On this page:

Crofters (Scotland) Act 1993 and Crofting Reform etc. Act 2007: Consultation on Designation of New Areas for Crofting

« Previous | Contents | Next »

Listen

Buidheann-Stiùiridh Dhùthchail
Roinn nan Coimhearsnachdan Dùthchail

F: 0131-244 6450 F: 0131-244 3101
P-D: NewCroftAreas@scotland.gsi.gov.uk

A' Charaid/Neach-Ùidh chòir

ACHD CHROITEARAN (ALBA) 1993 agus ACHD ATH-LEASACHAIDH CROITEARACHD ETC. 2007: CO-CHOMHAIRLE MU AINMEACHADH ÀITEACHAN ÙRA AIRSON CROITEARACHD

Tha mi a' sgrìobhadh a dh'fhiathachadh bhur beachdan air an sgrìobhainn cho-chomhairleachaidh a tha an cois na litreach seo, a tha a' cur a-mach molaidhean airson sgìrean ùra ainmeachadh ann an Alba, air taobh a-muigh nan Siorrachdan Croitearachd, far am faodar croitean a chruthachadh. Thèid beachdachadh air builean na co-chomhairle seo còmhla ri builean aithisg na Comataidh Rannsachaidh air Croitearachd, ris a bheil dùil sa Ghiblin 2008.

Tha earrann 3A de dh'Achd nan Croitearan (Alba), a chaidh a chur a-steach le earrann 6 de dh'Achd Ath-Leasachaidh Croitearachd etc. 2007, a' toirt cumhachd do Mhinistearan na h-Alba sgìrean ùra ainmeachadh le Òrdugh. Tha a' cho-chomhairle seo a' sireadh bheachdan air a' mholadh gus co-thaobhadh a dhèanamh air sgìrean far a bheil còir-fearainn croitearachd a' buntainn ris an sgìre a tha air a còmhdach le Iomairt na Gaidhealtachd 's nan Eilean. Bhiodh seo a' ciallachadh gun rachadh eileanan Arainn, Bhòid, Chumraidh Mhòir agus Bhig, an sgìre riaghaltais ionadail den Ghaidhealtachd nach eil an-dràsta air taobh a-staigh nan Siorrachdan Croitearachd; agus sgìre riaghaltais ionadail Mhoireibh ainmeachadh mar sgìrean croite ùra.

Faodar barrachd fiosrachaidh fhaotainn mu chroitearachd agus mu sgìrean croitearachd air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba aig http://www.scotland.gov.uk/Topics/Rural/Crofting Tha mapaichean de na sgìrean ùra rim faotainn anns an earrainn 'Tar-Shealladh air Croitearachd' den làraich-lìn seo.

Mar dhòigh air taic a chumail ris a' cho-chomhairle seo, cumaidh Riaghaltas na h-Alba coinneamhan poblach ann an Arainn agus ann an sgìre Bhaile nan Granndach. Thèid tuilleadh fiosrachaidh mu na tachartasan sin, agus fiosrachadh clàraidh, fhoillseachadh gu h-ionadail an ceann greis.

Tha freagairtean air am fiathachadh fo 12 Màrt 2008 le post-d gu NewCroftAreas@scotland.gsi.gov.uk neo gu

Phil Burns
Riaghaltas na h-Alba: Buidheann-Stiùiridh Dhùthchail
Roinn nan Coimhearsnachdan Dùthchail: Còir Fearainn, Ath-Leasachadh Fearainn
Raon 1D
Ciad Làr
Taigh Phentland
47 Robb's Loan
DÙN ÈIDEANN
EH14 1TY


Faodar a' cho-chomhairle seo agus co-chomhairlean Riaghaltas na h-Alba gu lèir a leughadh air-loidhne aig http://www.scotland.gov.uk/consultations/current Faodaidh tu fònadh an-asgaidh air Saor-Fòn 0800 77 1234 airson faighinn a-mach càit a bheil an goireas eadar-lìn poblach as fhaisge oirbh.

