« Previous | Contents | Next »
Listen
Solarachadh Cànain
Tha comhairle bho Mhinistearan na h-Alba air a dhol gu ùghdarrasan poblach an Alba mar-thà co-cheangailte ri solarachadh seirbheis do luchd-labhairt cànanan eile a bharrachd air Beurla. Tha Ministearan air iarraidh air ùghdarrasan agus buidhnean poblach planaichean-cànain iomchaidh a chur ri chèile airson nan coimhearsnachdan gam bheil iad a' toirt seirbheis. Tha dleastanasan air buidhnean poblach an Alba dèanamh cinnteach gum bi cothrom aca air seirbheisean agus chaidh iarraidh orra aire a thoirt do chùisean cànain agus conaltraidh a thaobh seo.
Chaidh iarraidh air buidhnean poblach planaichean a chur an sàs airson co-ionannachd cinnidh agus co-ionannachd ciorraim agus bidh cuid de bhuidhnean air planaichean Gàidhlig a stèidheachadh. Dh'fhaodadh plana cànain feum a dhèanamh dhiubh sin agus bu chòir dhaibh feuchainn ri na prionnsabalan a leanas a chur an cèill cuideachd. Mar sin, tha sinn air na prionnsabalan seo a chomharrachadh mar chuideachadh do bhuidhnean agus gus cuideachadh a' toirt cumadh air solarachadh sheirbheisean.
Planaichean cànain
Chan eil ann am plana cànain ach dìreach aithris air dealas buidhinn airson nan cànanan as fhollaisiche a gheibhear ann an raon-obrach a' bhuidhinn sin. Bheir e liosta de na dh'fhaodas luchd-cleachdaidh nan seirbheisean aig buidheann sònraichte a shùileachadh a thaobh an coimhearsnachd cànain. Dh'fhaodadh plana-cànain a bhith a' gabhail a-steach aithris air gnìomhan a' bhuidhinn, mìneachadh air na prìomh chànanan ann an raon-obrach a' bhuidhinn, aithris air ciamar a dh'fhaodadh buidheann cuideachadh a thoirt do dhiofar bhuidhnean cànain gach cuid na h-obair air an taobh a-staigh agus ann an lìbhrigeadh sheirbheisean agus phlanaichean airson a' phlana-cànain a sgrùdadh agus a mheasadh.
A thaobh na tha ann am plana-cànain dh'fhaodadh buidheann poblach beachdachadh air cleachdadh chànanan ann an roinnean dearbh-aithne corporra, conaltradh, fastadh luchd-obrach, lìbhrigeadh sheirbheisean, eadar-theangachadh agus trèanadh luchd-obrach. Bhiodh plana cànain a tha a' gabhail a-steach nan raointean sin na bhunait airson ceangal ri diofar bhuidhnean cànain agus dh'innseadh e do bhuidhnean cànain dè na seirbheisean a bhiodh rim faotainn ann an diofar chànanan bho bhuidheann poblach. Bhiodh e an urra ri buidhnean agus ùghdarrasan eadar-dhealaichte beachdachadh air dè bhiodh freagarrach airson na sgìre agus aig dè an ìre.
Prionnsabalan
Aig toiseach a' phàipeir seo, chaidh a ràdh gum biodh an Ro-innleachd seo a' stiùireadh leasachadh air cànanan na h-Alba. Air an ath dhuilleig, tha liosta de ghrunn phrionnsabalan airson an adhbhair seo. Thuirt sinn gun robh deagh adhbharan ann airson iomairtean cànain a chur air adhart. Ghabh iad sin a-steach comharrachadh iomadachd cultarach, brosnachadh spèis agus misneachd, misneachadh gluasad agus conaltradh, cuideachadh le cothrom agus com-pàirteachadh, meudachadh cothrom eaconamach agus neartachadh foghlaim. Tha sinn cinnteach gun cuir an dòigh-obrach a tha air a ghabhail san ro-innleachd seo ris na h-amasan sin.
