On this page:

Sgrùdadh Saidheans tro Mheadhan na Gàidhlig SSA 2007

« Previous | Contents | Next »

Listen

Crìoch

Ged a b' e an rùn air cùlaibh an sgrùdaidh seo euchdan saidheans sgoilearan aig P5 agus P7 a mheasadh, a bha ag ionnsachadh saidheans tro mheadhan na Gàidhlig, cha robh na sgoilearan uile a chaidh a mheasadh ag ionnsachadh an cuid saidheans gu tur tron mheadhain cànain seo. Ach bha iad uile ag ionnsachadh saidheans co-dhiù ann am pàirt tro mheadhan na Gàidhlig, mar a bu trice a' labhairt agus ag èisteachd sa chànan seo, ach nas ainneamh a' leughadh agus a' sgrìobhadh ann. Tha aithisgean nan dithis luchd-teagaisg air cleachdadh cànain agus roghainn sgoilearan a thaobh cànan leabhrain deuchainn, a' daingneachadh na deilbh seo de mheasgachadh cleachdaidh cànain ann am mòran sheòmraichean teagaisg .

Bha an luchd-teagaisg fhèin coltach ri an co-obraichean air feadh fad na dùthcha a thaobh an àireamhan, nam beachdan aithriseach mu an teagasg saidheans agus ionnsachadh an sgoilearan, agus anns na breithneachaidhean a thug iad air euchdan ìrean 5-14 an sgoilearan ann an saidheans. Bha a' chuid as motha boireann, bha a' chuid mhòr dhiubh air a bhith a' teagasg airson còrr is còig bliadhna agus bha an ìre mhath gach neach aca a' teagasg saidheans do an sgoilearan fhèin. Bha Stiùiridhean Curraicealam 5-14 agus stuthan saidheans 5-14 an ùghdarrais ionadail air an cleachdadh gu tric - cha mhòr gach seachdain - leis a' chuid mhòr de luchd-teagaisg. Ged a bha còrr is leth dhiubh air a bhith an sàs ann an roinn de leasachadh proifeiseanta ann an saidheans tro na ceithir bliadhna roimhe sin, dh'fhan cuid mhòr dhiubh mì-thoilichte leis na cothroman a thaobh leasachadh proifeiseanta a bha fosgailte dhaibh san raon seo den churraicealam. Bha am misneachd ann an teagasg saidheans nas àirde nuair a bha iad a' teagasg chuspairean le tèama bith-eòlais an aghaidh chuspairean le tèama ceimig no fiosaig. Anns na h-aithisgean aca fhèin, bha a' chuid as motha dhiubh a' cleachdadh mhodhan measaidh leasachail nan teagasg saidheans, agus bha iad a' cleachdadh measgachadh de dhiofar chruthan measaidh airson tighinn gu breithneachaidhean ìre. Air an làimh eile, cha robh planadh a thaobh ionnsachadh pearsanta stèidhichte ro mhath ann an seòmraichean teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig. Tha an aon diofar chudromach eadar beachdan an luchd-teagaisg sin agus an co-obraichean nàiseanta co-cheangailte ri an luachadh deimhinneach a thaobh giùlain an sgoilearan sa chlas agus an togradh a thaobh ionnsachadh.

Bha mòr-chuid fìor àrd de na sgoilearan ag iarraidh dèanamh math ann an saidheans, agus bha mu dhà thrian dhiubh ag ràdh gun robh saidheans a' còrdadh riutha. Bha misneachd a thaobh a bhith a' coileanadh agus a' bruidhinn mu dheidhinn saidheans gu math àrd agus bhathar a' meas leasanan gu bhith inntinneach san fharsaingeachd, le taic math bhon neach-teagaisg. A rèir an dà chuid sgoilearan agus luchd-teagaisg, bha teagasg mar chlas glè chumanta, mar a bha a bhith ag obair le companaich no ann am buidhnean. A thaobh ghnìomhachdan eile ge-tà air an robhar a' cur luach, bha sgoilearan dualtach a bhith a' cumail a-mach gun robh iad a' tachairt nas trice na bha an luchd-teagaisg. Bha seo gu h-àraid a thaobh ghnìomhachdan sgrìobhaidh: a' lìonadh dhuilleagan obrach, ag ath-sgrìobhadh fiosrachaidh mu dheidhinn saidheans, a' sgrìobhadh mu shaidheans nam facail fhèin. Ach bha e cuideachd co-cheangailte ri rannsachaidhean. Ann an aithisgean nan sgoilearan, bha an raon de chuspairean air an teagasg ann an clasaichean saidheans cuingealaichte dha rèir fhèin ann an coimeas ris an dealbh nàiseanta.

