tso-banner.gif (2487 bytes) Previous page Contents page Next page
  
Luchd-sgrùdaidh Rìoghail nam Poileas Albannach
 
 
Geàrr-chùnntas Gnìomharrach
1. Rinneadh Ath-sgrùdadh air Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath anns an Damhair 1998. B'e prìomh amas an sgrùdaidh faicinn ciamar a bha an fheachd air gabhail ris na molaidhean a nochd ann an aithisg a' Chiad sgrùdaidh 17 mìosan roimhe. Air an adhbhar sin cha b'e sgrùdadh iomlan air a h-uile pàirt de obair Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath a bh'ann ach tomhas air an adhartas a rinneadh a thaobh cheistean a thogadh anns a' Chiad sgrùdadh, agus airson sealltainn ri ceistean cudromach sam bith a bha air èirigh as ùr.
2. Tha 15 Aonadan Seirbheis anns an fheachd agus tha i stèidhichte air ochd Raointean Rianachd agus sia Buidhnean Taice a tha suidhichte anns a' Phrìomh-oifis. Tha trì de na Raointean Rianachd stèidhichte air crìochan Comhairlean Ionadail Eileanan, sin Arcaibh, Sealtainn agus Na h-Eileanan Siar, agus tha na còig eile ann an crìochan Comhairle na Gàidhealtachd. Bha beagan atharrachaidh air a dhèanamh air crìochan nan Raointean Rianachd air Tìr-Mòr, agus chaidh ceithir stèiseanan dùthcha an dùnadh as dèidh lèirmheas de fheuman na coimhearsnachd a thaobh obair phoileas, a ghabh deagh aire air beachdan muinntir nan àiteachan sin. Tha na 14 manaidsearan air na h-Aonadan Seirbheis a' freagradh do Luchd-Stiùiridh na Feachd, ach anns an obair làitheil aca tha mòran cumhachd nan làmhan fhèin. Se aon bhuil air seo gun deach an dlùth-dhòigh 's a bheil na Raointean Rianachd a' freagradh do CID anns a' Phrìomh-oifis a ghearradh. Ann an sia de na h-ochd Raointean Rianachd, se seàirdeant lorg-phoileas an t-oifigear as àirde san CID, agus tha seo air iomagain a chur air cuid de oifigearan an CID agus Ceannardan Raointean, mu dhìth smachd bho os àird agus dìth ceangail fhoirmeil ri Taic CID sa' Phrìomh-oifis. Tha LSRP den bheachd gu feum an fheachd fuasgladh a lorg air na duilgheadasan seo agus soilleireachadh a thoirt air gnè na h-obrach a tha Taic CID anns a' Phrìomh-oifis a' dèanamh ann an comhairleachadh nan Raointean.
3. Mhol aithisg a' Chiad sgrùdaidh gu feumadh dreuchd nan Àrd Superintendent a bha nan comhairlichean don Àrd Chonstabal a bhith air a mìneachadh gu foirmeil, agus gu robh feum air sùil a chumail air an obair aca agus lèirmheas fiosrachail a dhèanamh, oir bha e coltach nach robh ùghdarras susbainteach sam bith aca ann an riaghladh no ann am breithneachadh. Tha àireamh nan Comhairlichean a-nis air a lùghdachadh gu a dhà, àrd superintendent agus superintendent, agus tha LSRP mothachail dhan oidheirp a rinneadh gus cosgaisean riaghlaidh a lùghdachadh. Chaidh dealbh-dreuchd a chruthachadh, ach chan eil LSRP den bheachd gur e dealbh mion-cheart a th'ann air an obair a tha na Comhairlichean a' dèanamh. Chan eil LSRP fhathast cinnteach gu bheil dreuchd nan Comhairlichean a' dèanamh feum mhath de eòlas nan àrd oifigearan agus tha iad den bheachd gum bu chòir an fheachd sealltainn ris a' cheist a-rithist gus na dreuchdan seo a dhèanamh nas èifeachdaiche.
