-taghaidh bheachdail le feumalachdan
aithnichte ri lorg aca, agus cha robh ach beagan
tuigse am fianais gu feumadh seòl a chleachdadh
a bha a' leantainn poileasaidh co-ionnanachd.
|
| 5.14 Tha
LSRP den bheachd gu feum an fheachd gluasad gu
modh-taghaidh nas structurail airson dreuchdan
sònraichte, a tha a' leantainn, gu h-àraid, poileasaidh
na feachd air co-ionnanachd. |
| Ath-sgrùdadh |
| Moladh 5 |
| Tha LSRP a' moladh gun cruthaich an fheachd
dòigh-taghaidh nas structurail airson dreuchdan
sònraichte agus inbhean ann an riochd inbhe nas àirde,
a tha a' leantainn gu mionaideach poileasaidh na feachd
air co-ionnanachd. |
| Oifigearan Boireann |
| 5.15 Rinn
aithisg a' Chiad sgrùdaidh luaidh air cho beag de
bhoireannaich a bha ann am Feachd-phoileas a'
Chinn-a-Tuath. Cha robh ach 10.5% aca ann, an àite 15%
san fheachd Albannach gu lèir. A-mach à 106 sàirdseant
cha robh ach dithis bhoireannach, agus cha robh ach
naoinear bhoireannach ann an dreuchdan sònraichte. Cha
do lorg an Luchd-sgrùdaidh Rìoghail "gu robh
bacadh ga chur air slighe a-steach no fasdadh
bhoireannach don phoileas" agus mhol iad
rannsachadh beachdan oifigearan boireann mar cheum ann a
bhith a' leasachadh àite nam boireannach san fheachd. |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 5.16 A-mach
à 26 oifigear a chaidh fhasdadh ann am Feachd-phoileas
a' Chinn-a-Tuath ann an 1997/98 bha ochdnar bhoireannach.
Thug seo an àireamh bhoireannach gu 74 (a' gabhail
a-steach tè a bha pàirt ùine) a bha a' dèanamh an
àirde 11.2% den fheachd. Bha fianais gu robh iomairt
fasdaidh a' brosnachadh bhoireannach gus tighinn don
fheachd. |
| 5.17 Fhuair
aon bhoireannach àrdachadh inbhe o chionn ghoirid agus
thug seo àireamh nan sàirdseant boireann gu trì, agus
aig àm an Ath-sgrùdaidh, bha 12 boireannaich ann an
dreuchdan sònraichte. Bhruidhinn an Luchd-sgrùdaidh
Rìoghail ri taghadh riochdachail de oifigearan boireann
agus anns an fharsaingeachd bha iad a' faireachdainn gu
robh cùisean air fàs nas fheàrr agus barrachd
chothroman ann. Tha an fheachd an dòchas gun toir na
cothroman obrach nas fuasgailte agus nas cothromaiche
barrachd co-ionnanachd do bhoireannaich. Ach, bha dragh
air LSRP mu chuid de bheachdan a nochd ann an
còmhraidhean le manaidsearan, gu h-àraid a thaobh dè
na h-obraichean agus àiteachan a bha freagarrach do
bhoireannaich. Mhothaich LSRP nach deach rannsachadh
sam bith a dhèanamh san fheachd a dh'fhaicinn dè bha
boireannaich a' sùileachadh agus a' miannachadh, agus
tha iad den bheachd gu bheil feum air barrachd air
modh-taghaidh cothromach airson fìor cho-ionnanachd a
thoirt gu buil. Tha toradh an ath-sgrùdaidh aig 5.13
(Dreuchdan Sònraichte) a' buntainn ri seo cuideachd. |
| Co-ionnanachd |
| 5.18 Tha an
fheachd air prògram trèanaidh coilionta a chur air
bhonn air a bheil "People Management Skills",
airson oifigearan aig inbhe sàirdseant agus nas àirde,
agus luchd-taice le dleasdanas stiùiridh. Tha an cùrsa
trì latha a' coimhead ri caochladh farsaing de
chuspairean mar co-ionnanachd, fasdadh, taghadh,
claonadh-bheachd, sàrachadh, maoidheadh agus facal
tòiseachaidh air ceannsachadh luchd-taice. Bhruidhinn
an Luchd-sgrùdaidh ri cuid de na h-oifigearan a chaidh
air a' chùrsa seo agus bha fìor dheagh bheachd aca mu
