Home | Press | Publications | What We Do | Who We Are | Search | Site Map | Contacts | Links 
<< SE Crest >> Scottish Executive
Faclair na Pàrlamaid / Dictionary of Terms
Section logo
> Publications

< Previous | Contents | Next >

Faclair na Pàrlamaid:Dictionary of Terms

FACAL-TOISICH

RO-RÀDH

Chaidh Faclair na Pàrlamaid a chur ri chèile is a dheasachadh le sgioba stèidhichte le The European Language Initiative (TELI), buidheann neo-phoileataigeach, neo-phrothaide, a bhitheas gu sònraichte a’ dèanamh fhaclairean airson seirbheis phoblaich. Chaidh a’ mhòr-chuid den obair ann a bhith a’ cur ri chèile an stòr-dàta a choileanadh anns na sia mìosan bhon Iuchar chun na Dùbhlachd 2000. Chaidh an deasachadh agus an tuilleadh co-chomhairleachaidh a choileanadh an dèidh sin.

Chan robhar an dùil gur e sgrìobhainn fhoghlaimte a bhitheadh san fhaclair seo a dh’fhuiricheadh air sgeilp sa chèis-leabhraichean neo a rachadh a ghlèidheadh ann an leabharlannan. B’ e ar n-amas goireas fiosrachaidh feumail a chruthachadh a bhitheadh cho farsaing agus cho furasta a chleachdadh agus a bha comasach san ùine a bha againn don chiad deasachadh seo. Tha sinn air fiosrachadh bunaiteach a thaobh gràmair a chur ann don fheadhainn dom faodadh seo a bhith na chuideachadh nan obair, ach cha do dh’an-luchdaich sinn an leabhar le fios cànanach. An àite sin, b’ fheàrr leinn taic a chur ris na h-uilt far an robh e iomchaidh le eisimpleirean den chànan ga chleachdadh. San roinn Bheurla — Gàidhlig, mar eisimpleir, tha sinn air na riochdan ginideach agus iomarra air ainmearan Gàidhlig a shealltainn, agus riochd an ainmeir ghnìomhairich do na gnìomhairean Gàidhlig. Tha sinn ag earbsa gum bi iad seo cuideachail do luchd-cleachdaidh. Tha na pàirtean cainnt air an sealltainn anns a’ Ghàidhlig ri taobh bhriathran Gàidhlig agus anns a’ Bheurla ri taobh bhriathran Beurla. Gheibhear liosta le mìneachadh air na giorrachaidhean a chaidh a chleachdadh airson seo an dèidh an fhacail-toisich.

Ged a dh’iarradh sinn bun-tomhas a shuidheachadh do bhriathran, tha sinn uaireannan air faclan a chur a-staigh ann an rèimean cànain an dà chuid foirmeil agus neo-fhoirmeil far an robh sin iomchaidh. Gheibh an neach-cleachdaidh briathran foirmeil a bhitheas freagarrach airson an cleachdadh sa phàrlamaid, ann an obair comataidh agus ann an sgrìobhainn a leithid Aithisgean Bliadhnail, agus briathran neo-fhoirmeil freagarrach, mar eisimpleir, airson an cleachdadh ann an còmhradh cumanta agus sna meadhanan.

Aig an ìre thùsail seo gheibhear san Fhaclair tiotalan nan roinnean ann an Riaghaltas na h-Alba agus am ministearan mar a bha iad aig an àm a chaidh sinn sa chlò. Gheibhear cuideachd ainmean nan comataidhean Pàrlamaide a tha ann an ceartuair. Mar thoradh air atharrachaidhean ann an rianachd agus ann an cùram roinne thig atharrachaidhean ann an tiotal mar a bhitheas an ùine a’ dol seachad, agus ’s e obair leantainneach a bhitheas ann lorg a chumail air na h-atharrachaidhean seo agus am biathadh a-steach don stòr-dàta mu choinneamh dheasachaidhean eile san àm ri teachd. San aon dòigh, gheibhear san Fhaclair ainmean cuid de dh’Achdan Pàrlamaid, ach chan e liosta iomlan a tha ann fhathast. Thèid leudachadh sna raointean seo agus ann an raointean eile ann an deasachaidhean eile a bhitheas ri teachd

