Home | Press | Publications | What We Do | Who We Are | Search | Site Map | Contacts | Links 
<< SE Crest >> Scottish Executive
Faclair na Pàrlamaid / Dictionary of Terms
Section logo
> Publications

< Previous | Contents | Next >

Faclair na Pàrlamaid:Dictionary of Terms

A

abbreviation n
giorrachadh fir
giorrachaidh gin
giorrachaidhean iol

abdicate v
dìobair gr
dìobradh agr,
leig (gr) dhìot
leigeil (agr) dhìot
1 to abdicate responsibility
dleastanas a dhìobradh
2 to abdicate the throne / responsibility
an rìgh-chathair / an t-uallach a leigeil dhìot

abdication n
leigeil (fir) dhìot
leigeil dhìot gin

Aberdeen Central (Constituency)
Meadhan (fir) Obar Dheathain
Mheadhan Obar Dheathain gin

Aberdeen North (Constituency)
Obar Dheathain (fir) a Tuath
Obar Dheathain a Tuath gin

Aberdeen South (Constituency)
Obar Dheathain (fir) a Deas
Obar Dheathain a Deas gin

abeyance, in abeyance n
na stad c gr

abolish v
cuir (gr) às do
cur (agr) às do

abolition n
cur (fir) às do
cuir às do gin

abortive adj
neo-tharbhach br
abortive paperwork
obair-pàipeir neo-tharbhach

abridge v
giorraich gr
giorrachadh agr,
co-ghiorraich gr
co-ghiorrachadh agr

abridged adj
giorraichte br,
co-ghiorraichte br

absence n
neo-làthaireachd boir
neo-làthaireachd gin
in the absence of
gun ... an làthair

absent adj
neo-làthaireach br

absent vote n
bhòt (boir) neo-làthaireach
bhòt neo-làthairich gin
bhòtaichean
neo-làthaireach iol

absent voting n
bhòtadh (fir) neo-làthaireach
bhòtaidh neo-làthairich gin

absentee n
neo-làthaireach fir
neo-làthairich gin
neo-làthairich iol

absenteeism n
neo-làthaireachas fir
neo-làthaireachais gin

absolute majority n
mòr-chuid (boir) iomlan
mòr-chodach iomlain gin
mòr-chodaichean iomlan iol

absolve v
saor gr
saoradh agr,
fuasgail gr
fuasgladh agr

abstain v
seachain gr
seachnadh agr
to abstain from voting
bhòtadh a sheachnadh

abstention n (from voting)
seachnadh fir (bhòtaidh)
seachnaidh gin
there were five abstentions
sheachain còignear bhòtadh

abstract n
geàrr-chunntas fir
geàrr-chunntais gin
geàrr-chunntasan iol
abstract of accounts
geàrr-chunntas air cunntasan

abuse n
mì-ghnàthachadh fir
mì-ghnàthachaidh gin
mì-ghnàthachaidhean iol,
droch dhìol fir
droch dhìol gin
1 abuse of a dominant position
mì-ghnàthachadh air suidheachadh ùghdarrasach
2 abuse of authority
mì-ghnàthachadh air ùghdarras
3 child abuse
droch dhìol air cloinn

abuse v
mì-ghnàthaich gr
mì-ghnàthachadh agr

abuse v
verbally

dèan (gr) ana-cainnt ri
dèanamh (agr) ana-cainnt ri

accede v
gabh (gr) ri
gabhail (agr) ri
to accede to a request
gabhail ri iarrtas

accept v
gabh (gr) ri
gabhail (agr) ri
to accept an offer
gabhail ri tairgse

acceptable adj
ris an tèid gabhail
an acceptable course of action
cùrsa ris a bheilear deònach gabhail

access n
cothrom fir
cothruim gin

access n (to)
cothrom fir (air)
cothruim gin (air)
access to information
cothrom air fiosrachadh

access v
faigh (gr) cothrom air
faighinn (agr) cothruim air

access funds npl
maoin (boir sg) cothruim
maoine cothruim gin

access group n
buidheann (boir) cothruim
buidhne cothruim gin
buidhnean cothruim iol

accessibility n
ruigsinneachd boir
ruigsinneachd gin
accessibility to the public
cothrom ruigheachd don
mhòr-shluagh

accessible adj
so-ruigsinn br

acclamation n
caithream fir
caithreim gin

accommodate v
gabh (gr) a-steach
gabhail (agr) a-steach
I will try to accommodate all points of view
feuchaidh mi ris a h-uile beachd a ghabhail a-steach

