tso-banner.gif (2487 bytes) Previous page Contents page Next page
  
Luchd-sgrùdaidh Rìoghail nam Poileas Albannach
 
 
4 Teicneòlas Fiosrachaidh agus Conaltradh
4.1 Tha ùghdarras aig an Roinn Teicneòlas Fiosrachaidh (RTF) airson ceannach, leasachadh, cumail suas agus taic a thoirt dhan a h-uile seirbheis coimpiutair agus conaltradh dàta san fheachd. Se manaidsear choimpiutairean le mòran eòlais a th'ann an Ceann na Roinne agus se luchd-taice a th'anns an sgioba gu lèir. Tha an sgioba air a roinn ann an ceithir buidhnean le eòlas sònraichte airson:
  • Taic
  • Conaltradh Dàta
  • Rianachd Stòr Dàta agus Shiostaman
  • Leasachadh
Tha dà neach a bharrachd, ag obair air cùmhnant bliadhna, air cothrom a thoirt do Mhanaidsear na Roinne a' Bhuidheann Taice a neartachadh, airson seirbheis cuideachaidh nas fheàrr a libhrigeadh agus airson aithneachadh tràth dè na duilgheadasan a bhios a' nochdadh uair is uair a-rithist.
4.2 Sheall aithisg a' Chiad sgrùdaidh gu geur air an t-seirbheis Teicneòlas Fiosrachaidh agus mar a tha e ga riaghladh san fheachd, agus nochd seachd puingean sa' mholadh da rèir:
Cruth Riaghlaidh
4.3 Moladh a' Chiad Sgrùdaidh 5
Puing 1
"Bu chòir lèirmheas a dhèanamh air inbhe a' mhanaidseir"
Toradh an Ath-sgrùdaidh
4.4 Bha e na adhbhar iomagain ann an aithisg a' Chiad sgrùdaidh nach robh dlùth cheangal eadar Manaidsear Roinn an Teicneòlas Fiosrachaidh agus Luchd-stiùiridh na Feachd, agus gur e ceannard a' Mhanaidseir an Superintendent a bha an urra ri Seirbheisean Riaghlaidh. Thuirt an Luchd-sgrùdaidh Rìoghail gum bu chòir "inbhe a' Mhanaidsear Choimpiutairean a bhith aig an aon ìre ri àrd luchd-obrach eile bho taobh a-muigh na feachd. Leigeadh seo dhan fheachd an t-eòlas proifeiseanta aige a chleachdadh nuair a thathas a' breithneachadh air poileasaidh". Chaidh na Buidhnean Taice anns a' Phrìomh-oifis ath-eagrachadh agus tha an Roinn Teicneòlas Fiosrachaidh suidhichte ann an Aonad na Seirbheis Dèanadais, agus, ged nach eil am Manaidsear Choimpiutairean ann am Buidheann Coimhairleacheadh an Luchd-stiùiridh no air Fòram a' Phoileasaidh, tha fianais ann gu bheil ceangal nas fheàrr aige ri Luchd-stiùiridh na Feachd agus gu bheil barrachd luaich ga chur air an eòlas phroifeiseanta aige. Tha LSRP den bheachd, ge tà, gum bu chòir an suidheachadh seo a lèirmheas, a-rèir moladh a' Chiad sgrùdaidh, air sgàth cho cudromach 's a tha Teicneòlas Fiosrachaidh anns a' phoileas.
Ath-sgrùdadh
Moladh 3
Tha LSRP a' moladh gum bu chòir an cruth riaghlaidh ann an Roinn an Teicneòlas Fiosrachaidh a lèirmheas, agus bu chòir an fheachd beachdachadh air inbhe a' Mhanaidsear Choimpiutairean a thogail gu ìre an àrd luchd-taice eile.
IMPACT
4.5 Moladh a' Chiad Sgrùdaidh 5
Puing 2
"Bu chòir lèirmheas a dhèanamh air tairbhe an t-siostaim IMPACT"
Toradh an Ath-sgrùdaidh
4.6 Se IMPACT am prìomh shiostam stòr-dàta a th'air an lìon choimpiutair air feadh na feachd, agus bidh e a' buntainn ri obair mar clàradh thachartasan, agus clàradh agus aithris eucoir. Se inneal fìor chudthromach a th'ann airson fiosrachadh a chumail ri muinntir na feachd mu dè tha a' tachairt as ùr. Tha seo air leth suimeil ann am feachd le crìochan cho farsaing. Bhruidhinn aithisg a' Chiad sgrùdaidh mu cho "slaodach 's a bha e agus an uiread ùine gun fheum a bh'aige".
4.7 Dh'aontaich an RTF le seo agus tha iad air an t-siostam a leasachadh gu math, a' gearradh na h-ùine gun fheum gu mòr. Ged a tha luchd-obrach a tha an sàs ann an obair làitheil nam poileas fhathast air am bacadh leis, fhuair LSRP gu robh iad an ìre mhath toilichte agus mothachail air a' phiseach a bh'air tighinn air.
