| 2
Ìre Seirbheis agus Lèirmheas air Dèanadas |
| An Dòigh Planaidh |
| 2.1 Nochd e
ann an aithisg a' Chiad sgrùdaidh gu robh an fheachd a'
lèirmheas nan dòigh sa bheil iad a' dèanamh
poileasaidh agus a' stèidheachadh amasan, agus bha iad
air roi-innleachd còig bliadhna a chur air bhonn. Mar
thoradh air seo, ge tà, "cha b'urrainn don
Luchd-sgrùdaidh Rìoghail rannsachadh a dhèanamh air
mar a bha dèanadas a' freagradh amasan, a chionn 's nach
deach lèirmheas a thoirt air amasan 1996/97 agus nach
robh amasan stèidhichte airson 1997/98". Bha e
cuideachd na adhbhar iomagain nach deach rannsachadh
beachdan a' mhòr-shluaigh a dhèanamh o 1994, agus chuir
an aithisg beum air cho cudromach 's a tha fiosrachadh
den |
| t-seòrsa
seo. Mhol an aithisg: |
| Moladh a'
Chiad Sgrùdaidh 2 |
| "gun
ullaich an fheachd plana gnìomhachais a' mìneachadh
prìomh amasan a ghabhas an tomhas agus am meas gach
bliadhna; bu chòir amasan nan Raointean Rianachd agus
nan Roinnean a bhith ceangailte ris a' phlana seo, agus
an tomhas 's am meas san aon dòigh; bu chòir beachdan
a' mhòr-shluaigh a shireadh gus dèanamh cinnteach gu
bheil planaichean na feachd a' freagradh feuman na
coimhearsnachd." |
| Toradh an Ath-sgrùdaidh |
| 2.2
Dh'fhoillsich an fheachd an leabhran "Our Strategy
for Policing with Purpose" anns an t-Sultain 1998 as
dèidh a bhith a' sireadh mòran bheachdan san fheachd
fhèin agus air an taobh a-muigh. Ghabhadh beachd
mionaideach air an roi-innleachd thar dà latha aig |
| co-labhairt
aig an robh àrd mhanaidsearan na feachd, comuinn
luchd-obrach agus deichnear bho |
| Co-chomataidh
Poileas a' Chinn-a-Tuath an làthair. Tha amas
Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath air a mhìneachadh san
roi-innleachd: "a bhith a' toirt piseach air
beatha na Gàidhealtachd 's nan Eileanan le bhith a'
fuasgladh dhuilgheadasan ann an obair-phoileas sa'
choimhearsnachd". Thathas an dùil gur e leabhar
comhairle a bhios an-seo, a dh'innseas don luchd-obrach
mu chùisean co-cheangailte ri roi-innleachd na feachd.
Tha e ag innse dè na prìomh sheirbhisean a bhios an
fheachd a' toirt seachad, suidheachaidhean anns an
fheachd a tha a' toirt buaidh air mar a tha an
t-seirbheis sin ga libhrigeadh, agus dè cho comasach 's
a tha an fheachd air cùisean atharrachadh. Tha e an
uairsin a' cur an cèill, anns an fharsaingeachd, ciamar
a tha an fheachd an dùil an amas a ruigsinn. |
| 2.3 Chaidh
leth-bhreac den phlana a sgaoileadh don luchd-obrach san
fheachd gu lèir agus, ged a tha LSRP mothachail nach
eil ann ach a' chiad cheum gus leabhar comhairle a
chruthachadh, agus gun tig obair planaidh air adhart san
àm ri teachd, cha do nochd mòran fianais gu robh
muinntir na feachd, gu h-àraid an fheadhainn a tha an
sàs ann an obair làitheil nam poileas, ga mheas furasda
a leughadh neo gu robh e a' buntainn rin obair fhèin o
latha gu latha. Bhiodh e duilich nan deidheadh deagh
bheachdan a chall neo a chur suarach a chionn 's gu robh
iad sgrìobhte ann an "cànan nam
manaidsearan". Feumaidh an fheachd beachdachadh a
bheil iad air gu leòr a dhèanamh gus na prìomh amasan
aca a chur an cèill rin luchd-obrach agus ris a'
mhòr-shluagh ann an dòigh fhosgailte, shìmplidh. |
| 2.4 Tha 24
Amasan feachd nam bonn-stèidh do an roi-innleachd agus
feumaidh àrd mhanaidsearan na feachd freagradh airson an
coilionadh. Bha teagamh aig LSRP mu dè cho furasda 's
a bha e cuid de na h-amasan a thomhas agus dè cho
iomchaidh 's a bha na comharraidhean dèanadais a chaidh
a stèidheachadh. Ann am beachd LSRP feumaidh planaichean
gnìomha agus amasan a bhith comasach air an tomhas, agus
cha b'ann mar seo a bha anns a h-uile suidheachadh.