accommodate v (to house)
thoir (gr) àite-fuirich do
toirt (agr) àite-fuirich do

accommodation n (building)
àite-fuirich fir
àit-fhuirich gin
àiteachan-fuirich iol

accommodation n (understanding)
rèite boir
rèite gin
to come to an accommodation
tighinn gu rèite

accompanying adj
an cois roi le gin
accompanying papers
pàipearan an cois (rud)

accord n
co-chòrdadh fir
co-chòrdaidh gin
co-chòrdaidhean iol

accord v
co-chòrd gr
co-chòrdadh agr

accordance,in accordance with
ann an co-rèir ri

according to prep
a rèir roi
according to law
a rèir an lagha

account n
cunntas fir
cunntais gin
cunntasan iol,
dìoladh fir
dìolaidh gin
1 public accounts
cunntasan poblach
2 to hold to account
toirt gu dìoladh

account day n
latha (fir) cunntais
latha chunntais gin
làithean cunntais iol

account rendered n
cunntas (fir) a chuireadh
(gu neach)
cunntais a chuireadh gin
cunntasan a chuireadh iol

accountability n
cunntachalachd boir
cunntachalachd gin
public accountability
cunntachalachd don
mhòr-shluagh

accountable adj
cunntachail br
accountable government
riaghaltas cunntachail

accountancy n
cunntasachd boir
cunntasachd gin

accountant n
cunntasair fir
cunntasair gin
cunntasairean iol

accounting n
cunntadh fir
cunntaidh gin,
cunntasachd boir
cunntasachd gin
1 accounting year
bliadhna cunntaidh
2 accounting arrangements
rian cunntasachd
3 accounting officer
oifigear cunntasachd

accredit v
barrantaich gr
barrantachadh agr

accreditation n
barrantachadh fir
barrantachaidh gin

accredited adj
barrantaichte br

accuse v
cuir (gr) às leth
cur (agr) às leth,
fàg (gr) air
fàgail (agr) air
she was accused of this
chaidh seo fhàgail oirre

acknowledge v
aithnich gr
aithneachadh agr
to acknowledge receipt (of letter)
aithneachadh gun d’fhuaras litir

acknowledged adj (as)
aithnichte br (mar)
an acknowledged expert
eòlaiche aithnichte

acknowledgement n
fios-freagairt fir
fios-fhreagairt gin
fiosan-freagairt iol
acknowledgement of receipt (of letter)
fios-freagairt (do litir)

acquaint v
innis gr
innse agr,
cuir (gr) an aithne
cur (agr) an aithne
we wish to acquaint Parliament with our concerns
bu mhiann leinn ar cuid chùraman innse don Phàrlamaid

acronym n
acranaim fir
acranaim gin
acranaimean iol

act n
gnìomh fir
gnìomha gin
gnìomhan / gnìomharan iol
irresponsible act
gnìomh neo-chùramach,
gnìomh neo-chunntasach

Act n
Achd boir
Achd gin
Achdan iol
1 Education Act
Achd an Fhoghlaim
2 Act of Parliament
Achd Pàrlamaid
3 Act of Union
Achd an Aonaidh

act v
dèan gr
dèanamh agr,
obraich gr
obrachadh a gr
to act on recommendations
dèanamh a rèir mholaidhean

acting adj
an gnìomh
acting First Minister
Prìomh Mhinistear an gnìomh

action n
cùis-lagha boir
cùise-lagha gin
cuisean-lagha iol
to bring an action
(neach) a thoirt gu lagh

action group n
buidheann-ghnìomha boir
buidhne-gnìomha gin
buidhnean-gnìomha iol

action plan n
plana-gnìomha fir
plana-ghnìomha gin
planaichean-gnìomha iol

actual cost n
fìor chosgais boir
fìor chosgaise gin
fìor chosgaisean iol

ad hoc n
ad hoc boir
ad hoc gin
ad hoc iol
ad hoc committee
comataidh ad hoc

add v
cuir (gr) ri
cur (agr) ri
I have nothing to add to my statement
chan eil an còrr agam ri chur ris na thubhairt mi

additional adj
an tuilleadh cgr
the government has made additional funding available
tha an riaghaltas air an tuilleadh maoine a chur ris an tairgse