4. Chaidh prògram sgaoileadh fiosrachaidh a stèidheachadh anns gach sgioba obrach bhon Àrd Chonstabal a-nuas, a' gabhail a-steach ceistean feachd agus ceistean ionadail, agus tha an luchd-obrach gu lèir toilichte le seo oir tha iad a-nis a' faireachdainn nas eòlaiche air na tha dol anns an fheachd san fharsaingeachd. Tha an t-Àrd Chonstabal gu mòr airson dòigh riaghlaidh a chruthachadh a tha nas fosgailte agus a bheir guth don fheachd gu lèir. Air sgàth seo tha e air Buidhnean "Chleachdairean" a chur air bhonn a tha mar bhonn-stèidh do mhòran den obair cruthachadh poileasaidh. Tha seachd buidhnean den t-seòrsa seo san fheachd a' beachdachadh air cuspairean sònraichte, le riochdairean bho na h-Aonadan Seirbheis anns gach tè. Bidh iad a' cruinneachadh aig prìomh-oifis na feachd nuair a bhios feum air coinneamh, mar as trice gach sia no ochd seachdainean. Anns a' chiad àite se amas nam buidhnean cothrom a thoirt do mhuinntir na feachd molaidhean poileasaidh a thoirt air adhart, agus anns an dàrna àite, duilgheadasan ann an dòighean-obrach fhuasgladh. Ged a fhuair an Luchd-sgrùdaidh mòran fianais gu robh muinntir na feachd a' faireachdainn gu robh barrachd suim ga chur air am beachdan nuair a bha ceistean agus poileasaidh gam breithneachadh, bha cuid de dhaoine den bheachd gu robh riaghladh a' toirt an àirde cus tìde agus ghoireasan a bu chòir a bhith air an cleachdadh airson obair làitheil nam poileas. Tha LSRP fo imcheist gu bheil cus choinneamhan gan cumail agus gu bheil seo a' cur maill air a bhith dèiligeadh ri cuid de cheistean a bu chòir am fuasgladh sa' bhad. Tha LSRP a' moladh gun dèan an fheachd geur-sgrùdadh air na Buidhnean Chleachdairean agus mion-rannsachadh air cosgaisean, gus faicinn a bheil iad airidh air an uiread tìde agus ghoireasan 's a tha ga chaitheamh orra.
5. Dh'fhoillsich an fheachd a plana roi-innleachdach, "Our Strategy for Policing with Purpose" anns an t-Sultain 1998. Tha 24 Amasan feachd san aithris a dh'fheumas àrd mhanaidsearan coilionadh. Tha LSRP fo iomagain nach gabh cuid de na h-amasan an tomhas ceart agus nach eil cuid de na comharraidhean dèanadais iomchaidh. Rinneadh planaichean Aonadan Seirbheis sia mìosan mus deach plana roi-innleachdach na feachd fhoillseachadh, agus ged a tha iad a' leantainn plana na feachd san fharsaingeachd, tha LSRP a' gabhail iongnaidh carson a chaidh rudan a dhèanamh san òrdugh sin. Cha robh ach glè bheag fianais bho phoileis sna raointean gu robh mòran buaidh aig an t-siostam planaidh air an obair làitheil aca, agus ged a tha for aig LSRP air luach na chaidh a chur an gnìomh gu ruige seo, thathas den bheachd gu feum tuilleadh adhartais a dhèanamh ma tha an fheachd dol a sheasamh ri dùbhlain an 21mh linn.
6. Tha an fheachd mothachail gu feum i sealltainn ri ceistean roi-innleachdach ann an dòigh chorpaichte. Air sgàth seo tha am modail fèin-sgrùdaidh aig an Ionad Eòrpach airson Deagh Riaghlaidh ga fhighe a-steach don t-siostam planaidh aca. Chaidh lèirmheas dèanadais a bhios a' tachairt a h-uile dà mhìos a chur air bhonn o chionn ghoirid gus am bi Manaidsearan nan Aonadan Seirbheis a' freagradh don luchd-stiùiridh san dòigh cheart. Bidh na manaidsearan cuideachd a' dèanamh cinnteach gu bheil a' chomhairle obrach ann an leabhar stiùiridh ùr na feachd air a leantainn gu cunbhalach. Se tachartasan ùra agus inntinneach a tha an seo a b' fhiach am mion-rannsachadh ann an sgrùdaidhean ri thighinn.