Mar a bhios luchd-teagaisg a' dèanamh gu nàiseanta, bha an luchd-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig san sgrùdadh seo dualtach air euchdan an sgoilearan a bhreithneachadh gu bhith aig na h-inbhean a bhathar a' dùileachadh airson na h-ìre a bha sa chùis. Ann an saidheans ge-tà, mhìnich an luchd-teagaisg seo airson an adhbhair gus breithneachaidhean ìre a dhèanamh, chaidh 60% de sgoilearan P5 a mheas a bhith aig Ìre C agus faisg air 70% de sgoilearan P7 a bhith aig Ìre D. Tha na toraidhean deuchainneach a' nochdadh dealbh nach eil idir cho deimhinneach airson 'eòlas agus tuigse' ann an saidheans, a-rithist ann an co-ionnanachd ris an t-suidheachadh nàiseanta. Chuir na deuchainnean faisg air leth nan sgoilearan aig P5 aig Ìre A agus barrachd na leth nan sgoilearan aig P7 aig Ìre B.

Cha robh e comasach coileanaidhean deuchainneach saidheans nan sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig a choimeas ann an dòigh dhìreach sam bith le coileanaidhean an co-aoisean gu nàiseanta. Tha seo air sgàth agus gun do dh'fheuch sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig seata cuingealaichte de stuthan measaidh a bha air an cleachdadh sa phrìomh sgrùdadh: cha robh ach aon de na sia pàidhrichean leabhrain deuchainn a chaidh a chleachdadh aig gach aon de P5 agus P7 gu nàiseanta, air eadar-theangachadh airson a chleachdadh anns an sgrùdadh tro mheadhan na Gàidhlig. An àite sin, chaidh buidheann coimeasach de sgoilearan tro mheadhan na Beurla a thaghadh, a bha coltach aig gach ìre ris a' bhuidheann tro mheadhan na Gàidhlig a thaobh gin agus easbhaidh, anns an robh sgoilearan a bha air na leabhrain deuchainn ceudna a chleachdadh. 'S e an fhianais gun robh buannachd beag coileanaidh aig na sgoilearan tro mheadhan an Gàidhlig aig gach ìre (air a chur às leth eadar-dhealachaidhean mòra ann am pìosan obrach sònraichte anns na deuchainnean).

Ach feumar cuimhneachadh gum faod buaidhean neo-fhaicsinneach a bhith air euchdan sgoilearan mar thoradh air stuthan measaidh a bhith air an eadar-theangachadh bhon chiad chànan leasachaidh gu cànan eile. Bu chòir a thoirt fa-near cuideachd gun deach dèiligeadh ann an dòigh eadar-dhealaichte leis na leabhrain deuchainn a chaidh a lìonadh leis na sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig, seach an fheadhainn a chaidh a lìonadh leis na sgoilearan tro mheadhan na Beurla. Sa chùis mu dheireadh, bha na leabhrain dìreach mar 300- 400 leabhran am measg mòran mhìltean leis an deach dèiligeadh ann an seisean ath-sgrìobhaidh freagairt a' maireachdainn grunn sheachdainean, le luchd-obrach sealach buidhne a' gabhail a' chòdaidh os làimh le stiùireadh. Anns a' chùis roimhe sin, b' e na 300-400 leabhrain na h-aon fheadhainn a chaidh a luachadh ann an seisean ath-sgrìobhaidh far am b' e luchd-teagaisg bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig a bha a' dèanamh a' chòdaidh. Fiù ged a fhuair an obair ath-sgrìobhaidh tro mheadhan na Gàidhlig buaidh à làthaireachd foghlamaiche saidheans, a bha air pàirt a ghabhail cuideachd anns an ath-sgrìobhadh a bha cus nas motha tro mheadhan na Beurla leis na h-aon stiùiridhean coitcheann còdaidh gan cleachdadh, tha e comasach a dh'aindeoin sin gum faodadh buaidh a bhith aig na diofaran san dèiligeadh air na toraidhean euchd. Bha e air a bhith na ro-innleachd na b' fheàrr na leabhrain tro mheadhan na Beurla ath-sgrìobhadh san aon seisean ris na leabhrain tro mheadhan na Gàidhlig, a bhiodh air teagamh sam bith a lùghdachadh a thaobh dligheachas nan coimeasan euchd. Fiù leis an rabhadh seo, faodaidh sinn a ràdh nach eil fianais sam bith ann bhon sgrùdadh choimeasach, gu bheil buil cronail aig teagasg saidheans gu h-iomlan no ann am pàirt tro mheadhan na Gàidhlig air ionnsachadh saidheans sgoilearan; 's e an fhianais nach eil buil mhòr sam bith aige. Anns a' chuuspair seo a tha stèidhichte air susbaint, 's e a' bhuaidh as cudromaiche e a bhith air fhosgladh do na cuspairean a tha a' nochdadh anns na stuthan measaidh.

« Previous | Contents | Next »

Page updated: Wednesday, May 27, 2009