Tha siostam rabhaidh post-d aig Riaghaltas na h-Alba airson cho-chomhairlean (SEconsult: http://www.scotland.gov.uk/consultations). Tha an siostam seo a' leigeil le daoine fa leth aig a bheil ùidh clàradh agus post-d fhaighinn gach seachdain le fiosrachadh mu cho-chomhairlean ùra uile (a' toirt a-steach cheanglaichean lìn). Tha SEconsult a' cur ri liostaichean sgaoileadh fiosrachaidh Riaghaltas na h-Alba gun tighinn idir 'nan àite, agus tha e air a dhealbh gus leigeil le daoine aig a bheil ùidh ann an cuspair cumail suas ris na tha a' tachairt leis gach co-chomhairle ach gum bi rabhadh aca cho tràth 's a ghabhas mun fheadhainn as inntinniche. Mholamaid dhuibh clàradh.

A' làimhseachadh do fhreagairt

Feumaidh fios a bhith againn ciamar a tha sibh ag iarraidh am freagairt agaibh a bhith air a làimhseachadh agus, gu sònraichte, co-dhiùbh a tha sibh toilichte am freagairt agaibh a bhith air fhoillseachadh. Feuch gun lìon agus gun till sibh am Foirm Fiosrachaidh Neach-Freagairt a tha còmhla ris a' phàipear cho-chomhairleachaidh seo oir nì seo cinnteach gun dèilig sinn ris an fhreagairt agaibh gu h-iomchaidh. Ma dh'iarras sibh gun am freagairt agaibh a bhith air fhoillseachadh measaidh sinn dìomhair e, agus làimhsichidh sinn e dha rèir.

Bu chòir luchd-freagairt uile a bhith mothachail gu bheil Riaghaltas na h-Alba umhail do sholarachaidhean Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002 agus mar sin dh'fheumadh iad beachdachadh air iarrtas sam bith fon Achd airson fiosrachadh a bhuineadh ri freagairtean a chaidh a dhèanamh ris an eacarsaich cho-chomhairleachaidh seo.

Far a bheil luchd-freagairt air cead a thoirt seachad am freagairt aca fhoillseachadh, thèid iad seo fhoillseachadh ann an Leabharlann Riaghaltas na h-Alba agus air duilleagan làraich-lìn Riaghaltas na h-Alba ro dheireadh a' Ghiblin 2008. Thèid sgrùdadh a dhèanamh air na freagairtean nach eil air an comharrachadh dìomhair airson stuth a dh'fhaodadh a bhith mì-chliùteach mus tèid an clàradh san Leabharlainn no an cur air an làraich-lìn. Faodaidh sibh cur air dòigh airson na freagairtean fhaicinn le bhith a' cur fios chun na Leabharlainne air 0131 244 4565. Faodar lethbhreac a dhèanamh air freagairtean agus an cur thugaibh, ach 's dòcha gum bi agaibh ri pàigheadh airson na seirbheis seo.

Na h-Ath Cheumannan

As dèidh a' cheann-là dùnaidh, thèid sgrùdadh agus beachdachadh a dhèanamh air na freagairtean uile còmhla ris na molaidhean aig a' Chomataidh Rannsachaidh air Croitearachd ris a bheil dùil sa Ghiblin 2008. Ma cho-dhùineas Ministearan as dèidh sin sgìrean croite ùra ainmeachadh, feumar reachdas iomchaidh a chur fa chomhair na Pàrlamaid.

Beachdan agus gearanan

Ma tha beachdan no ceistean agaibh mun dòigh san deach an eacarsaich seo a chumail feuch gun cuir sibh iad gu Phil Burns, Riaghaltas na h-Alba: Buidheann-Stiùiridh Dhùthchail, Roinn Choimhearsnachdan Dùthchail: Còir Fearainn, Ath-Leasachaidh Fearainn, Raon 1D, Ciad Làr, Taigh Phentland, 47 Robb's Loan, DÙN ÈIDEANN EH14 1TY (fòn: 0131 244 6192) no le post-d gu phil.burns@scotland.gsi.gov.uk

Tapadh leibh airson bhur cuideachaidh.

Is mise le meas

GS Selkirk
Buidheann-Stiùiridh Dhùthchail: Roinn Choimhearsnachdan Dùthchail

MOLAIDHEAN AIRSON SGIREAN ÙRA AINMEACHADH AIRSON CROITEARACHD ANN AN ALBA

1. Tha am pàipear co-chomhairleachaidh seo a' sireadh bheachdan mu bhith ag ainmeachadh sgìrean air taobh a-muigh nan Siorrachdan Croitearachd far am bi coir-fearainn croitearachd a' buntainn. Tha e a' moladh gum bu chòir do chòir-fearainn croitearachd a bhith air a leudachadh chun na sgìrean sin a tha còmhdaichte le Iomairt na Gaidhealtachd 's nan Eilean ach nach eil anns na Siorrachdan Croitearachd.