7. Mhothaich LSRP nach deach an rannsachadh bheachdan a bha san amharc airson an Lùnasdail 1999, air ìomhaigh nam poileas ann an sùilean a' mhòr-shluaigh a dhèanamh aig àm an Ath-sgrùdaidh. Chaidh innse dhuinn as dèidh seo gur e an ceann-latha ceàrr a chaidh fhoillseachadh. A dh'aindeoin seo, tha deagh cheanglaichean air a bhith aig an fheachd ris a' choimhearsnachd o chionn fhada agus tha seo ag adhbhrachadh seirbheis phoileas a tha fìor fhreagarrach agus tuigseach. O chionn ghoirid chaidh an dòigh sireadh bheachdan òrdughadh gu foirmeil ann an trì sreathan, a' mìneachadh dè an uiread co-obrachaidh a tha iomchaidh aig coinneamhan ionadail, aig ìre nan raointean rianachd agus airson luchd-stiùiridh na feachd.
8. Ann an 1997/98 cha do ghabh Co-chomataidh nam Poileas mu £864 mìle den tabhartas a bha ri fhaighinn bhon Riaghaltas, agus a-rithist sa' bhliadhna ionmhais seo cha do ghabh iad mu £1.2m air an robh còir aca. Chan urrainn dhan airgead seo a chleachdadh ann an àite sam bith eile agus se call maoineachais mòr a th'ann. Tha sgioba riaghlaidh Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath airidh air moladh gu bheil iad fhathast a' cumail ìre-obrach àrd agus deagh bheachd an t-sluaigh, ach chanadh LSRP gum biodh coltas ann gun deidheadh an tabhartas a ghearradh mura tèid a chleachdadh gu h-iomlan.
9. Mhol aithris a' Chiad sgrùdaidh gum bu chòir plana roi-innleachdach a chruthachadh a thaobh Seirbheisean Taice as dèidh beachdachadh air dè bheir seachad an luach as fheàrr a thaobh airgid. Tha LSRP toilichte gu bheil an fheachd ag obair air Aontaidhean Ìrean Seirbheis a chruthachadh an-dràsda le Comhairle na Gàidhealtachd, a' buntainn ri seirbheisean ionmhais agus rianachd. Se an Giblean 1999 an ceann-latha airson seo a bhith an òrdugh, agus bidh na h-Aontaidhean stèidhichte air fìor chosgaisean nan seirbhisean a fhuair an fheachd an àite prìs chorpaichte san fharsaingeachd. Tha LSRP a' moladh, nuair a tha na h-Aontaidhean Ìrean Seirbheis stèidhichte, gum bu chòir dhaibh a bhith air an sgrùdadh le coimeasan ri slatan-tomhais, deuchainn-margaidh no dòigh eile a dh'innseas a bheil iad a' toirt seachad an luach as fheàrr.
10. Tha an t-Àrd Chonstabal a' làn-chreidsinn ann a bhith a' sgaoileadh ùghdarrais airson eagrachadh ghoireasan, agus thathas an dùil gum bi seo air a chur an gnìomh gu h-iomlan ro 1 Giblean 1999. Airson grunnan bhliadhna tha an fheachd air a bhith a' sgaoileadh ùghdarrais airson nan cunntasan bliadhnail gu na h-ìrean a b'ìsle a bha iomchaidh. Fhuair an Luchd-sgrùdaidh gu robh tuigse mhath aig Manaidsearan nan Aonadan Seirbheis air an fheallsanachd air cùl seo agus mar a chuireadh e an gnìomh ged a dh'fhaodadh gu bheil feum aca air tuilleadh fiosrachaidh air crìochan an ùghdarrais. Tha LSRP air "Credit to the Force" fhoillseachadh o chionn ghoirid an co-bhonn le Coimisean nan Cunntasan, a tha a' mìneachadh deagh dhòighean-obrach a thaobh maoineachais agus sgaoileadh ùghdarrais airson maoin anns a' phoileas. Mholadh LSRP an aithris seo don fheachd agus do na h-ùghdarrasan ionadail anns na crìochan aice.
11. Tha an fheachd an-dràsda a' beachdachadh air tairgse imrich a leasachadh a bheireadh cothrom taighean a reic agus a cheannach bho oifigearan a tha a' dèanamh imrich air feadh na feachd, gus gluasad a dhèanamh nas luaithe agus cuid de na trioblaidean pearsanta agus ionmhasail na luib a lùghdachadh. Ged a tha LSRP mothachail gu bheil duilgheadasan lagha a' nochdadh a thaobh an sgeama seo, tha iad ga mholadh agus iad an dòchas gun tèid dòigh dhèantach a lorg gus a thoirt gu buil. Bha obair air dà thogail ùr a' tighinn gu crìch mu àm an Ath-sgrùdaidh, prìomh-oifis na feachd anns an Ràig Mhòir agus oifis ùr Raon Rianachd airson Inbhir Nis. Bha na dhà a' cumail suas gu tìde agus cosgais, agus bidh iad nam bonn stèidh do obair phoileas na sgìre san àm ri teachd. Tha adhartas math air a dhèanamh cuideachd a thaobh moladh a' Chiad aithisg gum bu chòir lèirmheas a dhèanamh air tèarainnteachd nan stèiseanan phoileas.