dheidhinn, agus tha an fheachd airidh air moladh airson
na tha iad a' dèanamh gus trèanadh a libhrigeadh anns
na cuspairean seo. |
| Luchd-taice |
| 5.19 Air 31
Màirt 1998, bha Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath a'
fasdadh 268 luchd-taice, mòran aca ann an dreuchdan
cudromach, a tha air a bhith a' toirt seachad an eòlais
don fheachd thar nam bliadhna. Rinn aithisg a' Chiad
sgrùdaidh luaidh, ge tà, air iomagain a nochd a-measg
cuid den luchd-obrach mu mheasadh dhreuchdan a rinneadh o
chionn ghoirid, agus a dh'adhbharaich mòran ghearanan mu
na h-ìrean pàighidh a dh'èirich às. Bha cuid de
dhaoine fhathast mì-riaraichte nuair a bhruidhinn an
Luchd-sgrùdaidh Rìoghail riutha. Chan eil e na iongnadh
gu robh na daoine a fhuair na h-ìrean pàighidh as
àirde toilichte leis agus gun d'fhuair càch briseadh
dùil. Tha e follaiseach gu feum srian a chumail air
na tha daoine a' sùileachadh bho eacarsaich den
t-seòrsa seo. |
| 5.20 Thog
aithisg a' Chiad sgrùdaidh ceist mu mheasadh
luchd-taice. Chaidh siostam measaidh a chur air bhonn ann
an 1995 ach cha deach gu math leis agus chaidh e a-mach
à cleachdadh. Thuirt cuid den luchd-taice ris na
bhruidhinn an Luchd-sgrùdaidh gum biodh iad toilichte le
siostam den t-seòrsa agus iad den bheachd gu
neartaicheadh e an t-àite aca san fheachd. Cha
d'fhuair LSRP fianais sam bith gu robh siostam ann airson
cothroman leasachaidh a thoirt do luchd-taice, no dòigh
air feuman trèanaidh aithneachadh no air slighe
àrdachadh inbhe a dhealbhadh. Tha pàipear na feachd
"Our Strategy for Policing with Purpose. Action Plan
1998" ag ràdh gum bi siostam measaidh airson
luchd-taice stèidhichte ro 31 Màirt 1999, ach tha an
t-Àrd Chonstabal air innse dhuinn a-nis gur e
"Iuchar 1999" bu chòir a bhith ann. A thaobh
na thuirt sinn cheana mu cheann-latha rannsachadh
beachdan a' mhòr-shluaigh (faic para 2.14) agus air
sgàth cho cudromach 's a tha am pròiseact seo,
dh'fhaodadh an fheachd oidheirp a dhèanamh gus
mì-chinnt sam bith mun cheann-latha a dhubhadh às. |
| 5.21 Tha an
t-Àrd Chonstabal airson gun gabh poileis agus
luchd-taice pàirt ann an riaghladh na feachd, agus tha e
air iarraidh gum bi na h-aonaidhean obrach gan
riochdachadh air na Buidhnean Chleachdairean agus
buidhnean meòmhrachaidh uile. Bidh riochdaire-aonaidh
bho UNISON aig coinneamhan Co-chomataidh nam Poileas. |
| Constabalan Sònraichte |
| 5.22 Tha an
fheachd gu mòr an eisimeil dìlseachd agus dealasachd
nan 430 constabalan sònraichte aca, ann a bhith a'
riochdachadh na feachd ann an àiteachan iomallach agus
a' cuideachadh oifigearan-ceangailte air sràidean nam
bailtean mòra. A dh'aindeoin seo, thuirt aithisg a'
Chiad sgrùdaidh gu robh dìth "poileasaidh
choitcheann ann a thaobh an dleasdanas obrach agus an
trèanaidh" agus mholadh: |
| Moladh a'
Chiad Sgrùdaidh 7 |
| "
gum bu chòir constabalan sònraichte trèanadh fhaighinn
ann an glas-làimh rag agus cuaille so-shìnte a
chleachdadh, agus bu chòir dhaibh comas fhaighinn an
giùlan nuair a tha iad ag obair". |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 5.23 Tha am
moladh seo a' leantainn a' bhonn-stèidh nàiseanta a
dh'aontaich na feachdan Albannach uile, agus tha an
fheachd air a choilionadh a thaobh nan constabalan
sònraichte a bhios a' caitheamh èideadh nam poileas.
