On this page:

Craoladh

Telebhisean Gàidhlig agus craoladh

Tha craoladh, gu h-àraidh telebhisean, a' cluich pàirt chudromach ann a bhith a' cur taic ris a' Ghàidhlig. Tha a' Ghàidhlig a' cur ri beairteas na h-Alba agus bha an Riaghaltas dealasach mu a bhith a' cruthachadh seasmhachd don chànan san àm ri teachd.

Ann an Cultar na h-Alba, mhìnich an Riaghaltas a mhiann gus craoladh Gàidhlig a dhìon san àm ri teachd agus, mar thoradh air sin, chaidh ainmeachadh gum faigheadh Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS) airgead a bharrachd gus taic a chuir ri seanail didseatach Gàidhlig ùr a stèidheachadh. Bha seo a' freagairt Aithris air Prògramadh sna Dùthchannan is Sgìrean le Ofcom, a chaidh fhoillseachadh san Ògmhios 2005 a bha moladh gur e stèidheachadh sianail ùr didseatach an dòigh a b' èifeachdaich freagairt nam feumalachdan a bha aig luchd-amharc na Gàidhlig agus gum bu chòir don Riaghaltas airgead a bharrachd a chur ri cosgaisean an t-sianail ùir.

Thathar den bheachd gun cosg e £16-17 millean, gun a bhith cunntadh cosgaisean tòiseachaidh, airson seirbheis didseatach Ghàidhlig a thabhann, le 1.5 uair a thìde de phrògramadh ùr gach latha. Tha aonta na àite eadar GMS agus am BBC gus obrachadh còmhla ri chèile airson sianail didseatach Gàidhlig a leasachadh. Bidh an £3 millean a bharrachd a tha an Riaghaltas a' cur ri seo gach bliadhna na thaic do leasachadh an t-sianail. Tha airgead eile air a ghealltainn bho Roinn Cultar, Meadhan agus Spòrs Riaghaltas anUK agus SMG.

Tha prògraman telebhisean Gàidhlig air an craoladh an-dràsta le BBC Alba, stv, stv tuath agus TeleG. Tha GMS a' cur taic ri prògraman cùisean làitheil - Eòrpa, na h-ealain - Ealtainn, foghlam - A' Bhùth, òigridh - Càrlas agus Sgaoileadh nan Sgeul, agus clann - Dè a-nis?

Tha GMS cuideachd a' cur taic ri prògraman le BBC Alba agus Scottish Screen. Tha BBC Alba cuideachd a' craoladh seirbheis rèidio Gàidhlig, Radio nan Gàidheal.

Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig

Chaidh Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS) a stèidheachadh fo Achd a' Chonaltraidh 2003, atharrachadh air Achd a' Chraolaidh 1990, nuair a chaidh a chuir an àite Comataidh Craoladh Gàidhlig. Tha cumhachdan aig GMS taic airgid a chur ri obair-dealbhachaidh agus leasachaidh phrògraman, trèanadh, rannsachadh luchd-amharc agus cùisean co-cheangailte, agus 's e am buidheann a tha an urra ri bhith a' steidheachadh sianail telebhisean didseatach Ghàidhlig. Tha Ofcom, am buidheann riaghailteachadh chonaltraidhean, an urra ri bhith a' sgrùdadh 's a' measadh GMS, a rèir Achd a' Chonaltraidh 2003.

Tha an Riaghaltas a' toirt £11.9 millean do Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS) gach bliadhna gus dèanamh cinnteach gu bheil prògraman Gàidhlig aig ìre àrd air an craoladh ann an Alba. Tha GMS a' pàigheadh airson mu 160 uairean a thìde de phrògraman telebhisein gach bliadhna, agus airson cuid air rèidio is cuid de thrèanadh agus cuid de rannsachadh luchd-amharc. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig

Page updated: Thursday, November 6, 2008