Bun-fhiosrachadh

2. Tha pàirt làidir aig croitearachd ann a bhith a' cuideachadh gus coimhearsnachdan seasmhach a chumail suas ann an cuid de sgìrean na h-Alba a tha dùthchail no fad às, agus a' tairgsinn comas fàs as ùr a thoirt air na tha de shluagh annta. Tha croitearachd air a h-aithneachadh mar dhòigh-beatha a tha a' tairgse dhachannan do dhaoine aig a bheil uallaichean beaga àiteachais agus coilltearachd a tha càirdeil ri nàdar. Tha roghainn fharsaing de chleachdaidhean fearainn eile cuideachd aig a bheil croit mar bhunait.

3. Tha croitearachd mar sheòrsa de chòir fearainn air a cuingealachadh an-dràsta ris na Siorrachdan Croitearachd, ach tha Riaghaltas na h-Alba den bheachd gu bheil luach ann a bhith a' leudachadh nam buannachdan a dh'fhaodadh tighinn bho chòraichean-fearainn croitearachd gu pàirtean eile de dh'Alba. Mar sin, dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba air 1 Dàmhair gun robh iad am beachd co-chomhairleachadh a chumail air moladh gus sgìrean ùra ainmeachadh ann an Alba far am faodar croitean a chruthachadh.

4. Tha an reachdas ùr croitearachd a chaidh a dhèanamh na lagh nas tràithe am-bliadhna a' tairgse an dòigh gus croitean ùra a chruthachadh air taobh a-staigh nan Siorrachdan Croitearachd. Tha an reachdas ùr cuideachd a' tairgse chumhachdan do Mhinistearan na h-Alba an comas seo gus croitean ùra a chruthachadh a shìneadh chun nan sgìrean ainmichte ùra, a bu chòir cothroman a thairgse mar an ceudna do luchd-seilbh air taobh a-muigh nan Siorrachdan Croitearachd gus tuathanasan beaga tòiseachaidh a chur air dòigh do luchd-inntrig. Ma chruthaichear croitean ùra dh'fhaoidte gum bi cothrom cuideachd air taigheadas fèin-togte (ma gheibhear cead planaidh) a dh'fhaodadh a bhith tarraingeach do luchd-obrach iomairteach a tha a' sireadh aonad fearainn bhon tèid aca air iomairt a leasachadh.

5. A thuilleadh air sin, tha cothrom ann cuideachd do luchd-gabhail ghabhaltasan-fearainn beaga air leth 1 làn aithne fhaighinn mar Chroitearan leis a' chòir an taigh agus am fearann aca a cheannach (fad's a dh'fhuiricheas am fearann fo chòir-fearainn croitearachd).

6. Bu chòir roghainnean airson Croitean ùra a thoirt a-mach à còraichean reachdail sònrachaidh agus à còir-cheannaich (faic paragraf 21 gu h-ìseal) barrachd misneachd agus brosnachaidh a thoirt do dh'uachdarain, uachdarain choimhearsnachd nam measg, gabhaltasan croite a thairgse le nas lugha de chunnart . Thèid buidhnean fearainn Roinn Phoblaich a tha air am maoineachadh no air an cuideachadh le Riaghaltas na h-Alba a mhisneachadh gus beachdachadh air dòighean san gabh Croitean a chruthachadh air an fhearann aca. A thaobh seo, tha Comisean Coillteireachd na h-Alba ag obair gu gnìomhail gus cuideachadh le bhith a' cruthachadh chroitean coille air talamh Coille Nàiseanta.

Sgirean Ùra a thathas a' moladh

7. Tha Earrann 3A de dh'Achd Chroitearan (Alba) 1993 2 (Achd 1993) (mar a chaidh a chur a-steach le Achd Ath-Leasachaidh Croitearachd etc. (Alba) 2007 3 (Achd 2007) a toirt a' chumhachd do Mhinistearan na h-Alba sgìrean ùra ainmeachadh air taobh a-muigh nan siorrachdan croitearachd far am faodar còir-fearainn croitearachd a chur an gnìomh. Tha an cumhachd seo gu bhith air a chur an cèill le òrdugh air a dhèanamh le ionnstramaid reachdail, a rèir rùn taiceil bho Phàrlamaid na h-Alba.

