On this page:

Dreachd Bhile (Word)

Bile na Gàidhlig (Alba)

[DREACHD COMHAIRLEACHAIDH]

 CLÀR-INNSE

Earrann

Bòrd na Gàidhlig

1 Bun-reachd agus gnìomhan Bòrd na Gàidhlig

 2 Plana-cànain nàiseanta Gàidhlig

 3 Planaichean-cànain Gàidhlig: stiùireadh, cuideachadh, msaa.

 4 Treòrachadh agus stiùireadh

Planaichean-cànain Gàidhlig

5 Planaichean-cànain Gàidhlig

 6 Planaichean-cànain Gàidhlig: tuilleadh ullachaidh

 7 Ath-bhreithneachadh

 8 Buidhnean poblach ris a bheil pàipear-taice 2 a' buntainn

Coitcheann

9 Mìneachadh

 10 Riaghailtean agus òrdughan

 11 Atharrachaidhean co-leanailteach

 12 Geàrr-thiotal agus tòiseachadh

__________

Pàipear-taice 1 -Bòrd na Gàidhlig

 Pàipear-taice 2 -Planaichean-cànain Gàidhlig: buidhnean poblach

 Pàipear-taice 3 -Atharrachaidhean co-leanailteach



Bile na Gàidhlig (Alba)

DREACHD COMHAIRLEACHAIDH

Achd bho Phàrlamaid na h-Alba gus buidheann a stèidheachadh le gnìomhan an co-cheangal ri bhith a' cur inbhe na Gàidhlig air stèidh thèarainte mar aon de chànain na h-Alba, a' gabhail asteach a' ghnìomh a bhith ag ullachadh plana-cànain Gàidhlig nàiseanta; ga dhèanamh riatanach do chuid de bhuidhnean poblach far a bheil iad a' meas iomchaidh a bhith ag ullachadh agus a' foillseachadh phlanaichean an co-cheangal ri cleachdadh na Gàidhlig ann an coileanadh an gnìomhan; agus na planaichean sin a chumail suas agus a bhuileachadh; agus airson adhbharan co-cheangailte. 

Bòrd na Gàidhlig

1Bun-reachd agus gnìomhan Bòrd na Gàidhlig

(1) Tha buidheann chorporra air a stèidheachadh a bhios air aithneachadh mar Bòrd na Gàidhlig (san Achd seo air ainmeachadh "am Bòrd").

(2) Tha na gnìomhan coitcheann a leanas aig a' Bhòrd-

(a) adhartachadh, agus cuideachadh le adhartachadh, cleachdadh agus tuigse na Gàidhlig, agus

(b) comhairleachadh Ministearan na h-Alba mu nithean co-cheangailte ris a' Ghàidhlig agus cultar na Gàidhlig.

(3) Tha na gnìomhan a tha an Achd seo a' buileachadh air a' Bhòrd rin coileanadh le sùil ri bhith a' cur inbhe na Gàidhlig air stèidh thèarainte mar aon de chànain na h-Alba tro bhith -

(a) a' meudachadh an àireamh de dhaoine a tha a' labhairt no a' tuigsinn na Gàidhlig,

(b) a' misneachadh cleachdadh na Gàidhlig, agus

(c) a' cuideachadh le cothrom, an Alba agus an ceàrnaidhean eile, air Gàidhlig agus cultar na Gàidhlig. 

(4) Tha pàipear-taice 1 a' dèanamh tuilleadh ullachaidh a thaobh inbhe, bun-reachd, cùisean, msaa. a' Bhùird.

2Plana-cànain nàiseanta Gàidhlig 

(1) Feumaidh am Bòrd, taobh a-staigh 12 mìosan bho thòiseachadh na h-earrainn seo, plana-cànain nàiseanta Gàidhlig ullachadh agus a chur a-steach gu Ministearan na h- Alba a dh'fheumas a bhith a' gabhail a-steach molaidhean airson adhartachadh, agus cuideachadh le adhartachadh, na Gàidhlig. 

(2) Ann an ullachadh a' phlana, feumaidh am Bòrd co-chomhairle a chur ris na daoine a tha a' nochdadh ùidh sa phlana. 

