« Previous | Contents | Next »
Listen
Poileasaidhean
'S e amas na h-earrainn seo a bhith a' dèanamh beagan beachdachaidh air na h-iomairtean a tha stèidhichte a-cheana agus sealltainn dè an taobh a tha am poileasaidh làthaireach agus taic do chànanan agus ionnsachadh cànain a' dol.
Beurla
Feumaidh sinn tuigsinn gur e Beurla am prìomh chànan an Alba agus gu bheil a' mhòr-chuid de sheirbheisean air an tabhann tro Bheurla. Tha cho cudromach 's a tha e taic a thoirt do thogail sgilean Beurla - do luchd-labhairt Beurla, daoine aig nach eil Beurla mar chiad chànan no daoine nach urrainn sgilean Beurla a thogail ri linn ciorraim - aig cridhe com-pàirteachadh agus co-ionannachd nar comann-shòisealta. Gun sgilean Beurla, chan urrainn do dhaoine làn chom-pàirteachadh anns na coimhearsnachdan ionadail agus nàiseanta aca agus chan fhaigh iad an cothrom an làn chomasan a choileanadh.
Mura faigh clann deagh bhunait eòlais agus sgilean ann an litearrachd, chan fhaigh iad làn bhuannachd bho fhoghlam sgoile agus bidh duilgheadasan mòra aca a' coileanadh an làn chomas. Tha seo air a ghabhail a-steach anns a' chiad phrìomh-amas de na còig prìomhachasan nàiseanta ann am foghlam - ìrean coileanaidh nas àirde ann am foghlaim a bhith aig na h-uile ann an sgoiltean- gu h-àraidh ann am bun-sgilean litearrachd agus àireamhachd, agus coileanadh ìrean nas fheàrr ann an cuimsean coileanaidh nàiseanta a' gabhail a-steach toraidhean bho dheuchainnean.
Tha sinn a' cur grunn iomairtean air adhart gus coileanadh ann an litearrachd a leasachadh mar an Iomairt Leughadh san Dachaigh agus Scotland Reads. Còmhla ri sin, tha Oifigearan Leasachaidh ann an Ionnsachadh agus Teagasg Alba ag obair gu dlùth còmhla ri Lionra Cho-òrdanaichean Litearrachd nan Ùghdarrais Ionadail airson co-roinn fiosrachadh agus eòlas proifeiseanta.
Bha an aithisg Adult Literacy agus Numeracy in Scotland ( ALNIS) air a foillseachadh ann an 2001 agus tha i a' mìneachadh an ro-innleachd airson litearrachd agus àireamhachd airson inbhich an Alba a tha a' cur an cèill sealladh air Alba beothail ùr far a bheil a h-uile duine a tha a' fuireach, ag obair no ag ionnsachadh an Alba uidheamaichte airson an amasan a choileanadh nam beatha. Faodaidh leasachadh sgilean litearrachd a bhith na chiad cheum gu ionnsachadh cànanan eile, adhartachadh tuigse ann an comann-shòisealta ioma-chultarach agus iomadh seòrsa de chothroman beatha.
Beurla airson Luchd-labhairt Chànanan eile ( ESOL)
Tha ullachadh Beurla airson Luchd-labhairt Chànanan eile ( ESOL) sàr-mhath, so-ruigsinn agus aig prìs reusanta a' toirt taic do mhiannan Riaghaltas na h-Alba airson fàs na h-eaconamaidh agus brosnachadh saoranachd gnìomhach ann an comann-shòisealta ioma-chruthach agus ioma-ghnèitheach. Mar sin tha sinn air ro-innleachd ESOL do inbhich a chur ri chèile airson Alba, a tha sinn an dùil a chur air bhog a dh'aithghearr. 'S e an sealladh a tha againn gum bi cothrom aig a h-uile neach-còmhnaidh an Alba aig nach eil Beurla mar chiad chànan air deagh ullachadh Beurla gus am faigh iad air na sgilean cànain a thogail a leigeas dhaibh com-pàirteachadh ann am beatha na h-Alba: anns an àite-obrach, an teaghlach, tuilleadh ionnsachaidh, agus ann an coimhearsnachdan, comann-shòisealta agus eaconamaidh na h-Alba san fharsaingeachd. Tha pàirt cudromach aig ESOL cuideachd a' toirt taic do iomairtean eile mar Fresh Talent, agus mar a chaidh a ràdh roimhe, faodaidh e comas a thoirt do in-imrichean cur nas urrainn dhaibh ri eaconamaidh agus comann-shòisealta na h-Alba.