8. Ag aithneachadh nan amasan leasachaidh a tha air cùl mòran de phoileasaidh croitearachd, tha Ministearan na h-Alba a-nis am beachd cuireadh a thoirt don Phàrlamaid gabhail ri cleachdadh nan cumhachdan seo gus an sgìre gu lèir air taobh a-muigh nan Siorrachdan Croitearachd a tha air taobh a-staigh raon-obrach Iomairt na Gaidhealtachd 's nan Eilean ( HIE) 4 ainmeachadh mar thalamh a ghabhas cleachdadh mar chroitean.

9. Tha am moladh gus àiteachan far am faod còir-fearainn croitearachd buntainn a cho-thaobhadh ri crìochan HIE ag iarraidh na sgìrean a leanas ainmeachadh:

  • Arainn
  • Bòd
  • Cumradh Mòr & Beag
  • An sgìre riaghaltais ionadail den Ghaidhealtachd a tha air taobh a-muigh nan Siorrachdan Croitearachd
  • Sgìre riaghaltais ionadail Mhoireibh

Thathas den bheachd gu bheil ceangal sònraichte eachdraidheil aig na sgìrean seo ri croitearachd agus gu bheil barrachd eisimpleirean de stiùireadh fearainn coltach ri croitearachd annta seach a' chuid as motha de sgìrean eile ann an Alba. A thuilleadh air sin, tha buannachd ann a bhith a' dèiligeadh ri sgìre na Gaidhealtachd 's nan Eilean air aon bhun-stèidh airson adhbharan còir fearainn, an àite a bhith gu tur an eisimeil air nas ciall do na Siorrachdan Croitearachd gu h-eachdraidheil. Faodar mapaichean de na sgìrean ùra seo (agus na Siorrachdan Croitearachd) a tharraing a-nuas bho làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba aig http://www.scotland.gov.uk/Topics/Rural/Crofting/17096/7492

Siorrachdan Croitearachd & Croitean

10. Tha na Siorrachdan Croitearachd air am mìneachadh ann an earrann 61 de dh'Achd 1993 mar sheann siorrachdan Earra-Ghaidheal, Gallaibh, Inbhir Nis, Arcaibh, Ros & Cromba, Cataibh agus Sealtainn. Chan eil cumhachdan sam bith air taobh a-staigh an reachdais a th' ann an-dràsta a leigeas leis a' mhìneachadh sin a bhith air atharrachadh no air a leudachadh. Mar sin cha bhi na sgìrean ainmichte ùra nam pàirt de na Siorrachdan Croitearachd.

11. 'S e gabhaltas a tha ann an Croit mar a th' air a mhìneachadh ann an Earrann 3 de dh'Achd 1993. Ged a bha mìneachadh 1993 a' cuingealachadh croitean roimhe ris na Siorrachdan Croitearachd, chaidh seo a leasachadh le Achd 2007 gus gabhaltasan ann an sgìre air taobh a-muigh nan Siorrachdan Croitearachd a chaidh ainmeachadh le Ministearan na h-Alba a thoirt a-steach 5.

12. Cha bhi croitean ùra san sgìre ainmichte ùr a thathas a' moladh anns na Siorrachdan Croitearachd agus mar sin cha bhi iad air an còmhdach le rèiteachaidhean a tha cuingealaichte ris na Siorrachdan Croitearachd. A thuilleadh air sin, fhad's a bhuineas reifreansan no solarachaidhean a tha an crochadh air mìneachadh croite ris an sgìre ainmichte ùr, cha bhuin iadsan a tha air am mìneachadh le ceangal ris na Siorrachdan Croitearachd.