Gum bi àireamh cho mòr 's a ghabhas de dhaoine an Alba fileanta ann am Beurla. |
A rèir nòis is cleachdaidh 's e Beurla am prìomh chànan an Alba. Tha e cudromach gun dèan buidhnean poblach cinnteach gum bi cothroman aig a h-uile duine conaltradh ann am Beurla, oir tha seo a' cuideachadh a' toirt cothrom air a' chuid as motha de roinnean ann am beatha na h-Alba. Bu chòir do na poileasaidhean a tha stèidhichte aig buidhnean feuchainn ri dèanamh cinnteach gum bi goireasan iomchaidh airson sgilean sa Bheurla a leasachadh rim faotainn le daoine aig nach eil Beurla mar chiad chànan. Dh'fhaodadh gnìomhachasan an Alba aire a thoirt cuideachd do sholarachadh foghlam Beurla spèisealta do dhaoine a dh'fheumas ìre shònraichte de Bheurla phroifeiseanta agus theicnigeach taobh a-staigh cuid de dhreuchdan. |
Gum bi a' Ghàidhlig air a dìon agus air a brosnachadh. |
Tha dealas ann a-nis san fharsaingeachd a bhith a' dèanamh cinnteach gun soirbhich a' Ghàidhlig ann an Alba. Gus taic a thoirt don seo tha teagasg Gàidhlig air a bhrosnachadh agus air a chleachdadh sa bheatha làitheil le ùghdarrasan, gu sònraichte anns na pàirtean sin de dh'Alba anns a bheil mòran luchd-labhairt. Bidh an Riaghaltas a' misneachadh ùghdarrasan gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a leudachadh agus ìomhaigh na Gàidhlig a mheudachadh sa bheatha poblach an Alba a rèir cumhachan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. |
Gum bithear measail agus moiteil às a' chànan Albais. |
Tha e cudromach gun dèan buidhnean poblach an Alba cinnteach gum bi àite aig Albais mar dhòigh conaltraidh agus modh-labhairt cultarach iomchaidh. Bu chòir cleachdadh Albais a mhisneachadh ann an curraicealam na sgoile còmhla ri àite luachmhor ann am brosnachadh fèin-mhisneachd agus pròis anns an fheadhainn a tha ga bruidhinn. Cumaidh an Riaghaltas a' toirt taic do phoileasaidhean a tha a' brosnachadh adhartachadh do chultar Albais agus do chànan agus litreachas Albais ann an sgoiltean far am bi e iomchaidh. Bidh buidhnean poblach air am misneachadh cuideachd a bhith a' rannsachadh cothroman air adhartachadh agus leasachadh Albais. |
Gum bi fiosrachadh agus seirbheisean cothromach agus co-ionann a thaobh cànain. |
Tha poileasaidhean an sàs a tha ag iarraidh dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig a h-uile neach-còmhnaidh an Alba aig nach eil Beurla no Gàidhlig mar chiad chànan air foghlam cànain eile far am bi e riatanach gus cothrom a thoirt dhaibh air seirbheisean agus cothroman air com-pàirteachadh ann am beatha na h-Alba. Bu chòir do bhuidhnean poblach an Alba feuchainn ri cothrom a thoirt air seirbheisean taic (tics) eadar-theangachaidh, mìneachaidh agus conaltraidh gus dèanamh cinnteach gum bi deagh sheirbheisean cothromach agus so-ruigsinn ann airson na h-uile. Tha e cudromach cuideachd gum bi ro-innleachdan conaltraidh air an cur air dòigh airson daoine le feuman taic conaltraidh. Bu chòir nach cuireadh cànan bacadh air mothachadh, no cothrom, air seirbheisean agus cothroman le bhith a' beachdachadh air feuman an luchd-amais agus a' dèanamh cinnteach gum bi stuth fiosrachaidh agus follaiseachd ri fhaotainn ann an diofar chànanan agus chruthan. |
