On this page:

A Strategy For Scotland's Languages: Draft version for Consultation

« Previous | Contents | Next »

Listen

Iomairtean Co-cheangailte

1. Tha grunn dhleastanasan agus iomairtean laghail ann is urrainn cuideachadh mòr no buaidh a thoirt air ìomhaigh chànanan an Alba. Tha na leanas a' toirt geàrr-chunntas orra sin.

Achd an Dàimh Chinnidh

2. Fo Achd an Dàimh Chinnidh (Atharrachadh) 2000, tha dleastanas aig ùghdarrasan poblach an Alba a bhith a' brosnachadh cothroman co-ionann do dhaoine a bhuineas do chinnidhean eadar-dhealaichte, a' gabhail a-steach dèanamh cinnteach gum bi cothrom co-ionann air fiosrachadh agus seirbheisean a tha iad a' tabhann. Feumaidh prìomh ùghdarrasan poblach an ullachadh a dhèanamh timcheall air cothrom air fiosrachadh agus seirbheisean anns na Sgeamaichean Co-ionannachd Cinnidh aca.

Achd Lethbhreith Ciorraim

3. Fo Achd Lethbhreith Ciorraim 1995 tha e mar dhleastanas air a h-uile solaraiche seirbheis 'atharrachadh reusanta' a dhèanamh gus cothrom a thoirt do dhaoine ciorramach air an seirbheisean mar atharrachadh a dhèanamh ri feartan fiosaigeach togalaich no ri dòigh solarachaidh na seirbheis aca. Mar eisimpleir dh'fhaodadh iad beachdachadh air am bileagan no foillseachaidhean a chur ann an cruthan eadar-dhealaichte mar Cànan Soidhnidh Bhreatainn, clò mòr, Braille agus teip-èisteachd no neach-mìneachaidh BSL no taic conaltraidh de sheòrsa eile.

4. Tha Achd Lethbhreith Ciorraim 2005 a' cur dleastanas air ùghdarrasan poblach an Alba co-ionannachd airson ciorramaich a bhrosnachadh bho Dùbhlachd 2006. Tha Ministearan na h-Alba ceangailte ris an dleastanas seo agus tha iad a' sùileachadh gun dèilig ùghdarrasan poblach an Alba ri seo ann an dòigh dheimhinneach. Feumaidh a' chuid as motha de ùghdarrasan poblach sgeamaichean co-ionannachd ciorraim ullachadh - le daoine ciorramach na phrìomh eileamaid dheth - mar phàirt den fhreagairt aca ris an reachdas seo.

Cùmhnant Eòrpach nam Mion-chànan

5. Chaidh Cùmhnant Eòrpach nam Mion-chànan ullachadh ann an 1992 le Comhairle na h-Eòrpa gus cuideachadh a' dìon agus ag adhartachadh mion-chànanan na Roinn Eòrpa. Chuir Riaghaltas na RA ainm ris a' Chùmhnant ann an 2000 agus dhaingnich e sin ann an 2001 a thaobh Cuimris anns a' Chuimrigh, Albais is Gàidhlig an Alba agus Albannais Uladh is Gaeilge ann an Èirinn a Tuath. Às dèidh sin bha Gàidhlig Mhanainn agus Còrnais air a chur ris.

Aon Alba - Iomadh Cultar

6. Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur roimhe co-ionannachd cothruim agus ceartas sòisealta adhartachadh don h-uile duine a tha a' fuireach an Alba. Am measg rudan eile tha seo a' ciallachadh dèiligeadh ri lethbhreith agus claon-bhreith agus cur aghaidh air dòigh-giùlain agus dòighean-smuaineachaidh a tha gan adhbhrachadh no gan cumail a' dol. Tha Iomairt Aon Alba Iomadh Cultar aig an Riaghaltas 3 ag amas air mothachadh àrdachadh air an droch bhuaidh a tha aig beachdan agus dòigh-giùlain le gràin-cinnidh air daoine agus air a' chomann-shòisealta san fharsaingeachd ach tha e cuideachd a' comharrachadh iomadachd cultarach na h-Alba. Tha taic aig an Iomairt bho ghrunn phròiseactan nàiseanta airson àrdachadh mothachaidh a' gabhail a-steach an fheadhainn air an ruith le Heartstone, agus Show Racism the Red Card. Chan eil anns an Iomairt ach aon phàirt de ro-innleachd iomlan an Riaghaltais airson dèiligeadh ri gràin-cinnidh agus co-ionannachd cinnidh an Alba.