Additional Member System n (AMS)
Dòigh (boir) Bhòtaidh Ball a Bharrachd
Dòigh Bhòtaidh Ball a Bharrachd gin

additionality n
tuilleadas fir
tuilleadais gin,

address n
òraid boir
òraide gin
òraidean iol
an address to the court
òraid don chùirt

address v
dèan (gr) òraid ri
dèanamh (agr) òraid ri,
cuir (gr) aghaidh air
cur (agr) aghaidh air
1 to address the meeting
òraid a dhèanamh aig a’ choinneimh
2 to address a matter
aghaidh a chur air nì

adjourn v
cuir (gr) an dàil
cur (agr) an dàil
sgaoil gr
sgaoileadh agr,
sguir (gr) (de dh’obair)
sgur (agr) (de dh’obair)
1 the meeting has been adjourned until next week
tha a’ choinneamh air a cur an dàil chun na h-ath-sheachdain
2 Parliament adjourned at two o’clock
sgaoil a’ Phàrlamaid aig dà uair,
sguir a’ Phàrlamaid (de dh’obair) aig dà uair

adjournment n
cur (fir) an dàil
cuir an dàil gin
sgaoileadh fir
sgaoilidh gin
1 adjournment debate
deasbad sgaoilidh
2 adjournment of the House
sgaoileadh an Taighe
3 adjournment of a debate
cur deasbaid an dàil

administer v
rianaich gr
rianachd agr,
cuir (gr) an gnìomh
cur (agr) an gnìomh
to administer justice
ceartas a chur an gnìomh

administration n
rianachd boir
rianachd gin
cur (fir) an gnìomh
cuir an gnìomh gin
1 the Administration
an Rianachd
2 administration of justice
cur an gnìomh a’ cheartais

administrative adj
rianachail br

administrator n
rianaire fir
rianaire gin
rianairean iol

admissible adj
ceadaichte br
admissible evidence
fianais cheadaichte

adopt v (to approve)
gabh (gr) ri
gabhail (agr) ri
to adopt minutes of a meeting
gabhail ri geàrr-chunntas coinneimh

adopt v (a child)
uchd-mhacaich gr
uchd-mhacachd agr

adoption n
gabhail (fir) ri
gabhail ri gin
adoption of council minutes
gabhail ri geàrr-chunntasan comhairle

advance v
cuir (gr) air adhart
cur (agr) air adhart
to advance an argument
argamaid a chur air adhart

advance notice n
fios (fir) ro-làimh
fiosa ro-làimh gin
fiosan ro-làimh iol

advance payment n
pàigheadh (fir) ro-làimh
pàighidh ro-làimh gin
pàighidhean ro-làimh iol

adversarial adj
còmhragail br
adversarial politics
poileataics chòmhragail

adversary n
co-chòmhragaiche fir
co-chòmhragaiche gin
co-chòmhragaichean iol

advice n
comhairle boir
comhairle gin

advisability n
iomchaidheachd boir
iomchaidheachd gin

advise v
comhairlich gr (do)
comhairleachadh agr (do)

advisedly adv
an dèidh beachdachadh
I use this term advisedly
tha mi a’ cleachdadh a’ bhriathair seo an dèidh beachdachadh

adviser n
comhairleach fir
comhairlich gin,
comhairlich iol,
neach-comhairleachaidh fir
neach-comhairleachaidh gin
luchd-comhairleachaidh iol
policy adviser
comhairleach poileasaidh, neach-comhairleachaidh poileasaidh

advisory body n
buidheann (boir) comhairleachaidh
buidhne comhairleachaidh gin
buidhnean comhairleachaidh iol

advisory committee n
comataidh (boir) comhairleachaidh
comataidh
comhairleachaidh gin
comataidhean
comhairleachaidh iol

advocacy n (function of advocate)
tagradaireachd boir
tagradaireachd gin

advocacy n (of a cause)
tagradh fir
tagraidh gin

advocate n
neach-tagraidh fir
neach-thagraidh gin
luchd-tagraidh iol
he is a keen advocate of the new system
tha e a’ moladh an t-siostaim ùir gu làidir

advocate v
mol gr
moladh agr,
tagair gr
tagradh agr
I would not advocate such measures
cha thagrainn a leithid sin a cheum

Advocate Depute n Advocates Depute pl
Leas-neach-tagraidh fir
Leas-neach-thagraidh gin
Leas-luchd-tagraidh iol