Tha an fheachd air prògram mòr a chur air bhonn, le
dùil gum bi 19 Amasan air an coilionadh ro 31 Màirt
1999. |
| 2.5 Se latha
mòr airson na feachd a th'anns a' chiad latha den
Ghiblean 1999, agus iad an dòchas gum bi na prìomh
roi-innleachdan aca stèidhichte agus gum bi na prìomh
phoileasaidhean aca air an cur an gnìomh. Tha an
sgaoileadh ùghdarrais airson eagrachadh ghoireasan a tha
san amharc na bhonn-stèidh do mhòran den obair seo. Mar
phàirt den phrògram seo bidh aig Manaidsearan nan
Aonadan Seirbheis ri planaichean ullachadh airson nan
aonadan aca a ruith, innsidh planaichean raointean ciamar
a bhios seirbhisean phoileas gan libhrigeadh, agus
mìnichidh Planaichean Aonadan na Prìomh-oifis dè na
seirbheisean a bhios iadsan a' libhrigeadh (Aontaidhean
Ìrean Seirbheis). Mar cheum a dh'ionnsaigh seo chaidh
planaichean eadar-ama a dheasachadh airson 31 Màirt 1998
(sia mìosan ro phlana na feachd) le Manaidsearan nan
Aonadan Seirbheis, a' leantainn pàtran a rinn an t-Aonad
Seirbheis Dèanadais aig a' Phrìomh-oifis. Tha na
planaichean a' mìneachadh gu sìmplidh càite bheil na
h-aonadan, dè tha iad ag iarraidh coilionadh agus ciamar
a tha iad dol ga dhèanamh. Chan eil e àbhaisteach
planaichean ionadail a dheasachadh mus tèid plana na
feachd fhoillseachadh agus dh'fhaodadh an fheachd
beachdachadh air cùisean a chur anns an òrdugh
àbhaisteach bho seo a-mach. |
| 2.6 Chan eil
teagamh sam bith nach robh Manaidsearan nan Aonadan
Seirbheis làn-chùramach san obair seo ged nach robh e
air a shùileachadh ach mar chiad cheum, agus tha e
coltach gun do shaoil iad gur e eacarsaich fheumail a
bh'ann. Tha e cuideachd coltach gur e seo a' chiad uair a
rinn an fheachd planaichean ionadail. Cha robh fianais
gun do chuir dìth plana-feachd fhoillsichte mòran
bacaidh air Manaidsearan nan Aonadan Seirbheis anns an
obair seo, air an adhbhar gu robh iad uile fiosrach mun
t-slighe air adhart a tha an t-Àrd Chonstabal a'
miannachadh airson na feachd. |
| 2.7 Fhuair
an Luchd-sgrùdaidh Rìoghail eadar-dhealachadh mòr san
dòigh san deach beachdan a shireadh nuair a bhathas a'
dèanamh nam planaichean anns an fheachd fhèin, le
comhairlichean ionadail agus leis a' choimhearsnachd. Bha
e cuideachd coltach gu robh Ceannardan nan Raointean
mì-chinnteach an robh na planaichean airson muinntir na
feachd a-mhàin no airson a' mhòr-shluaigh cuideachd,
agus thuirt a' mhòr-chuid de Chomhairlean agus
Comataidhean Sgìre nach robh leth-bhreac aca den
phlana-phoileas ionadail. Bha cuid de Cheannardan nan
Raointean, ge tà, air coinneamhan fiosrachaidh a chur
air dòigh air an ceann fhèin mu na planaichean aca
airson na bliadhna, agus air fios a sgaoileadh tro na
meadhanan ionadail. 'S dòcha gum biodh e feumail don
fheachd deagh dhòigh-obrach a chur an gnìomh a thaobh
ullachadh agus foillseachadh nam planaichean ionadail.