Tha sinn air uibhir de dh’eisimpleirean agus de cho-ionadachaidhean a chur ann is a cheadaicheadh an ùine dhuinn, mar iùil phrataigeach air cleachdadh a’ chànain. A thaobh stoidhle, tha an leabhar seo eadar-dhealaichte air cuid de dhòighean ri faclairean eile. Chaidh Faclair na Pàrlamaid a dheilbh, na chruth agus na dhreach, mar ghoireas airson a bhith ag obair leis a’ chànan bheò. Mar eisimpleir ’s ann a dh’aon ghnothach a chaidh beàrnan-dealachaidh gu math farsaing a chur ann eadar faclan is eadar uilt. Tha iad air an dealachadh san dòigh sin gus gum bi rùm aig an neach-cleachdaidh a notaichean fhèin a sgrìobhadh annta. Ma tha briathran no abairtean feumail agaibh a bhuineas don Phàrlamaid, nithean a shaoileas sibh cuideachail agus nach deach a chur san Fhaclair aig an ìre seo, bhitheadh sinn nur comainn nan cuireadh sibh thugainn iad gus beachdachadh orra mar phàirt den chùrsa cho-chomhairleachaidh.

ÀITE-TÒISEACHAIDH

Bha dà amas sa bhrath a fhuaradh don phròiseact. B’ e a' chiad fhear faclair de bhriathrachas sònraichte a bhuineadh do Phàrlamaid na h-Alba a chruthachadh. B’ e an dara fear "to consider issues which are related to ... [the] standardisation of Gaelic orthography."

Ghabh TELI mar àite-tòiseachaidh gum feumte togail air an leantainneachd a fhuaradh mar thoradh air Riaghailtean-stiùiridh Litreachadh na Gàidhlig (GOC), foillsichte an 1981. Ghabh sinn ris na prionnsabalan a stèidh GOC mar àite-tòiseachaidh agus lean sinn riutha sa bhriathradair seo. Tha sinn den bheachd nach robh roghainn reusanta eile ann seach am modh obrachaidh seo, oir b’ e seo a’ bhunait air a bheil clann air a bhith gan teagasg tron fhichead bliadhna a chaidh seachad. Nan robh sinn air riaghailtean an litreachaidh atharrachadh air dhòigh mhì-reusanta bhitheadh adhartas nam fichead bliadhna seo air a chur air cùl agus thigeadh tomhas mòr de mhì-chinnt an lùib sin.

Nar n-obair bha am faclair sgoile, Brìgh nam Facal (foillsichte ann an 1991), na chuideachadh dhuinn, oir tha e a' gabhail a-steach molaidhean Riaghailtean-stiùiridh Litreachadh na Gàidhlig (GOC), nì a bha feumail a thaobh cunbhalachd an litreachaidh. Ghabh sinn beachd cuideachd air obair eile a chaidh a dhèanamh air a' chuspair seo, gu sònraichte na molaidhean a rinneadh an lùib a’ phròiseict CALL. (Oilthigh Dhùn Èideann, 1997).

Ann a bhith a' beachdachadh air ceist a’ cheart-litreachaidh, bha sinn taingeil comhairle fhaighinn bho Bhòrd na Ceilteis air cuspairean fa leth, ach gu seachd àraid (I wouldn’t use sònraichte in this circumstance) mu shèimheachadh agus mun tuiseal shealbhach ann an abairtean ainmearach. Dh'fhaodadh gum biodh e feumail dhaibhsan aig a bheil ùidh ann an ceistean mionaideach cànain den t-seòrsa seo cunntas fhaighinn air na prionnsabalan a chleachd sinn ri linn na comhairle a fhuair sinn. Tha gèarr-chunntas le eisimpleirean seaghach air a thoirt dhuibh an dèidh an ro-ràidh seo.

