« Previous | Contents | Next »
Listen
Co-chomhairleachadh Poblach
Tha an dreachd seo de Ro-innleachd airson Cànanan na h-Alba air a chur gu co-chomhairleachadh poblach air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba. Faodar lethbhreac sgrìobhte, eadar-theangachaidhean, stuth claistinne agus tionndaidhean Braille iarraidh bho Barry Matthews (0131 244 0326).
Bidh an ùine cho-chomhairleachaidh a' ruith bho 5 An Gearran - 19 Màrt 2007. Tha cuireadh air a thoirt airson freagairtean bho dhaoine fa leth no bho bhuidhnean no buidhnean ad hoc dhiubh sin ann am post-d agus litir. Dùinidh an co-chomhairleachadh aig 5f air 19 Màrt 2007. Bheir Ministearan na h-Alba aire don h-uile freagairt a gheibh iad mus bidh an dreachd deireannach den ro-innleachd air fhoillseachadh.
Brùth scotlandslanguagestrategy@scotland.gsi.gov.uk airson do fhreagairt a chur gu Riaghaltas na h-Alba air post-d, no cuir do fhreagairt ann an sgrìobhadh chun an t-seòladh a leanas:
A Strategy for Scotland's Languages
Scottish Executive Education Department
Cultural Policy Division
Area 1-A North
Victoria Quay
Edinburgh
EH6 6QQBidh lethbhric den h-uile freagairt a gheibhear air an cur ann an leabharlann Riaghaltas na h-Alba far am faod a' mhòr-shluagh am faicinn. Bidh freagairtean rim faicinn cuideachd air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba. Faodar aithris no iomradh a thoirt air na beachdan a bheir luchd-freagairt ann an sgrùdadh air freagairtean sam bith ri teachd.
Mur eil thu airson gum bi do fhreagairtean air am faicinn leis a' mhòr-shluagh, dèan cinnteach gun dèan thu soilleir gum feum am freagairt agad gu lèir no pàirt dheth a bhith dìomhair. Bidh gach urram air a chur air dìomhaireachd. Bidh sinn a' cunntadh freagairtean dìomhair ann am mion-sgrùdadh staitistigeil sam bith agus bidh aire air a thoirt do bheachdan dìomhair agus ri freagairtean neo-dhìomhair.
Tha cead agad freagairt air pàirt sam bith den dreachd ro-innleachd. 'S dòcha gum bi na ceistean a leanas nan cuideachadh dhut fhèin no don bhuidheann agad a' cur freagairt ri chèile, ach cha leig thu leas an cleachdadh airson do fhreagairt a stiùireadh.
1. A bheil thu ag aontachadh le na h-adhbharan a thugadh airson brosnachadh agus ionnsachadh cànain air duilleagan 4 agus 5, agus gur iad sin na prìomh adhbharan airson taic a thoirt do na h-iomairtean cànain làthaireach an Alba? Mur e, carson?
2. A bheil thu ag aontachadh gur e na h-iomairtean cànain air am mìneachadh air duilleagan 6 - 12 agus an àiteachan eile na prìomh roinnean airson brosnachadh cànain an Alba? Mur e, carson?
3. A bheil thu ag aontachadh gur e na prìomh phrionnsabalan a tha air an ainmeachadh air duilleagan 14 agus 15 a bu chòir cumadh a thoirt air obair cànain an Alba? Mur e, carson?
4. A bheil thu airson beachdan sam bith eile a thoirt seachad air an ro-innleachd seo an co-cheangal ri brosnachadh chànan an Alba?
5. Ma tha thu a' freagairt às leth buidhne, ciamar a tha thu a' smaoineachadh a b' urrainn dhut cur ri soirbheachadh an ro-innleachd?
Roinn Poileasaidh Cultarach
Roinn Foghlaim Riaghaltas na h-Alba
Faoilleach 2007
« Previous | Contents | Next »