Advocate General n Advocates General pl
Àrd-neach-tagraidh fir
Àrd-neach-thagraidh gin
Àrd-luchd-tagraidh iol

affidavit n
mionn-sgrìobhainn boir
mionn-sgrìobhainne gin
mionn-sgrìobhainnean iol

affiliate v
cleamhnaich gr
cleamhnachadh agr,
ceangail gr
ceangal agr
to affiliate to
a cheangal ri

affiliation n
cleamhnachadh fir
cleamhnachaidh gin
cleamhnachaidhean iol,
ceangal fir
ceangail gin
ceanglaichean iol

agency n (abstract)
dèanadachd boir
dèanadachd gin

agency n (an organisation, a body)
buidheann(-ghnìomha) boir
buidhne(-gnìomha) gin
buidhnean(-gnìomha) iol

agency agreement n (in commerce)
aonta (fir) cead-reice
aonta chead-reice gin

agenda n
clàr-gnothaich fir
clàir-ghnothaich gin
clàran-gnothaich iol
1 agenda item
nì sa chlàr-ghnothaich
2 hidden agenda
cuilbheart,
rùn falaichte

agent n (in election)
àidseant fir
àidseint gin
àidseantan iol

agent n (representative)
neach-ionaid fir
neach-ionaid gin
luchd-ionaid iol

aggravate v
dèan (gr) nas miosa
dèanamh (agr) nas miosa
to aggravate a problem
duilgheadas a dhèanamh nas miosa

aggregate adj
iomlan br
aggregate economic activity
gnìomhachd eaconamach iomlan

aggregate n
iomlan fir
iomlain gin
iomlain iol

aggregate v
suim gr
suimeadh agr
cuir (gr) còmhla
cur (agr) còmhla
to aggregate the amounts contained in the budget
na suimean a tha anns a’ bhuidseat a chur còmhla

agitate vi
bi (gr) ri spàirn
to agitate for change
a bhith ri spàirn airson atharrachaidh

agitator n
neach (fir) a tha ri spàirn
daoine a tha ri spàirn iol
he has long been an agitator
is fada bho tha e air a bhith ri spàirn

agreed adj
aontaichte br
1 agreed opinion
beachd aontaichte
2 the agreed party line
beachd aontaichte a’ phàirtidh

agreement n
còrdadh fir
còrdaidh gin
còrdaidhean iol,
aonta fir
aonta gin
aontaidhean iol
1 agreement in writing
aonta an sgrìobhadh
2 legal agreement
aonta laghail

Agricultural Offices Division n
Roinn (boir) Oifisean an Àiteachais
Roinn Oifisean an Àiteachais gin

aid n
cuideachadh fir
cuideachaidh gin
aids to a better understanding of the matter
uidheaman cuideachaidh gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air
a’ chùis

aid v
cuidich gr
cuideachadh agr

aide n
neach-cuideachaidh fir
neach-chuideachaidh gin
luchd-cuideachaidh iol

aide-memoire n
aides-memoire pl
cobhair-sgrìobhainn boir
cobhair-sgrìobhainne gin
cobhair-sgrìobhainnean iol

aim n
amas fir
amais gin
amasan iol
aims and objectives
cuimsean is amasan

air v (to make known openly)
cuir (gr) an cèill
cur (agr) an cèill

Airdrie and Shotts (Constituency)
Àrd Ruigh agus Shotts
Àrd Ruigh agus Shotts gin

alert adj (aware of)
mothachail br (de / air)
I am alert to the danger
tha mi mothachail air a’ chunnart

alert adj (watchful)
furachail br

alert n
rabhadh fir (cunnairt)
rabhaidh gin (chunnairt)
rabhaidhean iol (cunnairt)
security alert
rabhadh mu thèarainteachd

alienate v
cuir gr (neach) an aghaidh (neach eile)
cur agr (neach) an aghaidh (neach eile)
she has alienated the parties to the agreement
tha i air buidhnean an aonta a chur an aghaidh a chèile

alienation n (causing hostility)
cùlachadh fir
cùlachaidh gin

align v (to come into agreement on policy, etc.)
gabh (gr) taobh
gabhail (agr) taoibh
aligned with (a person / group)
air taobh (neach / buidhne)

alignment n (alliance or agreement with party or cause)
co-thaobhadh fir
co-thaobhaidh gin

allege v
fàg (gr) air
fàgail (agr) air
the alleged fraud
an fhoill a chaidh fhàgail
air (neach)