Cha robh e comasach dhuinn dèiligeadh ri ceist an litreachaidh mar a mhiannaicheamaid air sgàth na h-ùine a bha againn. Tha mòran obrach fhathast ri dhèanamh san raon seo ach tha sinn ag earbsa gun deach deagh thoiseach tòiseachaidh a dhèanamh ann a bhith a' cur mholaidhean air adhart mun dòigh san gabh GOC a chleachdadh is a leudachadh gus stèidh làidir a shuidheachadh mun t-slighe air adhart.

Aonta agus Adhartas — CO-LABHAIRT DHÙN ÈIDEANN, SAMHAIN 2000

PUINGEAN MIONAIDEACH

Chuireadh co-labhairt air adhart le Comunn na Gàidhlig agus Comataidh-stiùiridh a’ phròiseict ann an Dùn Èideann san t-Samhain 2000. B’ e amas na co-labhairt aonta agus adhartas fhaighinn. Aig a’ cho-labhairt chaidh grunnan phuing a chur air adhart le sgioba TELI gus beachdachadh orra. Chaidh na puingean sin a dheasbad aig buidhnean-obrach a chaidh a chumail aig a’ cho-labhairt agus fhuaireadh aonta orra a bha cha mhòr aon-ghuthach. Tha na puingean air am mìneachadh gu h-ìosal.

1 Prionnsabal

Dhaingnich sinn ar taic do mholaidhean GOC a chaidh fhoillseachadh ann an 1981. Ghabhadh faclair a dheigheadh a dhèanamh fo iùil a’ phròiseict seo ris na molaidhean sin. Thàinig sinn chun a’ cho-dhùnaidh gum biodh e feumail cuid de phrìomh mholaidhean GOC a chur an cuimhne dhaoine.

2 An stràc trom

Mhol sinn gur e an stràc trom a-mhàin a dheigheadh a chleachdadh gus sìneadh ann am fuaim fuaimreig a shealltainn.

3 An stràc geur

Mhol an sgioba gum bu chòir cur às don stràc gheur.

4 Eisimpleir sònraichte

Bha sinn den bheachd gum bu chòir à / às ("bho; a-mach à") a sgrìobhadh leis an stràc throm gus càileachd fuaim na fuaimreig a shealltainn.

5 Stràcan air fuaimreagan sgrìobhte ann an ceann-litrichean

Chaidh a thoirt fa-near nach deach dèiligeadh ris a’ cheist seo ann an GOC. Bha an sgioba den bheachd nach robh ach aon dòigh anns am bu chòir dèiligeadh ris a’ cheist seo agus nach biodh e ciallach aon riaghailt a chleachdadh, mar eisimpleir airson ainmean-àitean, agus riaghailt eile airson briathrachais eile.

Bheachdaich sinn air na roghainnean a bha ann agus mhol sinn gun deigheadh stràcan a chleachdadh air ceann-litrichean. A thuilleadh air cùisean teicnigeach co-cheangailte ri dealbh-sgrìobhadh, agus bathar-bog adhartach an là an-diugh a’ toirt cothruim na stràcan sin a chleachdadh gu furasta, thug dà phrìomh smuain buaidh oirnn:

a) cha robh e math do dh’fhoghlam chloinn-sgoile agus bha e dualtach an cur troimh-chèile a bhith ag iarraidh orra na stràcan a thoirt air falbh bho na ceann-litrichean an uair a bha iad air an teagasg na stràcan a chleachdadh air na litrichean sin an uair a bha iad gan sgrìobhadh beag.

b) gun na stràcan a bhi gan sealltainn bhiodh cunnart ann gum biodh ainmean-àitean air am fuaimneachadh ann an dòigh cheàrr.

6 "na h-Alba" no "na h-Albann"?

Mhol an sgioba gun deigheadh "na h-Alba" a chleachdadh.

7 Sgrìoban-ceangail, asgairean agus beàrnan co-cheangailte riutha

Bu chòir molaidhean GOC a leantainn gu mionaideach a thaobh nan sgrìoban-ceangail. Cha deigheadh sgrìob-cheangail a chleachdadh, mar eisimpleir, ann an "an seo", "an sin" no "an siud" a bu chòir a bhith air an sgrìobhadh mar fhacail air leth, no ann an "carson" agus "airson" a bu chòir a bhith air an sgrìobhadh mar aon fhacal. Ann am facail cho-fhillte mar "neach-rannsachaidh" chaidh a thoirt fainear gur e an cleachdadh san là an diugh an sgrìob-cheangail a chumail.