12. Nochd iomagain ann an aithisg a' Chiad sgrùdaidh nach robh dòigh conaltraidh dhìreach ann eadar Manaidsear Sheirbheisean Coimpiutair agus luchd-stiùiridh na feachd. Chaidh a mholadh gum bu chòir lèirmheas a dhèanamh air cruth riaghlaidh san roinn sin. Chan eil an suidheachadh air atharrachadh idir ged a bha fianais ann gu bheil luach nas motha a-nis ga chur air eòlas proifeiseanta Manaidsear nan Seirbheisean Coimpiutair. Ge tà, tha LSRP air moladh gum bu chòir lèirmheas a dhèanamh air ìre dleasdanais na dreuchd seo. A chionn 's nach deach plana roi-innleachdach na feachd fhoillseachadh gus an t-Sultain 1998, thàinig dàil ann a bhith a' deasachadh plana roi-innleachdach Siostaman Fiosrachaidh/Teicneòlas Fiosrachaidh. Chan eil dùil gum bi seo deiseil gus a' Mhàirt 1999. Chan eil seo ri ràdh gu bheil an fheachd gun stiùir agus, anns an fharsaingeachd, tha i a' leantainn bunaitean Plana Roi-innleachdach Siostaman Fiosrachaidh Poileas na h-Alba. Ach, a chionn 's nach deach plana roi-innleachdach airson Siostaman Fiosrachaidh/Teicneòlas Fiosrachaidh fhoillseachadh, chan eil leabhar stiùiridh ann airson Roinn an Teicneòlas Fiosrachaidh a bheir comhairle dhaibh nuair a tha iad a' beachdachadh air molaidhean ùra a chur an gnìomh.
13. Tha dìth ghoireasan anns an Roinn Teicneòlas Fiosrachaidh air bacadh a chur air an fheachd ann a bhith a' cur nam molaidhean uile anns a' Chiad aithisg an gnìomh, ach bha LSRP toilichte mothachadh gun deach adhartas math a dhèanamh a thaobh leasachadh a' phrìomh shiostam stòr-dàta agus gu robh Manaidsear Chùmhnantan agus Solarachd air fhasdadh a bha toirt piseach air obair cruthachadh chùmhnantan solarachd agus càraidh. Bha iad toilichte cuideachd leis a' phròiseact a chaidh a stèidheachadh airson an fheachd a stiùireadh tro na ceistean Teicneòlas Fiosrachaidh agus obair phoileas a tha tighinn an luib a' cheum don ath linn.
14. Cha mhòr nach robh a h-uile poileas ris na bhruidhinn LSRP iomagaineach mu ghluasad obrach. Chaidh poileasaidh fhoillseachadh o chionn ghoirid air mar a tha oifigearan air an taghadh agus an suidheachadh ann an obair ach cha robh e a' bruidhinn air a' chuspair ach anns an fharsaingeachd agus chan eil fianais sam bith gu bheil e air lùghdachadh an iomagain sin a chaidh a mhothachadh aig àm a' Chiad sgrùdaidh. Tha e coltach gur e prìomh amas a' phoileasaidh sùbailteachd ann a bhith a' dèiligeadh ri daoine, ach ged a tha LSRP mothachail gu robh an fheachd ag obair le deagh-ghean airson a bhith cothromach ris a h-uile duine, se a thachair gun do nochd duilgheadasan san t-siostam ùr, fhuasgailte seo nach b' urrainn ceann a thogail nuair a bha dòighean obrach na bu raige. Tha LSRP a' moladh gu seall an fheachd ris a' cheist seo a-rithist agus gun tèid na riaghailtean a-rèir gluasaid agus suidheachaidh a shoilleireachadh.
