| Luchd-sgrùdaidh Rìoghail nam Poileas Albannach |
| 1 Suidheachadh Eagrachaidh agus Riaghlaidh |
| Cruth na Feachd |
| 1.1 Tha an fheachd air eagrachadh ann an 15 Aonadan Seirbheis, ochd Raointean Rianachd agus sia Buidhnean Taice, gus conaltradh a dhèanamh nas teinne agus gus am feum an t-àrd luchd-stiùiridh barrachd freagradh a dhèanamh do na ceannardan aca. Siad na buidhnean taice, Luchd-taic CID, Taic ann an Obair Làitheil, Ionmhas, Solarachadh Luchd-obrach, Dèanadas agus Rianachd. Bidh Ceannardan nan 15 Aonadan Seirbheis a' freagradh do Luchd-stiùiridh na Feachd agus dha chèile ann am fòram a' phoileasaidh, ach tha mòran ùghdarrais aca nan làmhan fhèin o latha gu latha. |
| 1.2 Tha trì de na Raointean Rianachd stèidhichte air crìochan nan Ùghdarrasan Ionadail aca, sin Arcaibh, Sealtainn agus Na h-Eileanan Siar, agus tha na còig eile ann an crìochan Comhairle na Gàidhealtachd. As dèidh lèirmheas a dhèanamh air crìochan nan raointean rianachd chaidh Inbhir Nàrunn a ghluasad bho Raon Rianachd Inbhir Nis gu Bàideanach agus Srath Spè. Bhathas a' beachdachadh air atharrachadh ann an crìochan eile aig àm an sgrùdaidh. |
| Stiùireadh an CID |
1.3 Tha
cruth-riaghlaidh nan oifigearan lorg-phoileas air
atharrachadh air sgàth gun deach an fheachd ath-roinn
ann an aonadan seirbheis. Roimhe seo, bha trì
inspectaran lorg-phoileas le ùghdarras an duine airson
|
| 1.4 Tha an t-ath-eagrachadh air Inspectar Lorg-phoileas fhàgail ann an Inbhir Nis, agus Gallaibh agus Cataibh a thoirt bho ùghdarras an Inspectair Lorg-phoileas ann an Ros, Crombaidh agus An t-Eilean Sgìtheanach. Tha an Inspectar Lorg-phoileas eile ag obair ann an Taic CID, gun dleasdanas riaghlaidh no marasglachd sam bith airson nan sia Raointean Rianachd eile. |
| 1.5 B'e an fheallsanachd air cùl seo gum biodh na h-ochd Raointean Rianachd ag obair air an ceann fhèin, leis an CID ag obair fo Cheannardan nan Raointean, aig a bheil ùghdarras airson làimhseachadh eucoir o latha gu latha. Cha ghabh àrd lorg-phoileis na prìomh-oifis gnothach ris na Raointean ach ann an suidheachaidhean a tha air am meas "às an àbhaist". |
| 1.6 Tha LSRP toilichte gum bi na raointean gan riaghladh fhèin, ach air sàilleabh cho mòr 's a tha an Fheachd-phoileas se seàirdeant lorg-phoileas an t-oifigear as àirde san CID ann an sia de na h-ochd Raointean Rianachd. Mhothaich LSRP nuair a bhruidhinn iad ri oifigearan gu bheil mòr-iomagain air cuid de oifigearan an CID agus Ceannardan Raointean mu chall smachd Inspectar Lorg-phoileas agus call ceangail ri Taic CID aig a' Phrìomh-Oifis. Cha b'e gu robh iad iomagaineach mun làimhseachadh eucoir a tha a' tachairt o latha gu latha, ach nach eil cleachdadh agus comas ann a dh'aithnicheas tràth gu leòr dè cho cudromach 's a tha cuid de shuidheachaidhean. |
| 1.7 Ged a tha LSRP a' toirt an làn taic don ghluasad air falbh bho dhòigh eagrachaidh far a bheil an CID ga riaghladh bhon Phrìomh-oifis, tha iad den bheachd gu feum an fheachd na duilgheadasan seo fhuasgladh. 'S mathaid gum bu chòir dhaibh cuideachd an obair a tha Taic CID anns a' Phrìomh-oifis a' dèanamh gus comhairleachadh nan Raointean a shoilleireachadh, oir sann aig a' Phrìomh-oifis a tha an cleachdadh as motha air rannsachadh eucoir. |