13. Ann an cleachdadh, tha seo a' ciallachadh gum bi gabhaltasan Achdan Luchd-Gabhail-Fearainn Beaga anns na sgìrean ainmichte ùra fosgailte ri dhol nan croitean (paragrafan 15-18 below) agus gum faodar croitean ùra a chur air chois (paragraf 20 below). Ann am prionnsabal, faodaidh seo ciallachadh gum faodadh coimhearsnachdan croitearachd sam bith a tha stèidhichte anns na sgìrean ainmichte feuchainn ri brath a ghabhail air na làn-chumhachdan ceannaich fo reachdas Còir-Cheannaich Coimhearsnachd Croitearachd anns an àm ri teachd (paragrafan 25 & 26 below). Air an làimh eile bidh taice tabhartais fhathast air a cuingealachadh ris na Siorrachdan Croitearachd (paragrafan 28 & 29 below); cha mhotha a bhios e comasach cùl-cinn ùr sam bith a chruthachadh gu bhith air a riaghladh le solarachaidhean reachdas croitearachd air taobh a-muigh nan Siorrachdan Croitearachd.

Gabhaltasan-Fearainn Beaga - Atharrachadh

14. Chan eil cumhachd aig Ministearan sgìre ainmeachadh air adhbharan air leth 's chan ann air adhbharan eile. Mar sin chan urrainn do Mhinistearan solarachadh a dhèanamh airson croitean ùra a stèidheachadh air taobh a-muigh nan Siorrachdan Croitearachd gun na solarachaidhean a leudachadh gu gabhaltasan-fearainn beaga cuideachd.

15. Tha Earrann 3A de dh'Achd 1993 (mar a chaidh a chur a-steach le Achd 2007) a' toirt chumhachdan do Chomisean nan Croitearan inbhe croite a bhuileachadh air gabhaltas beag fearainn sam bith air taobh a-staigh nan Siorrachdan Croitearachd ris am buin solarachaidhean Achdan Luchd-Gabhail-Fearainn Beaga (Alba) 1886-1931 a-mhàin, 's an gabhaltas sin a chlàradh mar chroit.

16. Feumaidh neach-gabhail a leithid de ghabhaltas beag a tha ag iarraidh tagradh a dhèanamh gus an gabhaltas aca a dhèanamh na chroit teisteanas fhaighinn bho Chùirt an Fhearainn a dhearbhas inbhe gabhail a' ghabhaltais (fo Achdan Luchd-Gabhail-Fearainn Beaga 1886-1931) mus faod iad tagradh a dhèanamh ri Comisean nan Croitearan. Feumaidh an Comisean an tagradh fhoillseachadh gus cothrom tagraidh a thoirt don neach-seilbh agus do neach sam bith eile aig a bheil ùidh san fhearann.

17. Feumaidh an tagradh cuideachd na cumhaichean a leanas a choileanadh mus tèid aig a' Chomisean air co-dhùnadh a dhèanamh:

  • chan fhaod an gabhaltas a bhith na phàirt de dh'aonad àiteachais nas motha a tha (no a bha) air obrachadh, air a stiùireadh no air a leigeil a-mach air mhàl mar aonad singilte;
  • feumaidh an neach-gabhail a bhith na dhuine nàdarra;
  • chan fhaod an uidheam stèidhichte a tha a' leigeil leis an neach-gabhail a' chroit àiteach a bhith air a solar leis an uachdaran; agus,
  • feumaidh an Comisean a bhith riaraichte gu bheil an neach-gabhail air airgead-dìolaidh a phàigheadh ris an uachdaran airson a' ghabhaltais a tha air a stèidheachadh mar chroit; an dàrna cuid air aontachadh no mar a chaidh a mheasadh le Cùirt an Fhearainn.

18. Gheibh luchd-gabhail ghabhaltasan Achd Luchd-Gabhail-Fearainn Beaga a chaidh a dhèanamh nan Croit buannachd bho chòraichean croitearachd a tha ann an-dràsta, nam measg làn chòir a' cheannaich agus còraichean sònrachaidh. Bidh fearann sam bith a thèid a cheannach leis an neach-gabhail as dèidh an atharrachaidh fhathast an urra ri còir-fearainn croitearachd: thèid neach-gabhail na Croite na neach-seilbh le dùil gun obraich e i. Ma thogar cùis as dèidh sin gus dì-chroiteadh a' ghabhaltais (no pàirt sam bith dheth) a shireadh, feumar a fìreanachadh ri Comisean nan Croitearan a thaobh carson a tha i iomchaidh cho luath as dèidh a dhèanamh na Chroit.

19. Tha solarachaidhean ann airson fearainn eile a tha fo reachdas Ghabhaltasan Àiteachais a bhith air atharrachadh 6, ach chan fhaod an neach leis a bheil gabhaltas àiteachais a tha fo thac 7, ge brith càit a bheil e, tagradh a dhèanamh gus an gabhaltas a dhèanamh na chroit gun chead sgrìobhte an neach-gabhail.

