« Previous | Contents | Next »
Listen
Facal-Toisich
Ann an 2003 thug Riaghaltas na h-Alba gealladh ro-innleachd cànain nàiseanta a thoirt a-steach a bhiodh a' stiùireadh leasachadh agus taic do chànanan na h-Alba, a' gabhail a-steach Cànan Soidhnidh Bhreatainn agus mion-chànanan eile. 'S e ar n-amas a bhith a' comharrachadh agus ag adhartachadh a' mheasgachadh mhòr de chànanan a tha air am bruidhinn an Alba, gus ìomhaigh cànanan na h-Alba àrdachadh, dèanamh cinnteach gum bi an dualchas phrìseil seo air a h-aithneachadh mar stòras nàiseanta agus daoine a tha a' fuireach an Alba a bhrosnachadh gu bhith ag ionnsachadh cànanan eile a bharrachd air an fheadhainn aca fhèin.
Tha sinn mothachail gu bheil iomadh iomairt cànain ann a-cheana agus gu bheil grunn ùghdarrasan agus bhuidhnean poblach a' dèiligeadh ri cùisean cànain an Alba. Tha sinn mothachail cuideachd gu bheil feuman agus ìomhaighean eadar-dhealaichte aig an iomadh cànan a tha air a bhruidhinn an Alba. Bidh an ro-innleachd seo airson dòigh chunbhalach a lorg a bheir stiùireadh do leasachadh cànain an Alba agus a bhios a' misneachadh agus a' cur ris an adhartas a tha air a dhèanamh. Anns a' phàipear seo bidh sinn ag iarraidh air buidhnean beachdachadh air leasachadh planaichean-cànain stèidhichte air na prionnsabalan air an ainmeachadh san ro-innleachd seo agus, far am bi e iomchaidh, a' toirt àite do na h-iomairtean a tha ann a-cheana.
'S e dùthaich ioma-chànanach a th' ann an Alba. Tha sinn beò ann an saoghal far an coinnich sinn gu tric ri nàiseantachdan, cultaran agus cànanan eadar-dhealaichte, nar beatha làitheil. Bu chòir don seo cumadh a thoirt air ar sealladh airson Alba. Feumaidh sinn gabhail ri measgachadh cultarach agus cànanach taobh a-staigh Alba agus a bhith a' brosnachadh nan cànan a thathar a' bruidhinn agus ag ionnsachadh an Alba gus am bi sinn nas comasaiche air conaltradh ri dùthchannan eile. Chan e a-mhàin gun àrdaich an comas air conaltradh ri cultaran agus cànanan eadar-dhealaichte agus fàilte a chur orra càileachd beatha chultarach na h-Alba ach faodaidh e ìomhaigh agus soirbheachadh na h-Alba àrdachadh air feadh an t-saoghail.
« Previous | Contents | Next »