
Tha gealladh air a ghabhail a-staigh
anns an Aonta Com-pàirteachais airson Alba nas fhèarr (
sgrìobhainn PABS ) gum bi inbhe na Gàidhlig air
a cur air stèidh thèarainte tro Achd Ghàidhlig. Chaidh
an gealladh seo a dhaingneachadh ann an aithris a'
Phrìomh Mhinisteir mu phrògram reachdail an
Riaghaltais. ) gum bi inbhe na Gàidhlig air a cur air stèidh
thèarainte tro Achd Ghàidhlig. Chaidh an gealladh seo a
dhaingneachadh ann an aithris a' Phrìomh Mhinisteir mu
phrògram reachdail an Riaghaltais.
'Tha sinn a' creidsinn gu bheil a' Ghàidhlig cudromach
air feadh Alba agus na phàirt sònraichte de ar cultar agus
ar dualchas. Gus an taic a bheir sinn don chànan a
dhaingneachadh, bidh sinn a' reachdachadh airson inbhe
thèarainte don Ghàidhlig - a' cur na Gàidhlig ann an lagh
na h-Alba airson a' chiad uair'
B' e a' chiad cheum sa phròiseas seo co-chomhairleachadh
poblach mu dhreachd Bhile na Gàidhlig. Chaidh an dreachd
Bhile a chur air bhog leis a' Phrìomh Mhinistear, Jack
McConnell, air 10 Dàmhair 2003 aig a' 100
mh Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban.
Tha an dreachd Bhile a' togail agus a' leudachadh air
obair a chaidh a dhèanamh roimhe le Comunn na Gàidhlig,
Bile Buill Phrìobhaidich bhon t-seisean a dh'fhalbh agus
aithisg Pàrlamaid bho Chomataidh an Fhoghlaim, a' Chultair
agus an Spòrs.
Chrìochnaich an co-chomhairleachadh air an dreachd Bhile
air 9 Faoilleach 2004, agus fhuaras còrr air 3,000
freagairt.
Bheachdaich na Ministearan gu mionaideach air na
puingean a chaidh a dhèanamh rè a' cho-chomhairleachaidh.
Chaidh Bile ath-leasaichte a thoirt a-steach ann am
Pàrlamaid na h-Alba air 27 Sultain 2004 - lorgar am Bile
agus na pàipearan a tha a' dol na chois an seo - (
http://www.scottish.parliament.uk/business/bills/index.htm)
'S e prìomh ullachaidhean Bile na Gàidhlig (Alba):
· stèidheachadh am buidheann leasachaidh Gàidhlig,
Bòrd na Gàidhlig, air stèidh reachdail, gus ceannas a bhith
aige air leasachadh na Gàidhlig; stèidheachadh am buidheann
leasachaidh Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig, air stèidh
reachdail, gus ceannas a bhith aige air leasachadh na
Gàidhlig;stèidheachadh am buidheann leasachaidh
Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig, air stèidh reachdail, gus
ceannas a bhith aige air leasachadh na Gàidhlig;
· riatanas a bhith air Bòrd a ghnìomhan a
choileanadh leis an amas a bhith a' sireadh inbhe dhan
Ghàidhlig mar chànan oifigeil an Alba; riatanas a bhith air
Bòrd a ghnìomhan a choileanadh leis an amas a bhith a'
sireadh inbhe dhan Ghàidhlig mar chànan oifigeil an
Alba;riatanas a bhith air Bòrd a ghnìomhan a
choileanadh leis an amas a bhith a' sireadh inbhe dhan
Ghàidhlig mar chànan oifigeil an Alba;
· a bhith ag ullachadh plana-cànain nàiseanta
Gàidhlig gus cleachdadh na Gàidhlig adhartachadh; a bhith
ag ullachadh plana-cànain nàiseanta Gàidhlig gus cleachdadh
na Gàidhlig adhartachadh;a bhith ag ullachadh
plana-cànain nàiseanta Gàidhlig gus cleachdadh na Gàidhlig
adhartachadh;
· ùghdarrasan poballach a bhith ag ullachadh
planaichean-cànain Gàidhlig, far a bheil e iomchaidh gus
cleachdadh na Gàidhlig sa bheatha phoballach a mhisneachadh
's a dhèanamh comasach; agus ùghdarrasan poballach a bhith
ag ullachadh planaichean-cànain Gàidhlig, far a bheil e
iomchaidh gus cleachdadh na Gàidhlig sa bheatha phoballach
a mhisneachadh 's a dhèanamh comasach;
agusùghdarrasan poballach a bhith ag ullachadh
planaichean-cànain Gàidhlig, far a bheil e iomchaidh gus
cleachdadh na Gàidhlig sa bheatha phoballach a mhisneachadh
's a dhèanamh comasach; agus
· dreuchd comhairleachaidh a bhith aig Bòrd na
Gàidhlig a thaobh foghlam Gàidhlig dreuchd comhairleachaidh
a bhith aig Bòrd na Gàidhlig a thaobh foghlam
Gàidhligdreuchd comhairleachaidh a bhith aig Bòrd
na Gàidhlig a thaobh foghlam Gàidhlig
Thathar an dùil gum beachdaich Comataidh Foghlaim
Phàrlamaid na h-Alba air cumhachan a' Bhile, agus faodar
adhartas a leantainn air làraich-lìn na Pàrlamaid.
Ma tha ceistean agaibh mun Bhile cuiribh fios gu Aonad
Gàidhlig na Pàrlamaid aig:
Douglas Ansdell/Steven MacGregor
Aonad na Gàidhlig
Roinn 1-A
Cidhe Bhictoria
Dùn Èideann
EH6 6QQ
Fòn: 0131 244 0336/4942
Post-d:
gaelicbill@Scotland.gsi.gov.uk