On this page:

Cùmhnant Eòrpach

Cùmhnant Eòrpach airson Mion Chànan agus Cànan Roinneil

Ro-Ràdh

Chaidh Cùmhnant Eòrpach airson Mion Chànan agus Cànan Roinneil a dhealbhadh ann an 1992 le Comhairle na h-Eòrpa gus mion-chànanan na h-Eòrpa a dhìon is àrdachadh. Chuir Riaghaltas na Rìoghachd Aontaiche ainm ris a' Chùmhnant ann an 2000 agus chaidh a dhearbhadh ann an 2001 as leth Cuimris ann an Cuimrigh, Albais is Gàidhlig ann an Alba agus Albais Ulaidh is Gaeilge ann an Èirinn a Tuath. Chaidh Gàidhlig Mhanainneach is Còrnais an dearbhadh as dèidh làimhe.

Tha na ullachaidhean de Phàirt a Dha a' Chùmhnaint (prionnsabalan coitcheann agus amasan a bhith gan leantainn as leth Mion Chànanan no Cànanan Roinneil.) a' buntainn ris a h-uile cànan a tha ga ainmeachadh anns a' pharagraf os cionn. A bharrachd, tha ullachaidhean àraidh ann am Pàirt a Tri (a thaobh àrdachadh cleachdadh de mhion-chànan is cànan roinneil) a' buntainn air Cuimris, Gàidhlig is Gaeilge.

Tha an Riaghaltas, tro dhleasdanasan na Rìoghachd Aonaichte a thaobh na Gàidhlig, a' gabhail os làimh a chur an gnìomh 39 ullachaidhean mach à 65 ùile gu lèir, anns na roinnean de dh'fhoghlam, a' Chùirt, Rianachd Ionadail, na meadhanan, cultar, beatha sòisealta is eaconomach agus dàimhean thar-chrìoch.

Gheibhear an Cùmhnant an seo.

Sgrudadh a' Ghniomhachaidh

Bidh an sgrùdadh den Ghnìomhachadh a' tachairt air cearcall tri-bhliadhnail

  • A' cur a-steach Aithisg Ùineach leis an Stàit - Feumar gach Stàit aithisg ùineach a chur a-steach gach tri bliadhnaichean a' mìneachadh am poileasaidhean agus nan gnìomhan a tha iad air a chur air dòigh gus na dleasdanasan a tha iad air a ghabhail os làimh a lìonadh.
  • Sgrùdadh air a dhèanamh le Comhairle nan Eòlaichean (ComEx) - Aig an àm de gach cearcall, bidh ComEx a' sgrùdadh aithisg ùineach na Stàite; far a bheil e iomchaidh cuiridh iad ceist air an Stàit; a' cur air dòigh cuairtean 'anns a' bhad' don Stàit, a' coinneachadh ri ùghdarrasan, Buidhnean Neo-Riaghaltais (NGOan), agus buidhnean eile gus an gnìomhachadh den Chùmhnant a mheasadh; agus ullachadh aithisg measaidh do Chomataidh nam Ministear.
  • Molaidhean de Chomataidh nam Ministear don Stàit - nuair a tha Comataidh nam Ministear air aithisg ChomEx a cnuasachadh, faodaidh iad molaidhean a dhèanamh don Stait a thaobh gnìomhan gus poileasaidhean, reachdas, m.s.a.a. a thoirt an lùib nan ullachaidhean ris a tha iad air ghabhail fon Chùmhnant.

Sgrùdadh agus an RA

A' Chiad Aithisg Ùineach

Chaidh a' chiad Aithisg Ùineach aig an RA a thoirt a-steach do Chomhairle na h-Eòrpa air 1d an Iuchair 2002.

Chaidh seo a leantainn le measadh Chomhairle na h-Eòrpa air gnìomhachadh agus molaidhean don RA air 24mh an Mart 2003.

An Darna Aithisg Ùineach

Chaidh an Darna Aithisg Ùineach aig an RA a thoirt a -steach do Chomhairle na h-Eòrpa air 1d an Iuchair 2005. Chaidh leth-bhric den aithisg a chur fa chomhair Taigh nan Cumantan agus Pàrlamaid na h-Alba air 5mh An Iuchair 2005.

As deidh cnuasachadh air an Aithisg Ùineach aig an RA, thathar an dùil gun dean Comataidh nan Eòlaichean de Chomhairle na h-Eòrpa cuairt air an Rìoghachd Aontaiche uaireigin ann an 2006.

Page updated: Monday, June 12, 2006