15. Tha iad a-nis a' cleachdadh dòigh nas fhoirmeile airson beachdachadh air àrdachadh inbhe obrach agus tha seo a' ciallachadh gu bheil oifigearan air an taghadh ann an dòigh chothromach. Ged a bha LSRP toilichte le seo tha iad iomagaineach nach faigh na h-oifigearan an cleachdadh obrach ceart a bheir dhaibh na sgilean a dh'ullaicheas iad airson nan dreuchdan a tha iad a' sireadh. Tha LSRP a' moladh gun gabh an fheachd orra fhèin dòigh taghaidh nas suidhichte airson dreuchdan sònraichte, a tha a' làn-fhreagradh a' phoileasaidh co-ionnanachd aca. Chaidh a thogail ann an aithisg a' Chiad sgrùdaidh cho beag de bhoireannaich 's a bha san fheachd, aig ìre constabail agus nas àirde. Tha an àireamh air èirigh mean air mhean on àm sin, agus shaoil an luchd-sgrùdaidh bho na thuirt na h-oifigearan boireann ris na bhruidhinn iad gu robh cùisean a' fàs na b'fheàrr agus gu robh barrachd cothroman adhartais ann dhaibh. Tha LSRP an dòchas gun toir dòigh taghaidh nas suidhichte airson dreuchdan sònraichte piseach nas motha air seo.
16. Tha an t-Àrd Chonstabal ag iarraidh gun gabh an sgioba taice pàirt ann an riaghladh na feachd agus tha iad air an deagh riochdachadh anns na buidhnean riaghlaidh agus planaidh. Ge tà, mhothaich LSRP nach robh siostam lèirmheas ann airson beachd a thoirt air an sgioba taice, agus nach robh fianais air slighe àrdachadh obrach do luchd-obrach bhon phoball. Tha LSRP a' brosnachadh na feachd gus sealltainn ris an dà cheist seo. Shaoil iad cuideachd gu robh ceist ann fhathast mu obair nan constabalan sònraichte, agus gum bu chòir sùil a chumail air seo bhon phrìomh oifis, agus dòigh trèanaidh nas cunbhalaiche a lorg dhaibh. Cha bu chòir na molaidhean seo dì-meas sam bith a dhèanamh air an obair luachmhor a tha na constabalan sònraichte ann am Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath a' dèanamh, ach cuideachadh a thoirt don fheachd gus dìlseachd nam fear 's nam boireannach seo a chur gu feum san dòigh as fheàrr.
17. Tha neach-stiùiridh fòghlaim air astar san fheachd a-nis, agus tha feum ga dhèanamh den phailteas stuth-ionnsachaidh aig Colaisde nam Poileas Albannach. Tha deagh bhonn-stèidh aig an obair agus tha na riaghladairean a' gabhail pàirt chudromach ann a bhith ag aithneachadh dè na sgilean a tha a dhìth air na h-oifigearan. Tha a' mhòr-chuid den trèanadh fhathast a' tachairt aig aonad trèanaidh na Prìomh-oifis, ge tà, agus air sgàth cho sgaoilte 's a tha crìochan na feachd tha seo a' caitheamh mòran ùine agus airgid. Tha LSRP den bheachd gur mathaid gu bheil cothroman ann airson trèanaidh anns na Raointean Rianachd agus tha iad a' moladh anns a' chiad àite gun rannsaich an fheachd feuman trèanaidh, agus anns an dàrna àite gun dèan iad meidheadh cosgais is buannachd air ciamar bu chòir an trèanadh seo a bhith air a libhrigeadh, agus cosgaisean cho àrd an-dràsda.
18. Shaoil LSRP nach robh an ceangal eadar an Roinn Trèanaidh agus an Roinn Teicneòlas Fiosrachaidh soilleir gu leòir. Tha LSRP air moladh gum bu chòir beum làidir a chur air dè cho cosgail agus duilich 's a tha e daoine a thrèanadh anns na siostaman Fiosrachadh Teicneòlais a thathas ag ullachadh.
19. Chaidh mòran deagh obair a dhèanamh a thaobh lèirmheas chunnartan gus cumail ris na laghan ùra air Slàinte agus Sàbhailteachd. Ach, nuair a bhruidhinn iad ris na manaidsearan shaoil LSRP gu robhas a' meas chunnartan mar rud a bha co-cheangailte ri togalaichean seach dòighean obrach, agus bha iad a' faireachdainn nach robh an fheachd air beachd cothromach a ghabhail air uidheam is sgilean a sholarachadh ann an dòigh a fhreagradh air na cunnartan a chaidh ainmeachadh.
