| Home | Press | Publications | What We Do | Who We Are | Search | Site Map | Contacts | Links | ||||
|
![]() |
|||
| > Publications | ||||
< Previous | Contents | Next >
Is e seo a chiad deasachadh de dhfhaclair le briathrachas a bhuineas do Phàrlamaid na h-Alba ann an Gàidhlig na h-Alba agus ann am Beurla. Chan eilear an dùil gur e obair chrìochnaichte a tha ann.
S e fear de na prìomh chuspairean a bha fa chomhair an sgioba a chuir ri chèile am faclair seo dìth briathrachais a fhreagradh air beachdachadh is deasbad foirmeil ann an suidheachadh pàrlamaide. Ged a tha aithris is beachdachadh air cùisean a bhuineas do dhàrd-riaghaltas agus do riaghaltas ionadail air a bhith gan dèanamh sa Ghàidhlig sna pàipearan-naidheachd agus sna meadhanan tro na bliadhnachan, cha robh sa chumantas aonta ann a thaobh roghainn agus cleachdaidh ann am briathrachas teicnigeach. B e pàirt de dhleastanas sgioba a phròiseict, mar sin, corpas de bhriathrachas foirmeil a chruthachadh ris am bitheadh luchd-cleachdaidh na Gàidhlig deònach gabhail, cho fad s a tha sin comasach, anns gach meadhan agus sa bheatha phoblaich.
Mar a bha am pròiseact a leantainn air adhart dhfhairich sinn gun robh e mar uallach òirnn a bhith a dol nas fhaide na a cheist a-mhàin a thaobh roghainn ann am briathrachas. Tha farsaingeachd aig a Ghàidhlig na cleachdadh cumanta, agus beartas aice ann am bàrdachd is ann an rosg a thèid air ais tro iomadh linn. Ach a chionn nach deach a cleachdadh gu cunbhalach mar mheadhan air riaghaltas tron àm sin, tha beàrnan na briathrachas. Dhadhbharaich seo duilgheadasan ann a bhith a feuchainn ri beachdan is coincheapan sònraichte a chur an cèill.
B e am prìomh dhuilgheadas eile neo-chunbhalachd a thaobh cleachdadh air a cheart-litreachadh aontaichte ann an Gàidhlig na h-Alba. A rèir brath a phròiseict dhfheumadh sinn beachdachadh air "issues which are related to [the] standardisation of Gaelic orthography." Gheibhear cunntas air a mhodh obrachaidh a bha againn air an roinn seo der n-obair san Fhacal-toisich don fhaclair seo. Tha sinn ag earbsa gun do ghabh sinn os làimh a chùis seo ann an dòigh chiallaich, reusanta, agus gun robh sinn a leantainn ri prionnsabalan air a bheil aonta aig a mhòr-chuid de luchd-cleachdaidh agus luchd-foghlaim na Gàidhlig bho chaidh Riaghailtean-stiùiridh Litreachadh na Gàidhlig (GOC) fhoillseachadh an 1981. Bha sinn ga mheas reusanta a bhith a togail air a cho-aontachd sin agus gun a bhith a dol thairis air seann cheistean far nach robh feum air.
Tha na trì prìomh raointean seo, s e sin (a) a bhith a cruthachadh briathrachas a bhitheas freagarrach airson a chleachdadh ann an suidheachadh foirmeil agus sa phàrlamaid, anns a bheil (b) briathran ùra a lìonas na beàrnan a tha ann an ceartuair, agus (c) a bhith gan cuartachadh seo ann am modh litreachaidh a chuidicheas an neach-cleachdaidh, s iad seo na dùbhlain a bu mhotha air an tug sinn aghaidh. Tha sinn den bheachd gun robh sinn an dà chuid ciallach is cunbhalach nar dòigh obrach. S e an neach-cleachdaidh fhèin a bheir breith air co-dhiù a tha sinn air a bhith soirbheachail sa ghnothach. S iad na briathran a gheibhear ann am Faclair na Pàrlamaid ar n-oidhirp as fheàrr air fuasgladh fhaighinn air na cùisean doirbh seo. Tha sinn a-nis a toirt cuireadh don choimhearsnachd Ghàidhlig breith a thoirt air mar ghoireas airson fiosrachaidh agus mar inneal gus obrachadh leis.
Tha a chiad deasachadh seo air a rùnachadh mar bhonn beachdachaidh agus mar phàirt de mhodh dealbhaidh farsaing air cànain, agus bidh Gnàth Chomataidh ann gus sùil a chumail air mar a thèid a chleachdadh agus gus leudachadh a dhèanamh air. Tha an sgioba deasachaidh aig TELI agus a Bhuidheann-stiùiridh a cuir fàilte bhlàth air deasbad feumail. Na bitheadh a bheag de theagamh aig an neach-cleachdaidh gur e cuireadh fìor a tha seo gus beachd a thoirt dhuinn air mar a shoirbhich leinn ann a bhith a cur aghaidh air na cuspairean seo agus air mar a dheigheadh againn air an obair a rinneadh gu ruige seo a chur am feabhas. Thèid gach tuairmse a sgrùdadh gu mionaideach agus thèid ealla a ghabhail riutha. Dhiarradh sinn air neach-cleachdaidh sam bith aig am bheil beachdan air an obair fios a chur thugainn aig an t-seòladh a leanas:
Oifigear na Gàidhlig
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP
Post-dealain: Alex.O'Henley@scottish.parliament.uk
< Previous | Contents | Next >
The information contained on this WWW site is Crown Copyright but may be reproduced without formal permission or charge for personal or in-house use. Privacy and Content Disclaimer.
For general enquiries about this web site email ceu@scotland.gov.uk or fill out our online questionnaire.
