On this page:

Comataidh Rannsachaidh air Croitearachd: Freagairt an Riaghaltais

« Previous | Contents | Next »

Listen

FACAL-TOISICH

Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air dùthaich nas soirbheachail a chruthachadh le cothroman airson leigeil le Alba uile cinneadh tro bhith a' meudachadh fàs eaconamach seasmhach. Cha bhi sinn air soirbheachadh mura h-eil cothrom air a bhith aig gach pàirt de dh'Alba, a' gabhail a-steach nan sgìrean as iomallaiche is as dùthchaile, gus soirbheachadh. Is e beachd an Riaghaltais seo gum faod dreuchd shònraichte a bhith aig croitearachd, ann an àiteachan sònraichte, gus an t-amas sin a choileanadh.

Ann am prògram an Riaghaltais airson na h-Alba, rinn sinn dealas gus croitearachd ath-leasachadh, a' leantainn air adhart bho obair an rannsachaidh làithrich, ag aithneachadh gun urrainn do chroitearachd tabhartas àraid a dhèanamh a thaobh a bhith a' cumail suas choimhearsnachdan dùthchail làidir ann an sgìrean as iomallaiche na h-Alba. Tha a' Chomataidh Rannsachaidh air Croitearachd a-nis air aithris do na Ministearan agus tha an fhreagairt seo a' comharrachadh a' chiad cheum san dealas againn gu bhith ag ath-leasachadh croitearachd.

Ann a bhith ag ath-leasachadh croitearachd, feumaidh sinn amas air an tabhartas is urrainn do chroitearachd a chur ri leasachadh Alba dhùthchail shoirbheachail. Feumaidh sinn aithneachadh gu bheil an suidheachadh san 21mh linn gu math eadar-dhealaichte bho shuidheachadh na 19mh linn nuair a chaidh ciad Achd nan Croitearan a thoirt gu bith. Chaidh ciad Achd nan Croitearan a thoirt a-steach gus còraichean a thoirt do luchd-gabhail air an talamh air an robh iad suidhichte, airson cothrom a thoirt dhaibh fuireach sna coimhearsnachdan aca. Bha àiteachas fìor chudromach ann an croitearachd ach fhad 's a tha sinn air gluasad gu ruige margaidh nas fharpaisiche, a tha a' buntainn ris an t-saoghal gu lèir, tha àiteachas croitearachd air a dhol sìos agus thathar a' cleachdadh chroitean ann an dòighean nas fharsainge. An-diugh tha smachd aig croitearan air tòrr dhen talamh sna coimhearsnachdan aca agus tha iad a' malairt nan croitean is nan gabhaltasan-croite aca air a' mhargaidh fhosgailte, fhad 's a tha iarrtas airson taighean ag àrdachadh. Is e buil nam pàtran seo gu bheil cleachdaidhean traidiseanta croitearachd a' dòl sìos agus tha barrachd is barrachd fearainn ga toirt a-mach à gabhaltas croitearachd is croitearan a' cur an gnìomh an còir gus ceannach is luach an t-so-mhaoin seo a thoirt gu bith air a' mhargaidh fhosgailte.

Tha croitearachd a-nis aig crois rathaid agus feumaidh sinn co-dhùnadh cò an taobh a thèid sinn gus àm ri teachd croitearachd a dhèanamh cinnteach. Is e rud bunaiteach a bhios ann a bhith a' toirt fuil ùr a-steach do na coimhearsnachdan croitearachd agus an lùthan a chleachdadh airson cuideachadh gus dèanamh cinnteach à fàs eaconamach seasmhach. Tha e soilleir dhomhsa bho na deasbadan a chaidh a chumail air a' cheist bhunaitich seo, is bho aithisg na Comataidh, gu bheil a' mhòr-chuid de chroitearan airson riaghladh nas èifeachdaiche, a tha air a dhealbhadh gus talamh a chumail ann an gabhaltas croite, fhaicinn gus dèanamh cinnteach gu bheil daoine a' fuireach ann an taighean croite agus gu bheil am fearann air a chur gu feum chinneasach.

Ach tha a' mhòr-chuid de chroitearan airson dèanamh cinnteach às amas nas motha is nas cudromaiche buileach - a bhith a' leantainn air adhart leis na cleachdaidhean is leis an dòigh beatha aca tron chothrom a bhith a' lìbhrigeadh cothrom croitearachd do na ginealaich a tha ri teachd. Chan urrainn don a sin tachairt ge-tà, mura h-eil ath-leasachadh ann - ath-leasachadh a tha ag ath-shuidheachadh a' chothromachaidh cheart eadar an neach is a' choimhearsnachd agus a tha a' toirt cumhachd do chroitearan gus an t-àm ri teachd aca san 21mh linn a dhealbhadh.

Tha mi air fàilte a chur air an lèirsinn a tha a' Chomataidh air a shuidheachadh airson àm ri teachd chroitearachd - 's e sin àm ri teachd de choimhearsnachdan croitearachd fàsmhor, soirbheachail, in-ghabhaltach is seasmhach. Chan eil an Riaghaltas air gabhail ris gach aon mholadh a tha an t-Àrd-Ollamh Shucksmith is a cho-obraichean air a dhèanamh, ach tha sinn air èisteachd gu cùramach ris a' Chomataidh is ris na h-uile a tha air beachdachadh air a toraidhean. Tha an sgrìobhainn seo a-nis a' mìneachadh freagairt mhionaideach an Riaghaltais don phròiseas sin. Is e an ath cheum dreachd Bhile a thoirt air adhart airson co-chomhairleachadh ach tha mi a' coimhead air adhart ri tuilleadh deasbaid mu aithisg na Comataidh is mu fhreagairt an Riaghaltais fhad 's a tha sinn, ann an com-pàirteachas le croitearan is leis a' choimhearsnachd chroitearachd, a' toirt a' ghnothaich seo air adhart.

Mìcheal Russell BPA
MINISTEAR AIRSON NA H-ÀRAINNEACHD

Thar-sealladh

1. Chuir Ministearan na h-Alba an dreuchd Cathraiche na Comataidh Rannsachaidh air Croitearachd san Dùbhlachd 2006 is chaidh ballrachd slàn na Comataidh ainmeachadh sa Ghiblean 2007. Chaidh iarraidh air a' Chomataidh lèirsinn a leasachadh airson àm ri teachd chroitearachd is atharrachaidhean rianachd no reachdail, a bha a dhìth gus an lèirsinn sin a thoirt gu buil, a chomharrachadh. Ghabh a' Chomataidh co-chomhairle fharsaing os làimh, a' cumail grunn choinneamhan poblach thar nan siorrachdan croitearachd, is thug iad cuireadh seachad airson fianaisean sgrìobhte a chur thuca. Tha e cudromach cuimhneachadh gun do ghabh còrr math is dà mhìle neach com-pàirt sa phròiseas seo, is gun tàinig tabhartasan èifeachdach bho gach ceàrn den Ghàidhealtachd is de na h-Eileanan, is nas fhaide. Bha tòrr den luchd-tabhairt nan croitearan gnìomhach.

2. Chuir a' Chomataidh Rannsachaidh air bhog a h-aithisg dheireannach air an 12 Cèitean 2008 aig tachartas san Lanntair, Steòrnabhagh is chaidh fàilte a chur air co-dhùnaidhean na Comataidh san fharsaingeach aig an àm air feadh nan siorrachdan croitearachd. Tha an aithisg a' toirt thar-sealladh air croitearachd is a' dèanamh mholaidhean ann an sia raointean. Is iad seo:

  • Fearann is Àrainneachd;
  • Eaconamaidhean Dùthchail;
  • Taighean aig Prìs Ruigsinneach;
  • Riaghaltas;
  • Riaghladh is Cur an Gnìomh; agus
  • Daoine Òga is Luchd-inntrigidh Ùr.

3. Chaidh deasbad mu aithisg na Comataidh Rannsachaidh 1 a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba air 15 Cèitean is a-rithist chaidh fàilte san fharsaingeachd a chur air an lèirsinn a tha air a dealbhachadh san aithisg. Bhon uair sin tha an Riaghaltas, a' Phàrlamaid, croitearan is luchd-ùidh eile air a bhith a' beachdachadh air susbaint na h-aithisge agus tha raon farsaing bheachdan a' tighinn am bàrr mu mholaidhean sònraichte san aithisg. Tha an sgrìobhainn seo a' mìneachadh freagairt thùsail an Riaghaltais do na molaidhean a tha san aithisg agus a' toirt cuireadh do dhaoine beachd a thoirt seachad air aithisg na Comataidh is air freagairt an Riaghaltais. Faodar beachdan a chur chun an t-seòlaidh aig deireadh na h-earrainne seo.

4. Tha grunn phrìomh phrionnsabalan ann a tha an Riaghaltas den bheachd a tha cudromach ann a bhith a' dèanamh cinnteach às àm ri teachd chroitearachd is choimhearsnachdan croitearachd iomallach is dùthchail. Is iad a bhith:

  • A' cumail suas is a' meudachadh an tuaireim fearainn a tha air a chumail fo ghabhaltas croitearachd. Is e an tuaiream fearainn a tha fo ùmhlachd gabhaltas chroitearachd aon de na prìomh thaisbeanairean airson slàinte chroitearachd. Tha an tuaiream fearainn ann an gabhaltas chroitearachd a' dòl sìos le barrachd is barrachd fearainn ga ghabhail thairis is ga dhì-croitearachd, sa bhitheantas airson a bhith a' togail thaighean ùra. Gun teagamh, tha e do-sheachanta gum bi fearann air a thoirt a-mach à gabhaltas chroitearachd bho àm gu àm; ach tha e cuideachd cudromach gum fuirich tuaiream cho mòr 's a ghabhas de dh'fhearann ann an gabhaltas chroitearachd gus dèanamh cinnteach às na buannachdan eaconamach, sòisealta is àrainneachdail a tha croitearachd a' lìbhrigeadh. Le bhith an-còmhnaidh a' toirt fearann air falbh, gu h-àraid nuair a thathar ga thoirt air falbh gus airgead a dhèanamh, thathar a' dèanamh cron air na coimhearsnachdan croitearachd fa leth agus croitearachd gu h-iomlan. Mar sin tha an Riaghaltas gu mòr airson dèanamh cinnteach gum fuirich fearann ann an gabhaltas chroitearachd. Far a bheil fearann air a thoirt a-mach à gabhaltas chroitearachd, feumaidh sinn dèanamh cinnteach nach e a-mhàin gu bheil e a' dèanamh tabhartas slàn ris an eaconamaidh ionadail ach cuideachd gu bheil comas aige leigeil leis a' choimhearsnachd buannachd a thoirt às an luach (fìor no gu teòiridheach) a tha aig an t-so-mhaoin a chaidh a thoirt air falbh à croitearachd. A bharrachd, tha an Riaghaltas air dealas a dhèanamh do bhith a' sònrachadh sgìrean ùra airson croitearachd agus bidh e a' toirt air adhart an reachdais dàrnach riatanach rè ùine.
  • A' dèanamh cinnteach gu bheil fearann ann an gabhaltas chroitearachd air a chur gu feum chinneasach. Tha tòrr deasbaid air a bhith ann roimhe a thaobh na tha cleachdadh cinneasach a' gabhail a-steach. Thathar ag aontachadh sa bhitheantas gum bu chòir do mhìneachadh cleachdadh cinneasach a bhith gu math farsaing gus leigeil leis an fhearann a bhith air a chleachdadh airson measgachadh de dh'adhbharan. Chan eil co dhiubh a tha am fearann air a chleachdadh gus biadh fhàs, gus buannachdan àrainneachdail a lìbhrigeadh, airson toglaichean gnothachais no taigheadas cho cudromach ri bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil am fearann air a chleachdadh ann an dòigh air choireigin. Tha sinn ag aithneachadh na dreuchd a dh'fhaodas a bhith aig an Riaghaltas ann a bhith a' brosnachadh cleachdadh cinneasach den fhearann, ach tha e cudromach gum bi com-pàirt aig croitearan cuideachd. Dh'fhaoidte gum bi feum anns na cumhachdan a tha ann mar-thà a chleachdadh barrachd gus dèanamh cinnteach gum bi fìor chunnart ann do chroitearan nach eil a' cur an cuid fearainn gu feum chinneasach air choireigin, gum faodadh iad an gabhaltas aca a chall.
  • A' dèanamh cinnteach gu bheil taigheadas sna siorrachdan croitearachd a' dèanamh tabhartas slàn ris an eaconamaidh ionadail. Tha e riatanach airson a bhith a' cumail suas is a' meudachadh àireamh-sluaigh ann an sgìre sam bith gum bith taigheadas gu leòr ann. Tha seo ga chur aig teis-meadhain a bhith a' gleidheadh fàs eaconamach ann an sgìrean iomallach, dùthchail na h-Alba. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil taigheadas freagarrach aig prìs ruigsinneach ri fhaotainn gus àite-fuirich a thoirt do dhaoine òga is do dhaoine eile a tha a' tighinn a-steach. Ged a tha dàrna dachannan a' toirt teachd a-steach do dh'eaconamaidhean sgìrean iomallach, dùthchail, chan eil an tabhartas aca cho mòr ri dachaigh a tha air a chleachdadh mar phrìomh àite-fuirich. A bharrachd, tha an t-iarrtas margaidheach airson dàrna dachannan tric a' ciallachadh gu bheil prìsean chroitean is thaighean aig ìre nach urrainn do mhuinntir an àite a phàigheadh. Mar sin, tha e riatanach gu bheilear a' cur aghaidh ceart ri neo-làthaireachd. A bharrachd, seach gu bheil smachd aig croitearan air co-roinn chudromach den fhearann ann an coimhearsnachdan àraid, faodaidh dreuchd chudromach a bhith aca ann a bhith a' coileanadh stòras seasmhach de thaighean aig prìs ruigsinneach airson muinntir an àite.
  • A' toirt barrachd cumhachd do dhaoine ionadail gus na h-amannan ri teachd aca fhèin a dhaingneachadh. Mar a chomharraich a' Chomataidh Rannsachaidh tha beachd farsaing ann gu bheil gluasad am measg dhaoine ionadail, le taic bhon Riaghaltas is a bhuidhnean-gnìomha, gus smachd a ghabhail air na h-amannan ri teachd aca fhèin, na phàirt bhunaiteach de leasachadh dùthchail seasmhach. Le bhith a' tiomnadh cumhachd, is urrainn dhuinn comas a thoirt do choimhearsnachdan na h-amannan ri teachd aca fhèin a dhealbhadh is co-dhùnaidhean a dhèanamh a tha iomchaidh a thaobh am feumalachdan is an suidheachaidhean fhèin. Ach, tha dleastanas a' tighinn an cois cumhachd, is tha e cudromach dèanamh cinnteach gu bheil iadsan a tha a' dèanamh cho-dhùnaidhean às leth an coimhearsnachdan riochdachail is cunntasach.
  • A' cuideachadh dhaoine òga agus luchd-ìnntrigidh ùr do chroitearachd. Mairidh croitearachd a-mhàin ma tha daoine òga a' leantainn air adhart a' tòiseachadh air croitearachd. Tha grunn nithean ann a tha a' toirt buaidh air a seo, agus tha dealas aig an Riaghaltas dèanamh cinnteach gu bheil croitearachd na dòigh beatha tharraingeach do na ginealaichean a tha ri thighinn. Fhad 's a tha sinn a' gluasad air adhart a' leasachadh croitearachd, feuchaidh sinn ri dèanamh cinnteach gu bheilear a' toirt aire shònraichte do dh'fheumalachdan luchd-inntrigidh ùr, oir cha bhi e comasach do na coimhearsnachdan croitearachd againn mairsinn às aonais an iomairteis is an dealais.