20. Ann an 1997/98 chaidh an àireamh de eucoirean air a bheil cunntas sìos 13%, agus fhuair an fheachd air 67% de eucoirean fhuasgladh. Ged a tha seo airidh air moladh, bha fianais ann aig àm an Ath-sgrùdaidh nach robh an àireamh eucoirean mì-onair ag ìsleachadh aig astar cho mòr ri bliadhnaichean eile. Bha seo a' tachairt ann am feachdan eile cuideachd. Tha sgioba an-dràsda a' coimhead ri modail deagh-obrach a chruthachadh a thaobh làimhseachadh eucoir, agus tha Aonad Làimhseachadh Eucoir aig dà de na Raointean Rianachd. Bha na Raointean Rianachd bu lugha airson dòighean obrach math a ghabhail os làimh a thaobh làimhseachadh eucoir ach shaoil iad nach deidheadh aca air aonadan sònraichte a chur air bhonn. Tha LSRP ga mheas ion-mholta mar a tha an fheachd a' sìor fheuchainn ri seirbheis nas fheàrr a thabhann do dhaoine a tha fulang eucoir, ged nach eil mòran eucoir a' tachairt agus ged a tha am poileas a' fuasgladh àireamh fìor mhath dhith mar tha.
21. Tha ceannardan nan raointean toilichte gun deach Oifigearan-liaison Dhrugaichean fhasdadh sna sgìrean ach shaoil LSRP gum biodh e na b'fheàrr nam biodh iad air am filleadh a-steach na bu dlùithe don dòigh 's a bheil eucoir ga làimhseachadh. Fhuair LSRP briseadh dùil nach do lean an fheachd am moladh sa' Chiad aithisg gum bu chòir rannsachadh na bu doimhne a dhèanamh air staitistearachd agus fiosrachadh mu dhrugaichean, agus tha iad ga mholadh as ùr. Ach, bha iad toilichte faicinn gu robh an fheachd air deagh ionnsaigh a dhèanamh gus maoin a thoirt bhon fheadhainn a chaidh an dìotadh mar eucoirich no luchd-malairt dhrugaichean.
22. Aig àm a' Chiad sgrùdaidh nochd iomagain nach robh gu leòr ga dhèanamh gus poileasaidh cunbhalach a chruthachadh a thaobh sàbhailteachd na coimhearsnachd. Tha LSRP fìor thoilichte leis an adhartas a thachair bhon àm sin. Tha an t-oifigear-liaison a chaidh a stèidheachadh le Comhairle na Gàidhealtachd air taic a thoirt don ùghdarras ionadail ann a bhith a' neartachadh sàbhailteachd na coimhearsnachd, agus chaidh roi-innleachd a chur air bhog anns an Damhair 1998. Bha a h-uile h-ùghdarras ionadail eile a' leasachadh obair sàbhailteachd na coimhearsnachd, agus tha LSRP a' moladh gun tèid an co-obrachadh seo a brosnachadh san àm ri teachd.
23. Bha fìor dheagh bheachd aig a h-uile h-oifigear ùghdarras ionadail agus comhairliche ionadail ris na bhruidhinn LSRP anns an sgrùdadh, mu cho cuideachail 's a bha na poileis agus buidhnean-riaghlaidh raointean, agus mu an giùlan nan obair làitheil. Ach, mhothaich LSRP gu robh mì-chinnt mu dheidhinn an seòrsa ceangail bu chòir a bhith eadar an ùghdarras ionadail agus am poileas aig ìre nan raointean - am b'ann dìreach le comhairlichean a bha a' riochdachadh an ùghdarrais air Co-comataidh nam Poileas, no am bu chòir a mheudachadh gu an ùghdarras ionadail air fad. Mar thoradh air seo bha ceangal eadar na dhà mar bu trice neo-fhoirmeil agus tha LSRP air moladh gum bu chòir dha a bhith nas foirmeile.
24. Nochd Ùghdarrasan nan Eileanan gu robh iad fo imcheist mun lèirmheas air cruth feachd-phoileas na h-Alba a tha san amharc. Nuair a thachair "ath-eagrachadh" ann an seirbhisean eile dh'adhbhraich e lùghdachadh seirbheis ann an sgìrean iomallach. Bha eagal gun tachradh seo a-rithist. Gheall LSRP gun cuireadh iad na ceistean seo fa chomhair Rùnaire na Stàite, agus tha iad den bheachd gum bu chòir feachd-phoileas na h-Alba san àm ri teachd a bhith stèidhichte air aonadan-phoileas sa' choimhearnsachd, a tha a' freagradh do mhuinntir nan sgìrean.
