| Roi-ràdh |
| 1. Tha a
h-uile feachd-phoileas Albannach air an sgrùdadh thar
trì bliadhna. Anns a' Chiad bhliadhna gheibh iad Ciad
sgrùdadh iomlan air dòighean stiùiridh agus obair
làitheil nam poileas, agus faodaidh Àrd Neach
Sgrùdaidh nam Poileas molaidhean a dhèanamh air
ceistean a shaoileas esan a dh'fheumas fuasgladh. Mar as
trice freagraidh an t-Àrd Chonstabal an aithisg agus
deasaichidh e plana gnìomha airson coimhead ris na
ceistean a dh'aontaich an fheachd fuasgladh. An ath
bhliadhna, thèid Ath-sgrùdadh a dhèanamh a sheallas ri
ciamar a thathas a' leantainn nam molaidhean seo, agus ri
atharrachadh sònraichte a tha air tachairt anns an
eadar-ama. Anns an treas bliadhna, tadhlaidh an t-Àrd
Neach Sgrùdaidh air an fheachd-phoileas a-rithist a
bhruidhinn mu nithean cudromach sam bith a dh'èirich
bhon Ath-sgrùdadh. Thèid aithisgean bhon Chiad
sgrùdadh agus an Ath-sgrùdadh am foillseachadh. |
| 2. Anns an
Damhair 1998 rinneadh Ath-sgrùdadh air Feachd-phoileas
a' Chinn-a-Tuath fo stiùireadh Àrd Neach Sgrùdaidh nam
Poileas, Sir Uilleam Suthurlanach QPM, le Iar-Neach
Sgrùdaidh nam Poileas, Mgr Graham Power, agus An Neach
Sgrùdaidh bhon Phoball, Mgr Graham Harcus, le
cuideachadh bho Superintendent Patricia Jenkins. |
| 3. Rinn an
t-Àrd Neach Sgrùdaidh A' Chiad sgrùdadh air
Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath anns a' Chèitean 1997.
Bha 15 prìomh mholaidhean anns an aithisg a chaidh
fhoillseachadh agus grunnan bheachdan air nithean a
shaoil an t-Àrd Neach Sgrùdaidh bu chòir sealltainn
riutha. Rinneadh a' Chiad sgrùdadh aig àm caochlaideach
airson na feachd oir bha an t-Àrd Chonstabal, Mgr
Uilleam MacDhonnchaidh, dìreach air a dhol na dhreuchd;
agus bha iad air rannsachadh fada a chrìochnachadh air
droch sgaradh a thachair eadar cuid de na h-àrd
mhanaidsearan, nach eil a-nise nan dreuchd. Chunnaic an
Luchd-sgrùdaidh aig an àm gu robh an t-Àrd Chonstabal
a' cruthachadh feallsanachd stiùiridh a bha ag obair gu
soirbheachail anns an fheachd san robh e roimhe, agus gu
robh Feachd-phoileas a' Chinn-a-Tuath fo iomagain agus
uiread atharrachadh a' tachairt. |
| 4. B'e a'
chiad cheum anns an Ath-sgrùdadh fiosrachadh a
chruinneachadh. Gach bliadhna bidh a h-uile
feachd-phoileas a' cur fiosrachaidh àireamhail gu
Luchd-Sgrùdaidh Rìoghail nam Poileas (LSRP) ann an
cruth suidhichte, a thèid a chur ann an stòr-dàta
coimpiutair airson rannsachaidh cho-shamhlachail a
dhèanamh air. Dh'iarr LSRP air an fheachd freagairtean
sgrìobhte a thoirt dhaibh cuideachd air liosta iomlan de
cheistean a chaidh an togail, airson a' mhòr chuid, bho
na molaidhean agus a' chomhairle air deagh
dhòighean-obrach a nochd ann an aithisg a' Chiad
sgrùdaidh. An uairsin, thadhail neach bho LSRP air an
fheachd a bhruidhinn ri taghadh riochdachail de phoileis
agus luchd-taice anns na raointean agus ann an roinnean
oifis. Chaidh seo uile a chleachdadh airson comhairle a
thoirt don Iar Neach Sgrùdaidh agus an Neach Sgrùdaidh
Rìoghail bhon Phoball, mus deach an t-Ath-sgrùdadh
foirmeil a dhèanamh. |
| 5. Thadhail
an t-Ath-sgrùdadh air an fheachd anns an Damhair 1998,
17 mìosan as dèidh a' Chiad sgrùdaidh, airson faicinn
dè an t-adhartas a chaidh a dhèanamh mar thoradh air
aithisg a' Chiad sgrùdaidh, agus airson sealltainn ri
ceistean sam bith a bha air èirigh as ùr. B'e aon de
phrìomh chuspairean an sgrùdaidh mar a bha cùisean ag
atharrachadh san fheachd agus mar a bhathas a'
làimhseachadh seo. |
| 6. Rinneadh
tadhal air roinnean na Prìomh-oifis, seirbhisean obair
làitheil nam poileas agus seirbheisean taice agus air
raointean rianachd, san latha agus air an oidhche.
Rinneadh agallamhan le cuid den luchd-obrach air feadh na
feachd, na Comainn Luchd-obrach nam measg. Choinnich an
t-Iar Neach Sgrùdaidh ri Neach-gairm Co-chomataidh nam
Poileas, Ceannardan nan Comhairlean Ionadail, àrd
oifigearan ann an riaghaltas ionadail agus comhairlichean
ionadail. |
| 7. Se
beachdan LSRP gu lèir a th' anns an aithisg, a tha a'
toirt seachad lèirmheas fiosrachail air an fheachd,
stèidhichte air breithneachadh proifeiseanta nan daoine
a ghabh pàirt san sgrùdadh. A chionn 's gur e
Ath-sgrùdadh a th' ann, feumaidh e cudrom a chur air na
ceistean agus duilgheadasan a chaidh an togail anns a'
Chiad sgrùdadh. Air an adhbhar sin chan e cunntas iomlan
air a h-uile pàirt de obair Feachd-phoileas a'
Chinn-a-Tuath a th'ann. |
| 8. Tron
Sgrùdadh fhuair an Luchd-Sgrùdaidh Rìoghail làn
chuideachadh bhon Fheachd-phoileas, agus tha iad fada an
comain muinntir na feachd, comhairlichean agus oifigearan
comhairle agus riaghaltais a thug seachad am beachdan ann
an dòigh fhosgailte agus onarach, mar bu dual san
fheachd seo agus anns na coimhearsnachdan a tha i a'
frithealadh. |
| |