(3) Faodaidh Ministearan na h-Alba-

(a) aonta a chur ris a' phlana, no

(b) beachd a thoirt air a' phlana mar a chì iad iomchaidh agus iarraidh air a' Bhòrd plana eile a' toirt spèis do na beachdan sin ullachadh agus a chur a-steach thuca, taobh a-staigh na h-ùine a dh'fhaodadh iad a shònrachadh. 

(4) Nuair a chuireas Ministearan na h-Alba an aonta ris a' phlana, feumaidh am Bòrd fhoillseachadh san dòigh a chì e iomchaidh. 

(5) Faodaidh Ministearan na h-Alba, aig àm sam bith, iarraidh air a' Bhòrd plana-cànain nàiseanta Gàidhlig ùr ullachadh agus a chur a-steach thuca. 

(6) Tha fo-earrannan (1) gu (4) a' buntainn ri plana air ullachadh a rèir iarrtais fo fo-earrann

(5), mar a tha iad a' buntainn ri plana a chaidh ullachadh a rèir fo-earrainn (1) ach, ann am fo-earrann (1) tha iomradh air ceann-latha an iarrtais air a chur an àite an iomraidh airson tòiseachadh na h-earrainn seo. 

3Planaichean-cànain Gàidhlig: stiùireadh, cuideachadh, msaa. 

(1) Feumaidh am Bòrd, bho àm gu àm nuair a chì e iomchaidh, a bhith ag ullachadh agus a' cur a-steach gu Ministearan na h-Alba stiùireadh do bhuidhnean poblach ris a bheil pàipear-taice 2 a' buntainn an co-cheangal ri coileanadh an gnìomhan fon Achd seo. 

(2) Ann an ullachadh an stiùiridh, feumaidh am Bòrd co-chomhairle a chur ri na daoine a tha a' nochdadh ùidh san stiùireadh. 

(3) Faodaidh Ministearan na h-Alba-

(a) aonta a chur ris an stiùireadh le mion-atharrachadh no às aonais, no

(b) an stiùireadh a dhiùltadh agus, far an dèan iad sin, faodaidh iad iarraidh air a' Bhòrd stiùireadh leasaichte ullachadh agus a chur a-steach thuca, taobh a-staigh na h-ùine a dh'fhaodadh iad a shònrachadh. 

(4) Nuair a chuireas Ministearan na h-Alba aonta ris an stiùireadh sin, feumaidh am Bòrd fhoillseachadh san dòigh a chì e iomchaidh. 

(5) Feumaidh am Bòrd, ma thig iarrtas bho bhuidheann poblach ris a bheil pàipear-taice 2 a' buntainn, comhairle agus cuideachadh a thoirt don bhuidhinn a thaobh mar a bhios a' bhuidheann a' coileanadh a ghnìomhan fon Achd seo.

4Treòrachadh agus stiùireadh 

(1) Faodaidh Ministearan na h-Alba treòrachadh (coitcheann no sònraichte) a thoirt don Bhòrd agus stiùireadh mu choileanadh gnìomhan a' Bhùird. 

(2) Feumaidh am Bòrd cumail ri treòrachadh mar sin agus spèis a thoirt do stiùireadh mar sin.

Planaichean-cànain Gàidhlig

5Planaichean-cànain Gàidhlig

(1) Feumaidh a h-uile buidheann phoblach ris a bheil pàipear-taice 2 a' buntainn, taobh astaigh na h-ùine air ainmeachadh ann am fo-earrann (2)-

(a) co-dhùnadh, le spèis do na nithean air an ainmeachadh ann am fo-earrann (5), a bheil e iomchaidh plana-cànain Gàidhlig ullachadh agus fhoillseachadh, agus

(b) ma cho-dhùineas buidheann gu bheil e iomchaidh sin a dhèanamh, am plana sin ullachadh agus fhoillseachadh.

(2) 'S e an ùine air ainmeachadh ann am fo-earrann (1) an ùine de 2 bhliadhna, no ùine sam bith eile a dh'fhaodadh Ministearan na h-Alba a shònrachadh le òrdugh-

(a) bho thòiseachadh na h-earrainn seo, no

(b) ma bhios e nas fhaide, bhon chiad latha air am bi pàipear-taice 2 a' buntainn ris a' bhuidhinn phoblaich air am bheilear a' beachdachadh. 