Ionnsachadh Cànain anns an Aonadh Eòrpach

7. Tha an Coimisean Eòrpach den bheachd gu bheil pàirt ro-chudromach aig cànanan ann an togail 'dachaigh choitcheann' anns am faod 450 millean duine anns an Roinn Eòrpa a bhith a' fuireach, ag obair agus a' malairt còmhla. Tha ionnsachadh cànanan eile a' cur ris an amas aige gur e 'an eaconamaidh stèidhichte air eòlas as farpaisiche anns an t-saoghal' aig ceann nan deich bliadhna. 'S e rùn a' chomharra comas cànain a dh'iarr Comhairle Eòrpach Bharcelona tomhas agus brosnachadh air adhartas a dh'ionnsaigh an amais airson ionnsachadh cànain anns an Aonadh Eòrpach a leasachadh, agus gu sònraichte misneachadh a h-uile saoranach san EU a bhith a' bruidhinn agus a' tuigsinn dà chànan aig a' char as lugha a bharrachd air an ciad chànan.

Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

8. Fhuair Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 Aonta Rìoghail san Ògmhios 2005 agus thòisich na cumhachan aice sa Ghearran 2006. Tha grunn phrìomh chumhachan ann an Achd 2005:

  • gun stèidhich i buidheann reachdail, Bòrd na Gàidhlig, mar chomhairlichean do Mhinistearan, buidhnean poblach agus eile air cùisean a bhuineas don Ghàidhlig;
  • gum bi ullachadh ann airson cruthachadh Plana Gàidhlig Nàiseanta (a bhios ri aontachadh le Ministearan), a tha sinn a' smaoineachadh a bhios na ro-shamhla airson leasachadh Gàidhlig san àm ri teachd le amasan geàrr-ùine, meadhan-ùine agus fad-ùine;
  • gum bi ullachadh ann airson Bòrd na Gàidhlig iarraidh air ùghdarrasan poblach an Alba plana cànain ionadail ullachadh a' mìneachadh mar a chleachdas iad a' Ghàidhlig an co-cheangal ri coileanadh an gnìomhan.

9. 'S e rùn Achd 2005 a bhith a' cuideachadh gus dèanamh cinnteach gum bi a' Ghàidhlig seasmhach sna làithean ri teachd le bhith a' toirt beagan stiùiridh do dh'obair leasachaidh Gàidhlig san fharsaingeachd agus gu sònraichte le bhith a' gabhail dòigh nas ro-innleachdaiche a thaobh mar a bhios an earrann phoblach a' dèiligeadh ris a' chànan.

Còir air cànan ann an sgoiltean

10. Bho 2001 bha làn-chòir aig a h-uile sgoilear an Alba air suidheachadh anns am bi iad ag ionnsachadh nua-chànan a bhios: a' tòiseachadh aig Bun-sgoil Prìomh 6 aig a' char as fhaide; a' togail air an eòlas a bha aca roimhe air leasachadh, ionnsachadh agus cleachdadh ciad chànan agus cànan eile; a tha leantainneach agus a' dol air adhart anns an aon chànan; agus thar sia bliadhna ionnsachadh aig a' char as lugha no ùine cho-ionann de timcheall air 500 uairean a thìde. Sa Chèitean 2003 dhaingnich A Partnership for a Better Scotland an gealladh airson cothrom air nua-chànan Eòrpach ionnsachadh a' tòiseachadh sa Bhun-sgoil.