| Comhairlichean |
| 1.8 Aig àm
a' Chiad sgrùdaidh bha an t-Àrd Chonstabal ga
chuideachadh le trì Comhairlichean aig ìre Àrd
Superintendent, le dleasdanasan airson: 1. Leasachadh Phlanaichean Roi-innleachdach; 2. Obair Làitheil nam Poileas; agus 3. Eucoir |
| Nochd dragh ann an aithisg a' Chiad sgrùdaidh a thaobh obair nan comhairlichean seo, cha b'ann a-mhàin na bh'ann dhiùbh, ach nach robh "dleasdanas susbainteach sam bith aca ann an riaghladh no breithneachadh, agus gu robh seo a' ciallachadh nach robh mòran adhbhair dhaibh a bhith aig inbhe cho àrd". Mhol an aithisg: |
| Moladh a' Chiad Sgrùdaidh 1 |
| "gum bu chòir dealbh-dreuchd ullachadh do na trì Àrd Superintendentan a bha a' toirt comhairle don Àrd Chonstabal, agus gu feumadh an t-Àrd Chonstabal sùil gheur a chumail air an obair aca gus beachd fiosrachail a ghabhail air an fheum a th'ann air na dreuchdan seo". |
| Toradh an Ath-sgrùdaidh |
| 1.9 Bhon Fhaoilleach 1998 chaidh àireamh nan comhairlichean a lùghdachadh gu a dhà, le bhith a' ceangal an dleasdanas Eucoir ri dleasdanas Obair Làitheil, agus as dèidh do aon de na h-Àrd Superintendentan a dhreuchd a leigeil dheth, tha aon dreuchd air a lìonadh le oifigear aig inbhe superintendent. Dh'ullaich an fheachd dealbh-dreuchd san fharsaingeachd a tha a' buntainn ri dleasdanas don fheachd agus dleasdanas obrach. Ach, ged a rinneadh mòran adhartais bho àm a' Chiad sgrùdaidh, fhuair LSRP nach robh mòran ceangail eadar an dealbh-dreuchd agus an obair fhèin. |
| 1.10 Tha LSRP mothachail air an oidheirp a rinneadh gus cosgaisean riaghlaidh a lùghdachadh, ach as dèidh sùil a thoirt air a' chùis a-rithist, chan eil iad idir cinnteach gu bheil dreuchd nan comhairlichean a' dèanamh feum mhath de eòlas àrd oifigearan. Cha robh fianais gu robh bacadh sam bith air Ceannardan nan Raointean mu bhith a' bruidhinn ris na comhairlichean, ach bha beachdan eadar-dhealaichte aca mu cuin bu chòir fios a chur thuca agus dè na suidheachaidhean san robh e iomchaidh seo a dhèanamh. Tha LSRP den bheachd nach eil gnè dreuchd nan comhairlichean fhathast soilleir gu leòr. Se aon adhbhar airson seo nach eil iad nam pàirt de chruth riaghlaidh na feachd, nach eil sgioba a' freagradh thuca, agus gu bheil iad, gu ìre, air an cuingealachadh le obair pàipeir aig deasc. |
| 1.11 Tha LSRP den bheachd gum bu chòir don fheachd sealltainn ris a' cheist seo a-rithist gus gnè dreuchd nan comhairlichean a shoilleireachadh. Tha LSRP ag aontachadh gum bu chòir sreathan riaghlaidh a bhith ann eadar Luchd-stiùiridh na Feachd agus Manaidsearan nan Aonadan Seiribheis ach chan eil an obair a tha na comhairlichean a' dèanamh an-dràsda a' coilionadh an iarrtais seo. |
| A' Cruthachadh Poileasaidh |
