On this page:

A Strategy For Scotland's Languages: Draft version for Consultation

« Previous | Contents | Next »

Listen

Ro-ràdh

Thathar a' meas gu bheil mu 150 cànanan a bharrachd air Beurla air an cleachdadh an Alba, ged a tha mòran dhiubh sin air am bruidhinn le dìreach beagan dhaoine. Tha ìomhaighean nan cànanan sin glè eadar-dhealaichte ach faodar na cànanan a chur còmhla ann am buidheann gus cuideachadh a' tuigsinn feuman choimhearsnachdan cànain agus poileasaidh poblach a chur ri chèile. Ann an Alba 's iad na prìomh bhuidhnean cànain Beurla, Gàidhlig, Albais, Cànan Soidhnidh Bhreatainn ( BSL) agus mion-chànanan/cànanan coimhearsnachd. Tha cuid de bhuidhnean eadar-cheangailte le beagan dhaoine a' faireachdainn cofhurtail ann am barrachd air aon bhuidheann.

A thaobh cleachdaidh 's e Beurla prìomh chànan na h-Alba. Tha e cudromach dèanamh cinnteach gum bi cothroman ann air conaltradh fileanta ann am Beurla a ruigsinn dhaibhsan aig nach eil Beurla mar chiad chànan, oir tha seo a' fosgladh dorsan chun a' chuid as motha de roinnean beatha na h-Alba. Tha e ro-chudromach gum faigh a h-uile neach-còmhnaidh an Alba gach cothrom air làn chom-pàirt a ghabhail ann am beatha chultarach agus eaconamach na h-Alba.

Tha uallach sònraichte aig Alba mar choimheadaiche Gàidhlig agus Albais. Tha na cànanan sin dlùth cheangailte ri ar dualchas chultarach agus a' cur gu mòr ri ar n-ealain agus ar cultar an-diugh. Tha e mar dhleastanas oirnn na cànanan sin a dhìon agus a bhith a' comharrachadh na tha iad a' cur ri Alba agus ris an t-saoghal. Chan eil an t-aon uallach air duine taobh a-muigh Alba airson nan cànan sin a dhìon.

Cuideachd 's e cànan fìor, slàn agus beò a th' ann am BSL agus tha e na eileamaid chudromach den dualchas chultarach luachmhor againn. Tha a bhriathrachas, a structair agus a ghràmar fhèin aige, a tha eadar-dhealaichte bhon Bheurla, agus mar na cànanan a tha air am bruidhinn an Alba, tha na h-atharrachaidhean agus na dualchainntean roinneil fhèin aige.

Tha barrachd is barrachd chànanan eile a thuilleadh air Beurla gam bruidhinn an Alba. Bha cuid dhiubh air am bruidhinn an seo fad iomadh bliadhna, feadhainn dhiubh ann an àiteachan a tha an-diugh nan coimhearsnachdan stèidhichte agus cudromach agus feadhainn eile nas ùire agus air am bruidhinn le glè bheag de dhaoine. Chan eil an t-aon uallach oirnn airson leasachadh cànanan eile den t-saoghal a tha air an cleachdadh le coimhearsnachdan aig a bheil am freumhan an Alba a-nis. Bidh na cànanan sin fhathast a' faighinn a' phrìomh thaic bho choimhearsnachdan air taobh a-muigh Alba.

Aig an aon àm chan fhaod sinn gun suim a ghabhail den mheasgachadh mhòr de chànanan agus chultaran Eòrpach a tha air an stairsneach againn. Feumaidh sinn feuchainn ri dèanamh cinnteach gum bi sluagh na h-Alba uidheamaichte le na sgilean cànain a dh'fheumar airson obair, ionnsachadh agus siubhal air feadh an Aonaidh Eòrpaich agus nas fhaide air falbh. Feumaidh sinn comann-shòisealta fosgailte le eòlas agus tuigse air an t-saoghal agus air an inbhe a tha aig Alba ann.

Mar sin thathar a' sùileachadh gum bi an ro-innleachd seo na stiùireadh do luchd-dèanamh poileasaidh agus a' mìneachadh amasan an Riaghaltais san raon seo. Tha an ro-innleachd a' gabhail a-steach gu bheil mòran maoineachaidh air a chur gu grunn roinnean de obair cànain. Mar sin, chan eil an ro-innleachd seo dealbhte mar fhrèam airson riarachadh stòrasan sònraichte no mar aithris air targaidean mach-chuir mionaideach a bhios air an coileanadh le eadar-theachd sònraichte. 'S ann a tha e air a chur air adhart mar an dòigh a mhol an Riaghaltas airson co-aontachd a choileanadh timcheall air na builean air am bu chòir poileasaidhean poblach a bhith ag amas.

« Previous | Contents | Next »

Page updated: Wednesday, January 24, 2007