On this page:

Sgrùdadh Saidheans tro Mheadhan na Gàidhlig SSA 2007

« Previous | Contents | Next »

Listen

Breithneachaidhean ìre luchd-teagaisg

Tha Clàr 4 a' clàradh sgaoilidhean ìre airson cuspairean don dh'iarrar air luchd-teagaisg breithneachaidhean ìrean 5-14 a sholarachadh às leth an cuid sgoilearan.

Clàr 4
Breithneachaidhean luchd-teagaisg air ìrean 5-14 sgoilearan *
(% de sgaoilidhean an taobh a-staigh chuspairean)

Ìre

Cuspair

Sgoilearan

<A

A

B

C

D

E

F

P5

Leughadh -Beurla

183

0

2

22

70

6

0

0

Leughadh-Gàidhlig

180

0

2

28

58

12

0

0

Sgrìobhadh-Beurla

183

2

4

44

46

4

0

0

SgrìobhadhGàidhlig

180

0

5

46

44

4

0

0

Matamataig

183

0

2

40

51

6

1

0

Saidheans

183

0

2

33

61

4

0

0

P7

Leughadh - Beurla

157

0

0

3

6

43

44

4

Leughadh-Gàidhlig

152

0

2

4

13

63

18

1

Sgrìobhadh -Beurla

156

0

0

3

24

56

15

1

Sgrìobhadh-Gàidhlig

154

1

2

7

28

53

10

0

Matamataig

153

0

0

3

16

57

25

0

Saidheans

151

0

0

1

32

67

0

0

* Sa chlàr seo agus ann an clàran eile far a bheil sgaoilidhean air an taisbeanadh, tha ceudadan uaireannan a' tighinn gu barrachd na 100 mar thoradh air cruinneachadh.

Dh'fhaodadh gur e am feart as nochdte ann an dàta P5

i) an cruinneachadh timcheall air Ìrean B agus C thar nan cuspairean air fad, a' co-shìneadh leis an t-suidheachadh gu nàiseanta

ii) an ionnanachd dhlùth anns na h-iomraidhean ìre airson sgrìobhadh san dà chànan

(bha an ìre cheudna airson an dà chànan air a thoirt do 82% de sgoilearan)

iii) gum b' e sgrìobhadh an raon a b' ìsle a bha air a mheas leis an luchd-teagaisg, a-rithist a rèir na deilbh nàiseanta.

Aig P7 tha sinn a' faicinn:

i) cruinneachadh làidir timcheall air Ìrean D agus E airson leughadh Beurla, le farsaingeachd ìre nas motha ri fhaicinn ann an leughadh Gàidhlig, a' cuimseachadh air Ìre D

ii) mar a tha aig P5, ionnanachd làidir anns na h-iomraidhean ìre airson sgrìobhadh ann am Beurla 's ann an Gàidhlig (gu dearbh, chaidh breithneachadh gun robh 76% de na sgoilearan aig an ìre cheudna airson sgrìobhadh anns an dà chànan), le farsaingeachd ìre a' cuimseachadh air Ìre D

iii) cuimseachadh ionnan air Ìre D airson saidheans agus matamataig, ach leis a' chuid mhòr de sgoilearan eile air an cur aig Ìre C ann an saidheans, ach ann am matamataig bhiodh iad air an cur aig B no E.

Tha Figear 1 a' nochdadh pàtran nam breithneachaidhean aig an luchd-teagaisg aig an dà ìre saidheans, ge 'r bith mar a mhìnich an luchd-teagaisg 'saidheans' fhad 's a bha iad a' tional na fianais air an robh am breithneachaidhean deireannach stèidhichte (cha robh mìneachadh òrdaichte air a thoirt dhaibh nuair a fhuair iad cuireadh am breithneachaidhean ìre a thairgsinn airson a' chuspair seo).

Figear 1
Breithneachaidhean luchd-teagaisg air ìrean 5-14 nan sgoilearan ann an saidheans
(% de sgaoilidhean)

Figear 1 Breithneachaidhean luchd-teagaisg air ìrean 5-14 nan sgoilearan ann an saidheans

A rèir luchd-teagaisg nan sgoilearan bha timcheall air dà thrian sgoilearan P5 ag obair aig Ìre C no nas àirde ann an saidheans (4% aig Ìre D mar-thà), le co-chuid ionnan de sgoilearan P7 ag obair aig Ìre D.

« Previous | Contents | Next »

Page updated: Wednesday, May 27, 2009