| 1.12 Thug an t-Àrd Chonstabal ath-nuadhachadh air an dòigh cruthachadh poileasaidh agus an dòigh breithneachaidh. Chuir e Fòram Poileasaidh mar bhunait air, aig an robh an dleasdanas poileasaidh roi-innleachdach a dhèanamh. Se an t-Àrd Chonstabal am fear cathrach agus tha an t-Iar Àrd Chonstabal, na comhairlichean agus Manaidsearan nan Aonadan Seirbheis a' gabhail pàirt, còmhla ri Comhairliche nam Meadhanan agus riochdairean bho Chomainn an Luchd-obrach. Se fìor cheum ùr a th'ann na Comainn Luchd-obrach a thoirt a-steach san dòigh seo agus tha e a' nochdadh cho dealasach 's a tha an t-Àrd Chonstabal gun gabh an fheachd san fharsaingeachd pàirt ann am breithneachadh poileasaidh na feachd. Tha a' bhuidheann Seirbheisean Riaghlaidh, leis an Àrd Chonstabal sa' chathair, agus a' bhuidheann Seirbheisean Obair Làitheil nam Poileas, leis an Iar Àrd Chonstabal sa' chathair, a' co-dhùnadh poileasaidh air mar a bhios an fheachd ag obair. Tha sgioba riaghlaidh aig gach Aonad Seirbheis a bhios a' coinneachadh gu cunbhalach gus taic a thoirt do Mhanaidsear an Aonad Seirbheis le ruith an Raon Rianachd no roinne, agus se fòram feumail a th'ann airson fiosrachadh a thoirt seachad. |
| Buidhnean Chleachdairean |
| 1.13 Tha na Buidhnean Chleachdairean nam bonn-stèidh do mhòran den obair cruthachadh poileasaidh agus tha an t-Àrd Chonstabal gam faicinn "anns a' chiad àite, mar dhòigh air molaidhean agus prìomh amasan poileasaidh a leasachadh, agus anns an dàrna àite mar dhòigh air duilgheadasan ann an dòighean-obrach fhuasgladh" (Aithisg Bhliadhnail an Àrd Chonstabail 1997/98). Tha seachd buidhnean den t-seòrsa san fheachd a' coimhead ri caochladh chuspairean mar Eucoir, Solarachadh Luchd-obrach agus Fiosrachadh Teicneòlais. Tha sgioba gach buidhne air a thaghadh bho riochdairean nan Aonadan Seirbheis gu lèir agus bidh iad a' cruinneachadh aig Prìomh-oifis na Feachd nuair a tha feum air coinneamh. Mar as trice bidh seo a' tachairt gach sia no ochd seachdainean. |
| 1.14 Tha an t-Àrd Chonstabal gu mòr airson gun toir an dòigh riaghlaidh aige cothrom don fheachd san fharsaingeachd pàirt a ghabhail ann am breithneachadh poileasaidh na feachd. Bha mòran fianais gu robh muinntir na feachd a' faireachdainn gu robh pàirt aca san dòigh breithneachaidh agus gu robh an luchd-stiùiridh ag èisdeachd riutha agus deònach bruidhinn riutha. |
| Sgaoileadh Fiosrachaidh gu na Sgiobannan |
| 1.15 Thug an fheachd fa-near gu robh feum air dòigh conaltraidh na b'fheàrr san fheachd fhèin. Cho math ris na buidhnean chleachdairean, tha siostam Sgaoileadh Fiosrachaidh air a stèidheachadh gus conaltradh a leasachadh, a bhios a' toirt naidheachd air cùisean feachd agus cùisean ionadail don luchd-obrach. Bidh an t-Àrd Chonstabal a' deasachadh Prìomh Theachdaireachd a h-uile còig seachdainean, anns a bheil fios air leasachadh poileasaidh cho math ri nithean eile. Bidh seo a' dol don Fhòram Poileasaidh agus an uairsin sìos air feadh na feachd aig coinneamhan sgiobannan. Faodaidh Manaidsearan nan Aonadan Seirbheis fiosrachadh air cùisean ionadail a chur ris a' phrìomh theachdaireachd. Bha deagh bheachd aig poileis agus luchd-taice air an taobh seo den t-siostam. Tha an fheachd airidh air moladh airson sgaoileadh fiosrachaidh a stèidheachadh agus a chumail a' dol a-measg luchd-obrach cho sgapte, a tha a-nis a' faireachdainn nas eòlaich air na tha tachairt air taobh a-muigh an crìochan obrach fhèin. |