(3) Feumaidh plana-cànain Gàidhlig-

(a) a bhith a' sònrachadh mar a tha a' bhuidheann phoblach an dùil a' Ghàidhlig a chleachdadh co-cheangailte ri coileanadh gnìomhan na buidhne sin, agus

(b) a bhith a' gabhail a-steach fiosrachadh sam bith eile a dh'fhaodadh a bhith air a shònrachadh ann an riaghailtean air an dèanamh fo earrann 6(3). 

(4) Feumaidh buidheann poblach, ann an co-dhùnadh an gabh i a-steach ann am planacànain Gàidhlig fo fo-earrann (1) ceuman gus cuideachadh le cleachdadh na Gàidhlig co-cheangailte ri coileanadh gnìomh sam bith a tha aig a' bhuidhinn (a thuilleadh air ceuman riatanach sam bith rin gabhail a-steach mar thoradh air riaghailtean air an dèanamh fo earrann 6(3)) spèis a thoirt do na nithean air an ainmeachadh ann am foearrann (5). 

(5) 'S iad na nithean air an ainmeachadh ann am fo-earrannan (1) agus (4)-

(a) an ìre gu bheil a' Ghàidhlig air a cleachdadh leis na daoine ris a bheil gnìomhan na buidhne poblaiche a' buntainn,

(b) beachdan sam bith air an cur ris a' bhuidhinn phoblaich an co-cheangal ri cleachdadh na Gàidhlig co-cheangailte ri coileanadh nan gnìomhan sin,

(c) stiùireadh sam bith a bheir Ministearan na h-Alba,

(d) stiùireadh sam bith a bheir Bòrd na Gàidhlig agus air aontachadh le Ministearan na h-Alba. 

(6) Ann an ullachadh plana-cànain Gàidhlig fo fo-earrann (1), feumaidh buidheann poblach co-chomhairle a chur ri daoine a tha i a' meas a tha a' nochdadh ùidh sa phlana. 

(7) Feumaidh buidheann poblach a tha air plana-cànain Gàidhlig fhoillseachadh fo foearrann (1) a bhith a' buileachadh nan ceuman a tha air an comharrachadh ann.

6Planaichean-cànain Gàidhlig: tuilleadh ullachaidh 

(1) Far a bheil buidheann poblach a' co-dhùnadh fo earrann 5(1) no 7(5) nach eil e iomchaidh plana-cànain Gàidhlig ullachadh agus fhoillseachadh, feumaidh am buidheann adhbharan a' cho-dhùnaidh sin innse don Bòrd. 

(2) Mur h-eil am Bòrd toilichte le na h-adhbharan sin, faodaidh e aithisg a chur gu Ministearan na h-Alba ag innse nan adhbharan airson a' mhì-thoileachais sin. 

(3) Faodaidh Ministearan na h-Alba le riaghailtean tuilleadh ullachaidh a dhèanamh an cocheangal ri susbaint planaichean-cànain Gàidhlig. 

(4) Faodaidh riaghailtean mar sin ullachadh eadar-dhealaichte a dhèanamh airson adhbharan eadar-dhealaichte no airson buidhnean poblach de dhiofar seòrsa.

7Ath-bhreithneachadh 

(1) Feumaidh buidheann phoblach a tha air plana-cànain Gàidhlig fhoillseachadh fo earrann 5(1), aig àm nach eil nas fhaide na còig bliadhna an dèidh ceann-latha foillseachaidh a' phlana-

(a) am plana ath-bhreithneachadh,

(b) atharrachaidhean sam bith a dhèanamh (ma bhios feum air) ris a' phlana mar a bhios a' bhuidheann a' meas deatamach no iomchaidh, agus

(c) am plana ath-fhoillseachadh (eadar gum bi e air atharrachadh no nach bi). 

(2) Tha fo-earrannan (3) gu (6) de earrann 5 a' buntainn an co-cheangal ri athbhreithneachadh agus atharrachadh plana fo fo-earrann (1) den earrann seo mar a tha iad a' buntainn an co-cheangal ri ullachadh plana fo fo-earrann (1) den earrann sin. 

