« Previous | Contents | Next »
Listen
Feallsanachd
Tha ar n-amasan ann a bhith ag iarraidh stiùireadh agus taic a thoirt do leasachadh cànanan na h-Alba a' gabhail a-steach comharrachadh iomadachd cultarach, adhartachadh spèis agus misneachd, brosnachadh so-ghluasad agus conaltradh, cuideachadh le cothrom agus com-pàirteachadh, meudachadh cothrom eaconomach agus neartachadh foghlam. 'S iad sin feartan a bu chòir a bhith a' comharrachadh Alba san 21 mh linn agus tha prìomh phàirt aig cànanan- feadhainn Alba agus dhùthchannan eile - ann an coileanadh nan amasan sin.
Comharrachadh iomadachd cultarach
Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur fàilte air iomadachd nan cultaran agus cànanan an Alba agus dealasach airson co-ionannachd cothruim a bhrosnachadh don h-uile duine a tha a' fuireach, ag obair no ag ionnsachadh an Alba. Gus soirbheachadh ann an saoghal an latha an-diugh tha e cudromach gum bi sinn a' tuigsinn agus a' comharrachadh nan nithean luachmhor a chuir cultaran eile ri ar comann-shòisealta thar nan linntean agus a' cur meas agus luach air cho saidhbhir agus ioma-chruthach 's a tha cultar agus cànan an Alba.
Tha cultar agus dearbh-aithne sònraichte aig Alba a thug buaidh mhath air an t-saoghal san fhad-ùine. Ach cuideachd o chionn ùine mhòr tha sinn air a bhith a' cur fàilte air imrichean agus fògarraich ùra bho air feadh an t-saoghail le an cultaran fhèin agus tha am measgachadh seo a' beothachadh beatha Alba an latha an-diugh.
Brosnachadh spèis agus misneachd
Bu chòir luach agus meas a chur air na cànanan a tha air an cleachdadh an Alba. Tha seo na thomhas air an spèis a bu chòir a thoirt don h-uile neach-còmhnaidh an Alba agus do na cànanan a bhios iad a' cleachdadh. Bu chòir don spèis seo leantainn gu barrachd chothroman do dhaoine an cànanan a chleachdadh agus misneachd ann a bhith gan cleachdadh.
Misneachadh gluasad agus conaltradh
Bidh daoine a' siubhal airson adhbharan obrach, foghlaim, cultair agus turasachd. Tha gluasad taobh a-staigh na Roinn Eòrpa agus nas fhaide air falbh na phàirt follaiseach de bheatha an latha an-diugh. Tha Alba a' dèanamh barrachd is barrachd cheanglaichean ri gach pàirt den t-saoghal, tron eaconamaidh, tro fhoghlam, tro thaic agus tro shiubhal. Ann an Alba tha sinn ag iarraidh buannachd bho na cothroman an lùib seo, eadar gur e cothroman eaconamach thall thairis, barrachd toileachais bho shiubhal no cur fàilte air luchd-labhairt chànanan eile a dh'Alba mar luchd-turais no in-imrichean agus toirt taic dhaibh. Tha e soilleir gu bheil buaidh chudromach aig ionnsachadh cànanan eile air dè cho soirbheachail 's a tha sinn air conaltradh aig ìre eadar-nàiseanta agus air turasachd agus in-sheilbh sam bith eile a tharraing a dh'Alba.
Cuideachadh le cothrom agus com-pàirteachadh
Tha Riaghaltas na h-Alba dealasach airson co-ionannachd cothruim agus ceartas sòisealta adhartachadh don h-uile duine a tha a' fuireach an Alba. Tha seo a' ciallachadh dol an sàs ann lethbhreith agus claon-bhreith agus cur an aghaidh dòigh-giùlain agus dòighean-smuaineachaidh a tha gan adhbharachadh no gan cumail a' dol, eadhon far an tachair e gun fhios. Gus an tèid dèiligeadh ris a h-uile neach-còmhnaidh no neach-tadhail an Alba ann an dòigh cho-ionann, tha e ro-chudromach gun tèid dèanamh cinnteach gum bi cothrom co-ionann air obair, seirbheisean agus fiosrachadh. Tha prìomh phàirt aig ullachadh cànain an seo agus feumaidh sinn dèanamh cinnteach nach bi cànan na chnap-starra agus mar sin a' cur ri neo-ionannachd. Tha dleastanasan reachdail aig buidhnean poblach a bhith a' cur às do lethbhreith neo-laghail agus ag adhartachadh co-ionannachd cinnidh agus co-ionannachd ciorraim, agus tha dèanamh cinnteach gum bi cothrom air fiosrachadh agus seirbheisean na phrìomh pàirt de bhith a' cumail ri na dleastanasan sin.
