On this page:

PM Oraid

First Minister McConnell

ÒRAID BHON PHRÌOMH MHINISTEAR,

RT HON JACK McCONNELL BPA

AIG CUIRM FOSGLAIDH A' CHEUDAMH MÒD

AN T-ÒBAN, 10 DÀMHAIR 2003

A Chinn-suidhe, a Neach-gairm, Buill a' Chomuinn, a Mhnathan agus a Dhaoine Uasail,

Dh'iarrainn taing a thoirt do Iain MacÌomhair airson na fàilte bhlàth agus dh'iarrainn taing agus moladh a thoirt do na h-Urrasairean airson an taic don Cheudamh Mòd seo.

Tha mi air leth toilichte a bhith an seo a-nochd, còmhla ri Ministear na Gàidhlig. Tha trì adhbharan againn a bhith an seo.

An toiseach, àite na Gàidhlig an Alba a chomharrachadh agus a dhaingneachadh. 'S e an dara adhbhar, meal-an-naidheachd a chur oirbh aig a' 100 mh Mòd Nàiseanta Rìoghail. agus, 's e an treas adhbhar gus am Bile Gàidhlig againn fhoillseachadh airson co-chomhairle.

Mar a dh'eadar-mhìnich Dòmhnall Dewar nach maireann e - bithidh Achd Gaidhlig ann. 'S toigh leam sin.

Gàidhlig - Cànan Albannach

Cha bu chòir teagamh sam bith a bhith ann mu inbhe na Gàidhlig mar chànan Albannach.  Tha i na pàirt shònraichte agus luachmhor de ar cultar agus ar dualchas. Thuirt Somhairle MacGillEain, 'ma gheibh a' Ghàidhlig bàs, caillidh Alba luach nach gabh luaidh, agus caillidh na Gàidheil cha mhòr gach nì'.

Tha mise ag aontachadh leis, agus a-nochd tha mi airson gun daingnich mi mo thaic airson na Gàidhlig mar chànan shoirbheachail a tha a' cuideachadh eaconamaidh, cultar agus coimhearsnachdan na h-Alba - agus airson àite na Gàidhlig taobh a-staigh aon Alba ioma-chultair.

Ann an Alba tha ceanglaichean làidir agus soilleir eadar ar fearann agus ar sluagh agus a' Ghàidhlig. Tha freumhan Gàidhlig aig mòran de ar sloinnidhean agus tha ainmean air ar bailtean agus aibhnichean, cnuic agus lochan a bha air an toirt dhaibh le ginealaichean de luchd-labhairt Gàidhlig.

Ach, tha a' Ghàidhlig a' gabhail a-staigh barrachd na ar dualchas agus ainmean-àite. Chan e a-mhàin gu bheil a' Ghàidhlig beò, tha i na doras a-steach do chultar a tha gach cuid sean-nòs agus ùr-nòs - cultar le prionnsabalan agus creideamhan air an comharrachadh ann am beul-aithris, ceòl, òran, danns, bàrdachd agus litreachas.

Tha am Mòd bliadhnail a' gabhail a-staigh nan taobhan sin uile den Ghàidhlig agus a' cur gu mòr ri inbhe agus neart a' chànain.

Thuirt Iain Crichton Mac a' Ghobhainn, 'neach a tha a' call a chànan tha e a' call a shaoghal'. Tha e a-nis an urra ri luchd-poileataics an latha an-diugh dèanamh cinnteach gum bi a' Ghàidhlig air a neartachadh agus tha mo dhleastanasan mar Phrìomh Mhinistear na h-Alba airson taic a thoirt don Ghàidhlig fìor chudthromach dhomh. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach chan e a-mhàin gum bi sinn a' cumail suas an dlùth cheangal eadar a' Ghàidhlig agus gach cuid eachdraidh agus cruinn-eòlas na h-Alba, ach cuideachd gum bi a' Ghàidhlig a' soirbheachadh. Chan e làithean a dh'fhalbh a-mhàin a bhuineas don Ghàidhlig - feumar sealltainn gu bheil làithean ri teachd aice cuideachd.

Chan ann dìreach a' leantainn ri cladaichean iar-thuath na h-Alba a tha a' Ghàidhlig. Tha pàirt air a bhith aig luchd-labhairt Gàidhlig ann an cumadh a thoirt air iomadh taobh de bheatha na h-Alba. Tha a' choimhearsnachd Ghàidhlig cuideachd air mòran a choileanadh o chionn ghoirid ann an craoladh, teicneolas, foghlam agus na h-ealain.

Gàidhlig - Àite Oifigeil

Cha bu chòir teagamh sam bith a bhith ann mu àite na Gàidhlig an Alba.

Ann an Riaghaltas na h-Alba tha Ministear againn le uallach airson Gàidhlig. Tha taic aig a' Ghàidhlig bho phrògraman maoineachaidh Riaghaltais. Tha ullachadh aig Pàrlamaid na h-Alba airson Gàidhlig na h-obair labhairteach agus sgrìobhte.