Tha prìomh àite aig na sgilean cànain sin ann a bhith a' toirt guth deamocratach do dhaoine agus taic a thoirt dhaibh gus cur ris a' chomann-shòisealta sa bheil iad beò. Tha ro-innleachd ESOL ag iarraidh ro-shamhla ullachadh a bheir stiùireadh agus structair do ullachadh ESOL an Alba agus taic do choimhearsnachd teagaisg ESOL le lìbhrigeadh air, agus tuilleadh proifeiseantachd airson, ESOL san 21mh linn. Bidh ullachadh ciallach agus càileachd àrd gu cunbhalach na bhuannachd do luchd-ionnsachaidh ESOL gu lèir, agus tha comas aige anns a' gheàrr-ùine no a' mheadhan-ùine a bhith a' gearradh sìos an iarrtais airson solarachadh seirbheisean poblach ann an cànanan eile, mar a bhios barrachd luchd-ionnsachaidh a' fàs fileanta sa Bheurla. Mar sin tha an ro-innleachd a' misneachadh tuigsinn agus co-roinn deagh cleachdadh.
Beurla mar Chànan a Bharrachd
Tha Achd Foghlaim (Taic a bharrachd airson Ionnsachadh) (Alba) 2004 ag iarraidh air ùghdarrasan foghlaim a bhith a' comharrachadh, a' coileanadh agus a' cumail fo sgrùdadh feuman taic a bharrachd do sgoilearan far a bheil am foghlam an urra riutha. Tha an Achd a' toirt a-steach frèam ùr anns am faodar coinneachadh ri gach seòrsa feum taic a bharrachd, le co-obrachadh eadar diofar bhuidhnean agus leis a' chudrom air feuman gach pàiste fa leth.
Thug Riaghaltas na h-Alba ùghdarras don Aonad airson Foghlam airson Co-ionannachd Cinnidh an Alba ( CERES) obrachadh còmhla ris a' Chomataidh Co-òrdanachaidh airson Beurla mar Chànan a bharrachd aig Riaghaltas na h-Alba gus stiùireadh ullachadh air deagh cleachdadh leis an amas a bhith a' cuideachadh a h-uile neach-obrach ann an ionadan foghlaim gu tuigse nas fheàrr air neartan agus feuman leasachaidh luchd-ionnsachaidh dà-chànanach.
Gàidhlig
Bhathar a' bruidhinn na Gàidhlig an Alba o chionn còrr air 1500 bliadhna. Thar na h-ùine seo, b' e a' Gàidhlig cànan na cùirte agus riaghaltais, ionnsachaidh is nan ealan, foghlaim is adhraidh agus dachaigh is coimhearsnachd. Ged a tha cleachdadh na Gàidhlig air crìonadh thar nan linntean, tha i fhathast beò agus na cànan oifigeil an Alba, còmhla ri bhith na pàirt luachmhor de chultar beò, ioma-chruthach ar nàisein. Tha Gàidhlig na phrìomh phàirt de dhearbh-aithne chultarach na h-Alba agus gu h-àraidh dearbh-aithne shluagh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
A rèir Cunntas-sluaigh 2001 bha 65,674 daoine aois trì bliadhna no nas sine comasach air bruidhinn, leughadh no sgrìobhadh Gàidhlig - 1.3 sa cheud de shluagh na h-Alba. Bha an àireamh de dhaoine aois dà bhliadhna no nas sine a b' urrainn bruidhinn, leughadh sgrìobhadh no tuigsinn Gàidhlig air a chlàradh airson a' chiad uair agus b' e sin 92,396, no 1.9 sa cheud den àireamh-sluaigh. Tha na cruinneachaidhean as motha de luchd-labhairt Gàidhlig a' fuireach anns na h-Eileanan Siar, a' Ghàidhealtachd, agus Earra-Ghàidheal is Bòid, ach tha mòran a bharrachd de luchd-labhairt rim faotainn air feadh na dùthcha, leis a' chruinneachadh singilte as motha ann an Glaschu.