25. Rinn a' Chiad sgrùdadh grunnan mholaidhean a-rèir Trafaig. Aig àm an Ath-sgrùdaidh bha luchd-stiùiridh na feachd dìreach air aontachadh gur e neach bho taobh a-muigh na feachd a dhèanadh an obair sàbhailteachd rathaidean a tha seàirdeant san roinn a' dèanamh an-dràsda. Tha iad fhathast a' beachdachadh air a' mholadh gum bu chòir luchd-taice a chur don aonad chamara gus tìde nam poileas a shaorachadh, agus tha LSRP ag iarraidh gun dèan iad adhartas le seo gun dàil. Bha iomagain ann cuideachd mun uiread neo-làthaireachd a bh'ann san aonad Trafaig, agus tha LSRP ag iarraidh air an fheachd sùil gheur a thoirt air seo. Tha LSRP toilichte cluinntinn gum bi innealan deuchainn analach eleactronaiceach ùra aig an fheachd anns na h-ochd raointean ron earrach 1999. Leudaichidh agus neartaichidh seo an iomairt an aghaidh draibheadh le deoch.
26. Thug an t-Ath-sgrùdadh sùil air caochladh rudan co-cheangailte ri obair làitheil agus dòighean-obrach, agus nochd molaidhean an luib cuid aca sa' Chiad sgrùdadh.
  • Fhuaireadh gu robh deagh dhòighean-obrach air an stèidheachadh airson oifigearan a chuideachadh nuair a bha iad a' dèiligeadh ri fòirneart san dachaidh, agus bha eòlas math aca air na duilgheadasan toinnte co-cheangailte ri eucoir den t-seòrsa.
  • Shaoil LSRP gu robh barrachd a dh'fhaodadh poileis ionadail gun trèanadh saidheansail a dhèanamh a thaobh rannsachaidh shìmplidh aig làrach eucoir, agus tha iad air iarraidh air an fheachd sùil as ùr a thoirt air seo.
  • Bha dòighean math ann airson oifigearan le cead gunna a ghiùlan a ghairm a-mach, a bha air an sgrùdadh tron bhliadhna.
  • Lean an fheachd moladh bho aithisg a' Chiad sgrùdaidh ann a bhith a' leasachadh dhòighean airson obair leis na meadhanan nuair a thachras tubaist mhòr, agus bha luchd-obrach gach raoin a' faighinn làn trèanaidh.
  • Sheall sgrùdadh air teisteanasan gunna gu robh an fheachd a' cleachdadh nan dòighean as ùr airson teisteanasan ùrachadh. Tha na laghan air atharrachadh agus a-nis chan fheum feachd iarrtas a làimhseachadh airson teisteanas ùrachadh airson dà bhliadhna, ach tha e cudromach gum bi deagh dhòighean-obrach air an cur air bhonn nuair a thòisicheas an obair mhòr seo a-rithist sa' bhliadhna 2000. Bha LSRP iomagaineach mu na dòighean a bha an fheachd a' moladh airson coimhead ri teisteanasan a bha air tighinn gu crìch, agus chaidh iarraidh orra sealltainn ri seo a-rithist.
  • Tha dìth siostam coimpiutair choitcheann airson clàradh stuth a chaidh a chall 's a lorg a' cur dàil air an lèirmheas dhòighean obrach a chaidh a mholadh. Bha LSRP toilichte faicinn, ge tà, gu robh na raointean rianachd a' feuchainn ris a' cheist seo fhuasgladh air an ceann fhèin, agus dòighean conaltraidh a leasachadh.
  • Chaidh trèanadh a chur air bhonn airson oifigearan a bha a' dèiligeadh ris na meadhanan mar phàirt den dreuchd aca anns na raointean rianachd, agus bha prògram leantainneach a' cur oifigearan a dh'obair greiseag aig Seirbhisean nam Meadhanan, agus a' toirt cothroman leasachaidh dhaibh. Ach, bha LSRP duilich ged a bha poileasaidh mheadhanan gu bhith deiseil, nach deach fhoillseachadh fhathast.
  • Chaidh grunnan chuspairean eile a thogail leis an luchd-obrach a bhruidhinn ris an Luchd-sgrùdaidh, co-cheangailte ri bhith ag obair air an dùthaich. Nam measg seo bha, dè cho freagarrach 's a bha na carbadan aca air talamh briste no cas; nach robh gu leòr fònaichean gluasaid ann; gu robh oifigearan ann an stèiseanan iomallach airson gun tadhladh an ceannardan orra na bu trice.