Tha feum beachdachadh air cò tha dol a leughadh gach
cuid, planaichean ionadail agus planaichean feachd, agus
an sgrìobhadh a-rèir sin. |
| 2.8 Fhuair
an Luchd-sgrùdaidh Rìoghail cuideachd gu robh
eadar-dhealachadh mòr ann a thaobh dè cho eòlach 's a
bha an luchd-obrach air na planaichean ionadail aca, ach
b'e an rud bu shuaicheanta gu robh, cha mhòr, a h-uile
h-oifigear a bha an sàs ann an obair làitheil nam
poileas den bheachd gur e obair mhanaidsearan a bh'ann am
planadh agus nach robh e buntainn riutha-san idir. 'S
dòcha gu robh seo airson gu bheil coltas traidiseanta,
neo-chaochlaideach air obair-phoileas air an dùthaich
agus cuideachd, gu robh na planaichean a' mìneachadh
chùisean air an robh a h-uile duine eòlach co-dhiù. Ge
tà, tha planadh a' toirt cothrom do Cheannardan
Raointean coimhead air adhart agus obair-phoileas a
dhèanamh nas dèanadaich. Tha seo cudromach, gu h-àraid
a chionn 's gu bheil sochairean siubhail nas fheàrr sa'
Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan ga dhèanamh nas
fhasa do eucoirich agus drugaichean a thighinn a-steach.
Cha robh a h-uile plana ionadail ag aithneachadh an
t-suidheachaidh seo agus bha mòran aca a' cumail a' dol
"mar as àbhaist". Tha LSRP mothachail air
luach na h-obrach a chaidh a dhèanamh gu ruige seo, ach
tha iad den bheachd gu feum tuilleadh a dhèanamh ma tha
an fheachd dol a sheasamh ri dùbhlain an 21mh linn. |
| Lèirmheas Dèanadais a h-uile Dà Mhìos |
| 2.9 Ged a
tha an fheachd gu math geur air sgaoileadh ùghdarrais
airson breithneachaidh, tha iad a' tuigsinn gu feum
luchd-obrach aig gach inbhe sgrùdadh èifeachdach
fhaighinn 's a dhèanamh. Tha iad air lèirmheas
dèanadais a bhios a' tachairt a h-uile dà mhìos a chur
air bhonn airson Manaidsearan nan Aonadan Seirbheis uile,
agus siad na prìomh chuspairean annta, fèin-sgrùdadh
agus sgrùdadh. Tha an lèirmheas a' toirt cothrom do
mhanaidsearan sealltainn do Luchd-stiùiridh na Feachd
dè thug iad gu buil agus dè cho comasach 's a tha iad
ùghdarras a ghabhail nan làmhan fhèin. Se ceum ùr a
tha seo agus aig àm an Sgrùdaidh bha a' mhòr-chuid de
Mhanaidsearan Aonadan Seirbheis air a dhol tro aon
Lèirmheas Dèanadais, a' sealltainn ri an dèanadas
phearsanta, riaghladh an Aonaid Seirbheis, agus na bha
iadsan air cur ri leasachadh corpaichte na feachd. Anns
an fharsaingeachd bhathas den bheachd gur e coinneamh
glè ghealltanach a bha seo, a' toirt cothrom airson
conaltradh eadar manaidsearan agus an Luchd-stiùiridh,
agus tha LSRP ga mheas ion-mholta. Dh'fhaodadh feachdan
eile coimhead ris an t-siostam seo mar aon dòigh air
manaidsearan ionadail a lèirmheas. |
| Am Modail Fèin-sgrùdaidh aig an Ionad
Eòrpach airson Deagh Riaghlaidh |
| 2.10 Tha
Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath air a' Mhodail
