Home | Press | Publications | What We Do | Who We Are | Search | Site Map | Contacts | Links 
<< SE Crest >> Scottish Executive
Faclair na Pàrlamaid / Dictionary of Terms
Section logo
> Publications

< Previous | Contents | Next >

Faclair na Pàrlamaid:Dictionary of Terms

Notaichean air Sèimheachadh agus air an Tuiseal Ghinideach ann an Abairtean Ainmearach

SÈIMHEACHADH AN TAOBH A-STAIGH ABAIRTEAN AINMEARACH

1 Ann an co-fhillidhean dlùth-cheangailte (air an tuigsinn an seo mar cho-ionann ri faclan le sgrìob-cheangail) bidh ainmear sa ghinideach a tha a’ càileachadh (agus a’ leantainn) ainmeir eile air a shèimheachadh no gun a bhith air a shèimheachadh a rèir mar a bhitheadh buadhair càileachaidh san aon suidheachadh (seo a rèir nan riaghailtean a tha air an sealltainn ann an Calder A Gaelic Grammar).

Eisimpleirean:

plana-gnìomha (fir) ‘action plan’ gun sèimheachadh;
buidheann-ghnìomha (boir) ‘action group’ le sèimheachadh (cf. glaine-fhìona, ‘a wine glass’).

2 Ann an co-fhillidhean neo-dhlùth-cheangailte (air an tuigsinn an seo mar chòmhlain gun sgrìob-cheangail) cha bhi an t-ainmear càileachaidh sa ghinideach air a shèimheachadh.

Eisimpleir:

buidheann (boir) comhairleachaidh ‘an advisory body’ gun sèimheachadh (cf. glaine fìona, ‘a glass of wine’).

GINIDICH AN TAOBH A-STAIGH ABAIRTEAN AINMEARACH

3 Ann an co-fhillidhean den t-seòrsa ainmear ginideach1 + ainmear ginideach2 (.i. an uair a bhitheas co-fhilleadh den t-seòrsa ainmear1 + ainmear2 gu h-iomlan a’ càileachadh ainmeir eile a tha a’ tighinn roimhe), ann an cleachdadh Gàidhlig an-ceartuair tha an ginideach ann an ainmear1 neo-chomharraichte ann an abairtean neo-chinnteach agus comharraichte ann an abairtean cinnteach.

Eisimpleirean:

Ann an abairtean neo-chinnteach (.i. abairtean gun an t-alt sa Ghàidhlig)
(meud) cunntas cothromachaidh ‘(size) of a balance sheet’
(‘cunntas’ neo-chomharraichte airson ginidich agus ‘cothromachaidh’ gun a bhith air a shèimheachadh).

Ann an abairtean cinnteach (.i. abairtean leis an alt)
(meud) a’ chunntais chothromachaidh ‘(size) of the balance sheet’
(‘a’ chunntais’ comharraichte airson a’ ghinidich agus ‘chothromachaidh’ air a shèimheachadh).

Tha co-fhillidhean den t-seòrsa ‘cunntas cothromachaidh’ air an sealltainn mar seo:
cunntas (fir) cothromachaidh
cunntais chothromachaidh gin
i.e. san dara sreath den chlàrachadh tha ainmear1 air a shealltainn le ginideach comharraichte ged nach eil an t-alt a’ nochdadh sa chlàrachadh.

4. Ann an co-fhillidhean den t-seòrsa ainmear ginideach1 + alt + ainmear ginideach2 chan eil an ginideach comharraichte ron alt ann an cleachdadh àbhaisteach na Gàidhlig (ged a bhitheas an t-ainmear a tha ron alt, mas e ainmear dìleas fireann a tha ann, sa chumantas a’ tighinn fo bhuaidh an t-sèimheachaidh cho-chàrail a bhuineas do dh’ainmearan dìleas sa ghinideach).

Eisimpleir:

Clàr nan Làraichean Àrsaidh ‘the Sites and Monuments Register’
(meud) Chlàr nan Làraichean Àrsaidh ‘(the size) of the Sites and Monuments Register’
Tha co-fhillidhean den t-seòrsa seo air an sealltainn mar a leanas:
Clàr (fir) nan Làraichean Àrsaidh
Chlàr nan Làraichean Àrsaidh gin

5. Bidh ainmearan ann an co-fhillidhean le sgrìob-cheangail (agus buadhairean) air an sèimheachadh ma bhitheas iad a’ leantainn ainmearan boireann singilte ginideach nach eil a’ gabhail ‘e’ dheireannach sa ghinideach no a tha air an ‘e’ a chall.

Eisimpleir:

rianachd-cheartais ‘justiciary’
(cliù na) rianachd-cheartais ‘(the reputation of the) justiciary’

Tha co-fhillidhean den t-seòrsa seo air an sealltainn mar a leanas:
rianachd-cheartais boir
rianachd-cheartais gin

6. A thaobh chòmhlan a tha air an roinn ann an dà phàirt, sa bheil:

(a) an toiseach, dà ainmear a tha ceangailte nas dlùithe (co-dhiù a tha sgrìob-cheangail ann gus nach eil), eisimpleir: bòrd trèanaidh ‘training board’;
(b) an còrr den abairt ainmearach, eisimpleir: gnìomhachas còmhdhail ròidean ‘road transport industry’;

Tha an ginideach sa chumantas comharraichte a-mhàin air an ainmear chàileachaidh (an dara ainmear) sa chiad phàirt, agus air an ainmear dheireannach san dara pàirt (saor bho shèimheachadh co-chàrail an ainmeir dhìlis air a’ chiad ainmear den chiad phàirt).

Eisimpleir:

Bòrd Trèanaidh Gnìomhachas Còmhdhail Ròidean ‘Road Transport Industry Training Board’
(buill) Bhòrd Trèanaidh Gnìomhachas Còmhdhail Ròidean ‘Road Transport Industry Training Board (members)’

Tha co-fhillidhean den t-seòrsa seo air an sealltainn mar a leanas:
Bòrd (fir) Trèanaidh Gnìomhachas Còmhdhail Rathaidean / Ròidean
Bhòrd Trèanaidh Gnìomhachas Còmhdhail Rathaidean / Ròidean gin

< Previous | Contents | Next >


The information contained on this WWW site is Crown Copyright but may be reproduced without formal permission or charge for personal or in-house use. Privacy and Content Disclaimer.

For general enquiries about this web site email ceu@scotland.gov.uk or fill out our online questionnaire.

Making It Work TogetherInvestors in People logo