« Previous | Contents | Next »
Listen
Tro mheadhan na Gàidhlig mu choinneamh tro mheadhan na Beurla: coimeas euchd
Tha sgrùdadh SSA air saidhbhreas de dh'fhiosrachadh a sholarachadh a bhios ùidheil agus luachmhor do dh'fhoghlamaichean tro mheadhan na Gàidhlig agus do dh'fheadhainn eile. Ach tha ceist dheatamach ann fhathast: dè am fianais a th' ann, ma tha idir, gu bheil a bhith a' faotainn foghlam saidheans gu h-iomlan no ann am pàirt tro mheadhan na Gàidhlig a' toirt buaidh dheimhinneach no àicheil air ionnsachadh saidheansail chloinne? Ann an oidhirp air a' cheist seo a fhreagairt chaidh euchdan nan sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig a choimeas le euchdan buidhinn tro mheadhan na Beurla a chaidh a mheasadh sa phrìomh sgrùdadh.
Chaidh na sgoilearan a bha a' dèanamh suas a' bhuidhinn choimeasach air an taghadh air thuaiream bho am measg nan sgoilearan tro mheadhan na Beurla, a bha air na leabhrain deuchainn cheudna a lìonadh ris na sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig, b' e sin leabhrain 17 agus 28 aig P5 agus leabhrain 33 agus 44 aig P7, agus a bha a' fuireach ann an aon de na 11 ùghdarrasan bhon deach na sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig a tharraing. Chaidh am buidheann a cho-fhreagairt cuideachd a thaobh gin agus easbhaidh. Ann an dà-rìribh, chaidh còig shampaill choimeasach mar sin a chruthachadh, agus an coimeas le chèile gus dèanamh cinnteach nach biodh mearachd sam bith ri fhaicinn co-cheangailte ris a' bhuidheann sgoilearan tro mheadhan na Beurla a chaidh a chleachdadh san sgrùdadh. Cha do nochd diofaran sam bith eadar na còig fo-shampaill tro mheadhan na Beurla, a thaobh mar a chaidh an cur ri chèile no a thaobh euchdan an sgoilearan, agus mar sin chaidh aon fo-shampall a thaghadh air thuaiream airson a chleachdadh sa choimeas chànanach seo.
Tha Clàr 17 a' dèanamh coimeas eadar sgaoileadh dà bhuidhinn sgoilearan, tro mheadhan na Beurla agus tro mheadhan na Gàidhlig air feadh 11 ùghdarrasan. Mar a tha an clàr a' sealltainn, cha robh an sgaoileadh a thaobh ùghdarrais co-ionnan airson an dà bhuidheann. Cha b' urrainnear seo a sheachnadh, air sgàth an sgaoilidh neo-chothromach thar nan ùghdarrasan de sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig: air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan Siar gu h-àraid, cha robh ach beagan sgoilearan tro mheadhan na Beurla sa phrìomh sgrùdadh bhom faodte sgoilearan don bhuidheann tro mheadhan na Beurla a tharraing. Mar sin aig gach ìre, b' fheudar am buidheann tro mheadhan na Beurla a dhèanamh suas de dh'àireamhan neo-chuimseach de sgoilearan bho ùghdarrasan eile.
Clàr 17
Sgaoileadh a rèir àite de bhuidhnean sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig agus tro mheadhan na Beurla
(192 sgoilearan P5 agus 166 sgoilearan P7 anns gach buidheann)
| tro mheadhan na Beurla | tro mheadhan na Gàidhlig |
|---|
Baile Obar Dheathain | 40 | 16 |
|---|
Earra-Ghàidheal is Bòid | 6 | 12 |
|---|
Inbhir Àir an Ear | 40 | 9 |
|---|
Dùn Bhreatainn an Ear | 50 | 0 |
|---|
Baile Dhùn Èideann | 42 | 15 |
|---|
Na h-Eileanan Siar | 2 | 74 |
|---|
Baile Ghlaschu | 20 | 46 |
|---|
A' Ghàidhealtachd | 39 | 139 |
|---|
Inbhir Chluaidh | 35 | 7 |
|---|
Lannraig a Deas | 36 | 29 |
|---|
Sruighle | 48 | 11 |
|---|
Iomlan | 358 | 358 |
|---|
Dè mar sin, na coileanaidhean deuchainn a bh' aig an dà bhuidheann aig gach ìre? An dèidh am pàidhir ceudna de leabhrain a lìonadh aig gach ìre, thàinig sgòran deuchainn airson nan deuchainnean ceudna aig an aon ìre am follais aig P5 airson Ìrean B, C agus D agus aig P7 airson Ìrean C, D agus E. Tha na sgòran deuchainn le ceudad cuibheasach air an sealltainn ann an Clàr 18. Bha eadar-dhealachadh beag ann an cuibheas nan sgòran deuchainn aig Ìrean B, C agus D aig P5 agus aig Ìrean C agus D aig P7, gu cunbhalach ag aomadh a dh'ionnsaigh nan sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig, gun eadar-dhealachadh sam bith aig Ìre E airson P7. Faodar na diofaran eadar na sgòran deuchainn iomlan a choireachadh air diofaran cudromach staitistigeach co-cheangailte ri cuid de phìosan obrach àraid anns na deuchainnean; airson na cuid as motha de phìosan obrach cha robh diofaran coileanaidh mòr sam bith eadar an dà bhuidheann sgoilearan aig ìre seach ìre eile. Tha e inntinneach a thoirt fa-near aig an ìre seo gun do dh'aithris oidhirp eile a bha air coimeas a dhèanamh eadar euchdan saidheans sgoilearan tro mheadhan na Beurla agus tro mheadhan na Gàidhlig aig P7, buannachd ann am fàbhar an luchd-ionnsachaidh tro mheadhan na Beurla 9. Ach, anns an sgrùdadh nas tràithe seo bha an luchd-ionnsachaidh tro mheadhan na Beurla nan sgoilearan anns na sgoiltean ceudna ris an luchd-ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig, agus cha deach oidhirp sam bith a dhèanamh air smachd a chumail a thaobh eadar-dhealachaidhean gin agus easbhaidh eadar an dà bhuidheann.