alliance n
caidreachas fir
caidreachais gin

all-night sitting n
suidhe (fir) fad-oidhche
suidhe fhad-oidhche gin
suidhean iol fad-oidhche,
suidhe fad-oidhcheannan iol

allocate v
riaraich gr
riarachadh agr,
suidhich gr
suidheachadh agr
1 the money was allocated equitably
chaidh an t-airgead a riarachadh gu cothromach
2 to allocate powers
ùghdarrasan a shuidheachadh

allocation n
riarachadh fir
riarachaidh gin
allocation of resources
riarachadh stòrasan

allowable expense n
cosgais (boir) cheadaichte
cosgais cheadaichte gin
cosgaisean ceadaichte iol

allowance n (tax)
cuibhreann fir
cuibhrinn gin
cuibhreannan iol
1 tax allowance
cuibhreann saor bho chìs
2 capitation allowance
cuibhreann cheann

ally n
caidreabhach fir
caidreabhaich gin
caidreabhaich iol

ally v (oneself)
ceangail gr
to ally yourself to a group
thu fhèin a cheangal ri
buidhinn

alteration n
atharrachadh fir
atharrachaidh gin
atharrachaidhean iol
alteration of motion
atharrachadh gluasaid

alternative adj
eadar-roghnach br,
eadar-dhealaichte br
alternative schemes
sgeamaichean eadar-roghnach, sgeamaichean eadar-dhealaichte

alternative n
roghainn boir (eile)
roghainn gin (eile)
roghainnean iol (eile)
there is no alternative
chan eil roghainn eile ann

alternative economic strategy n
ro-innleachd (boir) eaconamach
eadar-dhealaichte
ro-innleachd eaconamaich eadar-dhealaichte gin
ro-innleachdan eaconamach eadar-dhealaichte iol

alternative vote n (AV)
bhòt (boir) roghnach
bhòt roghnaich gin
bhòtaichean roghnach iol
alternative vote system
siostam nan bhòt roghnach

amalgamate v
amalaich gr
amalachadh agr,
rach (gr) an lùib a chèile
dol (agr) an lùib a chèile

ambassador n
tosgaire fir
tosgaire gin
tosgairean iol

ambit n
raon fir
raoin gin
raointean iol
within the ambit of the act
taobh a-staigh raon na h-achd

ambition n
miann (fir / boir) adhartais
miann adhartais gin
the height of ambition
àirde miann adhartais

ambitious adj
miannach air adhartas br

amend v
leasaich gr
leasachadh agr,
atharraich gr
atharrachadh agr
it is necessary to amend the law
feumar leasachadh a dhèanamh air an lagh,
feumar an lagh atharrachadh

amended adj
atharraichte br
the Bill as amended
am Bile mar a chaidh atharrachadh

amendment n
atharrachadh fir
atharrachaidh gin
atharrachaidhean iol
1 amendment of a proposal
atharrachadh air moladh
2 amendment of a motion
atharrachadh air gluasad
3 amendment of a report
atharrachadh air aithisg

amendment order n
òrdugh (fir) atharrachaidh
òrduigh atharrachaidh gin
òrduighean atharrachaidhean iol

amnesty n
lèir-laghadh fir
lèir-laghaidh gin
lèir-laghaidhean iol,
maitheanas (fir) coitcheann
maitheanais choitchinn gin
maitheanasan coitcheann iol
to grant an amnesty
lèir-laghadh a bhuileachadh, maitheanas coitcheann a bhuileachadh

analyse v
sgrùd gr
sgrùdadh agr

analysis n
mion-sgrùdadh fir,
mion-sgrùdaidh gin
mion-sgrùdaidhean iol,
anailis boir
anailise gin
anailisean iol
analysis of costs
sgrùdadh chosgaisean,
anailis chosgaisean

ancillary adj
faice br
1 ancillary powers
ùghdarrasan faice
2 ancillary relief
faochadh faice