Tha sinn air a bhith a' strì bho 1999 gus inbhe na Gàidhlig an Alba a neartachadh. Gu sònraichte, thug sinn a-steach Achd na Gàidhlig agus chuir sinn na h-ìrean as àirde a-riamh an seilbh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Fhuair Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 Aonta Rìoghail san Ògmhios 2005 agus thòisich i sa Ghearran 2006. 'S e adhbhar na h-Achd a bhith a' dèanamh cinnteach gum bi a' Ghàidhlig seasmhach san àm ri teachd le bhith a' toirt stiùireadh do obair leasachaidh Gàidhlig agus a' gabhail dòigh nas ro-innleachdaiche a thaobh mar a bhios an earrann phoblach a' dèiligeadh ris a' chànan .
Fon Achd, feumaidh Bòrd na Gàidhlig, a tha air ùr stèidheachadh, comhairle a thoirt air nithean a bhuineas do chànan, cultar agus foghlam Gàidhlig agus Plana Nàiseanta na Gàidhlig a chur ri chèile a' mìneachadh a ro-innleachdan agus prìomh-amasan airson leasachadh cànan, cultar agus foghlam Gàidhlig san àm ri teachd. Faodaidh Bòrd na Gàidhlig cuideachd iarraidh air ùghdarrasan poblach an Alba planaichean-cànain Gàidhlig ionadail a chur ri chèile a' mìneachadh mar a dh'fhaodadh na buidhnean sin cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh.
Tha sinn air grunn cheuman cudromach a ghabhail gus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a leudachadh agus a neartachadh. Tha Gàidhlig ri fhaotainn a-nis aig a h-uile ìre de fhoghlam le stòrasan agus stuthan mòran nas fheàrr. A thuilleadh air prìomh mhaoineachadh foghlaim, bidh sinn a' toirt mòran stòrais a bharrachd do ùghdarrasan ionadail airson an cuideachadh le lìbhrigeadh foghlam Gàidhlig.
Tha sinn air a bhith a' feuchainn ri dèiligeadh ris a' ghainnead luchd-teagaisg Gàidhlig. Bha Buidheann Coiteachaidh Luchd-teagaisg na Gàidhlig air a stèidheachadh agus rinn e molaidhean air fastadh agus gleidheadh luchd-teagaisg Gàidhlig. Tha buidheann obrach eile ag obair gu sònraichte air lìbhrigeadh IT agus leasachadh cuspaire, gu h-àraidh aig ìre àrd-sgoile. Tha am buidheann seo a' strì ri foghlam Gàidhlig san àrd-sgoil a leudachadh agus a' beachdachadh air dòighean ùra air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a lìbhrigeadh 's dòcha far nach eil luchd-teagaisg rim faotainn no far nach bi mòran iarrtais. Agus dh'fheuch sinn ri slighean ùra gu teagasg Gàidhlig a chur air dòigh, gus taic a thoirt do Luchd-teagaisg agus Sgoilearan.
Rinn sinn adhartas ann an àrdachadh ìomhaigh na Gàidhlig sa bheatha phoblach. Tha barrachd oifigearan Gàidhlig ag obair do bhuidhnean poblach, barrachd phlanaichean agus phoileasaidhean Gàidhlig gan cur ri chèile agus barrachd shoidhnichean Gàidhlig air rathaidean agus togalaichean. Tha sinn an dùil gum bi ullachaidhean na h-Achd agus obair Bòrd na Gàidhlig a' cur ri seo. Tha ìomhaigh àrd aig na h-ealain Ghàidhlig an Alba cuideachd agus tha iad nam pàirt cudromach de bheatha chultarach na h-Alba. Agus tha Gàidhlig a' faighinn taic cuideachd bho ùghdarrasan ionadail, Comhairle Ealain na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus grunn bhuidhnean poblach eile.
Rinn sinn adhartas math cuideachd ann an neartachadh cunbhalachd agus freagarrachd na Gàidhlig. Mar eisimpleir, dh'fhoillsich Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba Riaghailtean Litreachaidh na Gàidhlig, tha Dearbhadh-litreachaidh Gàidhlig ri fhaotainn bho Ionnsachadh agus Teagasg Alba agus tha Aonad Fosglan ann an Colaisde a' Chaisteil an Leòdhas a' strì ri obair eadar-theangachaidh Gàidhlig a dhèanamh nas cunbhalaiche.