5. Tha freagairt an Riaghaltais do mholaidhean fa leth na Coimhearsnachd Rannsachaidh a' gabhail aire de na prìomh phrionnsabalan seo. Tha na freagairtean do na molaidhean air an toirt seachad sa chòrr den sgrìobhainn seo is thathar gam mìneachadh san òrdugh sa bheil iad ann an aithisg na Comataidh. Bidh an Riaghaltas a' deasachadh dreachd Bhile airson co-chomhairle phoblach ann an 2009.

6. Faodar beachdan mu aithisg na Comataidh agus freagairt an Riaghaltais a chur gu:

Sgioba Àm Ri Teachd Chroitearachd
Raon 1-D
Taigh Phentland
47 Robb's Loan
Dùn Èideann
EH14 1TY

Freagairt Mhionaideach

7. Tha freagairt an Riaghaltais a' leantainn òrdan nam molaidhean ann an aithisg na Comataidh. Rinn a' Chomataidh molaidhean ann an sia prìomh raointean. Tha na h-earrannan a leanas a' cur aghaidh ris gach aon de na raointean sin fa leth.

A. Fearann is Àrainneachd
B. Eaconamaidhean Dùthchail Làidir
C. Taighean aig Prìs Ruigsinneach
D. Riaghaltas airson Croitearachd
E. Riaghladh is Cur an Gnìomh Croitearachd
F. Daoine Òga is Luchd-inntrigidh Ùr

A. Fearann is Àrainneachd

8. Tha croitearachd air cruth-tìre na Gàidhealtachd is nan Eilean a chumadh airson linntean. Ach, tha an eaconamaidh air atharrachadh gu mòr thar na h-ùine sin agus tha buaidh aig a sin air mar a tha fearann air a chleachdadh. Tha àiteachas a-nis ag obrachadh taobh a-staigh margaidh chruinneil agus tha an Riaghaltas ag iarraidh gum bi àiteachas na h-Alba a' leantainn air adhart mar ghnìomhachas fiùghantach is farpaiseach, a' dèanamh cinnteach às ion-obrachadh choimhearsnachdan dùthchail san ùine fhàda. Tha seo gu h-àraid cudromach aig àm nuair a tha tèarainteachd bidhe is buannachdan chinneasachadh bidhe ionadail air àrdachadh air a' chlàr-gnothaich nàiseanta. Gun teagamh, tha amas maoineachadh Eòrpach is nàiseanta air atharrachadh thar nam bliadhnachan a rèir cuideaman cruinneil is gus na buannachdan don chomann-shòisealta a tha an lùib a bhith a' stiùireadh fearainn ann an dòigh a tha math don àrainneachd a neartachadh. Thathar cuideachd air iomadachd a bhrosnachadh, airson cuideachadh gus sgìrean dùthchail a dhèanamh nas lugha an eisimeil àiteachais. Tha sgìrean croitearachd gu tric air càch a stiùireadh a thaobh a bhith a' sealltainn mar a dh'fhaodas teachd-a-steach a bhith air a ghineadh bho chaochladh thobraichean is a' taisbeanadh deagh stiùireadh àrainneachdail a thaobh an fhearainn. Tha dualchas nàdarra àraid na h-Alba gu mòr fo fhiachaibh sgil, oidhirp is diongmhaltas ginealaich de chroitearan.

9. Tha an Riaghaltas a' cur fàilte air an aire dhlùth a thug a' Chomataidh do na h-eadar-obrachaidhean cudromach, is gu tric iom-fhillte, eadar am fearann, an àrainneachd is croitearachd. Tha an earrann seo a' mìneachadh freagairt an Riaghaltais do na molaidhean air an fhearann is an àrainneachd ann an aithisg Dheireannach na Comataidh Rannsachaidh air Croitearachd. Tha aithisg na Comataidh a' tighinn aig àm de cho-chomhairleachadh shusbainteach mu àm ri teachd Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais agus nan Sgìrean Fo-leasaichte. Gabhaidh an Riaghaltas làn aire de na molaidhean a tha a' Chomataidh Rannsachaidh air Croitearachd air a dhèanamh ann a bhith a cumadh a fhreagairt do na co-chomhairlean seo.

3.2.19 An àite goireas meadhanaichte a' frithealadh na Gàidhealtachd is nan Eilean gu lèir, bu chòir taic a thabhann airson a bhith a' fastadh thairbh phrìobhaideach gus coinneachadh ri feumalachdan nan sgìrean sin a-mhàin far am biodh seo do-dhèante às aonais na taice seo.

10. Tha an Riaghaltas ag aithneachadh cho cudromach 's a tha e càileachd stuic is àireamhan chruidh a chumail suas ann an sgìrean iomallach is a bhith a' brosnachadh chroitearan airson obrachadh còmhla gus obrachaidhean chruidh ion-obrachail a chruthachadh. Tha e ag aontachadh leis a' Chomataidh nach e goireas meadhanaichte tairbh bhriodaidh an dòigh as fheàrr gus na h-amasan seo a choileanadh. Mar sin bidh e a' coimhead ri rèiteachaidhean ùra a chur an àite Sgeama Leasachadh Càileachd Crodh nan Croitearan (SLCCC) a tha air an dealbhadh gus fastadh thairbh phrìobhaideach a dhèanamh nas fhasa agus gus taic a thoirt do shealbhachadh coimhearsnachd ann an sgìrean iomallach far am faodadh cosgaisean còmhdhail no geamhrachaidh a bhith nam bacadh do choimhearsnachdan croitearachd. Thèid rèiteachaidhean ùra gus na cosgaisean còmhdhail seo a mhaothachadh a thoirt a-steach do Phrògram Leasachadh Dùthchail na h-Alba (PLDA). Gu mì-fhortanach, tha riatanasan Cobhair Stàite AE a' ciallachadh nach urrainn do PLDA taic a thoirt do cheannach no fastadh thairbh (seach gur e taicean cinneasachaidh a tha sna dhà).

11. Bidh e do-dhèante na rèiteachaidhean ùra seo a thoirt a-steach ro fhoghar 2009. Airson na h-ùine eadar-amail, tha an Riaghaltas an dùil tairbh bho thuathanasan briodaidh a tha ann mar-thà a thabhann, aig cosgais nach eil a' toirt bàrr air na cosgaisean fastaidh bliadhnail a tha ann an-dràsta, do bhuidhnean croitearachd a tha air brath a ghabhail de Sgeama Leasachadh Càileachd nan Siorrachdan Croitearachd (SLCSS) sna trì bliadhna mu dheireadh is a tha airson buannachd mhaireannach a dhèanamh as t-Earrach 2009. Gus ùine a thoirt do bhuidhnean airson beachdachadh air an roghainn seo is na rèiteachaidhean riatanach a dhèanamh, cumaidh Ùghdarras nan Croitearan an Tuathanas Tairbh Bhriodaidh a tha ann an Inbhir Nis an-dràsta gus an dìon geamhrachail a tha a dhìth air na tairbh a thoirt seachad is gus còmhdhail a-mach a chur air dòigh airson na h-ath bhliadhna. Far an urrainnear, bidh an Riaghaltas an dùil sealbhachadh thairbh sam bith a tha air an gluasad air an stèidh seo a bhuileachadh an dàrna cuid air na Comataidhean Ionaltraidh no air Comataidhean Leasachaidh nam Bailtean Croitearachd a thèid a stèidheachadh a rèir Moladh 3.12.5 de dh'Aithisg Shucksmith. Gun teagamh, faodaidh Sgeama Thabhartasan Àiteachais nan Siorrachdan Croitearachd (STASC) cuideachadh a thoirt seachad airson toglaichean geamhrachaidh is goireasan stuic eile a thogail.

12. Tha an Riaghaltas a' moladh gun tèid an goireas briodaidh meadhanaichte, stàit-shealbhaichte ann an Inbhir Nis a dhùnadh ro shamhradh 2009. Thèid an taic a tha ri faotainn an-dràsta tro SLCSS gus cosgaisean còmhdhail co-cheangailte ri fastadh thairbh phrìobhaideach a mhaothachadh, is airson comhairle is taic a thoirt seachad le deasachadh planaichean stuic a chumail suas gus an urrainnear rèiteachaidhean ùra a dhèanamh fo PLDA. Thèid an SLCSS an uair sin a stad.

3.3.1 Tha sinn a' moladh gum bu chòir feum a dhèanamh de shùbailteachdan a dh'fhaodadh a bhith ann an Eacarsaich Sgrùdadh Slàinte Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais (PCA) a' gabhail a-steach:

  • ath-sgrùdadh de reataichean Pàigheadh Singilte Tuathanais gus an structar aca a dhèanamh nas còmhnairde, le beachdachadh air a bhith a' gluasad gu ruige stèidh sgìreil airson pàighidhean, co-mheasgaichte le àrdachadh ann an reataichean atharrachaidh gus airgead a thogail airson maoineachadh leasachadh dùthchail;
  • a bhith a' cleachdadh sholarachaidhean cèise nàiseanta leudaichte - gus aghaidh a chur ri ana-cothroman do thuathanaich is croitearan beaga sna sgìrean croitearachd, a' gabhail a-steach dh'fhaoidte maoineachadh airson sgeama fastadh thairbh;
  • a bhith a' toirt a-steach uidheamachdan a tha a' ceadachadh làn-chòir Pàigheadh Singilte Tuathanais a riarachadh do dhaoine a tha a' tighinn a-steach às ùr.