| Cùisean Ag Atharrachadh |
| 1.16 Tha LSRP den bheachd gu bheil ceistean ag èirigh a thaobh dòighean riaghlaidh na feachd, a' mhòr-chuid aca a' buntainn ri obair nam Buidhnean Chleachdairean, agus an dòigh a tha atharrachadh a' tachairt air sgàth sgaoileadh ùghdarrais, agus gu bheil mòran a bharrachd san fheachd a-nis a' gabhail pàirt anns an dòigh riaghlaidh ùir. Chan eil teagamh nach eil e feumail don fheadhainn a tha a' gabhail pàirt gu bheil iad a' tighinn còmhla o iomadh raon is inbhe gus poileasaidh a dheasbad agus a bhreithneachadh. Tha seo buannachail is cudeachail dhaibh san dreuchd aca. Tha seasamh aca, agus tha guth aig oifigearan a tha an sàs ann an obair làitheil nam poileas aig bòrd a' phoileasaidh. Tha sgaoileadh ùghdarrais airson breithneachaidh aig cridhe feallsanachd an Àrd Chonstabail. Ged nach eil càil againn an aghaidh prionnsabalan nan atharraidhean, dh'fhaodadh ceistean a bhith aig LSRP a thaobh dè cho èifeachdach 's a tha cuid aca. |
| 1.17 Tron sgrùdadh lorg sinn oifigearan aig gach inbhe a bha den bheachd gu robh riaghladh a' toirt an àirde cus tìde agus ghoireasan a bu chòir a bhith air an cleachdadh airson obair làitheil nam poileas, ged a bha iad toilichte le dòigh riaghlaidh a bha na b' fhosgailte. Nochd dragh mun uiread choinneamhan a dh'adhbhraich cosgaisean siubhail àrd agus cosgaisean luchd-obrach a thoirt bhon obair, ann an Raointean Rianachd far an robh beagan luchd-obrach air an sgapadh gu tana. Bha mì-chinnt ann cuideachd mu dè an obair a bh' aig na Buidhnean Chleachdairean - poileasaidhean ùra a chruthachadh, no dòighean a lorg, anns an t-siostam riaghlaidh a bha a-nis nas fhuasgailte, gus seann phoileasaidhean a chur an gnìomh. Chan eil LSRP cinnteach gum bu chòir uiread de cheistean a chur fa chomhair nam Buidhnean Chleachdairean, no gu bheil toradh obair nam Buidhnean airidh air an uiread ghoireasan 's a tha ga chaitheamh orra. Ged a thathas mothachail gu bheil poileasaidhean ùra a' nochdadh, tha iomagain ann mun tìde a tha seo a' toirt suas. Tha e coltach gu bheil an uiread choinneamhan a' cur maill air a bhith dèiligeadh ri cuid de cheistean a bu chòir am fuasgladh sa' bhad. Ged a bha iad mothachail gur mathaid gu robh cuid de bheachdan muinntir na feachd stèidhichte air dìth tuigse, shaoil LSRP gu robh gu leòr den aon bheachd ann airson a' cheist seo a thogail. Mar sin, tha iad a' moladh gun dèan an fheachd geur-sgrùdadh air na Buidhnean Chleachdairean agus mion-rannsachadh air cosgaisean. Bu chòir dha seo sealltainn ri siubhal, lòn, àite-fuirich, tìde nan oifigearan agus cosgais dreuchdan a lìonadh fhad 's a tha na h-oifigearan air falbh. B' urrainn dhan fheachd an uairsin luach nam buidhnean a mheas agus fios a b' fheàrr aca air caitheamh ghoireasan agus cosgaisean. |
