| 3
Eagrachadh Ghoireasan |
| 3.1 Tha
grunnan obraichean mar Eagrachadh Chàraichean,
Togalaichean, Cùmhnantan agus Stòrasan, agus Ionmhas
air an cur ri chèile ann an aonad ùr, Aonad Ionmhais
agus Seilbh. Se Oifigear Ionmhais na Feachd a tha na
Mhanaidsear air an Aonad Seirbheis. Bidh e a' suidhe air
an Fhòram Poileasaidh agus Buidheann nan Seirbhisean
Riaghlaidh agus tha e na phàirt de Bhuidheann
Comhairleachadh an Luchd-stiùiridh a bhios a' freagradh
don Àrd Chonstabal fhèin. |
| Seirbheisean Taice |
| 3.2 Nochd
aithisg a' Chiad sgrùdaidh gu robh ath-eagrachadh nan
ùghdarrasan ionadail a' toirt cothrom do Àrd
Chonstabalan agus Ùghdarrasan Phoileas gu bhith
sealltainn ri mar a tha seirbheisean taice gan
libhrigeadh gus dèanamh cinnteach gu bheil iad a' toirt
seachad luach an airgid. Thuirt an aithisg gu robh e
"na bhriseadh dùil, ma tha, nach deach adhartas sam
bith a dhèanamh, agus gu robh seirbheisean gan
libhrigeadh cheart mar a bha. Cha robh fianais gun deach
dòighean eile air seirbheisean a libhrigeadh a
rannsachadh gus an luach as fheàrr a thaobh airgid a
lorg" agus mholadh: |
| Moladh a'
Chiad Sgrùdaidh 3 |
| "gum
bu chòir seòl a stèidheachadh airson libhrigeadh nan
Seirbhisean Taice as dèidh beachdachadh air dè tha
toirt seachad an luach airgid as fheàrr". |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
3.3 Aig an
àm seo tha Comhairle na Gàidhealtachd a' toirt nan
seirbhisean seo don fheachd agus do Cho-chomataidh nam
Poileas:
- Seirbheisean
Ionmhais, a' cleachdadh siostam teicneòlas
fiosrachaidh na Comhairle
- Seirbheisean Lagha
- Seirbheisean Rianachd
do Cho-chomataidh nam Poileas
- Tional chàintean
suidhichte.
|
| Anns a'
bhliadhna ionmhasail a chaidh chuir a' Chomhairle cosgais
£198,000 air an fheachd airson nan seirbheisean seo.
Chan eil a' Chomhairle a' mìneachadh gach cosgais fa
leth agus mar sin se prìs choitcheann chorpaichte a
bhios an fheachd a' pàigheadh. Tha an fheachd an sàs
an-dràsda ann a bhith a' deasachadh Aontaidhean Ìrean
Seirbheis leis a' Chomhairle a thaobh libhrigeadh
sheirbheisean, agus bidh prìsean na bliadhna ionmhasail
seo stèidhichte air dearbh phrìsean nan seirbheisean a
chaidh a thoirt seachad. Cuidichidh seo ann a bhith a'
cruthachadh siostam chosgaisean nas iomchaidh. Chaidh
ceann latha 1 Giblean 1999 a stèidheachadh. Tha
Aontaidhean Ìrean Seirbheis aig an fheachd mar tha, leis
na ceithir comhairlean a tha na crìochan, airson
togalaichean phoileas a chumail suas. |
| 3.4 Chan
eil an fheachd no co-chomataidh nam poileas air cosgais
no feabhas nan Seirbheisean Taice a chur fo dheuchainn
agus tha LSRP a' moladh, nuair a tha na h-Aontaidhean
Ìrean Seirbheis stèidhichte, gum bu chòir dhan an
fheachd dèanamh cinnteach gu bheil iad a' faighinn an
luach as fheàrr a thaobh airgid bhuapa le coimeas ri
slatan tomhais, measadh roghainnean no deuchainn
margaidh. A thaobh Seirbheisean Thogalaichean, tha e glè
choltach gur e na h-ùghdarrasan ionadail a bheir seachad
an t-seirbheis as fheàrr, air sgàth cho sgapte 's a tha
crìochan na feachd. Ach, bu chòir seo a bhith ga shìor
lèirmheas a thaobh luach airgid, dìreach mar a tha a'
tachairt leis na seirbheisean eile. |
| Ath-sgrùdadh |
| Moladh 2 |
| Tha LSRP a' moladh nuair a tha na
h-Aontaidhean Ìrean Seirbheis stèidhichte, gum bu
chòir dhan an fheachd dèanamh cinnteach gu bheil iad a'
faighinn an luach as fheàrr a thaobh airgid bhuapa le
coimeas ri slatan tomhais, measadh roghainnean no
deuchainn margaidh. |