Albais
Tha an cànan Albais na phàirt cudromach de dhualchas cultarach na h-Alba. 'S e cànan beò a th' ann agus tha e fhathast air a bhruidhinn an-diugh le mòran dhaoine air feadh Alba ann an diofar chruthan mar Albais, Doric agus Lallans. Ach chan eil Albais anns an aon chunnart ris a' Ghàidhlig, agus tha e eadar-cheangailte gu mòr ri Beurla Choitcheann na h-Alba. Ach, tha e cudromach gum bi sinn a' toirt àite agus urram do Albais agus ga comharrachadh mar phàirt riatanach den dualchas cultarach againn. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gum bi eòlas againn air a' chànan a bheir dhuinn tuigse air ar litreachas agus ar n-eachdraidh ach cuideachd air ealain an latha an-diugh.
Tha sinn mothachail gu bheil iomadh duine an Alba nach eil a' faicinn Albais mar chànan air leth. Ach, bha àite aig Albais mar chànan riaghaltais, gnìomhachais, foghlaim agus beatha làitheil an Alba. Mar Beurla, Gearmailtis, Duitseis, Nirribheis agus Dànais, 's e cànan Gearmailteach a th' ann an Albais. Tha e cudromach airson misneachd a thoirt do luchd-labhairt Albais gun toir sinn àite agus urram dha mar chànan sònraichte. Cha bu chòir dhuinn a bhith den bheachd gu bheil bruidhinn Albais a' ciallachadh droch Bheurla. An àite sin, bu chòir dhuinn comharrachadh na tha Albais air a chur ri briathrachas Beurla an latha an-diugh agus cuideachd a' bhuaidh a thug luchd-labhairt Albais air saoghal an latha an-diugh - ann an cuspairean mar saidheans, litreachas, eaconamas, poileataics, feallsanachd agus na h-ealain.
Bu chòir do dhaoine an Alba nach buin do theaghlaichean no do choimhearsnachdan a tha a' bruidhinn Albais -- a bhith air am misneachadh cuideachd gu bhith a' comharrachadh Albais mar phàirt cudromach de ar dualchas cultarach ioma-chruthach. Bheir eòlas air Albais cothrom dhuinn toileachas fhaighinn à litreachas cudromach nan làithean a dh'fhalbh agus cuideachd ealan agus cultar an latha an-diugh.
Tha Stiùireadh Nàiseanta an Riaghaltais air Beurla 5-14 a' moladh Albais a bhith air a ghabhail a-steach ann an curraicealam na sgoile far am bi e iomchaidh. Tha an Stiùireadh a' moladh litreachas Albais a bhith air in-ghabhail sa churraicealam, agus tha Ionnsachadh agus Teagasg Alba ag ullachadh stuthan-teagaisg a' toirt taic don phoileasaidh in-ghabhalach seo. Tha seo a' toirt cothrom do sgoilearan a bhith misneachail agus cruthachail ann an cànan agus beachdan fhaighinn air iomadachd cànain, anns am faod iad luach a chur air an diofar blas, dualchainnt agus modh-labhairt a choinnicheas riutha. Tha seo a' cuideachadh clann a' cur luach air an Albais a dh'fhaodadh iad a bhith a' cleachdadh san dachaigh no còmhla ri an comhaoisean.
Còmhla ri sin, tha sreath de bhuidhnean a' toirt taic agus brosnachadh do Albais, a' gabhail a-steach Comann na h-Albais, an Scots Language Resource Centre, Scottish Language Dictionaries, Dictionary of the Scottish Tongue, agus an Association for Scottish Literary Studies. Thug na buidhnean sin cuideachadh mòr ag àrdachadh ìomhaigh Albais agus mar sin a' neartachadh beatha chultarach na h-Alba.
Cànan Soidhnidh Bhreatainn
'S e cànan fìor, slàn agus beò a th' ann an Cànan Soidhnidh Bhreatainn ( BSL) a tha na phàirt den dualchas chultarach phrìseil againn. Tha a bhriathrachas, a structair agus a ghràmar fhèin aige, a tha eadar-dhealaichte ri Beurla, agus mar chànanan a tha air am bruidhinn an Alba, tha eadar-dhealachaidhean agus dualchainntean roinneil fhèin aige.