27. Ged a bha an àireamh ghearanan bhon mhòr-shluagh an aghaidh nam poileas air èirigh gu 60 ann an 1997/98, se àireamh gu math ìosal a th'ann. Tha e cudromach, ge tà, gun tèid sùil a chumail a-mach, air eagal 's gu bheil oifigearan sònraichte a' faighainn ghearanan nas trice na càch, agus mhothaich LSRP nach deach siostam coimpiutair a chur air bhonn gus seo a dhèanamh, ged a chaidh a mholadh ann an aithisg a' Chiad sgrùdaidh. Tha LSRP a' brosnachadh na feachd gus seo a chur an gnìomh gun dàil.
28. Bheir an imrich gu an oifis raon rianachd ùr ann an Inbhir Nis cothrom nas fheàrr airson prìosanaich a làimhseachadh, agus an luib seo tha cùrsa trèanaidh ùr air còirichean agus cùram phrìosanach ga dheasachadh. Tha LSRP an dòchas gum bi e comasach an trèanadh seo a sgaoileadh air feadh na feachd.
29. Nuair a sheall LSRP ri mar a fhreagair an fheachd na molaidhean a chaidh a thogail ann an aithisg a' Chiad sgrùdaidh, cha do lorg iad dòigh choitcheann aig an fheachd airson a bhith a' measadh agus a' freagradh nam molaidhean sin. Tha LSRP den bheachd gum bu chòir coimhead ri molaidhean agus beachdan an Luchd-sgrùdaidh ann an dòigh chunbhalach, agus tha iad air moladh gun tèid siostam freagarrach a stèidheachadh. Dh'fhaodadh Co-chomataidh nam Poileas sealltainn ri mar a tha iad fhèin a' marasglachadh freagairtean na feachd.
30. Mar a chaidh a luaidh cheana, airson a' mhòr-chuid, cha robh comas aig an Ath-sgrùdadh coimhead ach ris na ceistean a chaidh a thogail aig àm a' Chiad sgrùdaidh, agus mar sin, tha e air cumail ri cuspairean sònraichte co-cheangailte ri obair nam poileas. Rinneadh tadhal air na h-ochd raointean rianachd gu lèir anns an ro-sgrùdadh agus anns an sgrùdadh agus tha LSRP taingeil airson cho fosgailte, cuideachail 's a chaidh ceistean am freagairt, agus airson nan deasbadan onarach, fiosrach a dh'èirich asta. Bha LSRP measail air an dòigh san robh na h-oifigearan agus an sgioba-taice ag obair gu socair air an ceann fhèin agus a' gabhail orra dleasdanais a thaobh na feachd agus nan coimhearsnachdan. Ann a bhith a' dèanamh an sgrùdaidh seo fhuaras sealladh beag air an obair shònraichte a th'aig poileis sna sgìrean seo. Chan e dìreach gu bheil eadar-dhealachadh mòr san dreach tìre o cheann gu ceann ach tha diofar seòrsaichean dòighean beatha, culturan agus cànanan rin lorg cuideachd. Thug LSRP an àire tron sgrùdadh seo an uiread de thionnsgnaidhean ionadail 's a ghabh daoine orra fhèin cho math ris an obair phoileas a tha a' tachairt gu stòlta o latha gu latha. Bhiodh e cèarr beachd a ghabhail air obair làitheil Feachd-Phoileas a' Chinn-a-Tuath gun moladh a thoirt dha na fir sna boireannaich a tha a' frithealadh na seirbheis sin, glè thric ann an suidheachaidhean fìor iomallach agus aonranach. Tha an cuid dìchill o latha gu latha na bhonn-stèidh don obair shoirbheachail a tha Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath a' toirt gu buil.
31. Tha Ard Neach Sgrùdaidh nam Poileas a' toirt taing gu Taigh na Gàidhlig Dhun Eideann agus Roinn na Ceilteis, Oilthigh Dhun Eideann, airson an aithisg seo eadar-theangachadh.
32. Se beachd proifeiseanta LSRP gu bheil Feachd-phoileas A' Chinn-a-Tuath èifeachdach a thaobh Achd nam Poileas (Alba) 1967 mar a chaidh atharrachadh.
 
  Previous page Contents page Next page