13. Is e moladh cudromach a tha seo. Chaidh pàipear co-chomhairleachaidh an Riaghaltais air Sgrùdadh Slàinte PCA 2 fhoillseachadh air an 13 Òg-mhìos, le ceann-là dùnaidh de 5 Sultain. Tha am pàipear co-chomhairleachaidh seo a' gabhail a-steach ceistean sònraichte mu bhith a' gluasad air falbh bhon mhodail eachdraidheil de Phàighidhean Singilte Tuathanais gu ruige reataichean pàighidh còmhnard; air an ìre rèiteachaidh; air barrachd sùbailteachd a thaobh cleachdadh na cèise nàiseanta; agus air mar a dh'fhaodadh an tasgadh nàiseanta a bhith air a chleachdadh gus cothrom a thoirt do luchd-inntrigidh ùr air Pàighidhean Singilte Tuathanais. Chaidh buidheann luchd-ùidh, a tha a' gabhail a-steach riochdairean bho Bhunachas Croitearachd na h-Alba, cuideachd a stèidheachadh gus comhairle a thoirt don Riaghaltas mu Sgrùdadh Slàinte PCA. Thèid co-dhùnaidhean deireannach a ghabhail às dèidh toradh barganachaidhean air feadh an AE air Sgrùdadh Slàinte PCA, is thathar an dùil gun tèid co-dhùnadh poileataigeach a ruigsinn nas fhaide air adhart air a' bhliadhna-sa.

3.3.2 Tha sinn a' moladh gum bu chòir ath-bhreithneachadh a dhèanamh air reataichean a tha ann an-dràsta fo Sgeama Taic nan Sgìrean Fo-leasaichte (STSFL) - gus am bi iad a' toirt dealbh nas fheàrr air solarachadh bhatharan poblach. Bu chòir beachdachadh air a bhith ag àrdachadh an reata pàighidh as ìsle. Bu chòir reataichean ùra a thoirt a-steach le atharrachadh do Phlana Leasachadh Dùthchail na h-Alba (PLDA) mus tig am Plana a tha ann an-dràsta gu crìch.

14. Tha dealas aig an Riaghaltas do dh'àm ri teachd STSFL, is tha a bhuidheann luchd-ùidh STSFL (a tha a' gabhail a-steach riochdairean de Bhunachas Croitearachd na h-Alba) an-dràsta a' dèanamh sgrùdadh air an sgeama eadar-amail, suidhichte rè na h-ùine 2007-2009. Rè an fhoghair 2008, tha an Riaghaltas an dùil co-chomhairle a chumail air a' mhion-fhiosrachadh a thaobh mar a bu chòir STSFL obrachadh rè na h-ùine 2010-2013. Seallaidh a' cho-chomhairle seo moladh na Comataidh, a' sireadh bheachdan air reataichean pàighidh is a' dèanamh cinnteach à buannachdan àrainneachdail is poblach eile. Thèid co-dhùnaidhean a dhèanamh tràth ann an 2009.

3.3.3 Tha sinn a' moladh gum bu chòir rannsachadh a dhèanamh san sgrùdadh AE-stiùirichte de na Sgìrean Fo-leasachaichte (SFL) air na roghainnean airson a bhith a' ceangal reataichean pàighidh gu dìreach ri solarachadh bhatharan poblach. Bu chòir beachdachadh air a bhith a' toirt a-steach seòrsachadh "beinne" airson pàirtean de dh'Alba.

15. Is e moladh cudromach eile a tha seo. Tha an Riaghaltas air sgrìobhadh chun an AE a' cur cuideam air cho cudromach 's a tha na Sgìrean Fo-leasaichte do dh'Alba, ag iarraidh air an AE làn aire a ghabhail de bheachdan luchd-ùidh na h-Alba rè an sgrùdaidh seo, is ag iarraidh, nuair a thèid co-dhùnaidhean a dhèanamh, gun deidheadh ùine gu leòr a thoirt do dhùthchannan gus deasachadh airson buileachadh èifeachdach. Mhìnich an Riaghaltas don AE gu bheil cnapan-starra fiosaigeach is aimsireil cudromach an aghaidh stiùireadh fearainn ann an Sgìrean Fo-leasachaichte na h-Alba, is gu bheil stiùireadh gnìomhach den fhearann seo riatanach airson a bhith a' lìbhrigeadh nam buannachdan àrainneachdail buntainneach is airson a bhith a' cumail suas nan cruthan-tìre àiteachais cudromach. Mhìnich e cuideachd gun robh taic SFL do thuathanaich is do chroitearan riatanach do bhith a' cumail suas na dùthcha is do bhith a' brosnachadh shiostaman tuathanais seasmhach. Cleachdaidh an Riaghaltas a' cho-chomhairle a tha gu bhith aige a dh'aithghearr air STSFL gus beachdan a shireadh mu bhith a' toirt a-steach seòrsachadh "beinne" airson pàirtean de dh'Alba.

3.3.4 Tha sinn a' moladh cur às do chuingeadan sna rèiteachaidhean làithreach a tha a' cur an aghaidh dhaoine a tha a' tighinn a-steach às ùr. Bu chòir don a seo tachairt cho luath 's a ghabhas, gun a bhith nas fhaide na àm toirt a-steach nan rèiteachaidhean ùra às dèidh an STSFL eadar-amail làithreach.

16. 'S e trioblaid a tha seo a tha an aghaidh luchd-inntrigidh ùr a dh'fhaodadh a bhith ion-roghnach airson fearann do nach deach pàighidhean STSFL a dhèanamh ann an 2006. Anns a' cho-chomhairle a tha gu bhith aige a dh'aithghearr air STSFL, siridh an Riaghaltas beachdan mu dhòighean sam faodadh an trioblaid seo a bhith air fhuasgladh is tha dealas làidir aige gu bhith a' toirt air falbh seo, is cnap-starra sam bith eile, do luchd-inntrigidh ùr.

3.3.5 Tha sinn a' moladh tuilleadh togail air adhartas shoilleir Phrògram Leasachadh Dùthchail na h-Alba le bhith a' toirt a-steach:

  • ceum, nach eil fo ùghdarras, fo "Roghainnean" a tha freagarrach do chroitearan is do ghnothachasan beaga eile leis na h-ullachaidhean a tha sinn air a mhìneachadh ann an earrainn 3.1.15; agus
  • ceumannan ùra a sheasas leotha fhèin, a tha freagarrach do chroitearachd, fo "Roghainnean" às dèidh rannsachadh barrantaichte gus òrdughan freagarrach a chomharrachadh, a' gabhail aire den iomadachd a tha sna sgìrean croitearachd.

17. Chaidh Prògram Leasachadh Dùthchail na h-Alba (PLDA) a leasachadh às dèidh co-chomhairle fharsaing le luchd-ùidh. Is fhiach e mu £1.6 billean thar ùine a' phrògraim (2007-13). An-dràsta, tha na ceumannan nach eil fo ùghdarras, a' gabhail a-steach STSFL agus Roghainnean Mhanaidsearan Fearainn agus is e Prìomhachasan Dùthchail am prìomh uidheamachd farpaiseach (a thathar an dùil is fhiach mu £800 millean thar ùine a' phrògraim). Faodar mion-atharrachaidhean do PLDA a chur a-steach chun an AE airson aonta às dèidh do Chomataidh Sgrùdaidh a' Phrògraim beachdachadh air. Ach, aig an ìre seo, tha an Riaghaltas airson eòlas fhaighinn a thaobh a bhith a' buileachadh a' Phrògraim a tha ann an-dràsta mus tèid ceumannan ùra, nach robh san tagradh thùsail a chaidh a thoirt don Ùghdarras, a thoirt a-steach. Nuair a thathar a' beachdachadh air mion-atharrachaidhean bidh sinn fìor mhothachail gu bheil feum air ceumannan a tha gu h-àraid buannachdail do chroitearan.

3.3.6 Bu chòir STASC a chumail is beachdachadh air a bhith a' leudachadh nan ullachaidhean gus a bhith a' gabhail a-steach: (a) taic airson iomairtean seach àiteachas a tha stèidhichte air an fhearann; agus (b) togail 10% ann an taic do luchd-inntrigidh ùr. (Faic earrann 3.2.15.) [de dh'Aithisg Dheireannach na Comataidh Rannsachaidh air Croitearachd]

18. Tha an Riaghaltas a' gabhail ris gum bu chòir Sgeama Thabhartasan Àiteachais nan Siorrachdan Croitearachd (STASC) a ghleidheadh taobh a-staigh Prògram Leasachadh Dùthchail na h-Alba (PLDA). Às dèidh molaidhean na Comataidh, bheir e air adhart molaidhean gus taic ath-stiùireadh gu ruige croitearan clàraichte agus aonta AE a shireadh rè pròiseas mion-atharrachaidh 2009 (a) gus an sgeama a leudachadh gu Sgìre Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean gu lèir agus (b) gus an sgeama atharrachadh gus togail 10% a sholarachadh ann an taic do luchd-inntrigidh ùr do chroitearachd. Chan eil e a' moladh STASC a leudachadh gus taic a thoirt do dh'iomairtean stèidhichte air an fhearann seach àiteachas seach gu bheil taic an-dràsta ri fhaotainn tro eileamaidean eile de PLDA airson iomairtean leithid sin.

B. Eaconamaidhean Dùthchail Làidir

19. Tha aithisg na Comataidh Rannsachaidh air croitearachd ag innse gu bheil, gu cuibheasach, 30% de theachd-a-steach croiteir a' tighinn bho ghnìomhan stèidhichte air croiterachd. Mar sin, tha i ag aithneachadh gu bheil eaconamaidhean dùthchail làidir a tha a' toirt seachad chothroman gus teachd-a-steach a ghineadh far na croite, deatamach gus a bhith a' dèanamh cinnteach às àm ri teachd chroitearachd. Tha an Riaghaltas ag aontachadh leis a seo agus is e a' chiad phrìomhachas aige fàs seasmhach eaconamach a chruthachadh anns gach pàirt de dh'Alba. Tha a' Chomataidh Rannsachaidh air Croitearachd air grunn mholaidhean a dhèanamh a tha air an dealbhachadh gus eaconamaidhean dùthchail nan Siorrachdan Croitearachd a neartachadh agus is urrainnear freagairt an Riaghaltais do na molaidhean seo a lorg gu h-ìseal.

20. Tha an Riaghaltas airson eaconamaidhean dùthchail fhaicinn a' fàs. Tha e a' toirt taic do choimhearsnachdan dùthchail gus an eaconamaidh ionadail a neartachadh tro bhith a' togail comas taobh a-staigh na coimhearsnachd gus beachd-smuaintean a leasachadh. Tha e cuideachd a' toirt seachad taic dhìreach gus na beachd-smuaintean sin a thoirt gu bith, ach tha seo a' ciallachadh gum feum na coimhearsnachdan fhèin an innleachdais a chleachdadh gus iomairt a ghineadh. Tha smachd a-nis aig croitearachd air tuaiream mòr den fhearann ann an cuid de choimhearsnachdan is faodaidh iad com-pàirt cudromach a ghabhail ann a bhith a' togail choimhearsnachdan ionadail nas làidire tro bhith a' cur an fhearainn gu feum chinneasach.

3.6.1 Tha sinn a' moladh tasgadh leasachaidh amas air a bhith a' togail comas choimhearsnachdan airson am brosnachadh gus na meudan-comais aca fhèin a leasachadh. Bhiodh seo a' gabhail a-steach togail air na leasain a chaidh ionnsachadh bho LEADER agus Iomairt aig an Oir.

21. Tha sinn ag aontachadh leis a' mholadh seo. Tha dealas aig Riaghaltas na h-Alba gus meud-comais nan coimhearsnachdan a mheudachadh gus na h-eaconamaidhean aca fhèin a leasachadh agus gus togail air na leasain a chaidh ionnsachadh bho LEADER agus Iomairt aig an Oir. Le leasachadh Dealbhadh Choimhearsnachd agus Rèiteachaidhean nan Toraidhean Singilte, tha gach cothrom ann gus an seòrsa dòigh-obrach seo a sgaoileadh a-mach thar sgìrean chugallach, a' togail air na prionnsabalan airson cumhachd choimhearsnachd a tha a' Chomataidh a' brosnachadh.

22. San t-Sultain 2007, dh'ainmich an Riaghaltas £100,000 gach bliadhna a bharrachd airson Ùghdarras nan Croitearan airson seirbheis a thoirt seachad gus croitearan a chuideachadh a' leasachadh phlanaichean tasgaidh gus maoineachadh a ghleidheadh bho Phrògram Leasachadh Dùthchail na h-Alba agus tobraichean eile. Bidh an Riaghaltas cuideachd a' cosg còrr is £30m tro Phrògram LEADER sa Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan thar na h-ùine gu 2013 is chaidh na ciad dhuaisean tabhartais a thoirt seachad mar-thà ann an grunn sgìrean. Tha prògram na h-Iomairt aig an Oir, a tha ag amas a-mhàin air cuid de na coimhearsnachdan as iomallaiche is as cugallaiche gu h-eaconamach ann an Alba, le dòigh-làimhseachaidh chom-pàirteachail, stèidhichte air sgìrean, air a stiùireadh le coimhearsnachdan, a thaobh leasachadh ionadail, air a bhith soirbheachail san eachdraidh 10 bliadhna aige. Tha e a' tabhann tòrr eisimpleirean den chleachdadh as fheàrr a dh'fhaodas Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (IGE) a thoirt air adhart san dòigh-làimhseachaidh Fàs aig an Oir (FAAO) a tha i a' moladh.