| Riaghladh Ionmhais |
| 3.5 Thog
aithisg a' Chiad sgrùdaidh grunnan chuspairean eile |
| nach
deach aontachadh le Co-chomataidh nam Poileas a thaobh
riaghailtean ionmhais (para 3.2) |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| fhuaras
aonta air na riaghailtean air 19 Òg-mhìos 1997 |
| 3.6 nach
robh aonta foirmeil ann a thaobh ath-shònrachadh
ionmhais (para 3.2) |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| tha a'
Cho-chomataidh air an ùghdarras airson riaghladh ionmhas
na feachd gu lèir a thoirt don Àrd Chonstabal, agus tha
barrachd ath-shònrachadh ionmhais a' tachairt, a-rèir
meud na feachd, na ann am feachdan Albannach eile. |
| 3.7 gum
bu chòir làn mheidheadh air luach is buannachd a
dhèanamh mus cleachd an fheachd an siostam coimpiutair
ùr aig Comhairle na Gàidhealtachd airson riaghladh
ionmhais (para 3.7) |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
tha an
fheachd fhathast an eisimeil an t-Siostaim Fiosrachadh
Ionmhais aig Comhairle na Gàidhealtachd, airson na
goireasan aca a riaghladh. Tha e an ìre mhath earbsach
agus ceangailte ri Lìon Coimpiutair nam Poileas, gus am
faighear air aithisgean a sgrìobhadh a-muigh anns na
sgìrean. Tha e air a chuibhreachadh, ge tà, a chionn
's:
- nach eil e
uidheamaichte airson na bliadhna 2000
- nach eil e furasda
obrachadh
- nach deach
atharrachadh bho 1985
- gun toir e ùine
mhòr a' freagairt cheistean
- nach urrainn obair
leis, mar as trice, 24 uairean a thìde san
latha.
|
| Tha an
fheachd cinnteach gun toir an siostam ùr a tha Comhairle
na Gàidhealtachd ag ullachadh am fiosrachadh dhaibh air
riaghladh ionmhais a tha a dhìth, agus tha iad a' dol a
cheannach na seirbheis seo bhon Chomhairle. A thaobh
seo tha LSRP a' cur beum air na chaidh a ràdh ann am
Moladh 2 mu sheirbheisean a chur fo dheuchainn, agus bu
toil leotha seo fhaicinn a' tachairt leis an t-siostam
ùr nuair a tha e stèidhichte. |
| Teachd-a-Steach |
| 3.8 Thuirt
aithisg a' Chiad sgrùdaidh cuideachd |
| nach robh
Co-chomataidh nam Poileas a' gabhail tabhartas Oifis na
h-Alba gu lèir, a tha a' pàigheadh 51% de chosgaisean
obair-phoileas ionadail (para 3.10) |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 3.9 Tha
cunntas bliadhnail feachd-phoileas ga shuidheachadh le
Co-chomataidh nam Poileas, agus tha Rùnaire na Stàite
a' pàigheadh 51% dheth seo le tabhartas-phoileas
sònraichte nach tèid nas àirde na suim a tha
comharraichte ro-làimh. Tha an 49% a chòrr a' tighinn
bho na h-ùghdarrasan ionadail ann an crìochan na
feachd, ann am pàirt bho cìs na coimhearsnachd ach a'
mhòr-chuid bho thabhartas Oifis na h-Alba. Mar as
trice, cha bhi Co-chomataidh Poileas a' Chinn-a-Tuath a'
caitheamh an tabhartais gu lèir, agus tha iad mothachail
nach eil iad a' gabhail a h-uile càil air a bheil còir
aca bhon tabhartas phoileas. |
| 3.10 Cha
do ghabh a' Chomataidh mu £864 mìle den tabhartas ann
an 1997/98, ged a chum iad pàirt den tabhartas
airson na h-ath bhliadhna ionmhasail, a-rèir
riaghailtean Oifis na h-Alba, gus stòras peinnsein mu
£1m a thogail. Ach a-rithist, ann an cunntas 1998/99,
cha do ghabh iad mu £1.219m den tabhartas air an robh
còir aca. Chan fhaodar an t-airgead seo a chleachdadh
ann an àite sam bith eile, agus se call maoineachais a
th'ann a tha ag adhbhrachadh lùghdachadh seirbheis don
mhòr-shluagh. Tha e ionmholta, ge tà, gu bheil
luchd-riaghlaidh na feachd a' cumail ìrean-obrach àrda
agus deagh-bheachd a' mhòr-shluaigh, a dh'aindeoin na