Angus (Constituency)
Aonghas fir
Aonghais gin

Animal Health Office n
Oifis (boir) Slàinte Ainmhidhean
Oifis Slàinte Ainmhidhean gin

animated adj
beothail br
an animated exchange of views
iomlaid bheachdan (a tha) beothail

animation n
beothalachd boir
she spoke with animation
labhair i le beothalachd

announce v
ainmich gr
ainmeachadh agr
to announce an election
taghadh ainmeachadh

announcement n
rud (fir) air ainmeachadh
rud air ainmeachadh gin
rudan air an ainmeachadh iol

annual adj
bliadhnail br
on an annual basis
a h-uile bliadhna

annual accounts npl
cunntasan (fir iol) bliadhnail
chunntasan bliadhnail gin

annual budget n
buidseat (fir) bliadhnail
buidseit bhliadhnail gin
buidseatan bliadhnail iol
annual budget cycle
cuairt-bhuidseit na bliadhna

annual general meeting n
coinneamh (boir) choitcheann bhliadhnail
coinneimh choitchinn
bhliadhnail gin
coinneamhan coitcheann bliadhnail iol

annual report n
aithisg (boir) bhliadhnail
aithisge bliadhnail gin
aithisgean bliadhnail iol

annul v
cuir (gr) às do
cur (agr) às do

annunciator n
inneal-innse fir
inneil-innse gin
innealan-innse iol

answer n
freagairt boir
freagairte gin
freagairtean iol
an answer to a question
freagairt do cheist

answer v
freagair gr
freagairt agr
to answer a question
ceist a fhreagairt

Any Other Business
Gnothach Sam
Bith Eile
Any Other Competent Business
Gnothach Iomchaidh
Sam Bith Eile (GISBE)

apolitical adj
neo-phoileataigeach br

apologise v
iarr (gr) leisgeul a ghabhail
iarraidh (agr) leisgeul a ghabhail

apology n (in minutes of meeting)
leisgeul fir
leisgeil gin
leisgeulan iol

appeal n
ath-thagradh fir
ath-thagraidh gin
ath-thagraidhean iol
appeals procedure
modh ath-thagraidh

appeal v
tagair gr
tagradh agr
to appeal against a decision
tagradh an aghaidh co-dhùnaidh

appeal court n
cùirt (boir) nan ath-thagraidhean
cùirt nan ath-thagraidhean gin
cùirtean nan ath-thagraidhean iol

appeal judge n
britheamh (fir) ath-thagraidhean
britheamh ath-thagraidhean gin
britheamhan ath-thagraidhean iol

appellant n
ath-thagraiche fir
ath-thagraiche gin
ath-thagraichean iol

application n
cur (fir) an gnìomh
cuir an gnìomh gin
the application of the law
cur an gnìomh an lagha

application form n
foirm-iarrtais fir
foirm-iarrtais gin
foirmean-iarrtais iol,
clàr-iarrtais fir
clàir-iarrtais gin
clàran-iarrtais iol

apply v
cuir (gr) an gnìomh
cur (agr) an gnìomh,
cuir gr (tagradh)
cur agr (tagraidh),
buin (gr) (ri)
buntainn (agr) (ri)
1 to apply the act / law
an achd / an lagh a chur an gnìomh
2 to apply for
cuir (tagradh) airson
3 the ruling applies to this item of business
buinidh a’ bhreith ris an nì seo sa chlàr-ghnothaich

appoint v
cuir (gr) an dreuchd
cur (agr) an dreuchd

appointee n
neach (fir) (a chaidh a chur) an dreuchd
neach (a chaidh a chur) an dreuchd gin
daoine (a chaidh a chur) an dreuchd iol

appointment n (meeting)
coinneamh boir
coinneimh gin
coinneamhan iol

appointment n (to a job)
cur (fir) an dreuchd
cuir an dreuchd gin

appraisal n
measadh fir (luach)
measaidh gin (luach)
regulatory appraisal
measadh bhon riaghlaiche

appraise v
dèan (gr) measadh
(air luach)
dèanamh (agr) measaidh
(air luach)

appropriate v (funds)
cuir (gr) air leth
cur (agr) air leth

appropriate v (to take over ownership)
gabh (gr) seilbh air
gabhail (agr) seilbhe air

appropriation n (the act of setting apart)
cur (fir) air leth
cuir air leth gin

approval n (agreement)
aonta fir
aontaidh gin
aontaidhean iol

approval n (permission)
ceadachadh fir,
ceadachaidh gin,
cead fir
cead gin

approve v
ceadaich gr
ceadachadh agr
to approve measures
ceuman a cheadachadh

arbiter n
neach-rèiteachaidh fir
neach-rèiteachaidh gin
luchd-rèiteachaidh iol
she will be the final arbiter
is i a bheir a’ bhreith-rèite dheireannach

arbitrary adj
neo-riaghailteach br
arbitrary decision
co-dhùnadh neo-riaghailteach