Gum bi iomadachd cànain air a chomharrachadh agus luach air a chur air ioma-chànanas. |
Bu chòir do bhuidhnean poblach an Alba feuchainn ri dèanamh cinnteach gum bi àite iomchaidh air a thoirt do sgilean ciad chànan eile a bharrachd air Beurla agus gum bi na cànanan sin air an aithneachadh mar stòras nàiseanta luachmhor. Tha bunait cànain farsaing na stòras luachmhor airson eaconamaidh na h-Alba agus ann an dùthchannan anns am bi sinn a' dèanamh gnothach bidh meas air comas conaltradh ri daoine agus tuigse air an cultaran. Mar sin, feumaidh sinn uile àite a thoirt don luchd-labhairt dà-chànanach agus ioma-chànanach mar stòras nàiseanta luachmhor. Bidh buannachdan eile an cois iomadachd cànanach cuideachd agus dh'iarradh sinn am meas as motha a chur air na buannachdan cultair agus foghlaim a dh'fhaodadh a thighinn às. |
Gum bi ionnsachadh agus togail cànain air a bhrosnachadh. |
Bu chòir gum biodh a h-uile duine a tha a' fuireach an Alba a bhith air a mhisneachadh cànanan eile ionnsachadh a bharrachd air an fheadhainn aca fhèin mar dhòigh air cothroman obrach, ionnsachaidh agus siubhail thall thairis a leasachadh. Tha foghlam cànain comasach air foghlam aig a h-uile ìre a neartachadh, anns an sgoil no anns an àite-obrach. Tha ionnsachadh cànain cuideachd a' toirt comas air conaltradh ann an cànan eile, cothrom air cultaran eile agus cothroman eaconamach. Gus taic a thoirt don seo tha Riaghaltas na h-Alba a' sùileachadh gum bi a h-uile sgoil an Alba a' tabhann teagasg nua-chànanan eadar na bliadhnachan B6 gu AS4, le ullachadh airson diofar chànanan agus ag iarraidh orra tòiseachadh air aig ìre Teisteanas Nàiseanta. |
Gum bi spèis do na cànanan a tha air am bruidhinn an Alba air a bhrosnachadh. |
Tha ar coimhearsnachdan air an dèanamh suas de dhaoine aig a bheil iomadh seòrsa eachdraidh agus dearbh-aithne. Gu tric tha cànan na phrìomh phàirt den dearbh-aithne sin agus bu chòir dhuinn luach a chur air na nithean cudromach a chuir e ri comann-shòisealta na h-Alba. Tha e cudromach gun dèan buidhnean poblach dìcheall gus dèiligeadh ri uallaichean nan daoine a tha a' faireachdainn nach robh àite iomchaidh air a thoirt don chànan aca agus do fheuman an coimhearsnachd. Bidh sinn ag iarraidh air ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach planaichean-cànain a chur ri chèile a bhios freagarrach airson nan coimhearsnachdan dham bheil iad a' toirt seirbheis. |
Tron phàipear seo gu lèir tha sinn air aideachadh cuideachd gu bheil mòran deagh iomairtean cànain a tha ann a-cheana agus gu bheil buidhnean gnìomhach ann an toirt taic agus brosnachadh do chànanan fhad 's a tha iad a' lìbhrigeadh nan seirbheisean aca. Tha an earrann seo a' toirt cothrom do bhuidhnean a bhith a' gabhail dòigh rianail airson leasachadh cànain an Alba a stiùireadh agus a' toirt taic agus misneachd don adhartas a rinn mòran dhiubh. 'S e an dòigh a thathar a' moladh leasachadh planaichean-cànain stèidhichte air na prionnsabalan gu h-àird agus, far am bi e iomchaidh, le aire do na h-iomairtean co-cheangailte a leanas.
« Previous | Contents | Next »