Roi-innleachd
4.8 Moladh a' Chiad Sgrùdaidh 5
Puing 3
"Bu chòir roi-innleachd Siostaman Fiosrachaidh/Teicneòlas Fiosrachaidh a tha a' leantainn Roi-innleachd Corpaichte na Feachd ullachadh cho luath 's a ghabhas, gus am faighear air plana gnìomhachais na roinne, agus na cosgaisean na luib, a dhèanamh."
Toradh an Ath-sgrùdaidh
4.9 Dh'aontaich aithisg a' Chiad sgrùdaidh gum biodh e do-dhèanta roi-innleachd Siostaman Fiosrachaidh/
Teicneòlas Fiosrachaidh a dheasachadh as aonais roi-innleachd corpaichte na feachd. Tha an aithisg ag ràdh nach urrainn "roi-innleachd Siostaman Fiosrachaidh/
Teicneòlas Fiosrachaidh no Plana Gnìomhachais na Roinne a dheasachadh mus bi feuman gnìomhachais na feachd air am mìneachadh".
4.10 Mar a chaidh a luaidh ann an Caibideil 2, cha deach am pàipear air roi-innleachd corpaichte na feachd "Policing with Purpose" fhoillseachadh gu Sultain 1998, agus chuir an dàil seo maill air ullachadh agus foillseachadh roi-innleachd Siostaman Fiosrachaidh/Teicneòlas Fiosrachaidh. Chan eil dùil gum bi sin deiseil gu deireadh a' Mhàirt 1999. 'S dòcha, ge tà, nach robh an dàil cho dona 's a dh'fhaodadh e a bhith, oir tha an fheachd air a bhith a' leantainn prionnsabalan Roi-innleachd Siostaman Fiosrachaidh nam Poileas Albannach, a tha ag amas air siostam modularach a chruthachadh a cheanglas na feachdan Albannach uile. Chaidh co-dhùnaidhean air poileasaidh Teicneòlas Fiosrachaidh a dhèanamh nuair a bhathas a' togail Prìomh-oifis ùr na Feachd. Ach, a chionn 's nach deach plana roi-innleachdach airson Siostaman Fiosrachaidh/Teicneòlas Fiosrachaidh fhoillseachadh, chan eil leabhar stiùiridh ann airson Roinn an Teicneòlas Fiosrachaidh a bheir comhairle dhaibh nuair a bhios iad a' beachdachadh air molaidhean ùra a chur an gnìomh. Mholadh LSRP gun ullaicheadh an fheachd roi-innleachd Siostaman Fiosrachaidh gun dàil.
Cùmhnantan
4.11 Moladh a' Chiad Sgrùdaidh 5
Puing 4
"Se muinntir na feachd fhèin, no feadhainn a dh'ainmicheas an fheachd, a bu chòir cùmhnantan càraidh agus solarachaidh a sgrìobhadh agus a dhearbhadh a thaobh luach, agus chan e an fheadhainn a tha a' toirt seachad nan seirbheisean."
Toradh an Ath-sgrùdaidh
4.12 Tha fios aig an RTF gu bheil feum air luach sheirbhisean agus solarachaidh a dhearbhadh, agus tha iad air a bhith ag obair gu dlùth le Sgioba Roi-innleachd Siostaman Fiosrachaidh/Teicneòlas Fiosrachaidh na h-Alba a dh'fhaighinn cuideachaidh le seo. Tha an fheachd cuideachd air Manaidsear Chùmhnantan agus Solarachaidh fhasdadh a tha an sàs ann an cùmhnantan càraidh agus solarachaidh a sgrìobhadh còmhla ris an Roinn Teicneòlas fiosrachaidh. Tha a h-uile coltas gur e ceum air adhart airson na feachd tha seo.
Tèarainnteachd Teicneòlais
4.13 Moladh a' Chiad Sgrùdaidh 5
Puing 5
"Bu chòir làn lèirmheas air tèarainnteachd teicneòlais a dhèanamh"
Toradh an Ath-sgrùdaidh
4.14 Tha an fheachd mothachail gu feum seo a thoirt air adhart ach cha b'urrainn dhaibh daoine is tìde a shaoradh gus an obair a thoirt gu crìch. Tha adhartas a' tachairt ann an dà dhòigh, anns a' chiad àite, gus an siostam a dhaingneachadh bho ionnsaigh bhon taobh a-muigh. Anns an dàrna àite, tha iad a' co-dhùnadh cò anns an fheachd a gheibh cead inntrigidh don t-siostam agus dè an ìre aig am faigh iad a-steach, agus ciamar a thèid smachd a chumail air seo. Tha iad cuideachd a' deasachadh riaghailtean obrachaidh airson siostaman a rinn an fheachd fhèin. Tha LSRP airson beum as ùr a chur air cho cudthromach 's a tha an lèirmheas seo.