arbitrate v
thoir (gr) breith-rèite
toirt (agr) breith-rèite

arbitration n
eadar-bhreith boir
eadar-bhreith gin
breith-rèite boir
breith-rèite gin
breithean-rèite iol

arbitration court n
cùirt (boir) eadraiginn
cùirt eadraiginn gin
cùirtean eadraiginn iol

arbitrator n
neach-eadraiginn fir
neach-eadraiginn gin
luchd-eadraiginn iol

archive n
tasglann fir
tasglainn gin
tasglannan iol

archive v
cuir (gr) an tasglann
cur (agr) an tasglann

archivist n
tasglannaiche fir
tasglannaiche gin
tasglannaichean iol

argument n
argamaid boir
argamaid gin
argamaidean iol

argumentative adj
aimhreiteach br

Argyll and Bute (Constituency)
Earra-Ghaidheal agus Bòid
Earra-Ghaidheal agus Bhòid gin

article n
alt fir
uilt gin
uilt gin
1 newspaper article
alt sa phàipear-naidheachd
2 Article in a Treaty
Alt ann an Cunnradh

articles npl of association
artaigilean (fir iol) companaidh
articles and instruments
artaigilean is ionnsramaidean

Arts Council n
Comhairle (boir) nan Ealain
Comhairle nan Ealain gin

ascertain v
faigh (gr) a-mach
faighinn (agr) a-mach,
dèan (gr) cinnteach
dèanamh (agr) cinnteach
to ascertain the facts
fìrinn na cùise fhaighinn a-mach

aspiration n (desire to achieve a goal)
mòr-mhiann fir
mòr-mhianna gin
mòr-mhiannan iol

aspire v
bi (gr) miannach (air rud)
aspire to improve the quality of life
bi miannach air mathas na beatha a chur am feabhas

assemble v
cruinnich gr
cruinneachadh agr
1 to assemble information
fiosrachadh a chruinneachadh
2 to assemble for a meeting
cruinneachadh airson coinneimh

assembly n
tional fir
tionail gin
tionalan iol,
co-chruinneachadh fir
co-chruinneachaidh gin
co-chruinneachaidhean iol
1 lawful assembly
tional laghail
2 unlawful assembly
tional neo-laghail

Assembly n
Seanadh fir
Seanaidh gin
Seanaidhean iol
National Assembly for Wales
Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh

Assembly Journal n
Leabhar-latha (fir) an t-Seanaidh
Leabhar-latha an t-Seanaidh gin

Assembly Member n (AM)
Ball (fir) Seanaidh
Buill Sheanaidh gin
Buill Sheanaidh iol

assent n
aonta fir
aontaidh gin
aontaidhean iol
1 Royal Assent
Aonta Rìoghail
2 assent under hand
aonta fo làimh
3 assent under seal
aonta fo sheula

assent v
thoir (gr) aonta do
toirt (agr) aonta do

assess v
meas gr
measadh agr

assessment n
measadh fir
measaidh gin
measaidhean iol

Assessor n
Measadair fir
Measadair gin
Measadairean iol

assets npl
so-mhaoin boir
so-mhaoine gin
freezing of assets
reothadh so-mhaoine

assign v
sònraich gr
sònrachadh agr
to assign duties
dleastanasan a shònrachadh

assignment n
sònrachadh fir
sònrachaidh gin,
dleastanas-sònraichte fir
dleastanais-shònraichte gin
dleastanasan-sònraichte iol
1 assignment of duties
sònrachadh dhleastanas
2 she is working on an assignment
tha i ag obair air
dleastanas-sònraichte

assist v
cuidich (gr) le
cuideachadh (agr) le

assistant adj
cuideachaidh fir gin,

assistant n
neach-cuideachaidh fir
neach-chuideachaidh gin
luchd-cuideachaidh iol

