On this page:

Coinneamh Lunnainn - BnaG

A bharrachd air na tha de choinneamhan conaltraidh mu Bhile na Gàidhlig a gabhail aite air feadh Alba, tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd dol a choinneachadh le Gàidheil Lunnainn. 

Thuirt ceannard Bòrd na Gàidhlig, Ailean Caimbeul, gun do dh'iarr Gàidheil Lunnainn coinneamh gus beachdachadh air a Bhile, agus gun robh am Bòrd ro-thoilichte an cothrom sin a thoirt dhaibh. "Tha sinn mothachail gur e Comann Gàidhlig Lunnainn an Comann as sine a th'ann, agus tha iad air a bhith sònraichtetaiceal dhan Ghàidhlig thar corr is dà cheud bliadhna. Tha sinn a cur luach air taic Ghàidheil air feadh an t-saoghail agus tha an fheadhainn a tha ann an Lunnainn sàr chudromach, agus tha fios againn gun cuir iad beachdan làidir pongail gu riaghaltas na h-Alba mun Bhile seo". 

Tha Cathraiche Comann Gàidhlig Lunnain, Iain MacLeòid, a' cuir fàilte air a choinneamh agus tha e a cuir a-mach cuairt litir leis an fhiosrachadh, agus leig e fhaicinn dha na buill aig Coinneamh BhliadhnailComann Gàidhlig Lunnainn an t-seachdain seo chaidh gun robh a' choinneamh conaltraidh a' tachairt. "Tha sinn an dochas gun ruig fiosrachadh mun choinneamh seo na Gàidheil air fad an seo agus gu nochd sluagh mòr gus beachdachadh air a Bhile seo a tha cho cudromach dhan Ghàidhlig." 

Tha a choinneamh sin gu bhith a gabhail aite aig Crown Court Church of Scotland, Russell Street, Covent Garden,WC2 B5EZ, air Diluain 8 Dubhlachd aig 6.00 feasgar.

Page updated: Monday, June 12, 2006