Tha sinn a' toirt taic do lìonradh de sgoiltean Gàidhlig a tha a' soirbheachadh agus a' fàs. Dh'fhoillsich Ministear an Fhoghlaim agus an Òigridh o chionn ghoirid gu robh e an dùil an t-ullachadh airson Foghlam Meadhan Gàidhlig a neartachadh. Tha an Riaghaltas a' toirt taic do raon farsaing de bhuidhnean leasachaidh Gàidhlig agus a' toirt cuideachadh do chraoladh Gàidhlig.

Cuideachd, mar a tha fios agaibh, air a' bhliadhna a dh'fhalbh stèidhich sinn Bòrd na Gàidhlig gus dòigh-obrachaidh ro-innleachdail a thoirt do leasachadh Gàidhlig an Alba. Tha na ceuman sin a' buileachadh fìor inbhe agus àite air cànan agus cultar na Gàidhlig. Agus 's e ar dùbhlan seasmhachd a thoirt don Ghàidhlig mar chànan Albannach san àm ri teachd.

Chan eil a' Ghàidhlig a' cur bacadh air adhartas san 21 mh linn. Feumaidh sinn coimhearsnachd mhisneachail dhà-chànanach fhaicinn mar phàirt de Alba ar latha. Tha sinn airson roinn foghlam Gàidhlig fhaicinn a' fàs agus eaconamaidh Gàidhlig a' leudachadh. Cuidichidh seo a' cruthachadh na seasmhachd ri teachd a tha mise airson fhaicinn don Ghàidhlig an Alba.

An ceudamh Mòd

Agus tha cultar na Gàidhlig a' cur ri beatha a h-uile duine againn, agus tha mi moiteil às a bhith còmhla ribh aig a' cheudamh Mòd seo.

'S e tachartas cudthromach a tha an seo agus tha am Mòd air adhartas mòr a dhèanamh bhon chiad chruinneachadh lag an seo san Òban ann an 1892. 'S i a- nis an dara fèis chultarach as motha an Alba. Tha tarraing eadar-nàiseanta innte, tha buannachdan eaconamach na lùib agus tha i na pàirt de Alba ùr ioma-chultair.

Bha mi toilichte cluinntinn gu bheil farpaisich aig a' cheudamh Mòd seo à Astràilia , Canada , a' Ghearmailt, Amaireaga agus bhon choimhearsnachd Àisianach an Alba. Tha mi a' tuigsinn gun tàinig daoine cuideachd à Sasainn, a' Chuimrigh agus Èireann.

Bha mi air leth toilichte cluinntinn gu bheil mòran òigridh a' com-pàirteachadh sa Mhòd air an t-seachdain seo tighinn. Mar a tha fios againn uile 's e seo iuchair na Gàidhlig san àm ri teachd. Gu dearbh, tha cunntas-sluaigh 2001 a' sealltainn àrdachadh san àireamh luchd-labhairt Gàidhlig am measg chloinne sa bhun-sgoil. Tha seo na mhisneachd agus na dhùbhlan.

Bile na Gàidhlig

Tha iomadh Achd Pàrlamaid tron linn a dh'fhalbh a' toirt iomradh air Gàidhlig. Tha seo air a chumail suas a-steach don linn seo le ullachadh airson na Gàidhlig ann an reachdas Phàrlamaid na h-Alba agus Phàrlamaid na RA.

Ach, cha robh a h-uile suidheachadh ann an eachdraidh na h-Alba cho taiceil.

B' e geàrr-chunntas Aithisg Bhuidheann-gnìomha Mhic a' Phearsain, a chaidh a shuidheachadh leis an Riaghaltas, air eachdraidh na Gàidhlig, 'sgeul trèigsinn, dearmad oifigeil, droch-rùn, àicheadh le deòin agus . . . dearmad ann an ainm coibhneis'.

Tha mi a' creidsinn gu bheil feadhainn san talla seo no ag èisteachd air feadh Alba aig a bheil cuimhneachain àmhgharach co-cheangailte ri cleachdadh na Gàidhlig. Bidh cuimhne aig cuid a bhith air an smachdachadh san sgoil airson a bhith a' cleachdadh cànan na dachaigh agus na coimhearsnachd agus a bhith a' cluinntinn gum biodh a' Ghàidhlig gan cumail air ais.

B' e Niall Guinne a thuirt gun deach toirt air na Gàidheil, 'tàir a dhèanamh air an cànan agus an dualchas'. Bu chòir na h-eisimpleirean sin fhàgail nar n-eachdraidh agus gun àite a thoirt dhaibh ann an Alba ar latha.