Assistant Principal n
Iar-Cheann-Roinne fir
Iar-Chinn-Roinne gin
Iar-Chinn-Roinne iol

assisted area n
ceàrn (fir / boir) le cuideachadh
ceàrnaidh le cuideachadh gin
ceàrnaidhean le cuideachadh iol
assisted area status
inbhe ceàrnaidh le cuideachadh

assume v
gabh (gr) os làimh
gabhail (agr) os làimh,
gabh (gr) ris
gabhail (agr) ris,
bi (gr) den bheachd
1 to assume office / responsibility
dreuchd / uallach a
ghabhail os làimh
2 I assume that to be the case
tha mi a’ gabhail ris gur e sin a’ chùis,
tha mi den bheachd gur e sin a' chùis

assumption n
gabhail (fir) os làimh
gabhail os làimh gin,
barail boir
baraile gin
barailean iol
1 the assumption of office
gabhail dreuchd os làimh
2 a reasonable assumption
barail reusanta

assurance n (against risk)
àrachas fir
àrachais gin

assurance n (guarantee)
barrantas fir
barrantais gin
barrantasan iol
he gave an assurance
thug e barrantas

assure v
rach (gr) an urras do
dol (agr) an urras do
I assure you that this
is the case

thèid mi an urras dhuibh
gur ann mar seo a tha a’ chùis

assured adj,
to be assured
a bhith cinnteach br
you may rest assured
faodaidh tu a bhith cinnteach

attend v
fritheil gr
frithealadh agr
to attend a meeting
coinneamh a fhrithealadh

attend v to
fritheil (gr) air
frithealadh (agr) air
to attend to a matter
frithealadh air cùis

attendance n
frithealadh fir
frithealaidh gin
frithealaidhean iol
attendance at a meeting
frithealadh aig coinneimh

attendance allowance n (for caring)
cuibhreann (fir) frithealaidh
cuibhrinn fhrithealaidh gin
cuibhreannan frithealaidh iol

attendance allowance n (for attending meetings)
cuibhreann (fir) frithealaidh
cuibhrinn fhrithealaidh gin
cuibhreannan frithealaidh iol

attest v (a signature)
dearbh gr
dearbhadh agr

Attorney-General n
Àrd-neach-tagraidh fir
Àrd-neach-thagraidh gin

audio-typist n
clò-sgrìobhaiche (fir) claistinn
clò-sgrìobhaiche chlaistinn gin
clò-sgrìobhaichean claistinn iol

audit n
sgrùdadh fir
sgrùdaidh gin
sgrùdaidhean iol
National Audit Office
Oifis Nàiseanta an Sgrùdaidh

audit v
dèan (gr) sgrùdadh air
dèanamh (agr) sgrùdaidh air
audited accounts
cunntasan sgrùdaichte

Audit Committee n
Comataidh (boir) Sgrùdaidh
Comataidh Sgrùdaidh gin

auditor n
neach-sgrùdaidh chunntasan fir
neach-sgrùdaidh chunntasan gin
luchd-sgrùdaidh chunntasan iol
auditor’s report
aithisg neach-sgrùdaidh nan cunntasan

Auditor General n
Àrd-neach-sgrùdaidh fir
Àrd-neach-sgrùdaidh gin

auspices npl
fo sgèith roi le gin
under the auspices of Parliament
fo sgèith na Pàrlamaid

auspicious adj
rathail br
on this auspicious occasion
aig an àm rathail seo

authorise v
ùghdaraich gr
ùghdarachadh agr

authority n
ùghdarras fir
ùghdarrais gin
ùghdarrasan iol

autonomous adj (independent in action)
neo-eisimeileach br

autonomous adj (self-governing)
le fèin-ùghdarras

autonomy n (self-government)
fèin-ùghdarras fir
fèin-ùghdarrais gin

auxiliary staff n
luchd-obrach (iol) taiceil
luchd-obrach thaiceil gin

aware adj
mothachail (br) air
we are aware of the situation
tha sinn mothachail air an
t-suidheachadh

awareness n
mothachadh fir
mothachaidh gin
to raise awareness of the facts
(daoine) a dhèanamh mothachail air fìrinn na cùise

'aye' lobby n
lobaidh (fir / boir) luchd ‘seadh’
lobaidh luchd ‘seadh’ gin

'ayes' npl (voting in Parliament)
luchd-aontachaidh iol,
luchd-aontachaidh gin,
luchd (iol) ‘seadh’
luchd ‘seadh’ gin
the ‘ayes’ have it
is ann aig an luchd-aontachaidh a tha a’ bhuaidh,
is ann aig an luchd ‘seadh’
a tha a’ bhuaidh

Ayr (Constituency)
Inbhir Àir fir
Inbhir Àir gin

< Previous | Contents | Next >


The information contained on this WWW site is Crown Copyright but may be reproduced without formal permission or charge for personal or in-house use. Privacy and Content Disclaimer.

For general enquiries about this web site email ceu@scotland.gov.uk or fill out our online questionnaire.

Making It Work TogetherInvestors in People logo