Ged nach eil figearan cinnteach ann, thathar a' meas gur e BSL a' chiad chànan no an roghainn cànain aig timcheall air 6,000 de dhaoine bodhar an Alba. Chan eil am figear seo a' gabhail a-steach daoine eile a bhios a' cleachdadh BSL mar buill den teaghlach nach eil bodhar no daoine eile an Alba le diofar ìre call claisneachd a dh'fhaodadh a bhith air BSL ionnsachadh mar chànan a bharrachd. 1
Thug Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte àite oifigeil a thoirt do BSL mar mhion-chànan sa Mhàrt 2003. Anns an aon bhliadhna thug Seanadh Pàrlamaid Comhairle na h-Eòrpa àite do chànanan soidhnidh cuideachd mar chomharra air beairteas cultarach na h-Eòrpa agus pàirt de dhualchas cànanach agus cultarach na h-Eòrpa.
Ann an Alba tha an Riaghaltas a' cur roimhe dòigh ro-innleachdach fhaighinn airson mothachadh nas fheàrr a thoirt air cùisean BSL agus leasachadh ro-innleachdan conaltraidh le daoine bodhar, bodhar-dall agus le droch chlaisneachd. Air sgàth a' ghainnead de luchd-mìneachaidh BSL clàraichte an Alba, thug Ministearan na h-Alba gealladh gun sealladh iad ri planaichean airson an àireamh de luchd-mìneachaidh BSL/Beurla an Alba a dhùblachadh.
Gus taic a thoirt don ghealladh seo thug sinn mòran maoineachaidh don Scottish Association of Sign Language Interpreters airson obrachadh an com-pàirt le Oilthigh Heriot-Watt gus Dioplòma For-cheumann an Teagasg Luchd-taic Cànan Soidhnidh Bhreatainn a chur ri chèile agus a lìbhrigeadh. Bheir an cùrsa tionnsgalach seo àireamh nas motha de luchd-oideachaidh àrd-ionnsaichte airson BSL a theagasg do luchd-ionnsachaidh Bodhar agus le claisneachd. Agus cuidichidh e a' toirt taic do chànanaichean a tha comasach air rannsachadh a dhèanamh agus goireasan ionnsachaidh agus teagaisg a chur ri chèile.
Gus ar cuideachadh a' beachdachadh air na cùisean aig cridhe a' chothruim cànanach airson Daoine Bodhar, bodhar-dall agus le droch chlaisneachd stèidhich sinn am Am Buidheann-obrach BSL agus Cothrom air Cànan ann an 2000. Anns a' Chèitean 2005 dh'fhoillsich sinn aithisg rannsachaidh leis an ainm Investigation of Access to Public Services in Scotland Using British Sign Language, a bha ag amas air measadh a dhèanamh air an ìre cothruim air seirbheisean poblach an Alba ann an cànan soidhnidh le Daoine Bodhar. Tha am buidheann-obrach a' beachdachadh air an rannsachadh seo còmhla ri aithisg Buidheann Ro-innleachd Trèanaidh na h-Alba Creating Linguistic Access for Deaf and Deafblind People: A Strategy for Scotland gus cuideachadh a' stiùireadh agus a' cur an òrdugh tàbhachd a' phrògram obrach aca san àm ri teachd agus molaidhean prataigeach sònraichte a thoirt air leasachadh cothrom cànanach dhaoine fa leth.
Tha dùil againn cumail a' cur cudrom air meudachadh an àireamh de luchd-mìneachaidh Cànan Soidhnidh Bhreatainn/Beurla clàraichte an Alba. Gus ar cuideachadh a' dèanamh seo tha sinn air Manaidsear Pròiseict BSL agus Cothrom air Cànan fhastadh airson obrachadh còmhla ris a' Bhuidheann-obrach BSL agus Cothrom air Cànan againn airson plana mionaideach a chur ri chèile a bheir barrachd cothrom air cànan do Dhaoine Bodhar, bodhar-dall agus le droch chlaisneachd an Alba agus prògram obrach a chur air dòigh còmhla ris a' Bhuidheann-obrach BSL agus Cothrom air Cànan againn airson dèiligeadh ri na prìomh-amasan a bha air an comharrachadh.