Clàr 18
Sgòran deuchainn cuibheasach aon-ìre airson an dà bhuidhinn cànain
(% de sgòran cuibheasach agus claonaidhean cunbhalach airson na deuchainn aig an ìre a tha comharraichte)
Ìre | Meud sampaill | Buidheann | Ìre B | Ìre C | Ìre D | Ìre E |
|---|
P5 | 192 | tro mheadhan na Beurla | 63 (13.3) | 46 (17.1) | 34 (13.1) | |
|---|
tro mheadhan na Gàidhlig | 66 (12.2) | 49 (15.6) | 37 (12.8) | |
|---|
P7 | 166 | tro mheadhan na Beurla | | 59 (15.3) | 44 (12.9) | 35 (14.3) |
|---|
tro mheadhan na Gàidhlig | | 62 (14.5) | 49 (13.0) | 34 (14.0) |
|---|
Tha diofaran ann an sgòran cuibheasach deuchainn cudromach gu staitistigeach dha P5 Ìrean B (p <= 0.01) agus C (p <= 0.05), agus dha P7 Ìre D (p <= 0.001). Tha na co-èifeachdan coitcheannachd do dhiofaran dàimheach nam buidhnean, a bhios a' gabhail a-steach sampalladh obrach, aig 0.9 dha Ìre B, 0.7 dha Ìre C, 0.7 dha Ìre D aig P5.
Tha a bhith a' cur an sàs an sgòir-stad 65% anns na toraidhean deuchainn a' toirt co-chuidean nan euchdan ìre gu buil, a chithear ann an Clàr 19. A-rithist, a' fàgail às Ìre E, chì sinn gun do shoirbhich le co-chuidean cunbhalach nas àirde de sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig an taca ri sgoilearan tro mheadhan na Beurla, ann an ruigsinn na slait-tomhais a thaobh sgòr-stad, airson eòlas agus tuigse 'stèidhichte gu math' ann an saidheans.
Clàr 19
Co-chuidean* euchdan ìre don dà bhuidhinn cànain
(% de sgoilearan a' ruigsinn an sgòr-stad 65% san deuchainn aig an ìre a tha comharraichte)
Ìre | Meud sampaill | Buidheann | Ìre B | Ìre C | Ìre D | Ìre E |
|---|
P5 | 192 | tro mheadhan na Beurla | 45 | 14 | 1 | |
|---|
tro mheadhan an Gàidhlig | 52 | 17 | 2 | |
|---|
P7 | 166 | tro mheadhan na Beurla | | 37 | 5 | 2 |
|---|
tro mheadhan na Gàidhlig | | 43 | 10 | 2 |
|---|
Tha co-chuidean air an sealltainn an seo de sgoilearan a' ruigsinn an sgòir slat-tomhais de 65%, a dh'dhaodar fhaicinn mar sin gu bhith stèidhichte gu math aig an ìre chomharraichte no nas àirde
Tha na sgaoilidhean don dà bhuidheann thairis air ìrean, leis na h-ìrean air an comharrachadh mar a chaidh a mhìneachadh na bu tràithe (san earrann 'Euchdan ìre deuchainneach nan sgoilearan), air an sealltainn ann an Clàr 20 agus air an dealbhachadh ann am Figear 5.
Clàr 20
Toraidhean deuchainn saidheans don dà bhuidhinn cànain
(% de sgoilearan air an cur aig na diofar ìrean tro dheuchainnean SSA)
Ìre | Sgoilearan | Buidheann | Ìre A | Ìre B | Ìre C | Ìre D | Ìre E |
|---|
P5 | 192 | tro mheadhan na Beurla | 52 | 34 | 13 | 1 | |
|---|
tro mheadhan na Gàidhlig | 48 | 35 | 15 | 2 | |
|---|
P7 | 166 | tro mheadhan na Beurla | | 63 | 30 | 5 | 2 |
|---|
tro mheadhan na Gàidhlig | | 57 | 33 | 8 | 2 |
|---|
Thaisbein na sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig coileanaidhean beagan nas fheàrr na na sgoilearan tro mheadhan na Beurla. Mar eisimpleir, ged a nochd 48% de na sgoilearan tro mheadhan na Beurla euchd aig Ìre B no nas àirde, bha an co-chuid de sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig aig 52%. Agus aig P7, ged a chaidh 37% de sgoilearan tro mheadhan na Beurla a sheòrsachadh aig Ìre C no nas àirde, bha an co-chuid co-fhreagarrach de sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig aig 43%.
Figear 5
Sgaoilidhean ìre deuchainneach don dà bhuidhinn cànain
(% de sgoilearan air an cur aig na diofar ìrean tro dheuchainnean SSA: 192 sgoilearan P5 gach buidheann, 166 sgoilearan P7 gach buidheann)

« Previous | Contents | Next »