On this page:

Fàilte

Saltire

Tha gealladh air a ghabhail a-staigh anns an Aonta Com-pàirteachais airson Alba nas fhèarr ( sgrìobhainn PABS ) gum bi inbhe na Gàidhlig air a cur air stèidh thèarainte tro Achd Ghàidhlig. Chaidh an gealladh seo a dhaingneachadh ann an aithris a' Phrìomh Mhinisteir mu phrògram reachdail an Riaghaltais. ) gum bi inbhe na Gàidhlig air a cur air stèidh thèarainte tro Achd Ghàidhlig. Chaidh an gealladh seo a dhaingneachadh ann an aithris a' Phrìomh Mhinisteir mu phrògram reachdail an Riaghaltais.

'Tha sinn a' creidsinn gu bheil a' Ghàidhlig cudromach air feadh Alba agus na phàirt sònraichte de ar cultar agus ar dualchas. Gus an taic a bheir sinn don chànan a dhaingneachadh, bidh sinn a' reachdachadh airson inbhe thèarainte don Ghàidhlig - a' cur na Gàidhlig ann an lagh na h-Alba airson a' chiad uair'

B' e a' chiad cheum sa phròiseas seo co-chomhairleachadh poblach mu dhreachd Bhile na Gàidhlig. Chaidh an dreachd Bhile a chur air bhog leis a' Phrìomh Mhinistear, Jack McConnell, air 10 Dàmhair 2003 aig a' 100 mh Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban.

Tha an dreachd Bhile a' togail agus a' leudachadh air obair a chaidh a dhèanamh roimhe le Comunn na Gàidhlig, Bile Buill Phrìobhaidich bhon t-seisean a dh'fhalbh agus aithisg Pàrlamaid bho Chomataidh an Fhoghlaim, a' Chultair agus an Spòrs.

Chrìochnaich an co-chomhairleachadh air an dreachd Bhile air 9 Faoilleach 2004, agus fhuaras còrr air 3,000 freagairt.

Bheachdaich na Ministearan gu mionaideach air na puingean a chaidh a dhèanamh rè a' cho-chomhairleachaidh. Chaidh Bile ath-leasaichte a thoirt a-steach ann am Pàrlamaid na h-Alba air 27 Sultain 2004 - lorgar am Bile agus na pàipearan a tha a' dol na chois an seo - ( http://www.scottish.parliament.uk/business/bills/index.htm)

'S e prìomh ullachaidhean Bile na Gàidhlig (Alba):

· stèidheachadh am buidheann leasachaidh Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig, air stèidh reachdail, gus ceannas a bhith aige air leasachadh na Gàidhlig; stèidheachadh am buidheann leasachaidh Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig, air stèidh reachdail, gus ceannas a bhith aige air leasachadh na Gàidhlig;stèidheachadh am buidheann leasachaidh Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig, air stèidh reachdail, gus ceannas a bhith aige air leasachadh na Gàidhlig;

· riatanas a bhith air Bòrd a ghnìomhan a choileanadh leis an amas a bhith a' sireadh inbhe dhan Ghàidhlig mar chànan oifigeil an Alba; riatanas a bhith air Bòrd a ghnìomhan a choileanadh leis an amas a bhith a' sireadh inbhe dhan Ghàidhlig mar chànan oifigeil an Alba;riatanas a bhith air Bòrd a ghnìomhan a choileanadh leis an amas a bhith a' sireadh inbhe dhan Ghàidhlig mar chànan oifigeil an Alba;

· a bhith ag ullachadh plana-cànain nàiseanta Gàidhlig gus cleachdadh na Gàidhlig adhartachadh; a bhith ag ullachadh plana-cànain nàiseanta Gàidhlig gus cleachdadh na Gàidhlig adhartachadh;a bhith ag ullachadh plana-cànain nàiseanta Gàidhlig gus cleachdadh na Gàidhlig adhartachadh;

· ùghdarrasan poballach a bhith ag ullachadh planaichean-cànain Gàidhlig, far a bheil e iomchaidh gus cleachdadh na Gàidhlig sa bheatha phoballach a mhisneachadh 's a dhèanamh comasach; agus ùghdarrasan poballach a bhith ag ullachadh planaichean-cànain Gàidhlig, far a bheil e iomchaidh gus cleachdadh na Gàidhlig sa bheatha phoballach a mhisneachadh 's a dhèanamh comasach; agusùghdarrasan poballach a bhith ag ullachadh planaichean-cànain Gàidhlig, far a bheil e iomchaidh gus cleachdadh na Gàidhlig sa bheatha phoballach a mhisneachadh 's a dhèanamh comasach; agus

· dreuchd comhairleachaidh a bhith aig Bòrd na Gàidhlig a thaobh foghlam Gàidhlig dreuchd comhairleachaidh a bhith aig Bòrd na Gàidhlig a thaobh foghlam Gàidhligdreuchd comhairleachaidh a bhith aig Bòrd na Gàidhlig a thaobh foghlam Gàidhlig

Thathar an dùil gum beachdaich Comataidh Foghlaim Phàrlamaid na h-Alba air cumhachan a' Bhile, agus faodar adhartas a leantainn air làraich-lìn na Pàrlamaid.

Ma tha ceistean agaibh mun Bhile cuiribh fios gu Aonad Gàidhlig na Pàrlamaid aig:

Douglas Ansdell/Steven MacGregor

Aonad na Gàidhlig

Roinn 1-A

Cidhe Bhictoria

Dùn Èideann

EH6 6QQ

Fòn: 0131 244 0336/4942

Post-d: gaelicbill@Scotland.gsi.gov.uk

Page updated: Monday, June 12, 2006