Fèin-sgrùdaidh aig an Ionad Eòrpach airson Deagh
Riaghlaidh a ghabhail mar dòigh riaghlaidh a bhios ga
shìor leasachadh, agus tha iad a' trèanadh 30 de
Luchd-measaidh air feadh na feachd. Thèid
fèin-sgrùdadh fhighe a-steach don Chuairt-phlanaidh
Bhliadhnail gus am faighear cuideachadh le bhith a'
coilionadh amasan. Thèid sùil a chumail air adhartas a
thaobh coilionadh amasan mar phàirt den Lèirmheas
Dèanadais dà-mhìosail. |
| 2.11 Tha
LSRP ga mheas ionmholta mar a tha an fheachd a' feuchainn
ri ìre obrach àrd a chumail suas ach 's fheàrr dhaibh
sùil gheur a chumail air an uiread tìde agus spàirn a
tha ga chaitheamh air planadh, gus dèanamh cinnteach gun
tig toradh buannach agus practaiceach às. Bu chòir
dhaibh strì shònraichte a dhèanamh gus am bi earbsa
anns an dòigh planaidh aig an luchd-obrach an sàs ann
an obair làitheil nam poileas. |
| Obair Sgrùdairean na Feachd |
| 2.12 Aig àm
a' Chiad sgrùdaidh bha sgrùdairean Feachd-phoileas a'
Chinn-a-Tuath stèidhichte ann an Oifis Inbhir
Pheofharain. Shaoil an Luchd-sgrùdaidh Rìoghail gu robh
cùram ionmholta aig na sgrùdairean san obair aca ach
thuirt iad "gum bu chòir dhan dòigh sgrùdaidh
a bhith sùbailte gus an urrainnear dèiligeadh ri
ceistean sònraichte nuair a nochdas iad". |
| Toradh an
Ath-sgrùdaidh |
| 2.13 Chan
eil aonad sgrùdaidh coitcheann aig an fheachd a-nis agus
tha iad an sàs ann an lèirmheas air an dòigh
sgrùdadh-feachd aca. Tha Manaidsearan nan Aonadan
Seirbheis ag obair mar "Sgrùdairean Feabhas
Obrach" le dleasdanas airson obraichean sònraichte.
Mar eisimpleir, tha dleasdanas aig Ceannard Raon Rianachd
Inbhir Nis airson feabhas aithisgean nam poileas a
sgrùdadh air feadh na feachd, agus tha dleasdanas aig
Ceannard nan Eileanan Siar airson pairèidean
aithneachaidh. Tha an fheachd an sàs ann a bhith a'
tionndadh nan Gnàth-riaghailtean aca gu
Leabhran-comhairle don fheachd ann an cruth ùr-nodha,
agus nuair a thig gach poileasaidh ùr a-mach bho na
buidhnean chleachdairean, bidh sgrùdaire feabhas obrach
ga chur air bhonn. Tha ùidh aig LSRP ann an ciamar a
thèid le seo. |
| Sireadh Beachdan a' Mhòr-shluaigh |
| 2.14 Mar a
chaidh a luaidh cheana, mhol a' Chiad aithisg gun
deidheadh beachdan a' mhòr-shluaigh a shireadh gus
dèanamh cinnteach gu bheil planaichean na feachd a'
freagradh feuman na coimhearsnachd. Tha an fheachd air
airgead a shònrachadh airson rannsachadh mar a tha am
mòr-shluagh a' faicinn nam poileas, agus aig àm an
Sgrùdaidh bhathas a' sireadh thairgsean bho
chompanaidhean a dhèanadh an obair. Tha an fheachd an
dòchas coimeas a dhèanamh eadar toradh an rannsachaidh
seo agus an rannsachadh a rinneadh ann an 1994. Mhothaich
LSRP, ge tà, nach do chum an rannsachadh ris a' cheann
latha 30 Lùnasdal 1998 a bha sgrìobhte ann am pàipear
na feachd "Our Strategy for Policing with a Purpose.
