On this page:

Sgrùdadh Saidheans tro Mheadhan na Gàidhlig SSA 2007

« Previous | Contents | Next »

Listen

Euchdan ìre deuchainneach nan sgoilearan

B' e leabhrain 17 agus 28 aig P5 agus leabhrain 33 agus 44 aig P7 na pàidhrichean leabhrain a chaidh a thoirt do na sgoilearan Gàidhlig. Anns gach leabhran bha obair measaidh bho gach aon de na trì toraidhean curraicealach 5-14 - A' Chruinne agus Fànas, Lùth agus Cumhachdan, agus Nithean beò agus modhan na beatha. Agus anns gach leabhran bha pìosan obrach aig trì diofar ìrean 5-14: Ìrean B, C agus D aig P5, Ìrean C, D agus E aig P7. Aig Ìrean C agus D bha na pìosan obrach coitcheann don dà ìre. Anns na leabhrain bha na pìosan obrach air an seòrsachadh a rèir cuspair. Mar eisimpleir, ann an leabhran 17, b' e na cuspairean 'Clachan-iùil' (ceithir diofar pìosan obrach), 'Dealan' (cuideachd ceithir diofar pìosan obrach), 'Aiseag Teas' (dà phìos obrach), 'A' toirt air stuthan atharrachadh' (còig pìosan obrach), 'Uisge' (trì pìosan obrach), 'Gasaichean' (dà phìos obrach), 'Mion-ainmhidhean' (trì pìosan obrach), 'Ainmhidhean' (dà phìos obrach) agus 'Bodhaig mac an duine' (dà phìos obrach). Mu dheireadh, gus seachnadh sgìos deuchainn no buaidhean leantainneach a' drùidheadh air cuid de phìosan obrach seach feadhainn eile, bha gach leabhran air a chlò-bhualadh ann an trì dreachan, diofraichte dìreach ann an òrdugh riochdachaidh nan cuspairean. Tha an t-òrdugh cuspair a thugadh seachad an seo ri fhaotainn ann an leabhran17A.

B' e dìreach dòigh air na pìosan obrach measaidh a liubhairt a bh' anns an leabhran, le feum air dà leabhran airson deuchainnean aon-ìre a liubhairt. Bha co-dhùnaidhean a thaobh euchdan ìre sgoilearan stèidhichte air an sgòran sna deuchainnean ìre .i. air an sgòran iomlan anns an t-seata sin de phìosan obrach aig ìre shònraichte sa phàidhir leabhrain aca (bha an àireamh de phìosan obrach diofraichte bho aon deuchainn ìre gu deuchainn ìre eile agus bha na comharran obrach a b' àirde diofraichte eadar 1 agus 3, agus mar sin bha na sgòran deuchainn a b' àirde diofraichte bho aon ìre gu ìre eile). Anns a' phrìomh sgrùdadh bhathar a' cur trì diofar sgòran stad air sgòran deuchainn sgoilearan: bha sgoilearan a' sgòradh 80% no barrachd de na comharran air am meas gun do thaisbein iad eòlas agus tuigse 'glè mhath' ann an saidheans; bha sgoilearan a' sgòradh eadar 65% agus 79% air am meas gun do nochd iad eòlas agus tuigse 'stèidhichte gu math', agus bha iadsan a sgòr 50% gu 64% air an seòrsachadh mar gun d' rinn iad 'tòiseachadh math' ann an eòlas agus tuigse. Airson adhbhar an rannsachaidh seo tha sinn a' cuimseachadh air an t-slait-tomhais airson eòlas agus tuigse saidheans 'stèidhichte gu math' aig ìre, 's e sin an sgòr stad 65%. Bha sgoilearan a bhuannaich sgòr de 65% no nas àirde ann an deuchainn ìre air am meas mar gun do thaisbein iad eòlas agus tuigse 'stèidhichte gu math' ann an saidheans aig an ìre sin. Tha Clàr 5 a' taisbeanadh nan toraidhean.

Clàr 5
Toraidhean deuchainn airson eòlas agus tuigse saidheans
(% de sgoilearan a' buannachadh 65% no barrachd anns na deuchainnean ìre aca)

Ìre

meud Sampall

Ìre B

Ìre C

Ìre D

Ìre E

P5

192

52

17

2

P7

166

43

10

2

Is iad sin na co-chuidean de sgoilearan a shuidh deuchainn agus a tha air am meas gun do thaisbein iad fianais 'stèidhichte gu math' air eòlas agus tuigse saidheans

Tha coimeas de Chlàran 4 agus 5 a' sealltainn an neo-ionnanachd eadar na toraidhean sin stèidhichte air deuchainn agus iadsan stèidhichte air breithneachaidhean luchd-teagaisg a thaobh ìrean saidheans nan sgoilearan aca, leis na sgaoilidhean ìre dèanta leis an luchd-teagaisg mòran nas deimhinniche na an fheadhainn dèanta tro dheuchainnean SSA. Gus an t-iongantas seo a rannsachadh barrachd, tha Clàr 6 agus Figear 2 a' nochdadh nan sgaoilidhean ìre do sgoilearan sna h-eisimpleirean Gàidhlig don robh an dà chuid toradh deuchainn agus breithneachadh neach-teagaisg rim faotainn.