h-uireasbhuidh seo. Ged a tha ionmhas na feachd fo
smachd na Co-chomataidh, chanadh an Luchd-sgrùdaidh
Rìoghail gu nochd ceistean ma bhios a' Cho-chomataidh a'
fàgail cuid den tabhartas air a bheil còir aca, agus
gur mathaid gun deidheadh an t-airgead a bharrachd a
thoirt do fheachd eile. |
| Òrdughan-solair nan Ùghdarrasan
Ionadail |
| 3.11 Tha a
h-uile h-ùghdarras ann an crìochan na feachd (sin A'
Ghàidhealtachd, Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan
Siar) a' pàigheadh fìor phrìs na tha seirbheis nam
poileas a' cosg san sgìre aca fhèin agus co-roinn de
chosgaisean na Prìomh-oifis. Chan bhi a' mhòr-chuid
de fheachdan Albannach a' faighinn air ais ach tuairmse
de na cosgaisean, agus tha an siostam aig Feachd-phoileas
a' Chinn-a-Tuath ga mheas mar dheagh dhòigh-obrach. Anns
an fharsaingeachd, bha na h-ùghdarrasan toilichte leis
an t-suidheachadh, ach anns an Sgrùdadh nochd dragh ann
an aon ùghdarras mun cheangal eadar cosgaisean agus an
ìre seirbheis a bhathas a' faighinn. Tha LSRP mothachail
gu bheil deasbad a' dol fhathast sa' chùis seo, agus tha
iad an dòchas gun tigear gu rèite. |
| Sgaoileadh Ùghdarrais airson Eagrachadh
Ghoireasan |
| 3.12 Tha an
t-Àrd Chonstabal a' làn chreidsinn ann an Sgaoileadh
Ùghdarrais airson Eagrachadh Ghoireasan, agus, airson
grunnan bhliadhna thathas air a bhith a' sgaoileadh
ùghdarrais airson chunntasan chun na h-inbhe as ìsle a
tha iomchaidh. Tha seo a' toirt a-steach seach-thìm,
cosgaisean sgioba-taice agus ceannach uidheim. Thòisich
an obair air sgaoileadh ùghdarrais airson eagrachadh
ghoireasan ann an 1996/97, agus thathas air a bhith a'
sìor mheudachadh an ùghdarrais on àm sin. An-dràsda
se Luchd-stiùiridh na Feachd a chanas dè an àireamh
phoileas as lugha bu chòir a bhith aig gach Aonad
Seirbheis, ach faodaidh gach Ceannard Raon Rianachd
cantainn cò mheud oifigear agus neach-taice a bhios aca,
a-rèir na bhios ceadaichte dhaibh de dh'ionmhas. |
3.13 Tha an
fheachd air pròiseact a chur air bhonn airson làn
sgaoileadh ùghdarrais airson eagrachadh ghoireasan a
thoirt gu buil ro 1 Giblean 1999. A-measg nan cùisean
air a bheil iad a' beachdachadh tha:
- siostam riaghladh
ionmhais a thoirt seachad
- modail airson
goireasan a roinn airson nan Raointean Rianachd
- ionmhas Aonadan
Seirbheis na Prìomh-oifis agus Aontaidhean
Ìrean Seirbheis co-cheangailte ris.
|
| 3.14 Tha an
fheachd mothachail gu bheil feum trèanadh a thoirt do na
Manaisdearan Aonadan Seirbheis agus Rianadairean
Chunntasan uile, agus tha iad an dùil gum bi seo dèanta
ro deireadh a' Ghearrain 1999. Bu chòir dhan aithisg
"Credit to the Force" a dh'ullaich Coimisean
nan Cunntasan an co-bhonn le LSRP a bhith feumail san
obair seo. |
| Stòras Leasachaidh |
| 3.15 Tha
Stòras Leasachaidh £150,000 ga thogail bho chunntas
ionmhais na feachd. Chan e stòras tuiteamais a th'ann
idir, ach faodaidh Manaidsearan nan Aonadan Seirbheis
tagradh a chur a-steach air a shon gus pròiseactan san
fheachd a leasachadh. Tha e na dhòigh air pàigheadh
airson iomairtean nach deach an sònrachadh nuair a
bhathas a' cur a-steach tagraidhean nan cunntasan
bliadhnail. Chaidh airgead bhon Stòras seo a chleachdadh
gus rannsachadh poblach a dhèanamh agus clàr sealbhachd
a dheasachadh, dà rud a chaidh a mholadh aig àm a'
Chiad sgrùdaidh mu dheireadh. |
| Riaghladh Thogalaichean |
| 3.16 Chaidh
pròiseact luachachaidh a chrìochnachadh anns a' Mhàirt
1998, nuair a bha prìs £18.5m ga chur air togalaichean
