Tha taic an Riaghaltais don Gàidhlig a' toirt fìor
phrìomhachas do fhoghlam meadhan-Gàidhlig (GME). Tha
sgrìobhainn poileasaidh an Riaghaltais "Building a
better Scotland ", a' mìneachadh a' phoileasaidh airson
Gàidhlig mar "taic do chànan agus cultar na Gàidhlig -
cuideachadh le neartachadh agus cumail suas na
coimhearsnachd Ghàidhlig".
Tha an t-uallach airson ullachadh foghlam
meadhan-Gàidhlig air na h-ùghdarrasan foghlaim fon reachdas
foghlaim. Tha riaghailtean a chaidh an dèanamh ann an 1986
a' toirt ùghdarras do Mhinistearan na h-Alba tabhartasan a
phàigheadh do ùghdarrasan foghlaim airson foghlam
Gàidhlig. 'S e a' Ghàidhlig an t-aon chànan teagaisg (a
bharrachd air Beurla) dom bheil an Riaghaltas a' toirt
seachad maoineachadh sònraichte. Tha tabhartasan sònraichte
air am meudachadh gu £3.034m thar nan 5 bliadhna mu
dheireadh. A thuilleadh air sin, tha £0.4m air a chur ri
foghlam meadhan-Gàidhlig ro-sgoile.
'S e a' Ghàidhlig an t-aon chànan teagaisg (a bharrachd
air Beurla) dom bheil an Riaghaltas a' toirt seachad
maoineachadh sònraichte. Tha tabhartasan sònraichte air am
meudachadh gu £3.034m thar nan 5 bliadhna mu dheireadh. A
thuilleadh air sin, tha £0.4m air a chur ri foghlam
meadhan-Gàidhlig ro-sgoile.
Leasachadh GME
Tha an Riaghaltas air ceuman a ghabhail gus foghlam
Gàidhlig a neartachadh le bhith a' cur na Gàidhlig ann am
frèam nam Prìomh-amasan Nàiseanta airson foghlaim.
Tha an Riaghaltas airson a bhith a' sgrùdadh agus a'
tomhas na h-ìre gu bheil ùghdarrasan foghlaim a'
coinneachadh ri iarrtas phàrantan airson foghlam
meadhan-Gàidhlig. Tha Achd Inbhean ann an Sgoiltean na
h-Alba etc 2000 a' cur riatanas air Ùghdarrasan Ionadail a
bhith a' cur am planaichean airson frèam foghlam
meadhan-Gàidhlig sa chunntas bhliadhnail air amasan
leasachaidh.
'S e maoineachadh airson an sgeama bho Riaghaltas na
h-Alba £3,034,000 airson 2003-04, àrdachadh de £800,000 bho
1998-99.
Tha £1m a bharrachd air a chur gu leasachadh Gàidhlig
ann an 2003-04, le Bòrd Gàidhlig a' toirt beachd air dè an
àireamh sa cheud a bu chòir a bhith air a thoirt do
fhoghlam meadhan-Gàidhlig.
Cothrom air GME
Tha àite aig Gàidhlig a-nis aig gach ìre de fhoghlam:
ro-sgoil, bunsgoil, àrdsgoil, foghlam adhartach agus
àrd-ìre, agus mar phàirt de thrèanadh thidsear. Tha cothrom
air Gàidhlig cuideachd bho luchd-ionnsachaidh aig ìre
bunsgoile, àrdsgoile agus foghlam inbheach. Tha iomadh
comharra shoilleir ann a-thaobh GME. Tha àireamhan a' dol
suas, tha coileanadh fìor mhath, tha luchd-teagaisg
dealasach ann, tha stòras a' dol am feobhas, tha barrachd
thidsearan gan trèanadh, tha lìonradh thidsearan Gàidhlig
air a stèidheachadh agus tha deagh chomharran ann air
co-obrachadh eadar bhuidhnean.
Tha sgoilearan a' faighinn buannachd a bhith
dà-chànanach agus a' faighinn cothrom air dà chultar
(Aithisg Johnstone, 1999). Tha coileanadh ann am foghlam
meadhan-Gàidhlig cuideachd fìor mhath.
Airson fios a chur gu sgoiltean le goireasan airson
teagasg Gàidhlig san sgìre agaibh, cuiribh brath chun an
Riaghaltais: 0131 556 8400 no 08457 741 741 (aig ìre
ionadail air feadh na RA) Diluain-Dihaoine 9m-5f.
Tidsearan
Tha ceuman air an gabhail gus an dìth thidsearan airson
foghlam meadhan-Gàidhlig a leasachadh. Am-bliadhna bidh 25
tidsearan Bunsgoile agus 4 tidsearan Àrdsgoile a'
ceumnachadh.
An dèidh comhairle bhon Riaghaltas, thug Comhairle
Maoineachaidh Foghlam Àrd-ìre na h-Alba (SHEFC) 10
àiteachan do Oilthigh Shrath Chluaidh ann an 2001-2002 a
dh'aona ghnothaich airson taic a thoirt do fhoghlam
meadhan-Gàidhlig bunsgoile. Chaidh na h-àireamhan a
thòisich air PGCE (Bunsgoil) aig Oilthigh Shrath Chluaidh
suas bho 6 gu 12.
Cheumnaich 17 tidsearan le Gàidhlig (airson teagasg
bunsgoile) ann an 2002, meudachadh de 5 a bharrachd air an
àireamh a fhuair barantas ann an 2001. Tha 10 àiteachan
eile air an toirt seachad airson 2002-03, 5 do Srath
Chluaidh agus 5 do Oilthigh Obar Dheathain. Thug an
Riaghaltas maoineachadh do Chomunn na Gàidhlig (Am
Buidheann Leasachaidh Gàidhlig) gus teagasg tro mheadhan na
Gàidhlig a chur air adhart mar dhreuchd.
Aireamhan
Ann an 2003-04 bha 1972 sgoilear ann am foghlam
meadhan-Gàidhlig sa bhunsgoil agus 284 GME san àrdsgoil.
Bha 1974 sgoilear sna clasaichean fileanta san àrdsgoil.
Bha 36 àrdsgoil a' tabhann Gàidhlig airson fileantaich agus
15 a' tabhann GME.
Ann an 2003-04 bha 2513 neach-ionnsachaidh san àrdsgoil.
B' e an àireamh a bha a' dèanamh Àrd-Ìre Luchd-ionnsachaidh
agus An Àrd Ìre Adhartach 124 agus 38.