(3) Tha fo-earrann (7) de earrann 5 agus fo-earrannan (1) agus (4) den earrann seo a' buntainn an co-cheangal ri plana-cànain Gàidhlig ath-fhoillsichte ann am fo-earrann (1)(c) den earrann seo mar a tha iad a' buntainn an co-cheangal ri plana foillsichte fo foearrann (1)(b) den earrann sin. 

(4) Faodaidh buidheann phoblach, gun ath-bhreithneachadh a dhèanamh, aig àm sam bith plana-cànain Gàidhlig foillsichte fo earrann 5(1) atharrachadh (mar eisimpleir, le bhith a' ceartachadh mearachd no ag ùrachadh fiosrachaidh) ann an dòigh nach dèan cus atharrachaidh air a' phlana. 

(5) Far a bheil buidheann phoblach a' co-dhùnadh fo earrann 5(1) nach eil e iomchaidh plana-cànain Gàidhlig ullachadh agus fhoillseachadh feumaidh am buidheann, gun a bhith nas fhaide na còig bliadhna an dèidh ceann-latha a' cho-dhùnaidh, athbhreithneachadh a dhèanamh air a' cho-dhùnadh sin.

8Buidhnean poblach ris a bheil pàipear-taice 2 a' buntainn 

(1) 'S iad na buidhnean poblach ris a bheil pàipear-taice 2 a' buntainn na daoine a tha air an sònrachadh no den choltas a tha air a shònrachadh sa phàipear-taice sin. 

(2) Faodaidh Ministearan na h-Alba le òrdugh am pàipear-taice sin atharrachadh le clàradh sam bith a chur ris, a thoirt às no atharrachadh.

Coitcheann

9Mìneachadh 

(1) San Achd seo-

tha "a' Ghàidhlig" a' ciallachadh cànan na Gàidhlig mar a tha e air a labhairt an  Alba, tha "cultar na Gàidhlig" a' ciallachadh dualchasan, beachdan, smuaintean agus dearbh-aithne a tha coitcheann dhaibhsan a tha a' labhairt no a' tuigsinn na Gàidhlig. 

(2) Airson adhbharan na h-Achd seo, tha na gnìomhan aig buidhinn poblaich a' gabhail asteach -

(a) gnìomhan co-cheangailte ri na modhan-obrachaidh taobh a-staigh na buidhne, agus

(b) ullachadh na buidhne poblaiche air seirbheisean sam bith don phoball.

10Riaghailtean agus òrdughan 

(1) Bidh riaghailtean agus òrdughan fon Achd seo air an dèanamh le ionnstramaid reachdail. 

(2) Tha ionnstramaid anns a bheil òrdugh fo earrann 5(2) no 8(2) no riaghailtean fo earrann 6(3) buailteach air a chur às a' leantainn air rùn Phàrlamaid na h-Alba.

11Atharrachaidhean co-leanailteach 

Tha pàipear-taice 3 (atharrachaidhean co-leanailteach) stèidhichte.

12Geàrr-thiotal agus tòiseachadh 

(1) Faodaidh an Achd seo a bhith air a h-ainmeachadh mar Achd na Gàidhlig (Alba). 

(2) Tha an Achd seo (ach a-mhàin earrann 10 agus an earrann seo) a' tighinn a-steach air an latha a dh'fhaodadh Ministearan na h-Alba a shuidheachadh le òrdugh. 

(3) Faodaidh òrdugh fo fo-earrann (2) a bhith a' gabhail a-steach ullachadh tuiteamach, leasachail, co-leanailteach, eadar-amail, sealach no caomhantach co-cheangailte ri tighinn an gnìomh nan cumhachan a chaidh an toirt a-steach mar a chì Ministearan na h- Alba iomchaidh.  



PÀIPEAR-TAICE 1

(air a thoirt a-steach le earrann 1(4))

B ÒRD NA G ÀIDHLIG

Inbhe 

1 Chan eil am Bòrd-

(a) ri mheas mar sheirbheiseach no neach-ionaid a' Chrùin,

(b) a' mealtainn inbhe, dìonachd no còir sam bith bhon Chrùn.

agus chan eil seilbh a' Bhùird ri mheas mar sheilbh leis a' Chrùn, no air a chumail às leth a' Chrùin.