Mion-chànanan/Cànanan Coimhearsnachd Eile
Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gum faigh na mion-choimhearsnachdan dùthchasach a tha ann a cheart cho cinnteach ri imrichean agus fògarraich ùra cothrom air seirbheisean poblach anns na cànanan aca fhèin far am bi e riatanach. Tha còraichean co-ionann aig daoine a tha a' fuireach, ag obair no ag ionnsachadh an Alba agus nach eil a' tuigsinn Beurla air seirbheisean fhaighinn san earrann phoblach ri luchd-labhairt Beurla. Tha sinn ag iarraidh cuideachd àrainneachd thaiceil a chruthachadh gus am faigh daoine aig a bheil cànanan eile a bharrachd air Beurla air cumail a' dol a' leasachadh an sgilean sa chiad chànan aca còmhla ri Beurla.
Feumaidh sinn tuigsinn gu bheil e comasach do in-imrichean agus luchd-labhairt cànanan coimhearsnachd ùra a tha ag ionnsachadh Beurla a bhith dà-chànanach - agus tha sin math airson Alba. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun toir sinn taic do choimhearsnachdan, teaghlaichean agus daoine a tha ag iarraidh a bhith fileanta anns a' chànan aca fhèin agus nach bi ar dòighean airson teagasg Beurla a' lagachadh nan oidhirpean sin.
Tha sinn a' strì ri daoine ùra agus tàlantach a thàladh a dh'fhuireach agus a dh'obair an Alba agus tha e soilleir gu bheil pàirt cudromach aig cànanan a thaobh dè cho soirbheachail 's a bhios sinn air tàlant ùr a thàladh a dh'Alba. Tha e cudromach gum bi cothrom aig in-imrichean com-pàirteachadh sa bheatha ùr aca a' gabhail a-steach cothrom air solarachadh cànain far am bi iarrtas air.
Aig an àm seo tha grunn mhìltean de luchd-siridh comraich agus fògarraich a' fuireach an Alba; tha a' mhòr-chuid dhiubh a' fuireach an Glaschu. Fhuaireadh timcheall air £1.5 millean bho Riaghaltas na h-Alba airson pròiseactan amalachais bho 2003-04. Tha Coimhearsnachdan Alba air maoineachadh a chur cuideachd gu leasachadh seirbheisean ionadail agus adhartachadh leasachadh agus amalachas coimhearsnachd ann an coimhearsnachdan a tha a' faireachdainn uallach siostam sgaoilidh Seirbheisean Taic Comraich Nàiseanta. Bha stòras air a chleachdadh airson buannachd don choimhearsnachd san fharsaingeachd còmhla ri luchd-siridh comraich agus fògarraich. Chaidh mòran maoineachaidh a thoirt seachad bho thòisich am prògram san t-Sultain 2001 a bha air a chaitheamh air diofar phròiseactan a' cur aghaidh air leasachadh cànan, cùram-chloinne, amalachas coimhearsnachd, agus comhairle is fiosrachadh.
Tha Riaghaltas na h-Alba air Stiùireadh Foghlaim ullachadh do luchd-siridh comraich agus fògarraich. Tha an stiùireadh ri fhaotainn anns a h-uile prìomh chànan aig luchd-siridh comraich a tha stèidhichte an Alba agus tha fiosrachadh ann air dòigh-obrachaidh na siostam foghlam sgoile an seo. Thòisich sinn air rannsachadh cuideachd a' coimhead ris an fhoghlam a tha luchd-siridh comraich a' faighinn agus bidh sinn a' sùileachadh gum faic sinn cùisean mu chànanan a' nochdadh anns an aithisg dheireannach.
Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur roimhe sàr sheirbheisean taic eadar-theangachaidh, mìneachaidh agus conaltraidh ( TICS) a thoirt seachad. Tha sinn air pròiseact rannsachaidh a bharrantachadh gus dealbh nàiseanta a thoirt de na seirbheisean eadar-theangachaidh, mìneachaidh agus conaltraidh poblach a tha rim faotainn aig an àm seo. Bha an aithisg seo air a foillseachadh sa Ghearran 2006 agus tha sinn a' beachdachadh air na molaidhean agus an dòigh as fheàrr air an toirt air adhart.