na Co-chomataidh - 98 stèiseanan phoileas agus 260
taighean. Air sgàth cho farsaing 's a tha criochan na
feachd se ceist dhuilich a th'ann an gluasad agus
suidheachadh luchd-obrach, agus thèid beachdachadh nas
doimhne a dhèanamh air seo ann an caibideil Solarachadh
luchd-obrach na h-aithisg seo. Tha solarachadh taighean
phoileas ceangailte ris a' cuspair seo, ge tà. Tha a
h-uile coltas ann gum biodh e ciallach taighean a chumail
do oifigearan ann an àiteachean iomallach far nach
dòcha gum biodh taighean ann rin ceannach. Tha 68
taighean phoileas ann an sgìrean Chaolas Mhoireibh far a
bheil margadh math airson taighean prìobhaideach agus
far a bheil a' mhòr-chuid de oifigearan deònach
taighean a cheannach. Tha LSRP ag aontachadh gum bu
chòir a h-uile h-oidheirp a dhèanamh gus cosgaisean a
chumail a-nuas airson oifigearan agus na feachd, nuair a
tha e na phoileasaidh aig an fheachd poileis a ghluasad
thar astaran fada, uaireannan gu agus bho eileanan. Tha
an fheachd an-dràsda a' beachdachadh air tairgse imrich
a leasachadh a bheireadh cothrom taighean a reic agus a
cheannach bho oifigearan a tha a' dèanamh imrich air
feadh na feachd, gus gluasad a dhèanamh nas fhasa. Ged a
tha LSRP mothachail gu bheil duilgheadasan lagha a'
nochdadh a-thaobh an sgeama seo, tha iad ga mholadh agus
iad an dòchas gun tèid dòigh dhèantach a lorg gus a
thoirt gu buil ann am feachd le duilgheadasan imrich nas
miosa na tha aig feachd-phoileas sam bith eile am
Breatainn. |
| 3.17
Bhruidhinn aithisg a' Chiad sgrùdaidh mu "dà
thionnsgnadh ùr bhrosnachail" a bha dol a
thòiseachadh. B'iad seo Prìomh-oifis ùr na Feachd a
thogail far a bheil a' Phrìomh-oifis an-dràsda anns an
Ràig Mhòir, agus Prìomh-oifis ùr airson Raon Rianachd
Inbhir Nis. Bha an dà phròiseact a' cumail suas gu
tìde agus cosgais, agus aig àm foillseachadh na
h-aithisg seo, tha dùil gum bi Prìomh-oifis na Raon
Rianachd air bhonn mar tha, agus gum bi Prìomh-oifis ùr
na feachd deiseil anns a' Mhàirt 1999. Thadhail an
Luchd-sgrùdaidh air an dà àite agus tha iad a' moladh
na taice a thug a' Cho-chomataidh don dà phròiseact a
bhios nan deagh bhonn-stèidh do obair-phoileas fada dhan
ath linn. |
| Tèarainnteachd Thogalaichean |
| 3.18 Nochd
aithisg a' Chiad sgrùdaidh an t-eadar-dhealachadh a
bh'ann an tèarainnteachd togalaichean phoileas
eadar-dhealaichte (para 3.17) agus mholadh gum bu chòir: |
| Moladh a'
Chiad Sgrùdaidh 4 |
| "lèirmheas
a dhèanamh air stèiseanan phoileas agus togalaichean
eile a dh'fhaodadh a thighinn fo ionnsaigh". |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 3.19 Tha an
fheachd air adhartas math a dhèanamh a' leantainn a'
mholaidh seo agus rinn Comhairliche Ailtireachd na Feachd
rannsachadh air tèarainnteachd a h-uile togalaich far a
bheil obair-phoileas ga dhèanamh. Chaidh prògram
leasachadh tèarainnteachd a stèidheachadh an co-bhonn
le Ceannardan nan Raointean, leis na togalaichean as
fheumaile gan daingneachadh an toiseach. Bha e
follaiseach tron Sgrùdadh gun deach adhartas math a
dhèanamh sa' chùis seo oir bha smachd aca a-nis air cò
bha tighinn a-steach don mhòr-chuid de stèiseanan agus
for aca air sàbhailteachd phearsanta sgiobanan nan
deascaichean fàilte. Ann am feachdan eile air na
thadhail LSRP, tha buill-mosglaidh gan toirt do
luchd-taice a dh'fheumas obair nan aonar ann an
stèiseanan. Dh'fhaodadh Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath
beachdachadh air seo a dhèanamh ann an suidheachaidhean
iomchaidh. |
| |