Ballrachd 

2 (1) Bidh am Bòrd air a dhèanamh suas de-

(a) gun a bhith nas lugha na 5, no nas motha na 8, buill chumanta, agus

(b) neach aig am bi e mar ghnìomh a bhith sa chathair air a' Bhòrd, (sa phàipear-taice seo air ainmeachadh mar an "Cathraiche") a bhios na bhall ex officio, air a chur an dreuchd le Ministearan na h-Alba. 

(2) Bidh gach ball cumanta air a chur an dreuchd airson tràth 3 bliadhna. 

(3) Bidh an Cathraiche air a chur an dreuchd airson tràth 4 bliadhna. 

(4) Faodaidh gach ball-

(a) le brath ann an sgrìobhadh gu Ministearan na h-Alba, a bhallrachd a thoirt suas,

(b) air mhodh eile, fuireach san dreuchd no fhàgail le na cumhachan agus cùmhnantan  a cho-dhùineas Ministearan na h-Alba,

(c) nuair a thig an dreuchd gu crìch, a bhith air ath-chur an dreuchd airson aon tràth eile ann an sreath agus co-ionann ris a' chiad ùine cur an dreuchd. 

(5) Faodaidh Ministearan na h-Alba, le brath ann an sgrìobhadh, ball a chur às a dhreuchd ma tha iad riaraichte gu bheil-

(a) oighreachd a' bhuill air a cur gu taobh no binn briseadh-creideis air a thoirt amach air a' bhall, cùmhnant air a dhèanamh ri creidearan no bann-creideis air aontachadh ri creidearan no cùmhnant sgrìobhte, no

(b) am ball-

(i) bhon fheum mar thoradh air tinneas cuirp no inntinn,

(ii) air a bhith neo-làthair bho choinneamhan a' Bhùird airson ùine nas fhaide na trì mìosan ann an sreath gun chead bhon Bhòrd, no

(iii) neo-fhreagarrach air mhodh eile no neo-chomasach air an obair aige mar bhall a choileanadh. 

3 Chan fhaod neach a bhith air a chur an dreuchd no cumail a' dol mar bhall den Bhòrd ma tha an neach sin no (mas e sin a' chùis) a' gabhail dreuchd -

(a) mar bhall de Thaigh nan Cumantan,

(b) mar bhall de Phàrlamaid na h-Alba, no

(c) mar bhall de Phàrlamaid na h-Eòrpa.

Pàigheadh agus cuibhreannan 

4 Feumaidh am Bòrd am pàigheadh agus na cuibhreannan a shuidhicheas Ministearan na h-Alba a thoirt don Chathraiche agus do na buill chumanta.

Ceannard agus luchd-obrach eile 

5 (1) Feumaidh Ministearan na h-Alba, an dèidh co-chomhairle a chur ris a' Chathraiche, a' chiad cheannard aig Bòrd na Gàidhlig a chur an dreuchd fo na cumhachan a shuidhicheas Ministearan na h-Alba. 

(2) Faodaidh am Bòrd an dèidh sin, le aonta Mhinistearan na h-Alba, dreuchd a' cheannaird a lìonadh fo na cumhachan a dh'fhaodas e a shuidheachadh le aonta Mhinistearan na h- Alba. 

(3) Faodaidh am Bòrd luchd-obrach sam bith eile a chur an dreuchd mar a chì iad iomchaidh fo na cumhachan a dh'fhaodas iad a shuidheachadh le aonta Mhinistearan na h-Alba. 

(4) Feumaidh am Bòrd, a thaobh an luchd-obrach a dh'fhaodas e a shuidheachadh le aonta Mhinistearan na h-Alba, an t-ullachadh a chì e iomchaidh a dhèanamh airson a bhith a' toirt, do no a thaobh an luchd-obrach sin, peinnseanan, cuibhreannan no tiodhlacan. 

(5) A thaobh an ullachaidh sin-

(a) faodaidh e a bhith a' gabhail a-steach stèidheachadh agus rianachd, leis a' Bhòrd no air mhodh eile, aon no barrachd air aon sgeama peinnsein, agus

(b) feumaidh e, co-dhiù, a bhith air aontachadh le Ministearan na h-Alba. 