Cho fada air ais ri 1616 bha riaghailt ann an Achd Foghlaim aig Pàrlamaid na h-Alba gum bu chòir don Ghàidhlig a bhith 'abolisheit and removeit'. Tha mi toilichte a ràdh a-nochd gur ann a bhios am Bile Gàidhlig a chuir sinne air bhog a' leantainn gu 'adhartachadh agus leudachadh' don Ghàidhlig.

Tha mi airson a dhèanamh gu tur soilleir, gu bheil an Riaghaltas againne gu làidir airson reachdachadh gus inbhe thèarainte a thoirt don Ghàidhlig an Alba.

Mar Phrìomh Mhinistear, gheall mise sin ann an Steòrnabhagh air 31 Màrt am-bliadhna. Chaidh an gealladh seo ath-aithris san Aonta Com-pàirteachais againn agus sa chunntas a thug mi don Phàrlamaid mu ar rùintean reachdail.

Thug sinn gealladh agus tha sinn air coinneachadh ris a' ghealladh sin an-diugh.

Chaidh cudthrom a chur air Achd Ghàidhlig ann an athchuingean, litrichean, na meadhanan, obair na Pàrlamaid agus buidhnean-obrach ministreil. Tha seo air cuideachadh le dealbhadh an dreachd Bhile a tha sinn a' cur air bhog an-diugh.

Tha am Bile seo na chlach-mhìle an eachdraidh na Gàidhlig an Alba. Nì e leasachadh mòr air àite na Gàidhlig an Alba agus bheir e air falbh teagamhan sam bith mu inbhe laghail no oifigeil na Gàidhlig mar chànan Albannach.

Bidh am Bile seo ag adhartachadh cleachdadh na Gàidhlig agus a' cur ri ìomhaigh a' chànain. Bheir e barrachd comais air barrachd Gàidhlig a chleachdadh an àiteachan poblach agus barrachd chòraichean agus chothroman do luchd-labhairt Gàidhlig airson Gàidhlig a chleachdadh ann an raon farsaing de shuidhichidhean.

Bidh am Bile a' stèidheachadh frèam le riatanas airson pàirt cudthromach a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig ann an planadh-cànain Gàidhlig. Tha stèidheachadh Bòrd na Gàidhlig fìor chudthromach don Ghàidhlig an Alba san àm ri teachd. Tha am Bòrd a' riochdachadh na coimhearsnachd Ghàidhlig, ach aig an aon àm tha e na phàirt de fhrèam leudaichte riaghaltais ann an Alba.

Thèid iarraidh air buidhnean poblach beachdachadh a bheil feum air planaichean-cànain Gàidhlig an co-cheangal ri na seirbheisean aca, agus bidh am Bòrd ag ullachadh plana nàiseanta airson Gàidhlig agus stiùireadh mu phlanadh-cànain airson aonta nam Ministearan.

Tha sinn a' moladh gum bi an t-ullachadh sin a' gabhail a-staigh gach ceàrn de Alba.

Chan eil seo a' ciallachadh gun toir sinn air a h-uile sgoilear Gàidhlig ionnsachadh. Cha mhotha a dh'fheumas soighnichean-rathaid Gàidhlig a bhith anns gach ceàrn den dùthaich aig nach eil dualchas Gàidhlig.  'S e ar n-amas cleachdadh na Gàidhlig a ghluasad air adhart agus gach ceàrn de Alba a thoirt leinn air an turas sin.

Tha sinn air a' Bhile a chur a-mach gu co-chomhairle an-diugh. Mairidh an ùine co-comhairleachaidh trì mìosan, agus tha mi an dòchas gum bi sibh uile a' leughadh, a' smaoineachadh, a' beachdachadh agus a' com-pàirteachadh sa mhodh co-chomhairleachaidh.

Beachdan sa Chrìochnachadh

Tha mi an dòchas gum bi am Bile seo na mhisneachd às ùr do luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh agus luchd-taic na Gàidhlig airson a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig.

Bu chòir dhi a bhith air a h-ionnsachadh do ar cloinn, air a bruidhinn nar dachaighean agus nar coimhearsnachdan. Bu chòir dhuibh a bhith moiteil aiste agus às na tha i a' riochdachadh.

A' tadhal air Bun-sgoil Chaluim Chille san Òban an-diugh sa mhadainn chunnaic mi sùilean nan Gàidheal òga a bhios a' gabhail pàirt thar na seachdaine a tha romhainn a' deàlradh le pròis airson an cànan agus an eachdraidh. Tha iad còmhla ri mìltean eile den leithid a' comharrachadh ar dualchas ach is iadsan cuideachd ar dòchas airson nan làithean ri teachd.

Tha mi an dòchas gun tèid gu math leibh sa cheudamh Mòd Nàiseanta Rìoghail an-seo san Òban, agus tha mi an dòchas gun tèid an latha seo sìos an eachdraidh mar àm sònraichte dhuinn uile.

Suas leis a'Ghaidhlig!

Page updated: Monday, June 12, 2006