Home | Press | Publications | What We Do | Who We Are | Search | Site Map | Contacts | Links 
<< SE Crest >> Scottish Executive
Faclair na Pàrlamaid / Dictionary of Terms
Section logo
> Publications

< Previous | Contents | Next >

Faclair na Pàrlamaid:Dictionary of Terms

Buidheachas

Tha Iomairt Cànan na h-Eòrpa (TELI) air leth taingeil airson na sàr chomhairle, an treòrachaidh agus na taice a fhuaireadh bho Bhuidheann-riaghlaidh a’ phròiseict rè a’ chunnraidh.

Tha an sgioba deasachaidh agus cuir ri chèile aig TELI air buannachd mhòr fhaighinn às a’ chuideachadh a fhuaireadh bhon bhuidheann chomhairleachaidh aig gach ìre den phròiseact, agus bu mhiann leis an sgioba taing chridheil a thoirt dhaibh airson na h-obrach mhòir a rinn iad.

Tha sinn air a bhith air leth fortanach gun robh taic againn bho luchd-obrach Chomunn na Gàidhlig oir chùm an sàr chomasan a thaobh rianachd agus stiùireadh ionmhais agus an cuideachadh càirdeil am pròiseact ag obrachadh gu rèidh.

Tha an sgioba a’ toirt taing chridheil don Àrd-ollamh Uilleam MacGillÌosa bho Oilthigh Dhùn Èideann airson aoigheachd a nochd an roinn aige agus airson na comhairle agus a’ mhisneachaidh a thug e dhuinn.

Bha sinn air leth taingeil airson na h-aoigheachd a fhuair sinn bho Chomhairle nan Eilean Siar agus na fàilte cridheil a chuireadh òirnn leis an Neach-gairm agus leis a’ Cheannard. Bha a’ Chomhairle, Oilthigh Dhùn Èideann agus BBC Craoladh nan Gaidheal fialaidh ann a bhith a’ saoradh luchd-obrach gus cuideachadh ler n-obair

Bu mhath leinn ar taing a chur an cèill don Àrd-ollamh Cathair Ó Dochartaigh airson a cho-obrachaidh le bhith ag ullachadh na tairgse agus le cùisean poileasaidh aig ìrean tùsail a’ phròiseict.

Fhuaras maoineachadh airson a’ phròiseict bho Riaghaltas na h-Alba, bho Chomunn na Gàidhlig agus bho Iomairt na Gaidhealtachd is nan Eilean, le tuilleadh taice bho Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis agus bho Urras Brosnachaidh na Gàidhlig, agus tha sinn air leth taingeil airson a’ chuideachaidh a thug iad dhuinn.

< Previous | Contents | Next >


The information contained on this WWW site is Crown Copyright but may be reproduced without formal permission or charge for personal or in-house use. Privacy and Content Disclaimer.

For general enquiries about this web site email ceu@scotland.gov.uk or fill out our online questionnaire.

Making It Work TogetherInvestors in People logo