3.6.2 Tha sinn a' moladh barrachd amalachaidh eadar taobhan "neartachadh choimhearsnachdan" agus "taic gnothachail" de dh'obair IGE agus nan ùghdarrasan ionadail - le barrachd prìomhachais ga thoirt do phròiseactan beaga (gu h-àraid meanbh-ghnothachasan), gnothachasan coimhearsnachd agus iomairtean sòisealta, cuide ri bhith ag amas air na pàirtean as iomallaiche de na sgìrean croitearachd.

23. Tha Riaghaltas na h-Alba ag aontachadh gu bheil feum air barrachd amalachaidh eadar taobhan "neartachadh choimhearsnachdan" agus "taic gnothachais" obair IGE agus nan Ùghdarrasan Ionadail. Tha dòigh-obrach FAAO a tha IGE a' moladh airson sgìrean cugallach a' gabhail a-steach a bhith ag obair gu dlùth le Ùghdarrasan Ionadail mar phàirt den phròiseas dealbhadh coimhearsnachd, a' toirt leasachadh eaconamach is dùthchail ri chèile. Tha dòigh-obrach FAAO a tha IGE a' moladh ag amas air na Sgìrean Cugallach a tha iad air a chomharrachadh agus bhiodh seo a' gabhail a-steach cuideachadh do mheanbh-ghnothachasan (eadar-theachd as lugha de £5 mìle) far a bheil buannachd shoilleir ann don choimhearsnachd. Leanaidh IGE air adhart leis a' phrògram airson a bhith a' cuideachadh choimhearsnachdan gus iomairtean a chruthachadh gus so-mhaoin fearainn is iomairtean lùth so-ùrachaidh a leasachadh a ghineas teachd-a-steach. Cuidichidh e cuideachd gus beachd-smuaintean innleachdach a leasachadh leithid eileanan carbon ìseal, "ionadan-meadhain" coimhearsnachd, leasachadh chroitean ùra is coille, agus lìbhrigeadh sheirbheisean tro theicneòlas dhiodsaiteach.

3.6.3 Bu chòir dòigh-obrach ro-innleachdail a thaobh dhaoine a bhith ag imrich a-steach is a' tilleadh, agus gleidheadh sluaigh, a bhrosnachadh - ag amas air a bhith a' leasachadh iomairtean ùr agus stèidheachadh nan seòrsachan choimhearsnachdan sa bheil daoine airson fuireach.

24. Tha sinn cuideachd ag aontachadh ris a' mholadh seo. Gun teagamh tha Riaghaltas na h-Alba air targaid fàs sluaigh airson na h-Alba a shuidheachadh san Ro-innleachd Eaconamach aige gus a bhith cho math ri fàs cuibheasach sluaigh AE-15 san ùine 2007 gu 2017. Gus seo a choileanadh tha e a' gabhail os làimh dòigh-obrach ro-innleachdail a thaobh imrich a-steach, daoine a' tilleadh agus gleidheadh sluaigh. Ged is e targaid nàiseanta a tha seo, thathar ag aithneachadh gum faodadh fiù 's àrdachadh beag ann an àireamhan-sluaigh choimhearsnachdan iomallach, dùthchail, buaidh chrudromach a thoirt air leasachadh eaconamach is sòisealta nan sgìrean seo. Bidh Riaghaltas na h-Alba ag obair còmhla ri Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, ùghdarrasan ionadail agus solaraichean eile seirbheis airson daoine a bhrosnachadh gus fuireach, obrachadh is ionnsachadh ann an Alba, a' gabhail a-steach nan siorrachdan croitearachd. Nì a bhith a' leasachadh chothroman cosnaidh, cothrom air taighean is nithean eile, croitearachd agus coimhearsnachdan iomallach dùthchail eile nas tarraingiche airson a bhith a' fuireach is ag obair annta. A bharrachd, cuidichidh fuil ùr, sunnd ùr is beachd-smuaintean ùra na siorrachdan croitearachd gus soirbheachadh.

C. Taigheadas aig Prìs Ruigsinneach

25. Is e prìomh cheist a tha ann an taigheadas ann an coimhearsnachdan croitearachd agus tha e deatamach airson a bhith a' gleidheadh is ag àrdachadh àireamh-sluaigh nan sgìrean iomallach, dùthchail againn. Tha seo a' ciallachadh gu bheil e fìor chudromach airson a bhith a' neartachadh an eaconamaidh dhùthchail. Ach, is e cùis connspaideach a tha seo ann an cuid de choimhearsnachdan croitearachd. Tha beachd ann nach eil cuid de leasachaidhean thaigheadais a' dèanamh tabhartas iomlan don eaconamaidh ionadail, seach nach eilear a' cleachdadh nan taighean mar àite-fuirich maireannach. A bharrachd, faodaidh an t-àrdachadh ann an luach a tha a' buntainn ris na leasachaidhean seo a bhith buannachdail do chroitear fa leth (uaireannan croitear fa leth nach eil an làthair) gun a bhith a' dèanamh tabhartas sam bith do mhathas is àm ri teachd na coimhearsnachd croitearachd sa bheil an leasachadh sin suidhichte.

26. Tha an Riaghaltas airson solarachadh taigheadas aig prìs ruigsinneach a bhrosnachadh agus b 'fheàrr leis sa chumantas gun deidheadh fearann àiteachais nach eil cho cinneasach a chleachdadh airson an adhbhair seo. Tha an dàimh eadar croitearachd is taigheadas air atharrachadh gu mòr fhad 's a tha iarrtas airson taighean air atharrachadh. Tha cuideam gus fearann a tha fo ghabhaltas croite a chleachdadh airson taigheadas air meudachadh bho chionn ghoirid, agus tha measgachadh de bheachdan ann mu bhith a' cleachdadh fearann croite airson taigheadas. Thathar a' dèanamh deasbaireachd nas mionaidiche air na cùisean seo san earrainn mu riaghladh is cur an gnìomh chroitearachd, ach tha e cudromach aire a ghabhail do na duilgheadasan a tha an lùib a bhith a' rèiteach na còmhstri eadar a bhith a' cleachdadh fearann airson taigheadas gus an eaconamaidh dhùthchail as fharsainge a bhrosnachadh agus a bhith a' cleachdadh fearann airson àiteachas. Seach gu bheil smachd aig croitearan air co-roinn chudromach den fhearann ann an cuid de choimhearsnachdan, tha dreuchd dheatamach aca san deasbad seo.

27. Tha na molaidhean san earrainn seo ag amas air taic airson taigheadas agus tha freagairt an Riaghaltais do na molaidhean sin air a toirt seachad gu h-ìseal. Tha an Riaghaltas ag aithneachadh gu bheil feum aig gabhaltas croitearachd air taic a bharrachd airson taigheadas croitearachd, ach tha e cudromach aire a ghabhail do mholadh 3.15.8 nuair a thathar a' beachdachadh air na molaidhean air taigheadas, seach gu bheil seo a' moladh gun deidheadh reachdas atharrachadh airson comas a thoirt do chroitearan gus ionmhas iasaid fhaighinn gun a bhith a' dì-croitearachd. Tha an Riaghaltas an dùil còmhraidhean fhosgladh le prìomh institiudan a thaobh mar a dh'fhaodadh croitearan an gabhaltasan a chleachdadh gus ionmhas iasaid a ghleidheadh. Bheireadh seo buaidh mhòr air taic airson taigheadas chroitearachd.

3.9.1 STTC neartaichte - dealbhaichte gus togail no leasachadh thaighean a cheadachadh às aonais dì-croitearachd.

3.9.2 Cha bu chòir don STTC neartaichte a bhith ri fhaotainn dhaibhsan a tha a' dì-croitearachd.

28. Tha an Riaghaltas a' moladh ath-bhreithneachadh a thoirt air adhart sa bhad air Sgeama Thabhartasan nan Taighean Croite (STTC) cuide ri dà sgeama tabhartais eile airson taigheadas dùthchail (Tabhartas Sealbhachadh nan Dachannan Dùthchail agus Tabhartas nan Aitreabhan Dùthchail Falamh). Beachdaichidh an ath-bhreithneachadh air na molaidhean a rinn a' Chomataidh Rannsachaidh air Croitearachd, a' gabhail a-steach na h-ìre is nan cumhaichean airson taic.

29. Gus fearann a chumail ann an gabhaltas chroitearachd, tha an Riaghaltas a' dol le beachd na Comataidh Rannsachaidh gum bu chòir rèiteachaidhean sònraichte gus taic a thoirt do chroitearachd a bhith air an cuingealachadh ri taighean a tha air an togail air fearann croite. Ach tha seo gu mòr an crochadh air cothrom a bhith aig croitearan iasadan fhaighinn airson taighean a thogail gun a bhith a' dì-croitearachd. Mar sin, chan urrainnear co-dhùnadh a ruigsinn air a seo gus am bi fios co dhiubh a bhios institiudan deònach iasadan a thoirt seachad a' cleachdadh gabhaltas chroitearachd mar thèarainteachd, no co dhiubh a dh'fheumas sgrùdadh a bhith air a dhèanamh air dòighean eile gus iasadan fhaighinn, mar eisimpleir le barrantas bhon Riaghaltas.

30. Chan eil an Riaghaltas dèidheil air a' mholadh gus eileamaid iasaid Sgeama Thabhartasan nan Taighean Croite a thoirt air ais seach gu bheil e den bheachd gu bheil an earrann phrìobhaideach nas fheàrr air a h-uidheamachadh gus a dhol an gnìomh mura h-eil neach a' cumail ri pàighidhean iasaid. B' fheàrr leis ann am prionnsabal a dhol air adhart le rèiteachaidhean ceartais co-roinnte, a' toirt cothrom don earrainn phoblaich co-roinn fhaighinn de luach taigheadas sam bith a thathar a' togail. Ach leanaidh Riaghaltas na h-Alba air adhart a' sgrùdadh sgeamaichean barrantachaidh iasaid a tha ag obrachadh ann an raointean eile de bheatha dhùthchail a dh'fhaicinn co dhiubh a dh'fhaodadh gin dhiubh seo modail obrachail a thoirt seachad airson solarachadh thaighean croite. Thèid seo a dhèanamh mar phàirt den ath-bhreithneachadh air taigheadas dùthchail.

3.9.3 Bheireadh na ceumannan a tha air am mìneachadh ann am paragraf 3.8.4 taic do sholarachadh taigheadas aig pris ruigsinneach do dhaoine nach eil nan croitearan.

31. Tha an Riaghaltas a' gabhail ri beachd na Comataidh gum bi Uachdarain Shòisealta Chlàraichte (USC) agus urrasan coimhearsnachd nam prìomh thobar airson taigheadas aig prìs ruigsinneach. Ach, faodaidh luchd-leasachaidh prìobhaideach agus ùghdarrasan ionadail cuideachd taigheadas aig prìs ruigsinneach a sholarachadh. Tha dealas aig an Riaghaltas gus dèanamh cinnteach gu bheilear a' toirt bhrosnachaidhean do dh'ùghdarrasan ionadail gus ath-thòiseachadh air prògraman togail ùr agus tha e air £25 millean a chur an dàrna taobh airson seo. Nas coitchinne, tha an Riaghaltas an-dràsta a' dol an gnìomh a thaobh tòrr de na ceumannan a tha air an toirt seachad ann an Aithsg na Comataidh, mar a thathar a' mìneachadh gu h-ìseal.

(Bu chòir luchd-seilbh poblach fearainn (a' gabhail a-steach an Riaghaltas, Ùghdarras na Coilltearachd agus Dualchas Nàdair na h-Alba) a bhrosnachadh gus fearann a dhèanamh ri fhaotainn do dh'Uachdarain Shòisealta Chlàraichte (USC) aig cosgais ìseal)

32. Tha an Riaghaltas fìor mhisneachail mu bhith a' dèanamh cinnteach gum bu chòir do dh'fhearann a tha leis an stàit a bhith air a dhèanamh ri fhaotainn san dòigh seo agus tha e air a bhith gu làidir a' sireadh na cùise. Tha Sgeama an Fhearainn Choille Nàiseanta mar-thà a' toirt a' chiad chothrom do USC agus solarachaidhean eile thaighean gus fearann a bharrachd le Riaghaltas na h-Alba, a tha air a stiùireadh le Ùghdarras na Coilltearachd, fhaighinn. Tha grunn làraich mar-thà a'cur ri solarachadh thaighean aig prìs ruigsinneach ann an coimhearsnachdan dùthchail. Tha Sgioba Gnìomha Solarachadh nan Taighean, le Ministear nan Coimhearsnachdan is an Spòirs sa chathair, a' coimhead air a bhith a' cleachdadh fearann na h-earrainne poblaich mar phrìomhachas tràth.

