On this page:

Consultation on the Scottish Government Draft Gaelic Language Plan

« Previous | Contents | Next »

Listen

Earrann a Dhà
A' freagairt ris a' Phàipear Co-chomhairleachaidh seo

Tha sinn ag iarraidh freagairtean sgrìobhte ris a' phàipear co-chomhairleachaidh seo ro 29 Giblean 2009. Cuiribh ur freagairt còmhla ris an Fhoirm Fiosrachaidh Luchd-freagairt air a lìonadh a-steach (faicibh 'Làimhseachadh ur freagairt' gu h-ìosal) gu:

stuart.pescodd@scotland.gsi.gov.uk

no

Stuart E Pescodd
Manaidsear Leasachadh Plana Gàidhlig Roinn Scots is Gàidhlig 2J (N)
Cidhe Bhictòria
Dùn Èideann
EH6 6QQ


Ma tha ceistean agaibh cuiribh iad gu Stuart Pescodd air 0131-244 0389.

Bhiodh sinn toilichte nan dèanamh sibh soilleir nur freagairt dè na ceistean no na pàirtean den phàipear co-chomhairleachaidh ris a bheil sibh a' freagairt oir cuidichidh seo ar mion-sgrùdadh air na freagairtean a gheibh sinn.

Chithear an co-chomhairle seo, agus a h-uile co-chomhairle eile aig Riaghaltas na h-Alba air-loidhne air na duilleagan-lìn a bhuineas don cho-chomhairle air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba aig http://www.scotland.gov.uk/consultations. Faodaidh sibh fònadh Saor-Fòn 0800-77-1234 gus faighinn a-mach càit a bheil an goireas eadar-lìn poblach as fhaisge oirbh.

Tha siostam rabhaidh post-dealain aig Riaghaltas na h-Alba a-nis airson co-chomhairlean (SEconsult: http://www.scotland.gov.uk/consultations/seconsult.aspx). Tha an siostam seo a' toirt cothrom do chom-pàirtichean, daoine fa leth agus buidhnean a bhith clàrte agus post-dealain fhaighinn gach seachdain le fiosrachadh mun h-uile co-chomhairle ùr (a' gabhail a-steach ceanglaichean lìn). Tha SEconsult a' cur ri liostaichean sgaoilidh SG, chan ann idir nan àite, agus tha iad dealbhte gus cothrom a thoirt do chom-pàirtichean cumail suas ri obair co-chomhairleachaidh SG air fad, agus mar sin rabhadh fhaighinn cho luath 's a ghabhas mun fheadhainn as cudromaiche dhaibh. Mholadh sinn dhuibh a bhith clàrte.

A' làimhseachadh ur freagairt

Feumaidh fios a bhith againn ciamar a tha sibh ag iarraidh ur freagairt a bhith air a làimhseachadh agus, gu sònraichte, a bheil sibh deònach ur freagairt a bhith air fhoillseachadh. Lìonaibh a-steach am Foirm Fiosrachaidh Luchd-freagairt a tha an lùib a' phàipear co-chomhairleachaidh aig Earrann 5 agus tillibh e oir nì seo cinnteach gun dèilig sinn ri ur freagairt ann an dòigh iomchaidh. Ma dh'iarras sibh nach bi ur freagairt air fhoillseachadh bidh sinn a' dèiligeadh ris mar nì a tha dìomhair.

Bu chòir don h-uile neach-freagairt a bhith mothachail gu bheil Riaghaltas na h-Alba umhail do chumhachan Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 agus mar sin feumaidh e coimhead ri iarrtas sam bith a gheibhear fon Achd airson fiosrachaidh a bhuineas do fhreagairtean ris an obair co-chomhairleachaidh seo.

Na h-ath cheuman

Far an tug luchd-freagairt cead am freagairt fhoillseachadh agus an dèidh dhuinn dearbhadh nach eil nì mì-chliùiteach sam bith annta, bidh na freagairtean air am foillseachadh ann an Leabharlann Riaghaltas na h-Alba, faicibh am Foirm Fiosrachaidh Luchd-freagairt, bidh iad air am foillseachadh ann an Leabharlann Riaghaltas na h-Alba ron Og-mhios 2009 agus air duilleagan-lìn co-chomhairle Riaghaltas na h-Alba ron Chèitean 2009. Faodaidh sibh iarrtas a chur airson na freagairtean fhaicinn chun an Leabharlann air 0131-244 4552. Faodar lethbhreac de na freagairtean a chur thugaibh, ach 's dòcha gum bi suim ri phàigheadh airson na seirbheis seo.

Dè thachras a-nis

As dèidh a' cheann-là dùnaidh, thèid sgrùdadh agus beachdachadh a dhèanamh air na freagairtean uile còmhla ri fianais sam bith eile a tha ri fhaotainn gus ar cuideachadh a' tighinn gu co-dhùnadh mu ar dleastanas agus taic don Ghàidhlig. Tha sinn an dùil aithisg a chur a-mach mun mhodh co-chomhairleachaidh an dèidh dhuinn ar Plana a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig aig deireadh na h-Ògmhios 2009.

Beachdan agus gearanan

Ma tha beachdan agaibh mun dòigh san robh a' chùrsa co-chomhairleachaidh seo air a dhèanamh, cuiribh iad gu:

Stuart E Pescodd
Manaidsear Leasachadh Plana Gàidhlig Roinn Scots is Gàidhlig 2J(N)
Cidhe Bhictòria
Dùn Èideann
EH6 6QQ


stuart.pescodd@scotland.gsi.gov.uk

« Previous | Contents | Next »

Page updated: Tuesday, January 27, 2009