Bha an fheachd fo imcheist, ge tà, gum biodh an
trèanadh seo a' buntainn ris an iomadh constabal
sònraichte anns na ceàrnaidhean iomallach, aig a bheil
obair chudromach a' riochdachadh na feachd ach nach eil
a' dèanamh obair làitheil nam poileas. A chionn 's
gu bheil Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath ann an
suidheachadh air leth, tha LSRP a' tuigsinn carson a tha
iad a' cumail chonstabalan sònraichte nach eil ri obair
làitheil nam poileas, mar riochdairean na feachd ann an
sgìrean iomallach. Ach, bu chòir eagrachadh nas
foirmeil a chur air a' chleachdadh seo gus nach mair
mì-chinnt sam bith mu dheidhinn. Bu chòir dhan an
fheachd dèanamh cinnteach, gu h-àraid, nach tèid
iarraidh air na h-oifigearan seo obair sam bith a
dhèanamh anns nach eil iad ionnsaichte agus
uidheamaichte. |
| 5.24 Shaoil
LSRP gu robh ceistean ann fhathast mu obair nan
constabalan sònraichte agus an trèanadh san
fharsaingeachd. Bho 1996 tha an t-ùghdarras airson
na constabalan sònraichte a thrèanadh air sgaoileadh gu
Ceannardan nan Raointean, agus fhuair an Luchd-sgrùdaidh
Rìoghail nach robh e idir air a libhrigeadh ann an
dòigh chunbhalach air feadh na feachd. Thuirt aon
oifigear ris na bhruidhinn iad nach d'fhuair e mòran
trèanaidh fhoirmeil idir bhon a thàinig e don fheachd
còrr is bliadhna air ais. Cuideachd, bha e coltach nach
robh na constabalan sònraichte a' gabhail mòran pàirt
ann an obair-phoileas ach airson facal
oifigear-ceangailte a dhaingneachadh. Tha LSRP den
bheachd gu feum an fheachd co-dhùnadh dè na dreuchdan a
tha iad ag iarraidh na constabalan sònraichte a
dhèanamh, agus an uairsin faighinn a-mach dè na sgilean
agus trèanadh a tha a dhìth orra. Ged a thathas an
dùil gum faighear comhairle a thaobh seo bhon
stiùireadh nàiseanta ùr, tha ceistean sònraichte ann
a bhuinneas ri Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath a-mhàin,
a dh'fheumas iad fuasgladh. |
| Trèanadh |
| 5.25 Tha an
Roinn Trèanaidh na pàirt den Aonad Seirbheis
Stiùireadh Luchd-obrach, agus on Iuchar 1998, tha
manaisdear trèanaidh bhon phoball air a bhith aig a'
cheann, os cionn triùir phoileas agus còignear
neach-taice. Tha an trèanadh gu lèir, cha mhòr, ga
dhèanamh ann an roinn trèanaidh na prìomh-oifis, agus
ged a rinn an fheachd obair-tòiseachaidh air fòghlam
air astar a stèidheachadh ann an 1991, cha deach a
thoirt air adhart. Mhol aithisg a' Chiad sgrùdaidh gum
bu chòir "beum nas làidire a chur air fòghlam
air astar, air sgàth feuman sònraichte na feachd". |
| Moladh a'
Chiad Sgrùdaidh 8 |
| "Bu
chòir stuth trèanadh air astar ullachadh agus dòigh a
lorg airson trèanadh teicneòlas fiosrachaidh a
libhrigeadh a tha toirt seachd an luach as fheàrr a
thaobh airgid". |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 5.26 Tha
neach-stiùiridh fòghlaim air astar san fheachd a-nis,