(6) Tha an t-iomradh ann am fo-pharagraf (4) air an ullachadh airson peinnseanan, cuibhreannan no tìodhlacan a' gabhail a-steach iomradh air an ullachadh a thaobh airgead-dìolaidh airson call dreuchd no cosnaidh no airson call no lùghdachadh tuarastail.

Comataidhean 

6 Faodaidh am Bòrd comataidhean a chur air bhonn airson no co-cheangailte ri gnìomhan sam bith a shuidhicheas e.

Cùisean agus coinneamhan 

7 (1) Faodaidh am Bòrd a mhodh-obrachaidh fhèin a shuidheachadh, a' gabhail a-steach cuòram airson coinneamhan. 

(2) Cha bhi buaidh air èifeachd chùisean sam bith a bhuineas don Bhòrd agus do chomataidh sam bith a chuireas e air bhonn tro dhreuchd falamh am measg nam ball aige fhèin no aig a' chomataidh no uireasbhaidh sam bith ann a bhith a' cur an dreuchd ball sam bith den Bhòrd. 

(3) Faodaidh buill de Riaghaltas na h-Alba, fo-Mhinistearan na h-Alba agus daoine ùghdarraichte le Ministearan na h-Alba a bhith an làthair agus a' com-pàirteachadh ann an coinneamhan a' Bhùird agus comataidh sam bith a chuir e air bhonn, ach chan eil còir aca air bhòtadh aig na coinneamhan sin.

Cunntasan agus aithisg bhliadhnail 

8 Feumaidh am Bòrd-

(a) cunntas ullachadh airson gach bliadhna ionmhais, a rèir treòrachadh Mhinistearan na h-Alba, de chosgaisean agus teachd-a-steach a' Bhùird, agus

(b) an cunntas a chur airson sgrùdadh, ron àm a dh'iarras Ministearan na h-Alba, gu Àrd-neach-sgrùdaidh na h-Alba. 

9 Cho luath 's a ghabhas dèanamh aig ceann gach bliadhna ionmhais, feumaidh am Bòrd aithisg ullachadh mu choileanadh a ghnìomhan rè na bliadhna sin agus feumaidh e-

(a) lethbhreac den aithisg a chur gu Ministearan na h-Alba agus an aithisg fhoillseachadh, agus

(b) an aithisg a chur fa chomhair na Pàrlamaid.

Ùghdarrachadh ghnìomhan le Ministearan na h-Alba 

10 (1) Faodaidh Ministearan na h-Alba ullachadh a dhèanamh airson obair sam bith a bhith air a choileanadh às an leth, le ùmhlachd do na cumhachan a dh'fhaodadh iad a leagail, leis a' Bhòrd; agus faodaidh am Bòrd na gnìomhan sin a choileanadh a rèir sin. 

(2) Chan eil ullachadh ann am fo-pharagraf (1) a' toirt buaidh air dleastanas Mhinistearan na h-Alba an gnìomhan a choileanadh. 

(3) Ann am fo-pharagraf (1), chan eil "gnìomhan" a' gabhail a-steach a bhith a' dèanamh, a' dearbhadh no a' cur aonta ri fo-reachdas.

Ùghdarrasan coitcheann 

11 Faodaidh am Bòrd rud sam a dhèanamh (an Alba no an ceàrnaidhean eile) a tha cuideachail no tuiteamach ann an coileanadh a ghnìomhan, agus faodaidh e gu sònraichte a bhith-

(a) a' com-pàirteachadh ann an gnothach no obair sam bith,

(b) a' cruthachadh no ag adhartachadh chompanaidhean (nan aonar no còmhla ri daoine eile) (taobh a-staigh brìgh Achd nan Companaidhean 1985 (c.6)),

(c) a' dol an com-pàirteachas ri daoine eile,

(d) le aonta Mhinistearan na h-Alba, a' cur air bhonn no a' com-pàirteachadh ann an stèidheachadh bhuidhnean aig a bheil gnìomhan co-ionann ri gnìomhan a' Bhùird,

(e) a' tòiseachadh air cunnraidhean,

(f) a' toirt seachad thabhartasan agus iasadan,

(g) le aonta Mhinistearan na h-Alba a thaobh na suim, a' cur prìs air solarachadh comhairle no seirbheisean eile,

(h) a' gabhail thiodhlacan airgid no seilbh eile,

(i) a' tasgadh shuimean air nach eilear a' cur feum sa bhad an co-cheangal ri coileanadh a ghnìomhan.