Tha e cudromach gum faigh na mion-choimhearsnachdan dùthchasach a th' ann agus imrichean agus fògarraich ùra air an cànan agus dualchasan a chomharrachadh agus air làn chom-pàirteachadh ann am beatha chultarach an coimhearsnachd fhèin agus na h-Alba. Tha Alba a' fàs nas ioma-chruthach a thaobh cultair; agus mar thoradh air a' bhuaidh mhath a thug seo air iomadh roinn den bheatha làitheil ann an coimhearsnachdan air feadh Alba - agus cuideachd na tha e air a chur ri roinnean mar na h-ealain, litreachas agus seallaidhean spòrs an Alba - tha mothachadh nas fheàrr againn air iomadachd a-nis. An cois seo thàinig barrachd misneachd gu bheil a h-uile càil nar coimhearsnachdan - stèidhichte agus 'ùr' - a chruthaicheas an dùthaich ùr-ghnàthach, beothail agus soirbheachail a dh'iarradh sinn uile. 'S e "Aon Alba Iomadh Cultar" aon rud às am bu chòir Alba a bhith moiteil agus cumaidh sinn oirnn a' brosnachadh agus a' comharrachadh iomadachd cultarach na h-Alba.
Tha pàirt cudromach aig ar buidhnean poblach cultarach cuideachd ann an toirt taic do iomadachd cultarach an Alba. Mar eisimpleir, tha Comhairle Thaighean-tasgaidh na h-Alba ag obair an com-pàirt le Black Environment Network gus am faigh mion-bhuidhnean dhaoine dubha agus dùthchasach barrachd cothruim air taighean-tasgaidh agus gailearaidhean. Agus tha Cultural Diversity Strategy 2002-07 Chomhairle Ealain na h-Alba a' mìneachadh an ro-innleachd airson iomadachd cultarach a dhèanamh na phàirt bunaiteach de shiostam maoineachaidh nan ealan an Alba. 'S e an amas san fhad-ùine a bhith a' meudachadh an àireamh agus am measgachadh de luchd-ealain à coimhearsnachdan le cultaran eadar-dhealaichte, gus cothrom nas fheàrr a thoirt air speactram farsaing de thachartasan ealain agus cultair do mhion-choimhearsnachdan dùthchasach agus don t-sluagh san fharsaingeachd; agus gus am bi cothroman obrach nas fheàrr anns na h-ealain agus cultar do dhaoine a bhuineas do mhion-choimhearsnachdan dùthchasach.
Ionnsachadh Cànain
Tha 56% de shaoranaich ann an buill-stàit na EU comasach air conaltradh ann an cànan eile a bharrachd air an ciad chànan agus bruidhinnidh 28% dà chànan a bharrachd math gu leòr airson còmhradh a chumail a' dol. Anns an RA tha 62% de dhaoine ag aideachadh nach eil cànan sam bith eile aca ach an ciad chànan 2. Tha seo a' ciallachadh, còmhla ri bhith a' call a-mach air na feartan pearsanta agus sòisealta a dh'fhaodadh a thighinn bho ionnsachadh cànain, dh'fhaodadh daoine òga ann an Alba a bhith a' call a-mach an coimeas ri an comhaoisean dà-chànanach ann an eaconamaidh saoghal an latha an-diugh.
Mar sin feumaidh sinn dèanamh cinnteach gum bi daoine ann an Alba mothachail air na buannachdan cudromach eaconamach, foghlaim, sòisealta agus cultarach a dh'fhaodadh a thighinn bho ionnsachadh cànanan an nàbaidhean san Roinn Eòrpa agus nas fhaide air falbh, agus gum bi cothroman gu leòr aca fad am beatha a bhith ag ionnsachadh sreath fharsaing de nua-chànanan, mar a tha ìomhaigh na h-Alba a tha a' fàs air feadh an t-saoghail.
San t-Sultain 2001, dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba a fhreagairt ri Citizens of a Multicultural World, an aithisg bhon Bhuidheann Gnìomh Mhinisteireil air Cànanan. 'S e an aithisg seo bunait poileasaidh làthaireach Riaghaltas na h-Alba air teagasg nua-chànanan ann an sgoiltean. Sa Chèitean 2003 bha gealladh air a thoirt ann an A Partnership for a Better Scotland airson a' chothruim nua-chànan Eòrpach ionnsachadh a' tòiseachadh anns a' bhun-sgoil.