Faighinn Dàta air ais as dèidh Tubaist Coimpiutair
4.15 Moladh a' Chiad Sgrùdaidh 5
Puing 6
"Bu chòir am plana airson dàta fhaighinn air ais as dèidh tubaist coimpiutair a lèirmheas agus a chur fo dheuchainn."
Toradh an Ath-sgrùdaidh
4.16 Nochd iomagain ann an aithisg a' Chiad sgrùdaidh mu "mar a thèid dàta fhaighinn air ais as dèidh tubaist". Tha an fheachd ag aontachadh gu feum am plana a lèirmheas ach chaidh dàil a chur an seo air sgàth na h-obrach eile a th'aig an fheachd ri dhèanamh agus a chionn 's gum bi iad ag imrich gu Prìomh-oifis ùr a dh'aithghearr (Màirt 1999). Tha an fheachd a' beachdachadh air grunnan roghainnean an-dràsda.
Sgrùdadh air Bathar Cruaidh
4.17 Moladh a' Chiad Sgrùdaidh 5
Puing 7
"Bu chòir làn sgrùdadh a dhèanamh air bathar cruaidh agus an sgrùdadh air bathar bog a chothromachadh."
Toradh an Ath-sgrùdaidh
4.18 Tha an fheachd a' dèanamh na h-obrach seo, agus aig àm an Ath-sgrùdaidh thuirt iad gu robh iad gu bhith deiseil. Bha an sgrùdadh aca ga dhèanamh mar phàirt den uidheamachadh airson na Bliadhna 2000.
Gnothaichean Eile
4.19 Dh'iarr aithisg a' Chiad sgrùdaidh air an fheachd coimhead ri ceistean eile cuideachd, a bha an Luchd-sgrùdaidh Rìoghail den bheachd a bheireadh piseach air an t-seirbheis a tha an RTF agus an Roinn Conaltraidh a' libhrigeadh. Thuirt an aithisg "gum faodadh an roinn tòrr a bharrachd a dhèanamh gus aire a thogail man deidhinn fhèin san fheachd". Fhuair LSRP a-mach gu robh am Manaidsear Choimpiutairean air òraidean a thoirt seachad mu chùisean Teicneòlas Fiosrachaidh a bha san amharc, ri Buidheann Comhairleachadh an Luchd-stiùiridh agus Fòram a' Phoileasaidh, agus gu robh e a' tadhal air na Raointean Rianachd. Cuideachd, bha an luchd-obrach bhon RTF air na Buidhnean Chleachdairean a chuideachadh le bhith a' sgaoileadh fiosrachaidh air feadh na feachd.
4.20 Mhothaich LSRP cuideachd gu robh an lèirmheas air seirbheisean fòn/facs a bha aca san amharc, air tòiseachadh. Bheir seo cothrom don fheachd buannachd fhaighinn bho mhargadh a tha a' sìor mheudachadh. Bha Ceannardan nan Raointean air pàirt a ghabhail ann a bhith a' lorg stèiseanan a gheibheadh a' bhuannachd bu mhotha bho innealan facs, agus thàinig fìor dheagh bheachdan air ais bho oifigearan, gu h-àraid an fheadhainn ann an ceàrnaidhean iomallach, mun phiseach a thug am meudachadh fiosrachaidh seo air an obair làitheil aca.
Prògram na Bliadhna 2000
4.21 B'e aon chuspair nach do nochd aig àm a' Chiad sgrùdaidh, ach a tha nas deatamaiche a-nis, dè cho ullamh 's a tha an fheachd gu bhith dèiligeadh ris na ceistean obrach agus teicniceach a nochdas leis a' cheum don ath linn. Tha Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath air pròiseact structurail, riaghailteach a chur air bhonn, leis an Iar Àrd Chonstabal sa' chathair, a stiùireas an fheachd tro na ceistean a dh'fheumas fuasgladh. Ged nach do thòisich am pròiseact gus an Fhaoilleach 1998, tha an fheachd ag obair tro sia pròiseactan co-cheangailte. Bha LSRP toilichte faicinn nach robh iad seo a' buntainn ri ceistean teicneòlas fiosrachaidh a-mhàin ach ri cùisean obrach san fharsaingeachd ceangailte ris a' Bhliadhna 2000. Feumaidh an fheachd dèanamh cinnteach, ge tà, nach tèid maill a chur air a' phrògram le cho anmoch 's a bha iad a' tòiseachadh air, no leis an uiread obrach eile a bha ri dhèanamh air sgrùdadh bathair chruaidh agus lèirmheas sgrùdadh bathair bhog (para 4.18 agus 4.18). Tha e coltach gun tig LSRP air ais don chuspair seo ann an 1999.
 
  Previous page Contents page Next page