(Bu chòir Tabhartasan Sealbhachadh nan Dachannan Dùthchail (TSDD) a bhith air am brosnachadh gu gnìomhach air feadh nan coimhearsnachdan croitearachd le luchd-comasachaidh taigheadas ionadail agus USC).

33. Tha Riaghaltas na h-Alba ag aontachadh gu bheil uidheamachdan gus feadhainn a dh'fhaodadh ceannach ann an sgìrean dùthchail cudromach mar phàirt den Iomairt Cosgais ìseal dhaibhsan tha Ceannach airson a' Chiad Uair ( LIFT). Bha ath-bhreithneachadh a chaidh a dhèanamh bho chionn ghoirid air Tabhartasan Sealbhachadh nan Dachannan Dùthchail (TSDD) a' nochdadh gun robh fios nas fharsainge aig daoine mun deidhinn ann an sgìrean mar a' Ghàidhealtachd agus nach robh gu ìre cho mòr ann an sgìrean gun chroitearachd leithid ceann a deas na h-Alba. Bidh beachdachadh mun mholadh seo na phàirt den ath-bhreithneachadh as fharsainge air tabhartasan airson taigheadas dùthchail.

(Ann am bailtean nas motha, bu chòir cuotathan de thaigheadas aig prìs ruigsinneach a chur mar riatanas air luchd-leasachaidh prìobhaideach, fiù's ann an sgeamaichean beaga, fo ùmhlachd ion-obrachadh iomlan an sgeama).

34. Tha Planning Advice Note 74: Affordable Housing aig Riaghaltas na h-Alba mar-thà ag ullachadh airson seo, agus a' moladh ìre-chomharraidh de 25%. Rinn an Riaghaltas ath-sgrùadh air Scottish Planning Policy 3: Planning for Homes san Iuchair 2008, agus tha seo a-nis a' gabhail a-steach na h-ìre-comharraidh 25%, airson a' chiad uair, ann am poileasaidh dealbhaidh nàiseanta.

(Bu chòir modailean ùra a leasachadh a tha freagarrach airson bhailtean sgaoilte, leithid am modail ùr ceartais/TSDD agus taigheadas a chaidh a thòiseachadh agus a tha air a shealbhachadh leis a' choimhearsnachd, coltach ris a' 'mhodail cho-reultail' a chaidh a thòiseachadh sna h-Eileanan Siar sna 1990an).

35. Beachdaichidh ath-bhreithneachadh Riaghaltas na h-Alba air tabhartasan thaighean dùthchail air co dhiubh a dh'fhaodas leasachaidhean a bhith air an dèanamh air na sgeamaichean a tha ann an-dràsta agus coimheadaidh iad gu cùramach air molaidhean sònraichte na Comataidh Rannsachaidh a thaobh mhodailean ùra.

3.9.4 Bu chòir planaichean leasachadh croitearachd na suidheachaidhean sam faodar taighean a thogail air talamh àitich is ionaltradh croitearachd math ann an sgìre ionadail sam bith a mhìneachadh. Bu chòir gabhail ris nach bithear a' togail air talamh àitich mura h-eil na planaichean leasachaidh croitearachd ionadail a' sònrachadh gu bheil seo riatanach, cuide ri cumhaichean sam bith.

36. Tha an Riaghaltas gu mòr airson barrachd com-pàirteachas poblach a bhrosnachadh sa phròiseas dealbhaidh agus gun deidheadh beachdachaidhean croitearachd a chur an cèill barrachd ann an dealbhadh fearann croite sna siorrachdan croitearachd. Far an gabhadh e dèanamh, bu toil leis cuideachd gun deidheadh taighean a thogail air fearann nach eil cho math seach air fearann math àitich a dh'fhaodadh a bhith air a chleachdadh airson àiteachas. Is e gnothaich do na h-ùghdarrasan dealbhaidh a tha ann an co dhiubh a bu chòir taighean a leasachadh air làraich shònraichte ach coimheadaidh an Riaghaltas a-nis ri ùghdarrasan ionadail gus dèanamh cinnteach gu bheilear a' dèanamh làn bheachdachadh air feumalachdan choimearsnachdan croitearachd nan co-dhùnaidhean mu chleachdadh iomchaidh airson fearann croite. Tha e cudromach gu bheilear a' beachdachadh air co-theacsa as fharsainge leasachadh sòisealta is eaconamach na roinne gu h-iomlan.

37. Tha moladh 3.12.5 a' moladh gum faodadh Comataidhean Leasachaidh Bhailtean Chroitearachd planaichean leasachadh croitearachd ionadail a dhèanamh. Tha Riaghaltas na h-Alba air goireasan a dhèanamh ri fhaotainn airson coimhearsnachdan ionadail a bhrosnachadh gus na planaichean leasachaidh croitearachd ionadail aca fhèin a dhèanamh. Tha e a' dùileachadh gum biodh aire cheart aig ùghdarrasan riaghlaidh is dealbhaidh do phlanaichean a tha coimhearsnachdan a' deasachadh airson amannan ri teachd nam bailtean aca.

3.9.5 Bu chòir cuideam a chur air ceumannan gus cuideachadh a thoirt do luchd-inntrigidh ùr nuair a thathar a' riarachadh maoin san àm ri teachd.

38. Ann a bhith a' dèanamh ath-bhreithneachadh air tabhartasan taigheadais do sgìrean dùthchail, feuchaidh an Riaghaltas ri dèanamh cinnteach gu bheil rèiteachaidhean san àm ri teachd a' toirt prìomhachas do bhith a' tarraing luchd-inntrigidh ùr a-steach do chroitearachd. Tha an Riaghaltas mothachail gu bheil luchd-inntrigidh ùr deatamach gus àm ri teachd chroitearachd a dhèanamh tèarainte agus tha e ag amas air seo a bhrosnachadh far an urrainnear idir. Bidh ceumannan gus luchd-inntrigidh ùr a chuideachadh a-steach gu croitearachd, mar a bhiodh dùil, an crochadh air co dhiubh a tha croitean rim faotainn agus co dhiubh a tha iad aig prìs ruigsinneach.

D. Riaghaltas airson Croitearachd

39. Tha na rèiteachaidhean riaghaltais a tha ann an-dràsta airson croitearachd air a bhith suidhichte airson còrr is 50 bliadhna is tha e cudromach beachdachadh co dhiubh a tha iad fhathast freagarrach. Dh'fhaoidte gu bheil na rèiteachaidhean a tha ann mar-thà air a bhith math do chroitearachd san àm a chaidh seachad, ach bho chionn dreise thathar air a bhith a' càineadh Ùghdarras nan Croitearan, is a' cur às a leth gu bheil e, ann am pàirt co-dhiù, na bhiùrocrasaidh ro-mheadhanaichte gun eòlas gu leòr air suidheachaidhean ionadail. Tha Riaghaltas na h-Alba a' creidsinn gum feum cumhachd a bhith air a thiomnadh gu ruige nan coimhearsnachdan gus am bi co-dhùnaidhean a' toirt dealbh nas fheàrr air suidheachaidhean ionadail. Tha dleastanas a' tighinn an cois cumhachd, agus tha e mar sin cudromach dèanamh cinnteach gu bheilear a' dèanamh cho-dhùnaidhean gu cothromach, gu bheil iad follaiseach is gu bheil loidhnichean soilleir cunntachalachd ann airson nan co-dhùnaidhean a thathar a' gabhail. Ach tha sinn cuideachd mothachail gum faodadh còmhstri èirigh taobh a-staigh nan coimhearsnachdan croitearachd ma tha cumhachd riaghlaidh air a thiomnadh ro fhada.

40. 'S ann air a' chroiteir fhèin a tha a' bhuaidh aig riaghladh chroitearachd as luaithe a' bualadh, ged a dh'fhaodas buaidh iomlan cho-dhùnaidhean croitearachd buaidh a thoirt air a' choimhearsnachd san fharsaingeachd, gu h-àraid nuair a tha co-roinn chudromach den fhearann san sgìre ionadail fo ghabhaltas chroitearachd. Mar sin tha e cudromach beachdachadh air a' chothromachadh a tha eadar ùidhean fa leth a' chroiteir agus ùidhean nas fharsainge nan coimhearsnachdan.

41. Far a bheil atharrachaidhean ann an rèiteachaidhean riaghaltais a bheir buaidh air luchd-obrach, cumaidh an Riaghaltas co-chomhairle le luchd-obrach is aonaidhean-ciùird gus dèanamh cinnteach gu bheilear a' cur aghaidh ri draghan sam bith am measg an luchd-obrach.

42. Tha na leanas a' toirt freagairt an Riaghaltais do na molaidhean ann an earrainn Riaghaltas airson Croitearachd aithisg na Comataidh Rannsachaidh.

3.12.1 Tha sinn a' moladh gun deidheadh sgaradh a dhèanamh eadar dreuchdan (1) riaghladh is cur an gnìomh chroitearachd, (2) leasachadh chroitearachd agus (3) a bhith a' cumail suas clàr na croitearachd. Tha feum air barrachd cunntasachd is sealbhachadh ionadail cuideachd a thaobh buileachadh na dreuchd riaghlaidh is cur an gnìomh.

43. Tha an Riaghaltas a' gabhail ris a' mholadh seo agus ag aontachadh gum bu chòir sgaradh a bhith eadar dreuchdan (1) riaghladh is cur an gnìomh chroitearachd, (2) leasachadh chroitearachd agus (3) a bhith a' cumail suas clàr na croitearachd. Mar a thathar a' mìneachadh gu h-ìseal, thèid riaghladh is cur an gnìomh chroitearachd a ghleidheadh le Ùghdarras nan Croitearan, thèid leasachadh chroitearachd a ghabhail os làimh le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus thèid Clàr Chroitean ùr a stèidheachadh le Clàran na h-Alba.

3.12.2 Mar sin dheidheadh Ùghdarras nan Croitearan a thoirt gu crìch. Tha sinn a' moladh gun deidheadh an dreuchd riaghlaidh is cur an gnìomh a dhèanamh san àm ri teachd le Caidreachas de Bhùird Chroitearachd ùr, aon bhuidhinn air a dèanamh suas de 7-10 Bùird Chroitearachd Ionadail thaghte, agus gnìomhaiche a' toirt seachad taic luchd-obrach, ionmhas agus seirbheisean meadhain eile do na Bùird sin.

44. Chan eil an Riaghaltas ag aontachadh ris a' mholadh seo. Tha eòlas is fiosrachadh aig Ùghdarras nan Croitearan mu chùisean croitearachd agus tha e cudromach gun tèid an t-eòlas seo a ghleidheadh. Ach tha feum aige air ath-leasachadh freimh is meòir gus a dhèanamh nas follaisiche, nas deamocrataiche is nas cunntasaiche. Tha an Riaghaltas den bheachd gum bu chòir Ùghdarras nan Croitearan a ghleidheadh ach a bhith air ath-leasachadh is ath-bhonntachadh gu mòr. Bho chionn ghoirid tha Ùghdarras nan Croitearan air ceumannan a dhèanamh gu ruige a bhith nas mothachaile mu shuidheachaidhean ionadail tro bhith a' stèidheachadh Luchd-ùghdarrais Sgìreil agus a' toirt ath-bheothachadh air lìonradh nam measadairean. Tha an Riaghaltas air fàilte a chur air na leasachaidhean seo ach tha e a' creidsinn gun urrainn don Ùghdarras a dhol tòrr nas fhaide; is mar sin tha sinn a' moladh Ùghdarras nan Croitearan ath-bhonntachadh mar NDPB le Fo-chomataidhean Sgìreil.

Bidh Bòrd NDPB a' gabhail a-steach luchd-gairm nam Comataidhean Sgìreil agus beag-chuid de luchd-dreuchd mhinistreil, a' gabhail a-steach Cathraiche an NDPB. Gabhaidh an NDPB ath-bhonntaichte os làimh dleastanas airson luchd-obrach, ionmhas agus seirbheisean meadhain eile ach bidh e an dùil seirbheisean corporra a cho-roinn a rèir prionnsabalan Riaghaltas Èifeachdach.

