On this page:

Sgrùdadh Saidheans tro Mheadhan na Gàidhlig SSA 2007

« Previous | Contents | Next »

Listen

Dealbhadh agus cinn-uidhe an sgrùdaidh

B' e an treas cheann-uidhe a tha clàraichte ann an Sgrùdadh Euchd na h-Alba 2007, mar a tha air iomradh ann an sgrìobhainn an dealbhaidh sgrùdaidh:

Gus euchd sgoilearan ann an Tuigse agus Eòlas Saidheans a mheas agus iomradh a rèir ìrean 5 gu 14 aig Prìomh 5 agus Prìomh 7 do sgoilearan do bheilear a' teagasg saidheans tro mheadhan na Gàidhlig.

A chionn 's gu bheil àireamh sluaigh na Gàidhlig glè bheag, tha e soilleir nach b' urrainnear dèiligeadh ann an dòigh choileanta leis an amas seo ach le bhith a' measadh gach sgoilear aig P5 agus P7 a bha ag ionnsachadh saidheans tro mheadhan na Gàidhlig a' bhliadhna sin. Tha sin ri ràdh gun gabhadh 'sgrùdadh tro mheadhan na Gàidhlig' cruth sgrùdaidh àireamh-sluaigh. Nochd dearbh-aithneachadh àireamh-sluaigh nan sgoilearan a bha buntainneach aig gach ìre mar phrìomh dhùbhlan. B' e a' chiad duilgheadas sgoiltean san robh saidheans air a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig a chomharrachadh. An dèidh conaltradh leis na h-ùghdarrasan ionadail agus a' choimhearsnachd Ghàidhlig (Bòrd na Gàidhlig), chaidh 44 sgoiltean a dh'fhaodadh a bhith freagarrach agus aonadan Gàidhlig air leth no aonaichte a chomharrachadh. Chaidh na sgoiltean a chomharrachadh ann an 11 ùghdarrasan eadar-dhealaichte: Baile Obar Dheathain, Earra-Ghàidheal is Bòid, Inbhir Àir an Ear, Dùn Bhreatainn an Ear, Baile Dhùn Èideann, na h-Eileanan Siar, Baile Ghlaschu, a' Ghàidhealtachd, Inbhir Chluaidh, Lannraig a Deas agus Sruighle, leis a' chuid as motha de sgoiltean air a' Ghàidhealtachd no sna h-Eileanan Siar. Nuair a chaidh fios chun na sgoiltean, ge-tà, fhuaireadh a-mach nach robh sgoilearan sam bith don robhar a' teagasg saidheans tro mheadhan na Gàidhlig ann an 2006-07, no nach robh foghlam saidheansail air a liubhairt ach ann am pàirt tro mheadhan na Gàidhlig. Mar sin, chaidh co-dhùnadh na sgoilearan uile a bha ag ionnsachadh saidheans gu h-iomlan no ann am pàirt tro mheadhan na Gàidhlig a ghabhail a-steach dhan sgrùdadh.

Dh'fheumadh stuthan sam bith a dheigheadh a chur air beulaibh 'sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig' a bhith ann an Gàidhlig. A bharrachd air an sin, dh'fheumadh eadar-theangachadh de na stuthan sin no fo-sheata de na stuthan a bhith ri fhaotainn, a bhiodh air an cleachdadh sa phrìomh sgrùdadh nam biodh luach coimeasach sam bith gu bhith aig toraidhean a' mheasaidh. Ach anns a' phrìomh sgrùdadh chaidh 12 diofar leabhrain eòlais is tuigse saidheansail ( KU) a thoirt do na sgoilearan aig aon ìre sam bith (48 leabhrain gu h-iomlan tarsainn nan ceithir ìrean P3, P5, P7 agus S2), ann am pàidhrichean de shia leabhrain. A chionn 's gun robhar a' dùileachadh gum biodh an àireamh sluaigh Gàidhlig aig ìre P5 agus P7 eadar 200 agus 250 sgoilear, cha robhar ga fhaicinn ciallach an seata slàn de dhiofar leabhrain KU a riaghladh a-mach do sgoilearan Gàidhlig. Bha seo air sgàth 's gun robh e coltach gum biodh toraidhean gach neach fa leth co-dhiù cho inntinneach ris na toraidhean stèidhichte air ìre, agus leis na h-àireamhan a bhith cho ìosal bhuilicheadh sia diofar phàidhrichean leabhrain aig aon ìre 30-40 sgoilear airson gach leabhran, agus mar sin airson gach pìos obrach - fada ro ìosal airson iomradh toinisgeil a thoirt orra nan còir fhèin. A thuilleadh air an sin, bhiodh an t-eallach eadar-theangachaidh a bhrosnaicheadh 24 diofar leabhrain air a mheas neo-èifeachdach a thaobh cosgais, agus dùbhlanach a thaobh àireamhan. Mar sin, chaidh co-dhùnadh aon phaidhir leabhrain a thaghadh air thuaiream airson eadar-theangachadh a-mach às na sia a chaidh a chleachdadh sa phrìomh sgrùdadh aig gach ìre .i. ceithir diofar leabhrain deuchainn gu h-iomlan, a dhà aig gach ìre. Tha seo a' ciallachadh nach gabh toraidhean nan sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig a thig gu buil tro chleachdadh leabhrain deuchainn na fo-sheata seo, a bhith air an coimeas gu dìreach leis na toraidhean a thig gu buil airson Alba air fad mar a chlàraicheadh ann am prìomh aithisg an sgrùdaidh 1.

Leis gum biodh cuid de sgoilearan air a bhith ag ionnsachadh saidheans dìreach ann am pàirt tro mheadhan na Gàidhlig, chaidh na leabhrain deuchainn a chur a-mach gu na sgoiltean ann am Beurla agus Gàidhlig. Bha saorsa aig na sgoilearan (no aig an luchd-teagaisg) an cànan leis a bu chofhurtaile dhaibh a bhith ag obair a thaghadh airson an t-suidheachaidh deuchainn seo, an dà chuid a thaobh cànan an leabhrain agus cuideachd a thaobh am freagairtean do na ceistean.

A chionn 's gun robh am measadh a' cuimseachadh gu sònraichte air eòlas is tuigse saidheans, cha robh na sgoilearan Gàidhlig air am measadh airson litearrachd saidheans no sgilean practaigeach. Chaidh aontachadh ge-tà, gum faigheadh an luchd-teagaisg cuireadh gus breithneachaidhean cothromach air na sgoilearan a chur a-steach mar as àbhaist, airson matamataig agus saidheans agus cuideachd airson leughadh agus sgrìobhadh, an dà chuid ann am Beurla agus Gàidhlig. A bharrachd air an sin, gheibheadh na sgoilearan dìreach mar an fheadhainn sa phrìomh sgrùdadh, cuireadh gus ceisteachan a lìonadh mu an dòighean ionnsachaidh ann an saidheans. A-rithist, gus cosgaisean eadar-theangachaidh a chuingealachadh agus gus an àireamh as motha de luchd-freagairt fhaotainn do gach ceist, cha robh ach aon de na ceithir diofar phàipearan ceisteachain a chaidh a chleachdadh sa phrìomh sgrùdadh aig gach ìre air eadar-theangachadh airson a chur a-mach san sgrùdadh Gàidhlig. A-rithist, chaidh an ceisteachan a thoirt do na sgoilearan san dà chànan gus am biodh cothrom aca taghadh cànain a dhèanamh.

« Previous | Contents | Next »

Page updated: Wednesday, May 27, 2009