Foghlam Eadar-nàiseanta agus Ionnsachadh Cànain

11. Anns an t-Sultain 2001, dh'fhoillsich an Riaghaltas a ro-innleachd foghlaim eadar-nàiseanta: An International Outlook: Educating Young Scots About the World. Tha am pàipear airson dèiligeadh ris a' chùis chudromach mu ciamar is urrainn dhuinn fìor shealladh eadar-nàiseanta airson na 21mh linn a thoirt do na daoine òga againn. Cuiridh sgoilearan an latha an-diugh seachad am beatha obrach gu lèir mar shaoranaich Eòrpach ann an saoghal a tha a' sìor fhàs eadar-nàiseanta agus tha an sgrùdadh curraicealaim leantainneach, Curraicealam airson Sàr-mhathais, ag ràdh gum feum foghlam sgoile an ullachadh airson sin. Tha iomadh sgeama ann airson sgoiltean a chuideachadh a' coileanadh an amais seo bhon fheadhainn a tha a' misneachadh ceanglaichean ICT thar-nàiseanta agus co-phròiseactan curraicealaim eadar ionadan foghlaim chun an fheadhainn a tha a' toirt maoineachadh dìreach airson turasan eadar dhùthchannan. Tha Comhairle Bhreatainn an Alba ( BCS) ( http://www.britishcouncil.org/scotland.htm) a' lìbhrigeadh mòran de na cothroman sin, a' gabhail a-steach an sgeama Luchd-cuideachaidh Cànain a tha a' toirt cuideachadh do oileanaich no ceumnaichean bho thall thairis bliadhna a chur seachad an Alba a' cuideachadh luchd-teagaisg cànain anns a' chlas. O chionn ghoirid thug BCS a-steach luchd-cuideachaidh Sìonach a dh'Alba air sgàth gur e Sìonais a' chiad chànan as motha a tha air a bhruidhinn anns an t-saoghal agus mar a tha Sìona a' fàs a thaobh buaidh eaconamach, phoileataigeach agus chultarach bidh e a' sìor fhàs cudromach gum faigh an sluagh againn beagan eòlais air cànan agus cultar Shìona.

12. Tha an Riaghaltas air ainm a chur ri grunn Aontan Co-obrachaidh le dùthchannan eile agus ri roinnean Eòrpach a tha ag iarraidh ceanglaichean foghlaim ùra a dhaingneachadh agus a chruthachadh eadar sgoilearan, luchd-teagaisg agus luchd-dèanamh poileasaidh. Mar eisimpleir, o chionn ghoirid chunnaic Plana Gnìomh den Aonta Co-obrachaidh ris an Fraing aonta eadar Ionadan Foghlaim Àrd-ìre san Fhraing agus an Alba airson suidhichidhean-obrach 4 seachdain ann an ionadan càch a chèile mar phàirt den BhEd airson Nua-chànanan. Tha an Aonta Co-obrachaidh le Sìona ag amas air eòlas agus tuigse air cànan agus cultar Sìona a leudachadh ann an sgoiltean na h-Alba le 200 daoine òga a' dèanamh teisteanasan nàiseanta ann an Sìonais aig 2010. Tha aontaidhean foghlaim le roinnean Eòrpach mar Babhària agus Catalònia cuideachd a' misneachadh co-obrachadh foghlaim agus ionnsachadh cànain tro dhiofar sgeamaichean maoinichte EU agus Riaghaltais.

13. Nì am prògram Leasachadh Proifeiseanta Leantainneach Eadar-nàiseanta an Alba ( SCIPD) a chuireadh air bhog o chionn ghoirid ( http://www.scotland.gov.uk/News/Releases/2006/12/15120945) cinnteach gum faigh luchd-teagaisg an Alba barrachd maoineachaidh airson a dhol air turasan ionnsachaidh eadar-nàiseanta agus dèanamh cinnteach gum bi an t-ionnsachadh air fhilleadh nas fheàrr a-steach don teagasg aca. Tha LTS cuideachd a' dol a chur oifigear sònraichte an dreuchd gus SCIPD agus buannachdan foghlaim eadar-nàiseanta a bhrosnachadh ann an sgoiltean, agus bithear ag iarraidh air luchd-teagaisg fios dìreach a chur gu LTS airson fiosrachadh mu chothroman air turasan eadar-nàiseanta a bhios gu tric a' misneachadh agus a' brosnachadh ionnsachadh cànain.

Roinn Foghlaim Riaghaltas na h-Alba
Faoilleach 2007

« Previous | Contents | Next »

Page updated: Wednesday, January 24, 2007