Clàr 6
Toraidhean deuchainn an aghaidh breithneachaidhean luchd-teagaisg
(% de sgoilearan air am breithneachadh aig diofar ìrean le deuchainnean agus le luchd-teagaisg)

Ìre

Meud Sampall

Bun

Ìre A no fodha

Ìre B

Ìre C

Ìre D

Ìre E no os a chionn

P5

183

Deuchainnean

48

35

15

2

Luchd-teagaisg

2

33

61

4

P7

151

Deuchainnean

57

33

8

2

Luchd-teagaisg

1

32

67

0

Gus an coimeas a dhèanamh nas fhasa, chaidh ìre a riarachadh air gach sgoilear san t-sampall Ghàidhlig anns an dòigh a leanas. Mar eisimpleir, nan robh sgoilear P5 air an t-slat-tomhais sgòr-stad 65% a ruighinn san deuchainn aig Ìre D bhiodh an sgoilear sin air a sheòrsachadh aig Ìre D. Nan robh an sgoilear air an sgòr tomhais a bhuannachadh ann an deuchainn Ìre C ach nach robh ann an deuchainn Ìre D bhiodh an ìre aig C. Nan robh an sgoilear air an sgòr tomhais a ruighinn ann an deuchainn Ìre B ach nach robh ann an deuchainnean C no D bhiodh an ìre aig B. Mura robh an sgoilear air an sgòr tomhais a ruighinn air gin de na trì deuchainnean ìre bhiodh e mar sin air a mheas a bhith aig Ìre A (agus dh'fhaodadh gum biodh e fo A). Nam failnicheadh air sgoilear an sgòr tomhais a ruighinn air aon de na deuchainnean ìre ach a ruighinn aig an ìre os a chionn, mar sin bha an ìre as àirde air a riarachadh (thachair seo ann an 0.5% de chùisean aig P5 agus 2.4% de chùisean aig P7).

Mar a chì sinn, ged a bha an luchd-teagaisg a' breithneachadh a' chuid mhòr de sgoilearan P5 gu bhith aig Ìre B no Ìre C airson saidheans, leis a' chuid mhòr aig Ìre C, bhreithnich na deuchainnean cha mhòr leth nan sgoilearan gu bhith aig Ìre A (le cuid 's dòcha fo Ìre A). Agus mar an ceudna, ged a bha an luchd-teagaisg a' breithneachadh a' chuid mhòr de an sgoilearan aig P7 gu bhith aig Ìre C no Ìre D, leis a' chuid mhòr aig Ìre D, chuir na deuchainnean còrr agus an leth dhiubh aig Ìre B (agus 's dòcha cuid aig Ìre A).

Figear 2
Toraidhean deuchainn mu choinneamh bhreithneachaidhean luchd-teagaisg
(sgaoilidhean ìre dheuchainnean agus luchd-teagaisg airson na sgoilearan ceudna)

Figear 2 Toraidhean deuchainn mu choinneamh bhreithneachaidhean luchd-teagaisg

Tha seo a' togail grunn cheistean. A bheil luchd-teagaisg ro dheimhinneach nuair a tha iad a' breithneachadh euchdan an cuid sgoilearan ann an saidheans? No a bheil na h-ìrean, mar a tha iad air an obrachadh sna deuchainnean, mì-fhreagarrach? No an robh an luchd-teagaisg agus na deuchainnean a' breithneachadh aogaisean eadar-dhealaichte de 'saidheans'? An robh luchd-teagaisg 's dòcha a' breithneachadh 'sgilean saidheansail' nan sgoilearan seach am fìor eòlais agus tuigse bun-bheachdail? No an robh iad a' breithneachadh an sgoilearan air fo-sheata de churraicealam eòlais is tuigse - am fo-sheata sin de dh'fhiosrachadh cuspair a bha iad fhèin air a theagasg? 'S e ceistean doirbh a tha sin, do nach eil freagairtean faicsinneach dìreach aig an àm seo. Chan urrainn dhuinn a ràdh aig an ìre-sa ach gu bheil an dealbh de dh'eadar-dhealachadh a thaobh sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' nochdadh an t-suidheachaidh air feadh na dùthcha air fad 3.

« Previous | Contents | Next »

Page updated: Wednesday, May 27, 2009