| Ath-sgrùdadh |
| Moladh 1 |
Tha LSRP a' moladh gun dèan an fheachd
geur-sgrùdadh air na Buidhnean Chleachdairean agus
mion-rannsachadh air cosgaisean, a ghabhas a-steach:
|
| Sgaoileadh Ùghdarrais |
| 1.18 Ann a bhith a' bruidhinn ri Ceannardan nan Raointean mu sgaoileadh ùghdarrais, fhuair LSRP beachdan a bha troimhe chèile mu ciamar bu chòir dha obair o latha gu latha. Ged a bha iad a' tuigsinn prionnsabalan sgaoileadh ùghdarrais san fharsaingeachd shaoil cuid de Mhanaidsearan nan Aonadan Seirbheis gum biodh mìneachadh na bu shoilleire air crìochan an cuid ùghdarrais feumail. Tha 43 puingean a thaobh sgaoileadh ùghdarras riaghlaidh anns an aithisg "Credit to the Force" a dheasaich Luchd-sgrùdaidh Coimisean nan Cunntasan o chionn ghoirid. Dh'fhaodadh e a bhith na chuideachadh do Fheachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath coimeas a dhèanamh eadar an eagrachadh a tha iad fhèin a' moladh agus molaidhean na h-aithisg. Ann a bhith ag ràdh seo, tha LSRP mothachail gu bheil an sgaoileadh ùghdarrais a tha a-nis san amharc a' ciallachadh atharrachadh mòr ann an eagrachadh agus feallsanachd, agus tha iad a' guidhe gach deagh bheannachd don fheachd air an t-slighe dheuchainnich seo. |
| Ath-eagrachadh Oifisean Beaga |
| 1.19 Nochd aithisg a' Chiad sgrùdaidh (para 1.9) gu robh cothroman ann airson oifisean phoileas beaga ath-eagrachadh. Tha an fheachd an sàs ann an lèirmheas leantainneach agus gu ruige seo tha iad air oifisean a dhùnadh ann an Deimhidh (Raon Rianachd Inbhir Nis), Sgìre Bhatten (Raon Rianachd Gallaibh agus Cataibh) agus air a' Bhac agus ann an Garabost (Raon Rianachd nan Eileanan Siar). Bha LSRP toilichte faicinn gun deach beachdan muinntir nan sgìrean a shireadh gu cùramach le sùil air feuman a thaobh obair phoileas san àm ri teachd agus, gun deach dà Oifigear Sàbhailteachd Coimhearsnachd fhasdadh air a' Bhac agus ann an Garabost, le dleasdanas sònraichte airson gach baile. |
| Aontaidhean Ìrean Seirbheis |
| 1.20 Thuirt paragraf 1.8 de aithisg a' Chiad sgrùdaidh gu robh dùil aig an fheachd Aontaidhean Ìrean Seirbheis a chur an gnìomh eadar Ceannardan nan Raointean agus roinnean sònraichte. Cha deach seo a dhèanamh fhathast ged a tha dùil aig an fheachd gum bi iad stèidhichte air 31 Màirt 1999, nuair a thathas an dùil sgaoileadh ùghdarrais a thaobh eagrachadh ghoireasan a chur an gnìomh (faic Caibideil 3). Ma thèid a dhèanamh aig an àm sin tha e coltach gur i seo a' chiad fheachd an Albainn a nì e. A-thaobh Aontaidhean Ìrean Seirbheis, thuirt aithisg a' Chiad sgrùdaidh "nach soirbhich leotha mura h-urrainn dhaibh obrachadh as aonais mòran taic rianachd. Cuideachd, dh'fheumadh seòladh soilleir a bhith ann gus nach dèan ceistean ionmhais a tha ceangailte ri aon raon rianachd a-mhàin, cron air neart na h-obrach làitheil. Seo dragh a nochd ann am feachdan eile." Dh' aontaicheadh LSRP leis a' bheachd seo. |