45. Tha an Riaghaltas a' moladh nach biodh barrachd air 6 Comataidhean Sgìreil ann gus dèanamh cinnteach gu bheil iad mòr gu leòr gus còmhstrithean a sheachnadh taobh a-staigh choimhearsnachdan. Dh'fhaodadh reachdas cothrom a thoirt na Comataidhean a leanas a stèidheachadh:

  • Arcaibh agus Sealtainn
  • Na h-Eileanan Siar
  • Ceann a Tuath na Gàidhealtachd
  • Ceann a Deas na Gàidhealtachd
  • An t-Eilean Sgìtheanach, Loch Aillse agus Loch Abar
  • Earra-Ghàidheal, Bòd, Arrain agus Cumradh

46. Ann a bhith a' moladh nan Comataidhean Sgìreil, thathar air beachdachadh air an eallach-obrach, dè cho furasta 's a tha e siubhal taobh a-staigh sgìre na Comataidh Sgìreil agus co-thaobhadh le crìochan nan Ùghdarrasan Ionadail. Nì gach Comataidh Sgìreil co-dhùnaidhean riaghlaidh airson na sgìre aice. Ach, bidh na Comataidhean Sgìreil fo Bhòrd Ùghdarras nan Croitearan agus cuiridh iad an gnìomh cumhachdan tiomnaichte ann an ainm Ùghdarras nan Croitearan. Dh'fhaodadh na poileasaidhean riaghlaidh agus na co-dhùnaidhean fa leth aca a bhith fo ùmhlachd ath-thagradh don riaghlaiche mus tèid ath-thagradh sam bith a dhèanamh gu Cùirt an Fhearainn.

47. Dh'fhaoidte gum biodh suas ri dà bhall dheug anns gach Comataidh Sgìreil, le mòr-chuid de chroitearan. 'S e croitearan air an taghadh le croitearan a bhiodh ann an seachdnar bhall den Chomataidh Sgìreil agus bhiodh dithis bhall air an cur air adhart leis na h-ùghdarrasan ionadail iomchaidh. Le riochdachadh ionadail air na Comataidhean Sgìreil nithear cinnteach gun gabh co-dhùnaidhean riaghladh croitearachd aire do phoileasaidh leasachaidh taigheadais, dealbhaidh is eaconamach nan ùghdarrasan ionadail. Dheidheadh triùir bhall eile den Chomataidh Sgìreil a chur an dreuchd le Bòrd Ùghdarras nan Croitearan gus dèanamh cinnteach gu bheilear a' riochdachadh ùidhean croitearachd eile ann an dòigh iomchaidh, leithid uachdarain is urrasan coimhearsnachd. Thaghadh gach Comataidh Sgìreil a Chathraiche aice fhèin bho na riochdairean croitearachd agus bhiodh croitearan an-còmhnaidh sa mhòr-chuid air Comataidh na Sgìre agus san Ùghdarras fhèin.

48. Ann an co-chomhairle ri Ùghdarrasan Ionadail, nì Riaghaltas na h-Alba tuilleadh beachdachaidh air an riaghaltas mhionaideach agus na rèiteachaidhean taghaidh airson a bhith ag ath-bhonntachadh an NDPB san dòigh seo. Thèid na molaidhean aige a stèidheachadh ann an dreachd reachdas, agus tha an Riaghaltas an dùil co-chomhairle a chumail air a seo ann an 2009.

3.12.3 Bu chòir dleastanas airson croitearachd a thoirt do bhuidheann chumhachdach Leasachadh Chroitearachd is Choimhearsnachd, is bhiodh e na b' fheàrr nam biodh seo taobh a-staigh IGE.

49. Tha grunn bhuidhnean eadar-dhealaichte a' toirt buaidh air croitearachd agus bu chòir dhaibh uile cur ri leasachadh chroitearachd. Ag aithneachadh an tabhartais a dh'fhaodas croitearachd a dhèanamh do leasachadh sosio-eaconamach na Gàidhealtachd is nan Eilean, tha sinn a' creidsinn gu bheil e cudromach nach tèid leasachadh chroitearachd is choimhearsnachd a chur gu "buidheann" fa leth taobh a-staigh IGE ach gum bu chòir a làimhseachadh mar phàirt riatanach de dh'obair leasachaidh eaconamach is sòisealta mòr-shluaigh na buidhne-gnìomha. Dheidheadh an dreuchd leasachadh chroitearachd a dhèanamh le IGE ann a bhith a' cur an gnìomh a dreuchdan fo Achd na h-Iomairt is nam Bailtean Ùra 1990. Nì seo cinnteach gu bheilear a' beachdachadh air tabhartas chroitearachd is leasachadh choimhearsnachd chroitearachd taobh a-staigh co-theacsa nas fharsainge leasachadh dùthchail sa Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan gu h-àraid sna sgìrean as iomallaiche agus is cugallaiche. Thèid an dreuchd a ghluasad gu IGE cho luath 's a ghabhas agus, às dèidh a' ghluasaid, cumaidh Buidheann Neartachadh Choimhearsnachdan IGE sùil air, ag obair gu dlùth le sgiobaidhean IGE a tha stèidhichte sna sgìrean.

3.12.4 Bu chòir dleastanas airson Clàr nan Croitean a bhith air a ghabhail thairis le Clàran na h-Alba - às dèidh eacarsaich cho-chomhairleachaidh gus measadh a dhèanamh air neo-mhearachdachd a' Chlàir, an sònrachadh a tha a dhìth gus gnìomh riaghlaidh iomchaidh a chumail suas san àm ri teachd, agus plana atharrachaidh gus an Clàr a thoirt suas ris an t-sònrachadh seo.

50. Tha am moladh seo a' leantainn moladh 3.15.7. Tha freagairt an Riaghaltais don mholadh sin air a mìneachadh gu h-ìseal.

3.12.5 Aig ìre na coimhearsnachd, bu chòir comataidhean ionaltraidh ùrachadh gus a bhith nan Comataidhean Leasachaidh Bhailtean Croitearachd le raon-ùghdarrais as leatha agus ballrachd nas ion-ghabhaltaiche. Bidh e na phrìomh dhreuchd aca a bhith a' leasachadh is ag aontachadh phlanaichean ro-innleachdail airson leasachadh chroitearachd ionadail, le taic bhon bhuidhinn ùr Leasachadh Chroitearachd is Choimhearsnachd.

51. Ged a tha sinn ag aithneachadh adhbhar a' mholaidh seo, chan eil an Riaghaltas a' creidsinn gun gabhadh na comataidhean ionaltraidh uile a tha ann an-dràsta an atharrachadh san dòigh seo. Mar sin bu toil leinn atharrachadh a bhrosnachadh seach iarraidh mar riatanas. Tha an Riaghaltas mar-thà air a bhith a' cuideachadh choimhearsnachdan croitearachd gus planaichean a leasachadh airson an ama ri teachd agus tha eisimpleirean ann far a bheil comataidhean ionaltraidh air planaichean ro-innleachdail a leasachadh is aontachadh airson croitearachd ionadail a leasachadh. Chaidh taic a thoirt don obair seo fo Sgeama Leasachaidh na Coimhearsnachd Croitearachd agus tha i co-chòrdail ri tòrr dhen obair a tha Ùghdarras nan Croitearan agus IGE a-nis a' gabhail os làimh tro Rural Direct agus Iomairt ag an Oir. Tha fianais ann gun urrainnear mòran a choileanadh tro dhòighean saor-thoileach seach tro dhòigh-obrach riaghlaidh.

52. Tha sinn a' moladh gum bu chòir leantainn air adhart a' brosnachadh chomataidhean ionaltraidh gus planaichean leasachadh croitearachd ionadail a thoirt air adhart agus gum bu chòir IGE taic a thoirt don ghnìomh seo tron dòigh-obrach Fàs aig an Oir aice. Feumaidh comataidhean ionaltraidh a bhith air an ath-nuadhachadh ann an cuid de sgìrean agus thèid brosnachadh a thoirt do chroitearan gus barrachd dhaoine nach eil nan croitearan a chur an dreuchd air na comataidhean gus dèanamh cinnteach gu bheil planaichean leasachaidh ionadail a' riochdachadh amasan na coimhearsnachd air fad, ged a dh'fheumas croitearan fhathast a bhith sa mhòr-chuid. Tha an Riaghaltas mar-thà air taic ionmhasail airson leasachadh is buileachadh phlanaichean gnothachais coimhearsnachd ionadail a chomasachadh tro Phrògram Leasachadh Dùthchail na h-Alba agus stiùiridh sinn comataidhean ionaltraidh gus taic leithid seo a ruigsinn.

53. Thathar a' dèanamh barrachd beachdachaidh air a' mhodail as fheàrr airson a bhith a' dèanamh phlanaichean leasachaidh croitearachd ionadail, ag ionnsachadh bho dhòighean-obrach leithid dòigh-obrach Amannan ri Teachd nan Coimhearsnachdan a chaidh a ghabhail ann am Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Trosaichean. Ach, tha e cudromach gun toir luchd-riaghlaidh aire do mhiannan choimhearsnachd mar a thathar a' cur an cèill ann am plana sam bith a chaidh a chur ri chèile gu ceart agus, mar sin bithear an dùil gum bi an dà chuid an luchd-riaghlaidh croitearachd agus an t-ùghdarras dhealbhaidh a' toirt aire do na planaichean seo nuair a tha iad a' dealbhadh nam poileasaidhean aca fhèin agus a' dèanamh cho-dhùnaidhean riaghlaidh.

3.12.6 Bu chòir Caidreachas nam Bòrd Croitearachd Aithisg Bhliadhnail "Stait na Croitearachd" a chur a-steach do Phàrlamaid na h-Alba, às dèidh dhaibh co-chomhairle a chumail leis a' bhuidhinn Leasachadh Chroitearachd is Choimhearsnachd.

54. Tha an Riaghaltas a' toirt taic don mholadh seo agus bidh e a' dùileachadh gun toir an NDPB ùr aithisg do Mhinistearan is don Phàrlamaid san dòigh seo. Tha reachdas a tha ann an-dràsta ga chur mar riatanas air Ùghdarras nan Croitearan aithisg bhliadhnail a dhèanamh do Mhinistearan na h-Alba a thaobh gnìomhachadh is coileanadh nan dreuchdan aca agus ga chur mar riatanas air Ministearan na h-Alba lethbhreac den aithisg a chur fa chomhair na Pàrlamaid le beachdan sam bith a tha iad a' meas iomchaidh. Tha rèiteachaidhean coltach ris a seo buailteach buntainn ris an Ùghdarras ann an reachdas ùr sam bith, mar sinn fighidh sinn an riatanas seo a-steach do na rèiteachaidhean ùra, agus bidh aithisg fhoirmeil is cunntasan an Ùghdarrais taobh a-staigh aithisg "Stait na Croitearachd."

E. Riaghladh agus Cur an Gnìomh Chroitearachd

55. Tha aithisg na Comataidh Rannsachaidh a' sealltainn gu bheil raon farsaing bheachdan ann mu riaghladh is cur an gnìomh chroitearachd, le cuid de sgìrean sna siorrachdan croitearachd ag iarraidh dòigh-obrach nas aotruime a thaobh riaghladh is cur an gnìomh agus sgìrean eile a' miannachadh dòigh-obrach nas làidire. Thèid seo a shealltainn gu ìre air choireigin san dòigh-obrach a chleachdas na Comataidhean Sgìreil, seach gum bi na poileasaidhean aca a' nochdadh nan suidheachaidean ionadail. A dh'aindeoin seo, feumaidh frèam nàiseanta a bhith ann airson riaghladh chroitearachd gus dèanamh cinnteach gu bheil dòigh-obrach cho-chòrdail ann a thaobh croitearachd air feadh na h-Alba.

56. An-dràsta, chan eil sgaradh soilleir eadar dreuchdan is dleastanasan an uachdarain is an riaghlaiche. A bharrachd, an-dràsta chan eil an riaghlaiche saor gus a dhol an gnìomh agus ann an cuid de shuidheachaidhean feumaidh e an dàrna cuid cead an uachdarain mus tèid e an gnìomh no feumaidh gearan a bhith air a dhèanamh. Ma tha riaghladh croitearachd gu bhith air a chur an gnìomh ann an dòigh nas làidire, tha e riatanach gun tèid a' bhuidheann riaghlaidh a shaoradh. Mar sin, bidh an Riaghaltas a' dèanamh ath-bhreithneachadh air an reachdas làithreach gus dèanamh cinnteach gun urrainn don riaghlaiche gnìomhan nas cinntiche a ghabhail os làimh.

3.15.1 Tha sinn a' creidsinn gu bheil feum air reachdas ùr gus a dhol an àite nan laghan càrnaichte a tha a' suidheachadh an fhrèam airson croitearachd an-diugh is gus an dèanamh nas sìmplidhe is nas soilleire.

