Cànan Gàidhlig (Gaelic Language)

Gaelic Language (Cànan Gàidhlig)Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn gu bheil a' Ghàidhlig na pàirt riatanach de dhualchas, dearbh-aithne nàiseanta agus beatha chultarail Alba an latha an-diugh. Tha Riaghaltas na h-Alba air ceuman a ghabhail agus air na structairean agus iomairtean a dh'fheumar a chur an sàs gus dèanamh cinnteach gum bi a' Ghàidhlig seasmhach an Alba san àm ri teachd.

Cànan Gàidhlig (Gaelic Language)

Duilleagan Beurla (English version)

Tha Gàidhlig air bhruidhinn ann an Alba airson còrr is 1500 bliadhna. Thar na h-ùine seo tha i air a bhith na cànan na cùirte agus an riaghaltais, an ionnsachaidh agus nan ealan, an fhoghlaim agus na cràbhachd agus na dachaigh agus na coimhearsnachd.

Ged tha a cleachdadh air crìonadh thar nan linntean, tha i fhathast beò agus na cànan oifigeil aig Alba is na pàirt luachmhor de chultar bheothail mheasgaichte ar dùthcha.

Ach, tha suidheachadh na Gàidhlig air leth lag. Ma tha an cànan gu bhith seasmhach anns na làithean ri teachd, feumar oidhirp làidir bhon Riaghaltas, an earrann phoblach, an earrann phrìobhaideach, buidhnean coimhearsnachd agus luchd-labhairt fa leth.