agus tha feum ga dhèanamh den phailteas
stuth-ionnsachaidh aig Colaisde nam Poileas Albannach. Tha
deagh bhonn-stèidh aig an roi-innleachd agus tha na
riaghladairean a' gabhail pàirt chudromach ann a bhith
ag aithneachadh dè na sgilean a tha a dhìth air na
h-oifigearan agus a' cur trèanadh freagarrach air dòigh
dhaibh. Bha an sgeama dìreach air tòiseachadh aig
àm an ath-sgrùdaidh agus bidh ùidh aig LSRP anns a'
bhreith a bheirear air san àm ri teachd. Tha prògram
air a dhealbhadh aig an fheachd airson Siostam
Fiosrachaidh Lìon nam Poileas, agus an ceann ùine
sgaoilidh seo comhairle agus stuth trèanaidh gu
coimpiutairean air feadh na feachd. Tha LSRP a' moladh
na rinn an fheachd sa' chùis seo ach tha iad den bheachd
gu faodadh cothroman a bhith ann airson trèanadh a
dhèanamh anns na Raointean Rianachd fhèin, a bharrachd
air fòghlam air astar, gus nach bi iad a' caitheamh
airgid agus tìde a' cur oifigearan do roinn trèanaidh
na prìomh-oifis. |
| 5.27
Rinneadh luaidh air an dòigh air adhart seo ann an
aithisg a' Chiad sgrùdaidh, gu h-àraid a thaobh
trèanadh Teicneòlas Fiosrachaidh. Anns an Ath-sgrùdadh
chunnaic an Luchd-sgrùdaidh Rìoghail eisimpleirean de
dheagh dhòighean-obrach aig Ceannardan nan Raointean,
mar a bhith a' cleachdadh nan goireasan aig colaisdean
ionadail airson trèanaidh agus sgilean an luchd-taice
ùrachadh. A thaobh Teicneòlas Fiosrachaidh, shaoil
LSRP nach robh an ceangal eadar an Roinn Trèanaidh agus
an Roinn Teicneòlas Fiosrachaidh soilleir gu leòir.
Nuair a tha siostaman ùra gan deasachadh san àm ri
teachd, bu chòir am manaidsear trèanaidh a bhith air
Bòrd a' Phròiseact, gus am faighear air beum làidir a
chur air dè cho cosgail 's a tha e libhrigeadh
trèanaidh airson siostam sam bith a thèid a thaghadh. |
| 5.28 Shaoil
an Luchd-sgrùdaidh nach robhas deònach trèanadh a
thoirt a-mach à aonad na prìomh-oifis. B'e na
h-adhbharan a thogadh airson seo, trioblaidean a thaobh
cho sgapte 's a bha an luchd-obrach, an uiread obrach
eile a bha ri dhèanamh, agus dìth ghoireasan ionadail. Tha
LSRP den bheachd gum biodh meidheadh cosgais is buannachd
air roghainnean trèanaidh feumail don fheachd, a chionn
's gu bheil e cho daor daoine a thoirt cruinn ann an aon
àite a-mhàin. Mar cheud cheum, mholadh LSRP gun
dèanadh an fheachd rannsachadh air feuman trèanaidh gus
am bi trèanadh a' freagradh feuman an luchd-obrach agus
na feachd, ge bith ciamar a thèid a libhrigeadh. Cha do
shaoil LSRP gu robh roi-innleachd ann airson constabalan
a thrèanadh as dèidh na h-uine dearbhaidh aca. |
| Ath-sgrùdadh |
| Moladh 6 |
Tha LSRP a' moladh gun dèan an fheachd:
- rannsachadh air
feuman trèanaidh
- meidheadh cosgais is
buannachd air roghainnean trèanaidh, air sgàth
cho daor 's a tha e daoine a thrèanadh aig aonad
na prìomh-oifis.