57. Tha Riaghaltas na h-Alba tuigseach mu amasan a' mholaidh seo. Ach, air sgàth cho iom-fhillte 's a tha lagh croitearachd, chuireadh am pròiseas sìmpleachaidh, nan deidheadh a ghabhail os làimh gu ceart, maill chudromach ann am buileachadh nam molaidhean poileasaidh seo. Mar sin tha an Riaghaltas a' moladh dòigh-obrach dà-shligheach.

58. An toiseach, bidh feum air reachdas ùr gus cuid de na molaidhean poileasaidh a tha air am mìneachadh ann am freagairt seo an Riaghaltais a bhuileachadh. Mar sin tha an Riaghaltas a' moladh co-chomhairle a chumail ann an 2009 air dreachd Bhile bhrìoghmhor a dh'atharraicheas reachdas a tha ann mar-thà.

59. San dàrna àite, nì an Riaghaltas barrachd beachdachaidh air na dòighean as fheàrr san urrainnear lagh croitearachd a shìmpleachadh is a shoilleireachadh, agus an sgèile-ama san gabh sin dèanamh. Bheir e air adhart molaidhean mu bhith a' daingneachadh lagh chroitearachd nuair a cho-chomhairlicheas e air an dreachd Bhile atharrachaidh.

3.15.2 Cha bu chòir atharrachadh sam bith a dhèanamh ris na còraichean a chaidh a thoirt do chroitearan fa leth ann an Achd nan Croitearan 1886, 's e sin tèarainteachd gabhaltais, leantainneachd, màil chothromach agus luach an leasachaidhean. Ach cha bu chòir na còraichean seo a mhealtainn ach iadsan a tha a' fuireach air no faisg air a' chroit aca agus a tha a' cleachdadh an fhearainn gu buannachdail.

60. Tha Riaghaltas na h-Alba a' gabhail ris gum bu chòir còraichean bunaiteach chroitearan a bhith air an dìon agus gu bheil feum air gnìomh làidir gus aghaidh a chur ri neo-làthaireachd agus a bhith a' dèanamh dì-meas air fearann croite. Tha an Riaghaltas a' moladh ath-bhreithneachadh a dhèanamh air ullachaidhean Achd nan Croitearan gus dèanamh cinnteach gun urrainn do Chomataidhean Sgìreil gnìomhan nas luaithe a dhèanamh gus gabhaltasan dhaoine nach eil a' coinneachadh ris an riatanas còmhnaidh no a' cleachdadh an fhearainn gu buannachdail, a thoirt gu crìch. Ma 's e neach-seilbh-còmhnaidh a tha sa chroitear agus nach eil e/i a' coinneachadh ris an riatanas còmhnaidh no a' cleachdadh an fhearainn gu buannachdail, bu chòir gum faodadh a' Chomataidh Sgìreil neach-gabhail a thoirt don neach-seilbh-còmhnaidh.

3.15.3 Tha sinn a' moladh gum biodh taighean croite uile ceangailte ri còmhnaidh tro eallach fìor, a bhiodh air a ghabhail a-steach san aiseig-seilbhe an ath turas a dheidheadh a shònrachadh no a cheannach. Ruitheadh seo leis an fhearann gu maireannach. Cha chuir a bhith a' dì-croitearachd làrach an taighe no a bhith a' ceannach ùidh an uachdarain às don eallach seo. Faodaidh croitearan tagradh a chur chun a' Bhùird Chroitearachd Ionadail gus an t-eallach a thogail fo ùmhlachd nan ullachaidhean ann an earrainn 3.14.3. [de dh'Aithisg Dheireannach na Comataidh Rannsachaidh air Croitearachd]

3.15.4 Bu chòir gun deidheadh trì roghainnean, mar a tha air am mìneachadh ann an earrainn 3.14.4 (faic gu h-ìseal) a thoirt do chroitear a tha ag iarraidh na croite aca a shònrachadh no atharrachadh, no a dh'fheumas sin a dhèanamh tro bhith a' fàiligeadh ann a bhith a' coileanadh an eallaich chòmhnaidh no an eallaich neartaichte.

  • (thèid sònrachadh no atharrachadh chroitean a cheadachadh taobh a-staigh teaghlaichean fhad 's a tha iad a' riarachadh nan slatan-tomhais meud/àireimh airson a bhith a' fuireach ann an croitean a tha am Bòrd Croitearachd Ionadail air a shuidheachadh bho àm gu àm airson na sgìre sin

Airson sònrachadh no atharrachadh taobh a-muigh an teaghlaich, tha dà roghainn aig a' chroiteir:

  • ma tha taigh croite no, taigh a tha air a dhì-croiteadh ach le eallach leis a' chroit, faodar an t-aonad atharrachadh gu saor (fo ùmhlachd eallach neartaichte a cheangaileadh an neach-seilbh ùr chan ann a-mhàin ri bhith a' fuireach air a' chroit ach cuideachd ri bhith ag obrachadh an fhearainn); no
  • an àite seo, faodaidh an taigh a bhith air a sgaradh bhon a' chroit, le ùmhlachd do na h-ullachaidhean aig earrainn 3.14.6 gu h-ìseal, agus air a ghleidheadh no air a reic aig luach na margaidh fosgailte, ach leis an eallach còmhnaidh air a ghleidheadh. San t-suidheachadh seo bidh sònrachadh/reic croite fearainn lom fo ùmhlachd riaghailtean a bhios am Bòrd Croitearachd Ionadail air a shuidheachadh - a-rithist a' sealltainn ùidh a' phobaill, a dh'fhaodadh a bhith a' ciallachadh sònrachadh gu neach-gabhail a tha am Bòrd air a thaghadh, mar eisimpleir neach-inntrigidh ùr. Thèid prìs na croite fearainn lom a stèidheachadh leis an Luachair Sgìreil mar luach na margaidh fosgailte le ùmhlachd do riatanasan còmhnaidh agus a bhith gu gnìomhach/buannachdail ag obrachadh an fhearainn (m.e. an t-eallach neartaichte).)

61. Tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh nan duilgheadasan a tha mu choinneamh choimhearsnachdan croitearachd air sgàth neo-làthaireachd, dì-meas agus a bhith a' dèanamh prothaid à fearann croite ri linn an iarrtais airson dàrna dachannan. Ach, chan eil e ag aontachadh gur e an t-eallach a thathar a' moladh an dòigh as fheàrr gus aghaidh a chur ris na duilgheadasan seo. Tha e a' creidsinn nach eil e riatanach beachdachadh air cumha chòmhnaidh ach a-mhàin far an deach fearann a dhì-croitearachd (no a ghabhail air ais leis an uachdaran). Bhiodh cumha chòmhnaidh leithid seo ga chur mar riatanas gum feumadh taigh sam bith air fearann a chaidh a dhì-croitearachd, no a chaidh a thogail bhon uair sin air fearann a tha air a dhì-croitearachd, a chleachdadh mar àite-còmhnaidh maireannach. Chan e gnothaich don riaghlaiche croitearachd a bhiodh ann a bhith a' cur na cumha seo an gnìomh, ach gnothaich don ùghdarras ionadail iomchaidh. Mar sin nì an Riaghaltas co-chomhairle leis na h-ùghdarrasan ionadail mu bhith a' cleachdadh is a' cur an gnìomh an t-seòrsa cumha seo mus tèid molaidhean mionaideach a thoirt air adhart nuair a chumas e co-comhairle mun dreachd reachdas ann an 2009.

62. Nan deidheadh cumha chòmhnaidh leithid seo a thoirt a-steach, dh'fhaodadh an t-ùghdarras ionadail a dhol an gnìomh gus dèanamh cinnteach gun deidheadh gèilleadh ris na cumhaichean cead dealbhaidh mura robhar a' coinneachadh ris a' chumha còmhnaidh. Nan deidheadh cumhaichean a bhriseadh gu cunbhalach, bhiodh comas aig an ùghdarras ionadail toirt orra (a) an cuid-seilbh fhastadh ri cuideigin a b' urrainn an cumha chòmhnaidh a choileanadh no (b) an cuid-seilbh a reic. Is e beachd an Riaghaltais gum bu chòir don a seo an gnothaich a dhèanamh gus aghaidh a chur ri prothaideachadh-malairteach à fearann croitearachd airson a bhith a' togail dàrna dachannan agus dh'fhaodadh e stòras de thaighean aig prìs ruigsinneach a thoirt do mhuinntir an àite.

63. Le Comataidhean Sgìreil a' cur an gnìomh nas làidire na h-ullachaidhean reachdail làithreach a tha a' buntainn ri fearann croite, a tha ga chur mar riatanas air croitearan fuireach air no faisg air a' chroit aca a bharrachd air a bhith a' cur na croite aca gu feum chinneasach air choireigin, thèid amasan moladh na Comataidh a thaobh fearann croite a choileanadh. Beachdaichidh an Riaghaltas air cumhachdan nas motha a thoirt don riaghlaiche gus croitean fho-roinn gus an urrainnear croitean nach eilear ag obrachadh a sgaradh bho thaighean croite a thathar a' cleachdadh mar àiteachan-còmhnaidh maireannach gus am bi barrachd chroitean rim faotainn do luchd-inntrigidh ùr agus do dhaoine òga.

64. Nì an Riaghaltas sgrùdadh cuideachd air a' chomas solarachadh a dhèanamh airson na Comataidh Sgìreil gus làrach taighe singilte a cheangal ri croit lom mar chumha de chead dì-croitearachd. Bheireadh ceangal leithid seo comas do chroitearan làrach taighe a dhì-croitearachd gus ionmhas iasaid fhaotainn bho luchd-iasaid coimearsalta ach dheidheadh an ceangal ris a' chroit a chumail suas. Nan reiceadh an croitear an taigh, dh'fheumadh iad an dàrna cuid a' chroit a reic/shònrachadh no dh'fheumadh an t-uachdaran ùr gabhail ris a' chroitear làithreach mar neach-gabhail. Coltach ris a seo, nan sònraicheadh an croitear a' chroit, dh'fheumadh iad an dàrna cuid an taigh a reic leatha no a fastadh don neach-sònrachaidh. San àm ri teachd bhiodh taic ionmhasail airson taighean croite air a cuingealachadh ris na taighean sin a bha an dàrna cuid a' fuireach fo ghabhaltas chroitearachd no a bha "ceangailte" ris a' chroit tron chumha shònraichte seo ann an tiotal an taighe agus/no cumha dhì-croitearachd.

65. Tha an Riaghaltas ag aithneachadh gur e cùis chonnspaideach a tha seo agus cumaidh e roimhe a' gabhail aire do bheachdan sam bith a tha luchd-ùidh a' cur an cèill mus toir e air adhart molaidhean reachdail. Mus tèid co-dhùnadh a dhèanamh mun t-slighe air adhart, gabhaidh an Riaghaltas cuideachd aire do na toraidhean ris a bheil dùil airson rannsachadh a chaidh a bharrantachadh mar-thà bho Oilthigh Shruighlea a thaobh ion-obrachaidh diofar sheòrsachan cuingealachaidh còmhnaidh ann an Alba dhùthchail, le aire do bhith a' coinneachadh ris a' mhòr-mhiann aige a bhith a' meudachadh a stòras iomlan thaighean.

3.15.5 Bu chòir dèiligeadh san aon dòigh ri luchd-seilbh-còmhnaidh agus luchd-gabhail, dìreach mar chroitearan, anns gach taobh de chroitearachd. Bu chòir an cumhachd a bhith aig gach Bòrd Croitearachd Ionadail gus còir ceannach Achd Ath-leasachadh Croitearachd (Alba) 1976 a stad (no gun a stad).

66. Tha Riaghaltas na h-Alba ag aontachadh gum bu chòir dèiligeadh san aon dòigh ri luchd-seilbh-còmhnaidh agus luchd-gabhail anns gach taobh de chroitearachd agus thèid ath-bhreithneachadh a dhèanamh air an reachdas gus dèanamh cinnteach gu bheil seo a' tachairt.

67. Le aire don mholadh gum bu chòir dèiligeadh san aon dòigh ri luchd-seilbh-còmhnaidh agus luchd-gabhail, chan eil e soilleir carson a tha cumhachd aig Comataidhean Sgìreil an còir gus ceannach a stad. Is e am prìomh amas gun tèid fearann a chumail ann an gabhaltas croite. Chan eil e gu diofar sònraichte sam bith a thaobh a' phoileasaidh co dhiubh is e an t-uachdaran an croitear, buidheann choimhearsnachd no uachdaran prìobhaideach. Ach, cumaidh an Riaghaltas sùil air mar a thathar a' cleachdadh na còir gus ceannach agus nithear ath-bhreithneachadh air a' ghnothaich.

3.15.6 Bu chòir fo-fhastaidhean is gabhaltasan uile a bhith a' feumachdainn cead bhon Bhòrd Chroitearachd Ionadail, agus bu chòir cead a bhith aca cuideachd an àireamh chroitean no an tuaiream fearainn a dh'fhaodas a bhith air a chumail no air obrachadh le aon chroitear a chuingealachadh. Bu chòir poileasaidhean nam Bòrd air na gnothaichean sin a bhith a' nochdadh susbaint nam Planaichean Leasachaidh Croitearachd ionadail, ma tha iad ann.