Tabhartasan 

12 (1) Faodaidh Ministearan na h-Alba tabhartasan a thoirt don Bhòrd airson nan adhbhar agus de na suimean a chì iad iomchaidh. 

(2) Faodaidh tabhartas sam bith ann am fo-pharagraf (1) a bhith air a dhèanamh a rèir nan cumhachan a chì Ministearan na h-Alba iomchaidh.

(3) Chan eil ùghdarras aig a' Bhòrd a bhith a' toirt airgead a-mach air iasad no a' dol an urras.  



PÀIPEAR-TAICE 2

(air a thoirt a-steach le earrann 8(1))

P LANAICHEAN - CÀNAIN G ÀIDHLIG : BUIDHNEAN POBLACH

Pàrlamaid na h-Alba agus Rianachd na h-Alba

1 A' Chorporras Phàrlamaideach.

2 Ball sam bith de Riaghaltas na h-Alba.

3 Duine sam bith eile le dreuchd ann an Rianachd na h-Alba.

Seirbheis na Slàinte

4 Buidheann sam bith sna seirbheisean slàinte, 's e sin ri ràdh-

(a) Bòrd Slàinte sam bith,

(b) Bòrd Slàinte Sònraichte sam bith,

(c) Buidheann nan Seirbheisean Choitcheann airson Seirbheis na Slàinte an Alba,

(d) Bòrd Cleachdadh Deudachd na h-Alba,

(e) Ùghdarras Sochair Inntinn airson Alba.

Riaghaltas ionadail msaa.

5 Ùghdarras ionadail sam bith.

6 Comataidh, co-chomataidh no co-bhòrd anns a bheil buill, a bharrachd air buill ex officio, air an cur an dreuchd le aon ùghdarras ionadail no barrachd.

7 Neach sam bith a tha, mar thoradh air earrann 56(1) de Achd an Riaghaltais Ionadail (Alba) 1973 (c.65), a' coilionadh gnìomh sam bith a bhuineas do ùghdarras ionadail.

8 Bòrd ceadachd sam bith taobh a-staigh brìgh Achd Ceadachd (Alba) 1976 (c.66).

9 Ùghdarras Còmhdhail Luchd-siubhail Shrath Chluaidh.

10 Ùghdarras Pàirc Nàiseanta sam bith.

11 Co-bhòrd sam bith air a shuidheachadh le òrdugh rianachd fo earrann 36 de Achd nan Seirbheisean Smàlaidh 1947 (c.41) no earrann 147 de Achd an Riaghaltais Ionadail (Alba) 1973 (c.65).

12 Co-bhòrd coitcheann poileis sam bith air a shuidheachadh le sgeama amalachaidh dèanta no aontaichte fo Achd a' Phoileis (Alba) 1967 (c.77).

13 Comataidh Comhairleachaidh Pannal na Cloinne sam bith air a chruthachadh fo pharagraf 3, no co-chomataidh comhairleachaidh air a chruthachadh fo pharagraf 8, de Phàipear-taice 1 ri Achd na Cloinne (Alba) 1995 (c.36).

14 Co-chomataidh sam bith, airson rianachd sgeamaichean peinnseanachaidh do dhaoine fastaichte ann an seirbheis riaghaltas ionadail no tidsearan, stèidhichte le riaghailtean fo earrann 7 no 9 de Achd a' Pheinnseanachaidh 1972 (c.11) fa leth.

Taigheadas

15 Uachdaran sòisealta clàraichte sam bith taobh a-staigh brìgh Achd an Taigheadais (Alba) 2001 (asp 10).

Ùghdarrasan poblach na h-Alba

16 Coimisean nan Cunntasan airson Alba.

17 Sgrùdadh Alba.

18 Àrd-neach-sgrùdaidh na h-Alba.

