On this page:

Ro-ràdh

Gaelic school signTha Gàidhlig air bhruidhinn ann an Alba airson còrr is 1500 bliadhna. Thar na h-ùine seo tha i air a bhith na cànan na cùirte agus an riaghaltais, an ionnsachaidh agus nan ealan, an fhoghlaim agus na cràbhachd agus na dachaigh agus na coimhearsnachd.

Ged tha a cleachdadh air a crìonadh thar na ceudan, tha i fhathast beò agus na cànan oifigeil aig Alba is na pàirt luachmhor de chultar bheothail mheasgaichte ar dùthcha.

Tha an cànan na phàirt cudromach den dearbh-aithne a bhuineas do chultar na h-Alba agus gu h-àraidh do shluagh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, na Gaidheil. The e na phrìomh amas aig an Riaghaltas gun soirbhich a' Ghàidhlig san linn ri teachd.

A rèir Chunntas-sluaigh 2001 bha 65,674 duine aois trì no nas sine a' labhairt, a' leughadh, no a' sgrìobhadh Gàidhlig - 1.3 sa cheud de àireamh-sluaigh na h-Alba.

Bha an àireamh de dhaoine aois a dhà no nas sine a' labhairt, a' leughadh, a' sgrìobhadh no a' tuigsinn Gàidhlig air a chlàradh airson a' chiad uair agus chaidh co-dhùnadh gur e an àireamh 92,396, no 1.9 sa cheud den àireamh-sluaigh.

Tha na tiughadasan as motha de luchd-labhairt na Gàidhlig a' fuireach anns na h-Eileanan Siar, a' Ghàidhealtachd, agus Earra-Ghàidheal ach tha mòran luchd-labhairt eile ri lorg air feadh na dùthcha leis an tiughadas singilte as motha ann an Glaschu.

In this section:

Leasachadh na Gaidhlig

Foghlam meadhan-Gaidhlig

Craoladh

Inbhe thearainte don Ghaidhlig

Page updated: Tuesday, May 1, 2007