A thaobh an asgair, chaidh mothachadh gun robh GOC deònach gabhail ri eadar-dhealachaidhean ann an dualchainnt. Mhol an sgioba gum bu chòir leantainn air adhart le beàrn an dèidh an asgair far an robh sin air a mholadh. Tha GOC a’ gabhail ri "balla àrd" agus "ball’ àrd", "duine òg" agus "duin’ òg". B’ e ar beachd, far am biodh e iomchaidh, gum bu chòir don Fhaclair gabhail ri cruthan leithid "balla àrd" agus "duine òg" oir bha iad sin a’ riochdachadh a’ chànain fhoirmeil agus bhitheadh sin na bu fhreagarraich airson a bhith air a chleachdadh an lùib na Pàrlamaid.

8 ‘t’ aig toiseach facail a bhuineas do ghnìomhairean mhì-riaghailteach

Tharraing an sgioba aire don duilgheadas a tha ann le facail a bhith air am fuaimneachadh a rèir an litreachaidh agus chaidh moladh gum bu chòir cudthrom a bhith air a chur air a’ phuing seo ann an sgoiltean.

9 "st" no "sd", "sc" no "sd", "sp" no "sb"?

Rinn an sgioba na molaidhean a leanas a tha a rèir GOC.
st: bu chòir seo a chleachdadh aig toiseach, am broinn agus aig deireadh facail
sg: bu chòir seo a chleachdadh aig toiseach, am broinn agus aig deireadh facail
sp: bu chòir seo a chleachdadh aig toiseach agus aig deireadh facail, ach thèid gabhail ris an dà chuid sp agus sb am broinn facail.

Chaidh a thoirt fa-near gur e roghainn an neach fhèin a tha san litreachadh a thèid a chleachdadh ann an ainmean pearsanta.

10 Moladh coitcheann

Bha sinn den bheachd gun robh làn thìde GOC a sgaoileadh às ùr cho farsaing ’s a ghabhadh gus am biodh buaidh èifeachdach aige air cunbhalachd dòigh litreachaidh na Gàidhlig aig gach ìre den t-siostam foghlaim agus gum bu chùis seo a bha an urra ri Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba.

Nar beachd bhiodh e feumail leudachadh a dhèanamh air GOC, agus mhol sinn gun deigheadh leabhar-iùil ullachadh air ceart-litreachadh na Gàidhlig a bheireadh stiùireadh do luchd-cleachdaidh a’ chànain air fad. Dh’fhaodadh a leithid de leabhar, mar eisimpleir, comhairle a thoirt air nithean mar an stoidhle a bu chòir a chleachdadh ann a bhith a’ sgrìobhadh litrichean foirmeil.

Tha buill an sgioba dheasachaidh agus an sgioba riaghlaidh air fad moiteil gun robh com-pàirt aca ann a bhith ag ullachadh a’ chiad deasachaidh a tha seo de dh’Fhaclair na Pàrlamaid. Tha sinn ag earbsa gum bi e air leth feumail do luchd-cleachdaidh na Gàidhlig an dà chuid sa Phàrlamaid agus air a taobh a-muigh, ann am foghlam, sna meadhanan agus ann an raointean eile den bheatha phoblaich. Tha e na thoileachas dhuinn gun d’fhuair sinn an cothrom air pàirt a ghabhail ann a bhith a’ cur ri leasachadh Pàrlamaid na h-Alba aig àm cho eachdraidheil ann am beatha ar dùthcha.

An t-Oll Ùisdean D MacIllinnein
Clive Leo McNeir
Cathraiche
Neach-deasachaidh
Bòrd-stiùiridh
Iomairt Cànan na h-Eòrpa

< Previous | Contents | Next >


The information contained on this WWW site is Crown Copyright but may be reproduced without formal permission or charge for personal or in-house use. Privacy and Content Disclaimer.

For general enquiries about this web site email ceu@scotland.gov.uk or fill out our online questionnaire.

Making It Work TogetherInvestors in People logo