68. Tha Riaghaltas na h-Alba ag aontachadh gum bu chòir fo-fhastaidhean is sònrachaidhean a bhith a' cur feum air cead bhon Chomataidh Sgìreil. Tha feum an-dràsta air cead bho Ùghdarras nan Croitearan a thaobh sònrachaidhean agus fo-fhastadh. Tha an Riaghaltas ag aontachadh gum bu chòir comas a bhith aig Comataidhean Sgìreil na poileasaidhean aca fhèin a leasachadh a thaobh sònrachaidhean agus fo-fhastadh a tha gu h-àraid iomchaidh a thaobh na sgìre aca fhèin. Bidh e mar riatanas air an NDPB poileasaidh co-ionannachd chothroman a chumail agus bidh e mar riatanas air Comataidhean Sgìreil uile cumail ris a' phoileasaidh sin.

3.15.7 Ghabhadh Clàran na h-Alba thairis dleastanas airson clàr nan croitean - às dèidh eacarsaich cho-chomhairleachaidh gus measadh a dhèanamh air neo-mhearachdachd a' chlàir a tha ann an-dràsta, an sònrachadh a tha a dhìth gus an gnìomh riaghlaidh iomchaidh a chumail suas san àm ri teachd agus plana gluasaid gus an clàr a thoirt suas chun an t-sònrachaidh sin.

69. Tha Riaghaltas na h-Alba ag aontachadh gum bu chòir dleastanas airson a bhith a' stèidheachadh clàr iomlan ùr a bhith air a thoirt do Chlàran na h-Alba. Tha Neach-gleidhidh Clàran na h-Alba air fàilte a chur air a' mholadh agus ag aithneachadh nan ionannachdan

eadar Clàr nan Croitean agus na clàran cuid-seilbh a tha e a' cumail suas an-dràsta mar dhleastanas. Thathar an dùil gu bheil Clàr Chroitean ùr a dhìth gus cinnteachd laghail a thoirt seachad a thaobh meud, agus ùidhean ann an croit. Bhiodh e coltach ris a' Chlàr Fearainn a tha ann an-dràsta agus bhiodh e fosgailte airson sgrùdadh poblach. Chuireadh an Neach-gleidhidh cosgais a rèir liosta coitcheann chosgaisean gus inntrigeadh a dhèanamh don Chlàr Chroitean ùr. Thèid beachdachadh a dhèanamh cuideachd air co dhiubh a bhiodh cosgais ann airson a bhith a' sgrùdadh a' chlàir ùir.

70. Bidh feum air reachdas gus clàr chroitean ùr a steidheachadh agus gus dreuchdan co-cheangailte a bhuileachadh air Neach-gleidhidh Clàran na h-Alba. Nì e ullachadh gus an tèid a' chiad inntrigeadh de chroit sa chlàr ùr a dhèanamh nuair a tha co-dhùnadh riaghlaidh gu bhith air a dhèanamh a thaobh na croite sin. Feumar tuilleadh beachdachaidh a dhèanamh mun t-seòrsa malairt a ghluaiseas clàradh ciad clàraidh. Bidh astar stèidheachadh clàr ùr an crochadh air an reata mhalairtean riaghailte, ach bu chòir clàr iomlan a bhith air a chruthachadh san dòigh seo taobh a-staigh ginealach no dhà.

3.15.8 Cha bhi e comasach dùbhlan a thogail mu chrìochan croite ris an deach gabhail airson fichead bliadhna.

71. Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn rùn a' mholaidh seo ach chan eil e a' creidsinn gum bu chòir an cothrom gus dùbhlan a thogail mu chrìochan, a tha ri fhaotainn fon lagh a tha ann an-dràsta, a thoirt air falbh mus tèid croitean inntrigeadh an toiseach air a' chlàr ùr. Ged a dh'aithris Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd msaa (Alba) 2007 gur e gabhaltas sam bith a chaidh a chlàrachadh ann an Clàran nan Croitean airson ùine leantainneach de 20 bliadhna agus nach deach dùbhlan a thogail na aghaidh a tha ann an croit, dh'fhaoidte nach eil na dealbhachaidhean air crìochan a tha san t-Seann Chlàr Chroitean deimhinnte gu leòr gus crìoch croite a shònrachadh. A bharrachd, dh'fhaoidte nach eil an dealbhachadh math gu leòr gus an "àicheadh fada" don deach ullachadh a dhèanamh fo Achd Òrdugh agus Chrìochan (Alba) 1973 a riarachadh. Mar sin coimheadaidh an Riaghaltas air a bhith a' dèanamh ullachadh airson dùbhlan aig àm a' chiad chlàraidh. Aon uair 's gu bheil an ùine dhùbhlain air a dhol seachad agus a tha a' chroit air a clàradh gu deimhinnte air a' chlàr ùr, cha bhi e comasach dùbhlan a thogail mun chrìoch a-rithist.

3.15.9 Bu chòir Achd Clàrachadh nan Cùmhnantan-màil (Alba) 1857 atharrachadh gus cùmhnantan-màil croitearachd a dhèanamh clàrachail agus mar sin ion-roghnach airson tèarainteachdan coitcheann. (Faic earrann 3.14.18.)

72. Tha Riaghaltas na h-Alba a' gabhail ris a' phrionnsabal gum bu chòir comas a bhith aig croitearan ionmhas iasaid fhaighinn gun toirt orra dì-croitearachd. Ach, dh'fhaoidte gum bi feum air barrachd air a bhith ag atharrachadh Achd Clàrachadh nan Cùmhnantan-màil (Alba) 1857 gus seo a choileanadh. Tha an Riaghaltas a' moladh co-chomhairle a chumail le Comataidh Bancaichean Rèiteach na h-Alba agus institiudan iasaid eile gus faighinn a-mach na bhiodh luchd-iasaid ag iarraidh mus aontaicheadh iad iasad a thoirt do chroitear, a' cleachdadh gabhaltas croitearachd mar thèarainteachd airson iasad.

3.15.10 Bu chòir gabhaltasan uile coltach ri croitean taobh a-staigh sgìrean-eaglais croitearachd, ma tha an luchd-seilbh no an luchd-gabhail ag iarraidh sin, a bhith fo ùmhlachd riaghladh croitearachd.

73. Fon reachdas a tha ann an-dràsta, feumaidh uachdarain fearainn tagradh a dhèanamh do dh'Ùghdarras nan Croitearan gus fearann a tha leotha sna siorrachdan croitearachd no ann an sgìre a tha Ministearan na h-Alba air a shònrachadh mar chroit a stèidheachadh. Faodaidh luchd-gabhail ghabhaltasan a tha fo ùmhlachd Achd Luchd nan Gabhaltas Beaga (Alba) 1911, ann an sgìrean a tha Ministearan na h-Alba air a shònrachadh mar taobh a-muigh nan Siorrachdan Croitearachd, an gabhaltas a shònrachadh mar chroit fhad 's nach eil pàirt sam bith dhen fhearann fo ghabhaltas sam bith eile. Chan fhaod gabhaltasan a tha fo Achdan Ghabhaltasan Àiteachais (Alba) 1991 agus 2003, co dhiubh a tha iad sna siorrachdan croitearachd no sna sgìrean ùra a chaidh a shònrachadh, a bhith air an dèanamh nan croitean gun chead sgrìobhte an dà chuid bhon neach-seilbh is bhon neach-gabhail. Tha an Riaghaltas den bheachd nach bu chòir comas a bhith aig luchd-gabhail ghabhaltasan beaga, seach an fheadhainn a tha fo ùmhlachd Achdan Luchd nan Gabhaltas Beaga, atharrachadh gu croitearachd gun aonta an uachdarain agus mar sin tha e a' diùltadh a' mholaidh sin.

3.15.11 Bu chòir don Riaghaltas beachdachadh air ceann-là tòiseachaidh toirt a-steach an eallaich fhìor do shònrachaidhean is cheannachdan uile a chur air ais gu às dèidh 12 Cèitean 2008.

74. Tha meud-comais na cumha còmhnaidh a thathar a' moladh air a dhealbhachadh mar fhreagairt do Mholadh 3.15.4 gu h-àrd. Cumaidh an Riaghaltas co-chomhairle le ùghdarrasan ionadail mu fheum agus cur an gnìomh an t-seòrsa cumha seo mus toir iad air adhart molaidhean mionaideach nuair a chumas e co-chomhairle mun dreachd reachdas ann an 2009. Thèid reachdas leithid seo a chur am frèam gus cùl-ullachadh a dhèanamh airson cumha chòmhnaidh sam bith a thathar a' moladh a chur air taighean sam bith a chaidh a thogail air fearann a chaidh a thoirt a-mach à gabhaltas chroitearachd às dèidh 12 Cèitean 2008, a rèir aithris an Riaghaltais don Phàrlamaid air a' cheann-là sin mar fhreagairt do Cheist Phàrlamaideach S3W-12829.

F. Daoine Òga agus Luchd-inntrigidh Ùr

75. Chan eil a' Chomataidh Rannsachaidh air Croitearachd a' dèanamh mholaidhean sònraichte sam bith san earrainn seo den aithisg aice, ach tha i a' dealbhachadh nam buaidhean iomlan a tha i an dùil a bhios aig na molaidhean aice is mar a bheireadh iad brosnachadh do dhaoine òga is do luchd-inntrigidh ùr do chroitearachd.

76. Tha an Riaghaltas ag aontachadh gu bheil daoine òga agus luchd-inntrigidh ùr deatamach airson a bhith a' dèanamh cinnteach às àm ri teachd chroitearachd agus tha e air aontachadh ris na ceumannan a tha a' Chomataidh air a mholadh gus leigeil leis a seo tachairt. Tha e air aontachadh ath-bhreithneachadh a dhèanamh air reachdas gus beachdachadh co dhiubh a bu chòir comas a bhith aig an riaghlaiche croitean fho-roinn bho làraich thaighean far nach eil a' chroit air a cleachdadh ach a tha an taigh air a chleachdadh mar phrìomh àite-fuirich. Bu chòir don a seo an stòras chroitean a mheudachadh do dhaoine òga is do luchd-inntrigidh ùr. Tha an Riaghaltas air gabhail ri molaidhean na Comataidh a thaobh a bhith a' brosnachadh nan eaconamaidhean dùthchail as fharsainge sna coimhearsnachdan croitearachd airson cuideachadh gus cothroman cosnaidh a ghineadh agus teachd-a-steach far-croite. Tha an Riaghaltas cuideachd air aontachadh taic a bharrachd a thoirt seachad do dhaoine òga is do luchd-inntrigidh ùr tro thabhartasan àiteachais sònraichte-do-chroitearan agus gus ath-amas air cuideachadh san àm ri teachd airson taigheadas croite le aire shònraichte do dh'fheumalachdan luchd-inntrigidh ùr.

77. Tha an Riaghaltas ag aontachadh ris a' bheachd gum bu chòir beachdachadh air croitean ùra a stèidheachadh do luchd-inntrigidh ùr agus san t-seagh sin tha e a' leantainn le bhith a' cur air adhart stèidheachadh chroitean coille. Tha grunn dhaoine fa leth, aig coinneamhan a chaidh a chumail gus bruidhinn mu mholaidhean Shucksmith, air moladh gum bu chòir fearann a bharrachd leis an riaghaltas a chleachdadh gus croitean ùra traidiseanta eile a chruthachadh. Beachdaichidh an Riaghaltas air na cothroman a tha ann airson a bhith a' stèidheachadh chroitean ùra air talamh a tha fo shealbh Mhinistearan na h-Alba agus nì iad aithris air a' ghnothaich seo nuair a thèid dreachd Bhile a thoirt air adhart. Tha an Riaghaltas a' leantainn air adhart a' brosnachadh uachdarain phrìobhaideach gus croitean ùra a chruthachadh.

78 Nì an Riaghaltas barrachd gus luchd-inntrigidh ùr a chuideachadh far an urrainnear, ach tha e cuideachd a' gabhail ris gu bheil margaidh fhallain obraichean agus eaconamaidh dhùthchail shoirbheachail nan eileamaidean cudromach ann a bhith a' gleidheadh (no a' tàladh air ais) dhaoine òga is mar sin a' cruthachadh nan suidheachaidhean san urrainn dhaibh tighinn a-steach do chroitearachd. Mar sin tha riaghaltas co-cheangailte cho cudromach do chroitearachd 's a tha e do thaobhan eile de bheatha nàiseanta ann an Alba.

« Previous | Contents | Next »

Page updated: Tuesday, September 30, 2008