19 An t-Àrd-oifigear Rannsachaidh air a stèidheachadh le earrann 9(1) de Achd Inbhean Eiticeil sa Bheatha Phoblach msaa. (Alba) 2000 (asp 7).

20 Ùghdarras nan Croitearan.

21 Ùghdarras nam Fiadh an Alba.

22 Comhairle Teagaisg Choitcheann na h-Alba.

23 Iomairt na Gaidhealtachd is nan Eilean.

24 Ionnsachadh agus Teagasg Alba.

25 Companaidh iomairt ionadail sam bith, tha sin ri ràdh companaidh sam bith (taobh astaigh brìgh Achd nan Companaidhean 1985 (c.6))-

(a) a tha na fho-chompanaidh a bhuineas gu h-iomlan (taobh a-staigh brìgh na h-Achd sin) do Iomairt na h-Alba no Iomairt na Gaidhealtachd is nan Eilean, agus

(b) ris a bheil cùmhnant (chan e cùmhnant a tha air a thoirt gu crìch) air a dhèanamh a' leantainn earrann 19 de Achd na h-Iomairt agus nam Bailtean Ùra (Alba) 1990 (c.35) le Iomairt na h-Alba no Iomairt na Gaidhealtachd is nan Eilean gus an coilean a' chompanaidh sin gnìomhan sam bith aig Iomairt na h-Alba no, mar a dh'fhaodadh a bhith, Iomairt na Gaidhealtachd is nan Eilean.

26 Coimisean Chrìoch an Riaghaltais Ionadail an Alba.

27 Bòrd Urrasairean Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba.

28 Urrasairean Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

29 Bòrd Urrasairean Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.

30 Bòrd Cead-saoraidh na h-Alba.

31 Bòrd Urrasairean An Luibh-ghàrradh Rìoghail, Dùn Èideann.

32 Coimisean Rìoghail nan Làraichean Àrsaidh is Eachdraidheil an Alba.

33 Bòrd Tuarastail Àiteachais na h-Alba.

34 Comhairle Ealain na h-Alba.

35 Rianachd Neach-clàraidh na Cloinne an Alba.

36 An Coimisean Albannach airson Riaghladh Cùraim.

37 Iomairt na h-Alba.

38 Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba.

39 Comhairle Mhaoineachaidh Foghlam Adhartach na h-Alba.

40 Aonad Foghlam Adhartach na h-Alba.

41 Comhairle Mhaoineachaidh Foghlam Àrd-ìre na h-Alba.

42 Urras Rannsachaidh Tochraidh Ospadail na h-Alba.

43 Bòrd Taic-laghail na h-Alba.

44 Dualchas Nàdair na h-Alba.

45 Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba.

46 Sgrion Alba.

47 Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba.

48 Comhairle Spòrs na h-Alba.

49 Bòrd Turasachd na h-Alba.

50 Coimisean nan Inbhean airson Alba.

51 Coimiseanair Gnìomhachas an Uisge an Alba.

52 Neach sam bith le dreuchd-

(a) stèidhichte le no fo achdachadh sam bith, agus

(b) cur an dreuchd, no sònrachadh, a tha air an dèanamh le buidhinn ainmichte ann am paragraf 5 no 6 den phàipear-taice seo. 

PÀIPEAR-TAICE 3

(air a thoirt a-steach le earrann 11)

ATHARRACHAIDHEAN C O - LEANAILTEACH 

Achd Inbhean Eiticeil sa Bheatha Phoblach msaa. (Alba) 2000 (asp 7)

1 Ann am pàipear-taice 3 ri Achd Inbhean Eiticeil sa Bheatha Phoblach msaa. (Alba) 2000 (buidhnean poblach ùghdarraichte) cuir "Bòrd na Gàidhlig" san àite iomchaidh.

Achd Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba 2002 (asp 11)

2 Ann am Pàirt 2 de phàipear-taice 2 ri Achd Ombudsman Seirbheisean Poblach na h- Alba 2002 (ùghdarrasan liostaichte atharrachail le Òrdugh sa Chomhairle) cuir "Bòrd na Gàidhlig" san àite iomchaidh.

Page updated: Monday, June 12, 2006