Chaidh mòran taic-airgid a thoirt seachad airson ionnsachadh agus teagasg cànain ann an sgoiltean Alba, le còrr air £22.5 millean air a ghealltainn do chànanan bho 2001. Chaidh seo a chleachdadh airson trèanadh do thuilleadh luchd-teagaisg cànain, leasachadh goireasan ionnsachaidh agus teagaisg, solar luchd-cuideachaidh chànanan cèin, ceanglaichean a dhèanamh ann an dùthchannan eile gus cànanan a theagasg do chloinn ann an sgoiltean-àraich agus an fheadhainn le feuman taic a bharrachd. Thug seo buaidh dheimhinneach, le àireamh sa cheud glè àrd de sgoilearan ag ionnsachadh cànanan cèin anns na clasaichean àrda sa bhun-sgoil agus a' chiad ceithir bliadhna san àrd-sgoil.
Tron Mhaoin Cànain bha ùghdarrasan air am misneachadh an t-sreath de cànanan a tha iad a' solar a leudachadh, gu sònraichte a' coimhead ri barrachd sgilean cànan a theagasg a dh'fhaodadh a bhith cudromach ann an eaconamaidh an t-saoghail agus sgoilearan a chuideachadh a' faighinn tuigse air cultaran eile. Ann a bhith a' tabhann maoineachadh cànain airson 2006-07 dh'iarr an Riaghaltas air ùghdarrasan aire a thoirt do na prìomh-amasan a leanas; gus dèanamh cinnteach gum bi iad seo aca:
- Àireamhan àrda gu leòr de luchd-teagaisg chànanan sa Bhun-sgoil air an deagh thrèanadh,
- Measgachadh de chànanan do dhaoine òga ann an sgoiltean,
- Àireamhan àrda ag ionnsachadh chànanan ann an AS3/ AS4 agus barrachd gan gabhail ann an S5/S6,
- Dòighean ùr-ghnàthach airson teagasg cànain anns na sgoiltean aca,
Còmhla ri maoineachadh chànanan airson ùghdarrasan ionadail, tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt prìomh mhaoineachadh don Scottish Centre for Information on Language Teaching agus Research ( SCILT) agus tro Ionnsachadh Teagasg Alba tha e air làrach-lìn Modern Foreign Languages Environment a chur ri chèile ( http://www.ltscotland.org.uk/mfle/) airson taic a thoirt do luchd-teagaisg chànan. Còmhla ri sin bha grunn phròiseactan inntinneach air an cur air dòigh a tha a' coimhead ri modhan bogaidh agus cleachdadh ionnsachadh air-loidhne airson taic do chànanan.
Tha sgrùdadh clàr-teagaisg 3-18, Curraicealam airson Sàr-mhathais, ag amas air dèanamh cinnteach gum bi a h-uile pàiste a' leasachadh an comasan mar luchd-ionnsachaidh soirbheachail, daoine misneachail, saoranaich cunntachail agus a' cur gu h-èifeachdach ris a' chomann-shòisealta. Tha e soilleir gun urrainn do ionnsachadh cànain cur ris a' mhiann seo. Tha Curraicealam airson Sàr-mhathais a' gabhail ris gu bheil measgachadh mòr de chànanan an Alba, a' gabhail a-steach diofar chànanan na h-Alba agus grunn chànanan coimhearsnachd mar Urdu, Punjabi agus Pòlainneach, agus gu bheil an iomadachd seo a' toirt cothroman ionnsachaidh air leth math.
Gabhaidh stiùireadh a bhios air ullachadh mar thoradh air an sgrùdadh seo a-steach suidhichidhean agus builean anns a' chànan a dh'fheumas a bhith aig a' phàiste no an duine òg gus làn phàirt a ghabhail anns a' chomann-shòisealta agus ann an ionnsachadh (Beurla, Gàidhlig no, airson clann no daoine òga a dh'fheumas taic a bharrachd, an seòrsa cànain a bheir comas dhaibh conaltradh anns an dòigh as èifeachdaiche) agus nua-chànanan agus cànanan clasaigeach a bharrachd. Bheir an stiùireadh misneachd do sgoiltean airson taic a thoirt do chloinn agus do dhaoine òga ann an cumail an ciad chànan fhèin a' dol.
« Previous | Contents | Next »