Action Plan 1998" airson aithisg dheireannach
fhoillseachadh. Dh'innis an t-Àrd Chonstabal dhuinn as
dèidh làimh gur e mearachd clò-bhualaidh a nochd anns
a' phàipear, agus gur e an ceann latha ceart 30
Lùnasdal 1999. Bha e soilleir bho na thuirt cuid de na
h-àrd mhanaidsearan gu robh feadhainn aca troimhe
chèile leis a' mhearachd seo, oir bha iadsan a' tuigsinn
gu robh an ceann latha air dol seachad agus gu feumte
airgead a lorg airson an rannsachaidh bho chunntas na
bliadhna ionmhasail seo. 'S mathaid gun gabhadh an
fheachd os làimh mì-chinnt sam bith a dhubhadh às anns
a' chùis seo. (Faic cuideachd paragraf 5.20) |
| 2.15 Chan
eil an fheachd a' dèanamh rannsachaidh sam bith aig
cuntairean nan stèiseanan phoileas a shireadh beachdan
nan daoine a thig a-steach do na h-oifisean ionadail. Tha
e coltach gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a'
beachdachadh air inneal eleactronaiceach le key pad a
chur ann am bùithtean agus leabharlannan gus am faigh am
mòr-shluagh air am beachdan a thoirt seachad air
seirbheisean na comhairle. Thathas an dòchas gun gabh an
fheachd pàirt san sgeama seo. Ge tà, chan eil crìochan
Comhairle na Gàidhealtachd ach nam pàirt de chrìochan
na feachd air fad agus dh'fhaodadh manaidsearan
ionadail sealltainn ri dòighean sam b'urrainn dhaibh cur
ris na beachdan a tha a' tighinn bho comhairlichean
ionadail, le bhith sireadh beachdan a' mhòr-shluaigh
fhèin air dè cho sàsaichte 's a tha iad agus dè na
prìomh cheistean a th'aca mu shàbhailteachd an
t-sluaigh. |
| 2.16 A
dh'aindeoin seo, tha an fheachd airidh air moladh airson
nan ceanglaichean làidir a tha iad air togail leis a'
choimhearsnachd thar nam bliadhna, a tha cho cudromach
ann a bhith ag innse dè tha air aire muinntir nan
sgrìrean. Tha seo aig cridhe na seirbheis fìor
fhreagarrach agus tuigseach a bha chunnaic
Luchd-sgrùdaidh. Chaidh an sireadh bheachdan seo a
dh'òrdughadh ann an trì sreathan foirmeil o chionn
ghoirid, le aonta Co-chomataidh nam Poileas a tha a'
mìneachadh dè an an uiread co-obrachaidh a tha
iomchaidh aig coinneamhan ionadail, aig ìre nan
raointean rianachd agus airson luchd-stiùiridh na
feachd. Bhathas ga mheas air leth feumail airson
fiosrachadh a chumail ris na manaidsearan a bhith ag
ullachadh aithisgean goirid air cùisean a dh'èirich aig
coinneamhan ionadail. Bha seo cuideachd feumail ann a
bhith ag eagrachadh ghoireasan. Tha LSRP a' meas na
h-obrach seo ionmholta. |
| |