|
| 5.29 Tha an
fheachd an dòchas gum bi sgaoileadh ùghdarrais airson
eagrachadh ghoireasan air a choilionadh ro 1 Giblean
1999, nuair a thòisicheas na h-aonadan seirbheis a'
ceannach seirbheisean an roinn trèanaidh. Tha
Aontaidhean Ìrean Seirbheis gan ullachadh an-dràsda
agus tha LSRP den bheachd gu feum slat-tomhais a
stèidheachadh a thaobh ìre agus luach an trèanaidh a
gheibh oifigearan air feadh na feachd. Bu chòir dhan
a-seo co-ionnanachd a thoirt dhaibh ann a bhith a'
faighinn trèanaidh agus cothroman leasachaidh
phroifeiseanta. |
| 5.30 Thuirt
aithisg a' Chiad sgrùdaidh cuideachd "gu feumar
coimhead ri trèanadh luchd-obrach an roinn Teicneòlas
Fiosrachaidh". Chaidh dìth maoineachais a
thoirt seachad mar adhbhar nach do thachair seo ann an
1997. Mholadh LSRP gu làidir gu sealladh an fheachd
ris a' phrògram leasachaidh chudromach seo. |
| Slàinte agus Sàbhailteachd |
| 5.31 Bha an
fheachd dol a dh'fhasdadh comhairliche slàinte agus
sàbhailteachd aig àm a' Chiad sgrùdaidh, airson an
dleasdanas a thaobh Achd nam Poileas (Slàinte agus
Sàbhailteachd) 1997 a choilionadh. |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
5.32 Tha 40
Neach-measaidh Chunnartan, sàirdseantan agus inspectaran
airson a' mhòr-chuid, a-nis air an trèanadh air feadh
na feachd, agus tha iad air measadh chunnartan a
dhèanamh air obair an luchd-obrach. Bha am measadh seo
a' leantainn cruth-obrach a dheasaich Oifis na Dachaidh,
ged a tha an fheachd air dleasdanasan sònraichte a
nochdadh a tha a' buntainn ris a' Cheann-a-Tuath
a-mhàin. Shaoil LSRP gun deach am pàirt seo den
eacarsaich a dhèanamh gu math ach gu robh obair fhathast
ri dhèanamh ann a bhith ag ullachadh uidheim agus a'
trèanadh dhaoine an dèidh an tomhas chunnartan. Nuair a
bha manaidsearan a-mach air slàinte agus sàbhailteachd,
bha iad a' bruidhinn air seo mar rud a' buntainn ri
"togalaichean" seach "dòighean
obrach". Chuir an luchd-obrach grunnan chùisean fa
chomhair an Luchd-sgrùdaidh Rìoghail nach robh, a-rèir
choltais, gan làimhseachadh ceart a thaobh slàinte agus
sàbhailteachd, mar eisimpleir:
- dìth dhòighean
airson dèanamh cinnteach gu robh oifigearan ann
an ceàrnaidhean iomallach air tilleadh gu
sàbhailt bhon cuairt-obrach
- cion uidheam
ciad-fhuasgladh ann an cuid de charbadan
- cuid de charbadan
mì-fhreagarrach airson na h-obrach a bhathas a'
dèanamh leotha
- cion uidheim agus
trèanaidh airson sneachd fhulang ann an cuid de
dh'àiteachan far an robh fìor thìde fhuar
- ann an cuid de
dh'àiteachan far nach robh cuideachadh ri
fhaighinn, dìth ghoireasan airson a bhith a'
gluasad phrìosanach aindeònach
- cion trèanaidh
airson a' mhòr-chuid de luchd-taice ann an
suidheachaidhean connspaideach.
|
| 5.33 Ged
a thathas a' tuigsinn gun èirich ceistean ionmhais agus
ghoireasan an luib nan cùisean seo, agus gun tig air an
fheachd taghadh dè na ceistean bu chòir fuasgladh an
toiseach, tha LSRP den bheachd gu feum an fheachd
dèanamh cinnteach gu bheil iad ag aithneachadh agus a'
dèiligeadh ri cunnartan. Ged a tha cuid de na ceistean
seo an urra ris na manaidsearan ionadail anns a' chiad
dol a-mach, tha feum fhathast air riaghladh bhon
phrìomh-oifis gus an dèan an t-Ard Chonstabal agus
Co-chomataidh nam Poileas cinnteach gu bheil iad a'
coilionadh an dleasdanais laghail. |
| |