Cruthachadh Chroitean Ùra & Thacan Croite Ùra

20. Faodaidh neach-seilbh fearainn sam bith anns na Siorrachdan Croitearachd tagradh a dhèanamh ris a' Chomisean airson fearann a dheanamh na Chroit. Anns an aon dòigh, bidh neach-seilbh fearainn sam bith anns na sgìrean ùra ainmichte cuideachd air chomas tagradh a dhèanamh ris a' Chomisean airson fearann a dhèanamh na Chroit.

21. Tha earrann 5 de dh'Achd 1993 (mar a chaidh atharrachadh le Achd 2007) a' cur air dòigh gum faod tacan chroitean ùra (co-dhiùbh anns na Siorrachdan Croitearachd no anns na sgìrean ùra ainmichte) bacadh a chur air còirean an neach-gabhail sealbh a thoirt seachad no a thoirt a-mach gu h-èiginneil. Tha seo ga dhèanamh comasach don uachdaran croitean ùra a chruthachadh gun chunnart na croitean sin a bhith air an ceannach leis a' chroitear a tha a' tighinn a-steach, no leis an fheadhainn a leanas iad sa ghabhaltachd, no air an toirt seachad às aonais aonta an Uachdarain.

Cùl-cinn

22. Tha earrann 51A de dh'Achd 1993 (air a chur a-steach le Achd 2007) a' toirt a' chumhachd do Chomisean nan Croitearan, ma nithear tagradh leis an uachdaran, 'talamh ceadaichte' a dhleasadh mar chùl-cinn le bhith ga chlàradh mar sin ann an Clàr nan Croitean. Tha feum air sanasachd phoblach airson a leithid a thagraidhean, agus gabhaidh ath-agairt a thogail.

23. Tha earrann 51A(5) ga dhèanamh soilleir gu bheil 'talamh ceadaichte' gu bhith suidhichte anns na Siorrachdan Croitearachd. A rèir sin, cha bhi e comasach gu foirmeil talamh ceadaichte a dhleasadh mar chùl-cinn anns na sgìrean ainmichte ùra.

Còir-Cheannaich Coimhearsnachd Croitearachd

24. Tha Pàirt 3 de dh'Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn (Alba) 2003 (Achd 2003) a' toirt cead ceannaich do Choimhearsnachdan Croitearachd far a bheil fearann ceadaichte mar thalamh croite, a tha air a mhìneachadh ann an earrann 68 mar fhearann taobh a-staigh nas ciall do 'Chroit' ann an earrann 3 de dh'Achd 1993. Chan eil talamh ceadaichte croite ge-tà a' toirt a-steach Croit sam bith far a bheil an neach as leis i, no ball den teaghlach aige/aice, a' còmhnaidh no ag obrachadh oirre.

25. Mar thoradh air Croitean ùra a chruthachadh, dh'fhaoidte a' Chòir-Cheannaich Coimhearsnachd Croitearachd ( CCCC) a leudachadh ann am prionnsabal chun nan sgìrean ainmichte ùra. Bhiodh seo an crochadh air na mìneachaidhean reachdail air Buidheann Coimhearsnachd Croitearachd agus Baile Croitearachd, ach ann an earrann 71 de dh'Achd 2003 tha am mìneachadh air Baile Croitearachd an-dràsta an crochadh air co-dhiù 2 chroit 8 a' compàirteachadh a' chùil-chinn. Bho nach eil cumhachdan ann airson Talamh Ionaltraidh a chruthachadh air taobh a-muigh nan Siorrachdan Croitearachd, dh'fheumadh Ministearan gabhail ri mìneachadh eile air Coimhearsnachd Croitearachd nan robh a' Chòir-Cheannaich Coimhearsnachd Croitearachd gu bhith air a cur an cèill ann an gin sam bith de na sgìrean ùra ainmichte.