Meudachadh cothrom eaconamach
Tha mion-choimhearsnachdan dùthchasach ùra agus stèidhichte a' toirt taic chudromach agus luachmhor dhuinn a thaobh eaconamaidh, comann-shòisealta agus cultair. Am measg rudan eile, tha bunait cànain farsaing na stòras luachmhor airson eaconamaidh na h-Alba. Ann an eaconamaidh an t-saoghail a tha daonnan ag atharrachadh feumaidh sinn daoine an Alba is urrainn chan e a-mhàin conaltradh ri daoine ann an dùthchannan ris am bi sinn a' dèanamh gnothach, ach an cultaran a thuigsinn cuideachd. Mar sin, feumaidh sinn àite a thoirt don luchd-labhairt dà-chànanach agus ioma-chànanach againn, 's dòcha le ceanglaichean cànain, teaghlaich agus/no cultair ri dùthchannan eile, mar stòras luachmhor a dh'fhaodadh ar cuideachadh a' fosgladh margaidhean ùra airson às-mhalairt agus seilbh a tharraing a-steach a dh'Alba. Feumaidh sinn daoine a tha a' fuireach an Alba a bhrosnachadh cuideachd gu cànanan eile ionnsachadh a bharrachd air an fheadhainn aca fhèin airson buannachd eaconamaidh agus comann-shòisealta na h-Alba san fhad-ùine.
Leis an iomairt Fresh Talent againn tha sinn a' dèanamh oidhirp air daoine toinisgeil, tàlantach agus dìcheallach a thàladh a dh'fuireach, a dh'ionnsachadh agus a dh'obair an Alba. Gus am faigh luchd-labhairt chànanan eile air nas urrainn dhaibh a chur ris, tha e cudromach gum bi cothrom aca a' Bheurla a thogail no a leasachadh a rèir am feum. Tha prògraman air an cur air bhonn agus maoineachadh an sàs gus seo a chuideachadh. Ann am beagan chùisean gabhaidh seo a-steach ullachadh cànain spèisealta dhaibhsan a dh'fheumas ìre shònraichte de Bheurla phroifeiseanta agus theicnigeach taobh a-staigh dreuchdan sònraichte. Tha e riatanach nach bi cion na Beurla na chnap-starra airson cosnadh. Feumaidh pàirt a bhith aig an earrann phrìobhaideach ann an dèiligeadh ris an nì seo agus dèanamh cinnteach nach bi cànan a' bacadh chothroman obrach no a' cur ri neo-ionannachd.
Neartachadh foghlaim
Tha comas air foghlam aig a h-uile ìre a neartachadh, an dàrna cuid anns an sgoil no san àite-obrach, a' tighinn an cois foghlam cànain. Sìos tro na bliadhnachan, bha ionnsachadh cànain a' toirt comas air conaltradh ann an cànan eile agus cothrom air cultaran eile. Faodar cur ri na h-adhbharan sin sochairean eile a tha a' toirt buannachdan pearsanta agus barrachd bhuannachdan sòisealta mar iomadachd cultarach agus cothrom eaconamach. Mar a sheallas am pàipear seo tha diofar shuidhichidhean an Alba anns a bheil togail cànain air adhartachadh. Tha seo a' gabhail a-steach sgoiltean, ionadan foghlaim adhartach agus àrd-ìre, clasaichean foghlam anns a' choimhearsnachd agus anns an àite-obrach. Cuideachd, anns na diofar iomairtean cànain a tha air an cur air adhart an Alba tha brosnachadh air a thoirt airson cànanan Eòrpach, prìomh chànanan eile san t-saoghal agus cànanan dùthchasach Alba ionnsachadh.
« Previous | Contents | Next »