26. Aig an ìre seo chan eil dad a dhùil aig Ministearan leudachadh a thoirt air Pàirt 3 de dh'Achd 2003 ( CCCC) air taobh a-muigh nan Siorrachdan Croitearachd. Ma thèid, rè ùine, coimhearsnachdan croitearachd aithnichte a stèidheachadh air taobh a-muigh nan Siorrachdan Croitearachd, faodaidh Ministearan beachdachadh air co-dhiùbh a dh'fhaodar a' Chòir-Cheannaich Coimhearsnachd Croitearachd a leudachadh anns an aon dòigh. Aig an ìre seo, cha bhiodh mìneachadh eile air na tha Coimhearsnachd Croitearachd a' ciallachadh ach beachd-bharalach; agus bhiodh e an aghaidh miann nam Ministearan leasachaidhean ùra croitearachd a chomasachadh air taobh a-muigh nan Siorrachdan Croitearachd. Anns an t-suidheachadh seo, cha tigeadh beachdachadh air co-dhiùbh a bu chòir an CCCC a leudachadh gus an rachadh tuilleadh co-chomhairleachaidh phoblaich a chumail a ghabhadh suim iomlan an dà chuid de dh'aithisg na Comataidh Rannsachaidh air Croitearachd agus an t-eòlas air mar a tha Achd 2003 air obrachadh.

27. Bidh na solarachaidhean ro-chasgach Còir-Cheannaich Coimhearsnachd a tha air an cur a-mach ann am Pàirt 2 de dh'Achd 2003 a' cumail orra a' buntainn mar as àbhaist anns na sgìrean ainmichte ùra.

Taic ionmhasail do chroitearachd

28. Rinn an aithris Mhinisteireil air 1 Dàmhair soilleir nach biodh ainmeachadh sgìrean ùra a' ciallachadh gun tèid leudachadh a dhèanamh air taice-tabhartais shònraichte do chroitean anns na sgìrean seo. Tha taic ionmhasail ri croitearachd air aon de na cuspairean mu bheil a' Chomataidh Rannsachaidh air Croitearachd a' beachdachadh, 's tha dùil aice ri aithris tràth ann an 2008. Beachdaichidh Ministearan air taic ionmhasail do na sgìrean ùra ainmichte nas fhaide air adhart ann an 2008 sa cho-theacsa sin. Ge-tà bidh còir aig croitean ùra anns na sgìrean ainmichte fhathast air taic agus cuideachadh fo Phrògram Leasachaidh Dhùthchail na h-Alba air an aon bhunait ri gabhaltasan fearainn eile air feadh Alba.

Comataidh Rannsachaidh air Croitearachd

29. Chaidh a' Chomataidh Rannsachaidh air Croitearachd a chur an gnìomh gus lèirsinn a lorg airson na tha an dàn do chroitearachd, a' cur ri seasmhachd agus leudachadh àireamh an t-sluaigh, a' leasachadh beothalachd econamaich, a' dìon cruth an fhearainn agus bith-iomadachd, agus a' cumail suas iomadachd chultarail tro bhith for-ghnìomhail ann a bhith a' dol an sàs le coimhearsnachdan croitearachd agus eile aig a bheil ùidh ann an leasachadh seasmhach dùthchail sna siorrachdan croitearachd agus ann an sgìrean eile de dh'Alba far am faod croitearachd pàirt a chluiche. Bu chòir mothachadh gum faod na molaidhean airson sgìrean ùra ainmeachadh tighinn fo bhuaidh molaidhean na Comataidh airson na tha an dàn do chòir fearainn. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun Chomataidh aig http://www.croftinginquiry.org/

CEISTEAN RIM FAIGHNEACHD.

1. A bheil thu ag aontachadh gum bu chòir sgìrean ùra ainmeachadh airson

Croitearachd?

2. A bheil thu ag aontachadh gum bu chòir na sgìrean ùra a cho-thaobhadh ri feadhainn Iomairt na Gaidhealtachd 's nan Eilean?

Mura bheil, Carson?

3. A bheil sgìre eile ann le tagradh nas làidire?

Ma tha, Carson?

4. A bheil thu ag aontachadh nach bu chòir a' Chòir-Cheannaich Coimhearsnachd Croitearachd a leudachadh gu sgìrean ùra?

5. Beachdan sam bith eile?

6. Dè a tha annad? (cuir diog)

Croitear Tick Box

Neach-gabhail-fearainn beag Tick Box

Neach-gabhail àiteachais Tick Box

Uachdaran Tick Box

Eile Tick Box

« Previous | Contents | Next »

Page updated: Tuesday, December 18, 2007